Cairistiona, Bean Alasdair Mhicaoidh
CHAN fhaighte móran cho eudmhor a thaobh cùisean na Gàidhlig ri Cairistìona NicDhùghaill, a bha pòsda aig Alasdair MacAoidh. B’ann a mhuinntir Mhuile a bha i, agus bha Gàidhlig Mhuile gu siùbhlach air a bilean. A riamh bho bha i anns an Oilthigh, agus roimhe sin, nochd i an ùidh so ’na cànain fhéin, agus bha e ’na riarachadh dhi fhéin agus do chàch nuair a chuireadh teagasg na Gàidhlig an Ard-sgoil Bellahouston an urra rithe. Rinn i saothair nach bu bheag anns an dreuchd sin, agus i daonnan deiseil gu làmh-chuidich a thoirt aig Mòdan agus aig cruinnichidhean Gaidhealach far an robh iarraidh oirre mar bhana-bhritheamh is mar bhana-òraidiche.
Cha do chaill i an ùidh sin ri linn a’ phòsaidh, agus an uair a chuireadh Gairm air bhonn, b’ann thuice-sa a chaidh sinn a dh’iarraidh cuideachadh, is sinn air duilleagan a chur air leth airson nam boireannach. Sgrìobh i na duilleagan sin dhuinn ochd turusan, is bha làn dhùil againn gu faiceadh sinn annas a làimhe is snas a briathran iomadh uair eile.
Ach cha robh sin san dàn. Laigh sprochd air na Gaidheil an Glaschu, agus air a cuideachd is a càirdean an iomadh àite, nuair a chualas gun do chaochail i gu h-aithghearr air an ochdamh là fichead de’n Ghiblean. Is iomadh duine aig am bi cuimhne chùbhraidh air a maise, air a fialaidheachd, air a giùlan mòdhar, socair coibhneil. Bha i uasal ’na dòigh agus toilichte ’na nàdur. Tha ar co-fhaireachdainn aig a céile, agus aig a nighinn bhig, Fiona, a tha a nis gu bhith aig aois sgoile.
title | Cairistiona, Bean Alasdair Mhicaoidh |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Gairm 16 %p |
parent text | Gairm 16 |