[226]

STIOMRABHAGH

le Calum MacMhaoilein

Chaidh Comann Eachdraidh na Pàirce a chur air chois o chionn beagan bhliadhnachan. Tha iad air beagan rannsachaidh a dhèanamh mu na bha tachairt anns an Sgìre anns na linntean a dhfhalbh, agus bidh sùil aca a bhith leantainn air an adhart leis an obair seo, oir tha mòran de eachdraidh an àite air a dhol à cuimhne.

Air an 28mh den Og-mhios 1991, thàinig an Comann còmhla aig Eaglais Ghrabhair gus turas a ghabhail gu Stìomrabhagh, baile a chaidh fhàsachadh uair agus uair troimh na linntean.

Chaidh na bha de dhaoine ann an Stìomrabhagh ann an 1858 a ruagadh às, gu àite fhàgail aig na fèidh. Chaidh cuid aca a Leumrabhagh ach bfheudar do chuid eile a dhol cho fada às ri Gleann Tholasdaidh. Baithne dhomh fear à Gleann Tholasdaidh a bha ag innseadh dhomh mar a choisich a sheanmhair à Stìomrabhagh gu Gleann Tholasdaidh timcheall ceann Loch Eireasort leis abhò, fhads a bha a sheanair adèanamh a shlighe air eathar leis am beagan àirneis a chaidh aca air a chruinneachadh.

O chionn ceud bliadhna, ann an 1891, thug croitearan bho gach taobh de Loch Eireasort ionnsaigh air Stìomrabhagh gus croitean a chosnadh dhaibh fhèin. Cha deach leotha glè mhath agus nochd cuid anns achùirt fo chasaid gun robh iad abristeadh na sìth. Chuir cuid aca seachad beagan làithean anns aphrìosan, ach fhuair cuid eile às gun pheanas. Nuair a chaidh foighneachd do Aonghas MacPhàil à Grabhair an robh e ciontach is e a fhreagair e, “Is dòcha gum bheil mi abristeadh lagh na rìoghachd, ach tha mi cinnteach nach eil mi abristeadh lagh Dhè.”

Nuair a chaidh croitearan agus na teaghlaichean aca a thogail do Chogadh aChàisear ann an 1914, chaidh iomadh gealladh a thoirt dhaibh ris nach deach cumail. Fhuair iad gealladh gum faigheadh iad talamh gu leòr, ach cha robh guth air na geallaidhean sin nuair a thàinig sìth air an dùthaich. Bha iomadh fear ann am bailtean na Pàirce a bha dèidheil air talamh fhaighinn, agus bha sùil aca air



[227]

talamh torach Stìomrabhaigh mar àitanns am faigheadh iad sin.

Bann à Leumrabhagh agus à Colbost a bha amhòr chuid de na rinn an ionnsaigh air Stìomrabhagh an dèidh achogaidh seo. Chaidh leotha na bfheàrr na chaidh le an athraichean ann an 1891, ach bha sgeula bhrònach ri innseadh an cois na h-ionnsaigh.

Bha bhràthair ann an Calbost, Niall agus Dòmhnall Moireasdan, a-measg na bha dèanamh ullachadh airson na h-ionnsaigh. Bha mac aig gach fear aca a bha ochd bliadhna deug de aois, air an robh an aon ainm, ainm an seanair, Iain. Chaidh iad suas gu Stìomrabhagh agus chuir iad suas ballachan nan taighean. Chaidh iad an sin air ais gu Calbost agus dhfhalbh iad leis an àirneis, tughadh an taighe, agus nithean eile a bhiodh feumail dhaibh ann an eathar iasgaich. Bha an dithis òg ann an eathar beag an dèidh na tèile. Nuair a bha iad adol a-steach beul an Loch Shealg dhfhàs an aimsir na bfhiadhaich, agus thug cuairt ghaoithe an eathar beag air falbh, agus chaidh an dithis a bhàthadh.

Bha Niall agus Dòmhnall agus an teaghlaichean fo mhòr bhròn airson nam balach òga a chaill am beatha. Dhrùidh e air Niall cho mòr agus gun do leig e às gach ullachadh a bha e adèanamh agus cha deach e a Stìomrabhagh idir. Ach, duilich agus mar a bha achùis do Dhòmhnall chaidh e air adhart agus chuir e suas taigh ann an Stìomrabhagh.

