FACAL MU NA SANASAN REIC
MAR is àbhaist, tha sinn a’ toirt cothrom na Féinne do fheadhainn a tha a’ cur shanasan reic ann an Gairm. Tha sinn a’ toirt cuiridh dhaibh rud sam bith a tha aca r’a ràdha a ràdha air an duilleig so!
An toiseach, thaCopland & Lye.Chuir iadsan litir mhór fhada thugainn a bha air Gairm a chur foidhpe fhéin nan robh sinn air oidhirp a dheanamh a clo-bhualadh gu léir. Ach is e so brìgh na bha innte . . . .
Tha muinntirCopland & Lyea’ cur ’nar cuimhne gur i a’ bhùtha, acasan aon té de na bùthan móra am meadhon Ghlaschu a tha fhathast an lámhan an aon teaghlaich, agus gun cheangal ri bùtha no còmhlan-bhùthan sam bith eile. Tha iad a’ cur cuiridh gu leughadairean Gairm tadhal orra (agus Gairm ainmeachadh) agus sùil a thoirt air feadh nan seòmraichean. Agus chan eil dìth sheòmraichean! Feadhainn airson tàillearachd bhrioeannach; feadhainn airson tàillearachd fhireannach; feadhainn airson aodach chloinne; feadhainn airson gach nì air an smaoinich sibh . . . . eadhon feadhainn airson ithe ’s òl. Is ann an so a thaHighland Home Industriesa’ gabhail còmhnaidh ann an Glaschu, agus is math as fhiach do dhuine sùil a thoirt air an aodach clò ’s clòimhe a tha aca. Aon fhacal eile—duine sam bith a thig thar chuain, gheibh e ceannach a dheanamh an sud saor bho chìsean na dùthcha so. (Chan eil Leódhus agus na Hearadh astar gu leòir thar chuain!)
Tha an dearbh fhiathachadh bhoWylie & Lochhead,agus tha sinn toilichte a chluinntinn gu bheil duine no dhà air a dhol do’n so agus air iomradh a thoirt air Gairm. BhaWylie & Lochheadair duilleig chùil a’ chiad Ghairm. Tha greis bho’n uairsin, ach cha do dh’éirich beud dhaibh fhathast!
Chan eil sinne an tòir air duine sam bith a chur far slighe a’ cheartais ach thàtar ag innse dhuinn gu bheil feadhainn ann nach cuir cùl ri pinnt no ri drama an dràsda ’s a rithist. ’S dòcha gum bu toil le feadhainn dhiubh sin siolpadh asteach do’nStrathendricka tha air ainmeachahd ann an duilleagan a’ Ghairm so. Tha an fheadhainn do’m buin e ag ràdha gu bheil e fìor chomh-fhurtail agus gu bheil stuthan de gach seòrsa an. Tha fir-deasachaidh Ghairm am beachd a dhol air tòir balgamlemonadeoidhche de na h-oidhcheanan.
Bhon a tha an samhradh a’ cruaidh bhagradh oirnn, tha fios is cinnt gum bi feadhainn aig nach eil an còrr ri dhèanamh a’ dol gu cuirmean chnoc. An fheadhainn thapaidh air nach cuir creilleag no cuileag dragh! Bu chòir dhoibh sin sgrìobhadh gu Daibhidh Sandeman agus iarraidh a dheanamh air leabhar a tha iad a’ cur amach (saor ’s an asgaidh) anns a bheil iad a’ sealltainn gach gnè bidhe a tha iad a tha iad a’ reic. Agus tha sin sin a h-uile gnè—eadar min-choirce ’s caviar. Tha a’ mhin-choirce math ann ann an stapaig-uachdair no ann an stiùraig, ach cha do dh’fhiach sinn an caviar fhathast. Tha an leabhar air leth snasail, agus ged nach deanadh sibh ach fhàgail air an dreasair bheireadh e a chreidsinn air na coimhearsnaich gur anns na fìor bhùthan matha a bhios sibh ris a’ cheannachd. Tha e cuideachd math fo chas a’ bhùird tha tulgadh anns a’ bhòrd.
title | Facal mu na Sanasan Reic |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Gairm 16 %p |
parent text | Gairm 16 |