“Gnothaich Bhoireannach”
Le MURDAG NICCOINNICH
CHAN EIL tè againn nach cuala le tùirse cridhe gun chaochail Cairistìona NicAoidh, gu h-obann, an lànachd a beatha. Chaill cùisean na Gàidhlig gu h-iomlan, agus Gairm gu h-àraidh, brod na banacharaid. Bha Cairistìona co-aimseireil rium fhìn an Oil-thigh Ghlaschu, agus is doirbh gu dearbh dhomh chreidsinn nach eil i tuilleadh ’nar measg. Tha e iomchuidh dhòmhsa, as leth boireannaich Ghairm, agus as mo leth fhìn, ar co-fhaireachdainn agus ar bàigh a chur an céill leis an dùrachd as dìlse, do dh’ Alasdair agus Fiona bheag, air an tainig an dealachadh dòruinneach so gun dùil.
THA an samhradh air tighinn oirnn, agus cha deifir dé cho aileanach ’s a tha a’ ghrian, tha mi làn chinnteach gun thàirngeadh osna no dhà mar thà mu chor an trusgain shamhraidh. Bu chòir do’n t-samhradh so a bhith làn misnich dhuinn matà, oir cha robh uimhear de chothrom againn a riamh air gach seòrsa aodaich, a bho sheachdain gu seachdain a’ fàs nas fhurasda an cumail taitneach, snasmhor, le nas lugha ’s nas lugha de shaothair. Có an tè nach do chuir a cùl uair no uaireigin air culaidh air a robh miann a cridhe aice, nuair thug i smuain car tiota air cho tric ’s a bhiodh an t-iarann ’na làimh ’ga cumail air dòigh, agus sin air an là bu teotha. Coma co-dhiùbh, cha ruigear a leas a dh’ aithghearr ach ainmean nam moghan ùra ionnsachadh agus faodar an trusgan as rìomhaich a cheannachd gun iomagain. Chan eil an luchd-rannsaich ’nan tàmh, agus tha SILICONE aig ceann-toisich nan stuthan ealanta a thatar a nis a’ cleachdadh.
Nach tric a chaidh gùn no ad ùr mhealmhaid a mhilleadh le fras samhraidh. Chan fhada gus an ceannaich sibh mealmhaid air nach dearg an t-uisge, is air nach fan spot, oir bithidh silicone oirre. Tha an innleachd so a nis ’ga cleachdadh araon air gach aodach ùr agus sean. Tha iad air a’ mhealmhaid a dheanamh cho furasda a làimhseachadh ri clò sam bith eile; tha gach bian nas tlà loinnreach; tha leathar nam bròg nas dìonaich, is chan fhàg clàbar làrach grànnda orra. Bhasuededraghail a riamh, ach faodar a nis a ghlanadh le clùd fliuch gun faileas fhàgail—agus gu dearbh cha bheag a’ bheannachd sin. Gheibhear aodach-canaich le lìomh mar shìoda. Chan e mhàin gu bheil earradh soirbh a ghlanadh ach tha silicone ’gan deanamh cho righinn ris a’ phoca cuideachd. A bharrachd, smuainichibh cho tric is a dhòirteas cupan tea no nitheigin de’n t-seòrsa sin air trusgan ùr. Cumaidh silicone gach nì bho dhrùidheadh air an aodach: ’s ann a ruitheas rud dheth gun lorg fhàgail. Nì an stuth mìorbhuileach so còtaichean móra dìonach anns a’ bhaic as truime. Ma thachras gun dòirt an dubh air deise fuirichidh e ’na bhoinne cruinn—cha teid e troimh’n chlò idir.
Gheibh deiseachan, seacaidean agus briogaisean dròcaid nam fear sìneadh saoghail le silicone, agus tha e coltach gu bheil eadhon na
[Sanas]
cathraichean a’ tighinn do na bùithtean, air ball, le bratan-còmhdaich nach fàs salach gu clisg, agus nì as feumail buileach, nach caith am feasd. An ùine ghoirid bithidh aodach siliconaichte r’a fhaotainn air an t-slait, nach bi ach mu thasdan na dhà nas daoire, agus nì so an t-eadar-dhealachadh as motha ann am beatha is an sàmhchair gach tè a tha déidheil air cor a trusgain a bhith dreachmhor air bheag saothair.