Tha mi den bheachd gur e ceithir teaghlaichean a ghabh sealbh air talamh ann a Stìomrabhagh aig an àm seo. Co-dhiù is e ceithir teaghlaichean a bhann ri mo chiad chuimhne fhìn. Còmhla ri Dòmhnall Moireasdan bha Domhnall Carmìcheil, Dòmhnall MacNeacail, agus Pàdruig Siosal, le an teaghlaichean. Cha be bàs gillean òga Chalboist an aon tubaist bhàsmhor a thàinig air Stìomrabhagh aig an àm seo. Bha Dòmhnall Carmìcheil atighinn gu tìr à eathar le gunnana làimh. Dòigh na dòigh air choreigin chuir e air falbh urchair a leòn e gu bàs.

Mar a bha ùinadol seachad bha duine bho dhuine afalbh à Stìomrabhagh agus nuair a thòisich an dara Cogadh Mòr cha robh ann ach teaghlach Dhòmhnaill Moireasdan. Bha teaghlach mòr aig Dòmhnall ach ged a bha, bha iad gu lèir air an toirt air falbh gu an dachaighean pòsda neo don chogadh agus cha robh ann ach Dòmhnall agus a bhean. Cha robh iad fada mar sin nuair a chaochail bean Dhòmhnaill agus ann an 1942 bfheudar dha Stìomrabhagh fhàgail agus thàinig fàsachadh eile air an àite. Air an turas còmhla ruinn bha mu fhichead duine de shliochd Dhòmhnaill Moireasdan, agus chaidh dealbh a thogail dhiubh gu leir ann an seann làrach taigh an sinnsear.

Bha mi glè thoilichte gun do thachair gu robh mi ann an



[228]

Grabhair air mo chuairt Shamhraidh air an latha bha cuimhne air a chumail air Stìomrabhagh agus chaidh mi còmhla ris achomann gu toileach. Thug sinn na càraichean a-null gu Orasaidh far an rogh roghainn againn a dhol gu Stìomrabhagh dha ar cois air neo a dhol ann air dhe na h-eathraichean a bha fir Orasaidh air a chur nar tairgse. Bha mi dèidheil air gach dòigh agus chaidh mi gu Stìomrabhagh thar amhonadh, ach chuir mi romham an t-slighe air ais a ghabhail air eathar.

Bha còrr math air ceithir fichead neach anns achòmhlan, le aoisean aruith eadar ceithir bliadhna agus ceithir fichead. Bha cuid ann a bha eòlach air an àite mar a bha Dòmhnall MacLeòid à Leumrabhagh agus Murchadh MacMhaoilein à Orasaidh, am fear a baosda a bha sachuideachd, agus mar sin cha robh dìth fir seòlaidh oirnn. Chunnaic sinn na bha air fhàgail de na taighean, chan e a-mhàin na chaidh a thogail an dèidh an dara cogadh ach cuideachd feadhainn a chaidh a thogail roimh 1858 agus ann an 1891. Chunnaic sinn cuideachd ballachan a chuir daoine suas agus iad an dùil tighinn gu Stìomrabhagh, ged a thàinig air choreigin a chùm iad gun tighinn. Bha aon as achuideachd a thàinig à Borgh air taobh siar an eilein, gus am faiceadh i an àite far an robh a h-athair, Coinneach MacAoidh à Calbost, an dùil dachaigh a chur suas ged nach deach e a riamh ann. Fhuair Ceanag lorg air an làrach agus chuir idaffodilsann.

An dèidh òraid ghoirid bho chinn-suidhe aChomainn chaidh càrn a thogail mar chuimhneachan air an turas. Fhuaradh clachan anns achladach air son bonn achàirn a dhèanamh agus an dèidh sin chuir gach neach a bha làthair clach a bha iad air a thoirt às abhaile às an tàinig iad air achàrn. Chuir Ceanag Bìoball anns achàrn agus chrìochnaich cùisean le facal ùrnaigh agus seinn salm.

Chòrd an turas gu Stìomrabhagh ris gach duine, ach gu h-àraid ris achloinn. ’S e clann a thoirt air turas den t-seòrsa seo dòigh as fheàrr as aithne dhomh air eachdraidh an àite a chumail ann an cuimhne gach ginealach a tha fàs suas.

titleStìomrabhadh
internal date1992.0
display date1992
publication date1992
level
reference template

Calum MacMhaoilein in Gairm 159 %p

parent textGairm 159
<< please select a word
<< please select a page