Cuairt a Ronaidh
Le DOMHNALL MOIREASDAN
THUG mi sgrìob bho chionn ghoirid do Ghainntir nan Ainmidhean an Glaschu leis a’ bhuidhinn a b’fheàrr a bha frithealadh na sgoile againn an uiridh (a ghealladh ’s gun tuigeadh iad nach robh orra fhéin ach cuibhreachadh an àigh); agus chunnaic mi an sin beathach a chuir barrachd tiamhaidheachd orm air na chuir càch—truaghan de shùlaire (co-dhiùbh ’s ann fo’n ainm sin a bha e, ged a
bha e na bu choltaiche ri loireanach de ghuga). Thàinig, mar a chanadh na bodaich, earrann thugam—dà shreath a seann òran:
’S ann tha m’ fharmad-sa ris an iasgair
Tha cur a lìon sear is siar air Rònaidh.
A’chiad uair a chaidh mise a Rònaidh, oidhche le gaoith an ear-thuath ’s logar anns a’ mhuir, cha robh bheag a dh’fharmad agam ri iasgair no ri duine eile nach robh a chas air tìr: ach mar a bha fear de na bha air bòrd a rádh an uair a thill e, “ ’S math a b’fhiach là ann an Rònaidh seachd uairean a thìde do chur na mara.” Agus nach fhada bho thubhairt MacMhòrdha duine nach fhaca an t-eilean ud nach fhaca e dad idir.
Tha an Rònaidh mu bheil mi bruidhinn mu dhà fhichead mìle tuath ’s an ear-thuath air Rubha Rodhanais. Tha an t-eilean an diugh fo chaoraich mhóra mhaola, agus ma ghabhas deanamh air, thathas ’gam bearradh gach bliadhna agus a’ toirt na h-uimhir dhiùbh dhachaidh gus am marbhadh. Chan eil rian aig duine faighinn do’n eilean (mur eil soitheach aige dha fhéin) ach aon latha anns a’ bhliadhna air bàta nan caorach.
’Se seann tuba as na Hearadh a bha againn am foghar ud. Bha an t-ainm Laideann a bha oirre a’ cur an céill gur ann a’ ruith an éisg a bha i uaireigin, ach b’ iomadh rubha ris na shuath i o’n latha sin, agus ’se cnapan guail a b’ fhasa fhaighinn anns an toll aice na lannan sgadain.
Dh’fhàg sinn Port Nis mu mheadhon oidhche, chomharraicheadh air an tìr—Clach na Staile air mullach a’ Chnuic-àird— ’s chailleadh an talamh anns a’ bheagan dorchadais a bha ann mu’n àm ud de’n bhliadhna. Ged nach robh a’ chomhaist gu móran feuma (cha b’fheàirrd i an gunna a chuir fear-eigin air falach anns an eathar bheag a bha ceangailte air beulaibh tigh-na-cuibhle), rinn sinn dà leth air an eilean, a tha mu mhìle dh’fhad agus mu thrì ceud gu leth troigh a dh’àirde.
Bha cus gaoithe air aghaidh Stoth, am bàgh sear anns an àbhaist a bhith ag oibreachadh, agus b’fheudar dol air tìr air an taobh siar ann an geodha dhomhainn nach mór nach eil a’ dol an ceann Stoth. Ach mu mheadhon latha laigh a’ ghaoth; chaidh am bàta timcheall; thàinig i cho dàna ’s bu dùraig i, ’s leig i mach dà fhichead aitheamh.