Thug mi iomradh o chionn bliadhna na còrr air TOPPS—a’ chiad lìomh àirneis anns an robh silicone. ’S ann a tha e duilich an diugh lìomh fhaicinn gun silicone ann, oir tha so da-rìribh a’ tairgsinn tearmunn bho gach milleadh a tha an cois fliuchaidh.
Bha mi leughadh bho chionn ghoirid gu bheilear a nis a’ cleachdadh sgàilean tana de shilicone air gloine uinneagan nam pleunaichean airson gu ruith an t-uisge dhiabh, gun mhóran dragh a chur air léirsinn nam fear-stiùiridh. Is iomadh neach a shuidh greiseag aig cuibhle-stiùiridh càr air là bog fliuch, a bheir guidhe nach eil an t-àm ro fhad as sam faighear an cleas so airson an cuid uinneagan mar an ceudna. Có aig a tha fios nach bi e air na speuclairean là no la-eigin.
Math no dona ga bheil cuid de na h-innleachdan a thug a’ bhliadhna chaidh seachad am follais, saoileam gur h-e silicone as goireasaiche. Feumar cuimhneachadh nach caomh leis na gnàthan ùra so an garbh-làimhseachadh. Ma bheirear toidh, mar a tha an luchd-dèanamh a’ comhairleachadh, nì iad an cuid obair car aimsir. Gu dearbh ’s ann a tha uimhear de dhòighean ùra air gach clò agus brat a chur an dòigh an diugh is gu bheil sinn an cunnart broillisg ma tha sinn aineolach air gu dé as ciall daibh. So, ma tha, a’ chuid as cumanta. Ma thuigeas sinn carson a tha a leithid sud na so ion-mhiannaichte, ’s dòcha gun toir sinn barrachd suim do gach comhairle seòlaidh.
GHEIBHEAR anart agus aodach-canaich nach teid lurcach(crease-resisting) .Tha so a’ ciallachadh gun tuit gach filleadh agus lurc asda a cheart cho luath ’s a sheasas sibh. Faodar iad so a nighe no an glanadh, ach cha ghabh iad ri dath no ri todhar, oir sgriosaidh so an seòrsa de ròsaid a tha ’gan cumail san dreach so.
Bha uair a bha na pleatan ’nam plàigh, ach ma dh’iarras sibh pleatan maireannach(durable pleats)leanaidh na thogras sibh de phleatan am brod nam preas rè ùine mhóir. Feumaidh so cuideachd cùrman san nighe.
THA an t-aodach-canaich air a bheil gleans(glazed)socrach a chumail glan. Tha e ri tilgeadh gach salchair dheth; chan fhoadar fhàisgeadh idir. ’S e a chrochadh cho luath ’s a thig e as a’ bhùrn as glice, is chan fheum e ach beagan iarnaigidh. Ma tha e cnapach(embossed)bithibh faiceallach air truimead ur làimh air an iarann, oir gabhaidh e dheanamh còmhnard.
THARael - Brookair léintean geala thoirt amach ann anTOPLIN ’s cha tainig an samhail ’nam shlighe fhathast. Tha an colair an sàs riutha, ach tha e a’ laighe gu snog agus beagan cruadhachaidh ann. Mo bhriathran buidhe dhuibh gur fhiach iad so an dà not ach sgillinn as prìs orra. Bithear ’gan nighe a h-uile h-oidhche agus ’gan cur suas air maide-crochaidh. Là-rna-mhàireach tha an
léine deiseil gu cur an àirde rithisd gun iarann buntainn dhi. Is iomadh beannachd a thug mi fhìn air toplin air an earrach so. Tha rabhadh ’nan cois gun an cur am bogadh no am braich—ach ’s e as iongantaich buileach leamsa gu bheil iad cho geal ris an t-sneachd daonnan. Chan fhaodar àicheadh gu bheil iad a’ seasamh ri truailleadh dùis a’ bhaile mhóir le fìor éifeachd. Mar thuirt fear-an-tighe an là roimhe, “Tha iad nas gile na geal.” Tha feadhainn bàn-bhuidhe, bàn-ghorm agus glas anns na bùithtean cuideachd.
Bho fhuaradh modh seirg agus crìonaidh air clòimh agus snàth tha tòrr sàbhalaidh comasach araon do gach sean agus òg, ach is glic an tè a bhios faiceallach mu’n taosnadh fhathast, oir is e so dearg-namhaid na clòimhe—tha so ’ga luadh r’ a chéile.
’S iomadh fàsgadh cridhe a gheibhear bho àm gu h-àm mu’n àireamh mhór de chloinn a tha ’gan losgadh ri linn gùn a dhol ’na smàl. Chan fhada gus am faigh sinn aodaichean nach teid ’nan teine clisg(flame-proof) .Ged nach las nylon e fhéin suas, bha an dòigh ragachaidh a bha neo-sheachanta air lìon mìn nylon uabhasach cunnartach faisg air lasair. Tha an gàbhadh so a nis air a cheannsachadh agus cha chaill an stuth a chomas anns an nigheadaireachd mur teid a bhruiche.
FAR a bheil teaghlach ’ga thogail tha an tubhailt-bhùird gu tric tais, agus ged tha iomadh gnè brat-bhùird nach eil trom air bean-an-tighe, aontaichidh grunn math nach eil móran dhiubh anabarrach tlachdmhor daonnan. ’S eGAYDEXas ainm do na tubhailtean as grinne a chunnaic mi idir. Tha dà sheòrsa taobh orra. ’S ann de’n aodach-canaich a tha iad, le aon taobh air a chur sa’ leithid de dhòigh ’s gun gabh a h-uile spot a sgùradh dheth le clùd fliuch. Tha ’n taobh so rud-eigin faileasach ach cha dearg teas soitheich air. Cha sgàin e agus cha ruisg an craiceann dheth. Ma tha an taobh so buileach sgreataidh cha ruigear a leas an tubhailt a chur am bogadh ach suathadh math a thoirt oirre gu h-iomlan le clùd bog fliuch is siabann. Nuair tha an taobh eile salach faodar a nighe mar is àbhaist, agus iarann blàth a ruith thairis air. Gheibhear mu thimchioll air fichead de dh’eadar-dhealachadh dhreachan anns na bùithtean air deugachadh thasdan.
Ma tha sinn déidheil air na tha so de dhòighean ùra ann an aodach fhaotainn am pailteas, feumaidh sinn an sireadh, agus gach nì thairgsear dhuinn ’nan àite a dhiùltadh. Mar as motha an tòir ’s ann as clisge a bheir an luchd-deilbh tuilleadh amach. Tha rag-mhuinealachd am measg nam mnathan aig amannan mu earbsa
[Sanas]
[Sanas]
chur ann an gnathasan ùra, is tha so ’na bhacadh mór, oir is lìonmhor iad a tha de’n bheachd nach eil nì glan, snasmhor mur do cheus i i fhéin ’na cheann.
CUIRIDH an tè a tha a’ toirt sùil no smuain air cho geàrr ’s a tha beatha na thatar a’ fighe ann an snàth geal, gu h-àraid do chloinn, fàilte airORLON. Dh’fheòraich mi am bùth an Glaschu mu dheighinn bho chionn ghoirid. Tha e aca, air trì is naoi sgillinn an iarna ùinne, anns na dathan bàna as bòidhche—ach ’s ann san fhear gheal a bha mo shùil. Ged a tha e car daor cha bhi sgillinn agaibh air, oir cha teid e steach gu bràth; cha chaill e chruth (mar is tric a ni nylon): chan fhàs e odhar (mar chlòimh); cha bhlais an leòmainn air, agus tha e mar an cashmere nuair theid fhighe.
ANNS an dealachadh nach iomadh màthair a thill gu minig a dh’amharc mus robh a naoidhean air aghaidh sa’ chluasaig. Is doilgheasach cho tric ’s a chluinnear mu’n tubaist so. Is aithne dhomh tè a chaill balach beag mar so, ’s cha b’e aineolas air cloinn, oir bha triùir eile aice, no beag cùraim, a choisinn so. Cuiridh gach màthair ceud fàilte air na cluasaganfoam - rubbera tha r’ am faotainn an diugh. Chan e mhàin gu bheil e comasach anail a tharruing trompa, ach tha tuill chruinne air am feadh, agus cha deifir ged a theid an leanaban air a bheul fodha, oir chan eil e an cunnart sam bith a mhùchadh. ’Se na cluasagan so an t-urras as cinntiche as urrainn màthair noidhein fhaotainn an aghaidh beud, oir tha fios math againn le chéile gur ann le cheann air cluasaig a tha an leanaban a’ caitheamh a’ chuid as motha de’ n latha mhór.
title | “Gnothaich Bhoireannach” |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Murdag NicCoinnich in Gairm 16 %p |
parent text | Gairm 16 |