Thàinig oirnne an uair sin an t-eathar a thogail as an uisge agus a tarraing tarsainn air an eilean. Nam b’e eathar nàdurrach a bhitheadh ann cha ghearainteadh, ach cha deachaidh leithid na culaidh ud a thogail a riamh anns a’ Phort agus is iongantach gun téid—bucas biorach a dh’aon ghnothaich aison nan caorach. Cha robh druim oirre, ’s leis na taobhan aice bhith sìos dìreach ’s iad cho ìosal, bha e do-dhèante do dhuine a chasan a ghleidheadh bhuaipe air tìr. ’S cha b’e a h-iomradh air muir car a b’ fhasa: cuide ris a h-uile rud bha taobh beag ’s taobh mór oirre. Cha robhas a’ cur feum oirre ach air son Rònaidh fhéin, ’s bha i ’na laighe anns a’ Phort an còrr de’n bhliadhna. Feasgar a bha sud dh’fhàg na balaich bheaga ro fhada shìos air a’ ghainmhich i is dh’fhalbh am muir leatha. Thug sruth siar an làin a null ri cladach i, ’s thog an sruth sear i mach air a’
[Dealbh]
A’ dlùthachadh air an eilean bho’n iardheas, anns a’ chàinealachadh.
Bhéist. An sealladh mu dheireadh a chunnacas oirre bha i dèanamh air Rònaidh air a giort fhéin. “Bithidh i ann romhpa an ath bhliadhna,” theireadh fear thall ’s a bhos le fealla-dhà. Ach mar a thubhairt thachair. Fhuair an t-Ollamh Frisealach i air cladach Rònaidh, ’s bha i aige anns an fhaing a’ briseadh na gaoithe air fad a’ gheamhraidh a chuir e seachad air an eilean.
Ach chaidh mi seachad air mo sheanchas. Cho luath ’s a fhuaradh gnothaichean air dòigh, thog muinntir nan con orra a sgiùrsadh nan caorach a nuas as na mullaichean ’s a mach air an amhaich anns a bheil an fhaing. Bhuail feadhainn eile dà shreath de phuist fhiodha amach bho dhorus na fainge, sgaoil iad lìn-sgadanach orra ’s cheangail iad eatorra uain a thug iad leotha bho’n tigh gus na caoraich a thàladh asteach. Chuir na balaich dhiùbh am brògan ’s chrùb a’ chuid mhór aca gualainn ri gualainn eadar an fhaing ’s a’ chreag tarsainn air an amhaich. Chaidh an fheadhainn eile air cùl nan caorach, ’s thòisich an cròthadh.
Bha móran de na caoraich nach robh air duine fhaicinn riamh roimhe (uain na bliadhna sin fhéin, ’s bha iad uile cho fiadhaich ris na féidh—gu h-àraid roimh na daoine. B’fheàrr leotha leum leis a’ chreig na duine leigeil faisg orra— ’s thachair sin an là ud cuideachd. Bha fhios againn uile nam briseadh aon amach ’s nach leagadh cù no duine i, gum bu cho math dhuinn fiachainn ris a’ chuan mhór chasg. Le sin, an uair a thàinig e gu buille na smeig, leum gach mac màthar a bha air falach air a bhonnan ’s iollach nan creach ’na bheil. Chan fhaca tu leithid sud a dh’ùpraid ’nad bheatha! An ceann greise thòisich té is té a’ dol asteach do’n fhaing, ’s mu dheireadh bha iad uile fo ghlais.
Sguir a’ ghleadhraich; ghabhadh gréim bìdh (cothrom air feòil);
’s thòisich am bearradh. Bha obair gu leòir ann cuideachd do’n fheadhainn nach robh math air chùl deamhais. Bha na beathaichean a bha dol dhachaidh r’an cur sìos chun an eathair ’s amach do’n bhàta. ’S chan eil fhios dé b’fhasa. B’fheàrr dhut a bhith fo’n chliabh chlach na bhith falbh nan sgifeanan le fear de na rùide shrònach ud mu d’amhaich, ’s fios agad nam faigheadh e chas á ceangal gu robh thu fhéin ’s e fhéin an tòin na geodhaidh. Cha mhotha b’e cliataire a dh’fheumadh a dhol a dhàrna duine do’n eathar a dh’iomradh amach ’s asteach ’s a thogail nan cruchaillean bheathaichean ud bog fliuch os a chionn.
Cha robh duine nach robh geallmhor air a dhol cuairt air feadh an eilein agus co-dhiùbh na seann tighean a ruighinn—ged nach b’ urrainn an luchd-tuarasdail, ’s dòcha, an obair fhàgail glé fhada. Bha uiread ri fhaicinn ’s gun iarradh duine barrachd air greiseag de latha air a shon.
Bha seann laoich le bacan is feisd ’gan leigeil fhéin sìos do chreagan a bha toirt mo leòir dhòmhsa sealltain os an cionn, Chan fhaighteadh ódhragan air a chaochladh on bha e cho fada air a’ bhliadhna, ged a bha corra thé fhathast gun sgéith anns na sumagan a bha fo na carrachan gu h-àrd.
’Se na bùthaidean a b’fhasa breith orra. Chuireadh duine seachad latha a’ gabhail ealla riutha fhéin ’nan aonar. Thigeadh iad ’nan ceudan feasgar, gach fear ’s a’ ghob lom-làn de shìolan air ag càradh cas-mu-sheach. Stadadh e air cloich no air a’ ghlasaich ’s leigeadh e
[Dealbh]
A cur amach an eathair deas air an eilean, mu choinneamh nan tighean, ach a faigheadh daoine ’s coin air tìr gus an laigheadh a’ ghaoth air aghaidh Stoth. Cha robh duine bh’ann eòlach mu’n astar, ’s an uair a thainig an tràigh, dh’éirigh Bogha Mheadhon Là ri ’r taobh air acair.
[Dealbh]
Taobh siar an eilein bho bhàrr Sgeilltica, far na tharruing sinn an t-eathar suas air an lic.
[Dealbh]
Sealladh bho mhullach Tóbha—Stoth is Fianuis, ’s an fhaing anns an amhaich.
[Dealbh]
Na caoraich anns an fhaing feasgar. ’S ann am broinn a’ ghàrraidh a bha an tigh-fiodha aig Fraser Darling, ’s b’fheudar na fiaragan a thoirt dheth ’s a chur amach aig toiseach tòisich. Tha an t-eathar sgriosail anns an dealbh cuideachd.
eallach sìos tiota mus ruitheadh e steach leis far an robh an gille-bog feitheamh—a stigh trì troighean ann an toll cruinn an aodann bruthaich.
Bha an t-eun-crom cho solta ’s gun leigeadh e dhuinn a shlìobadh air an nead; ach dh’fheumadh tu bhith air d’fhaicill bho’n isean aige—chuireadh e steall salach ort amach air a bheul ged a bhitheadh tu dhà no trì cheumannan bhuaidhe. Tha cuid a’ cumail amach nach eil cothrom aige air—gur e bhith clisgeadh leis an eagal as coireach—ach chan eil math sin innseadh do dh’ fhear a sheall asteach fo phiurra gun fhios aige dé bha stigh fodha!
Bha an cuan beò le ròin—cullaich mhóra ’s biastan gun athadh ’gan togail fhéin gu h-àrd as an uisge timcheall an eathair, mar gum bitheadh iad ag iarraidh gu sealltainn asteach ’na broinn; ’s far am b’uabhasaiche an fhairge a’ briseadh air na boghachan, sin far am b’fheàrr leotha bhith cluich. Gun teagamh is iadsan seòid a’ chuain. Thàinig mi air cuilean ’na chadal air uachdar na mara ann an geodha, ’s an uair a bha mi sgìth ’ga choimhead, leig mi oileag sìos air a mhuin ach am faicinn e dol ’na altan: agus ma chunnaic mise riamh beathach a’ dèanamh as aig peilear uaine a bheatha, b’e sud e!
Mu fheasgar dh’fhàs i greannach a rithist, ’s thòisich am bodach Hearach a’ séideadh na feadaig. Bha e car iomagaineach mun do dh’fhàg an grunnan mu dheireadh tìr, agus ’s e am facal a thabhairt e an uair a chuala e port aig s’ phìobaire air a’ chreig, “Chan eil mi ’gradh gur e pìobaireachd a bhitheas air aire mus toir e am But Leódhusach amach.”
[Dealbh]
Deireadh an latha. Triùir le òdhrag am fear a’ feitheamh ris an aiseag. Dòmhnall Moireasdan, Iain Moireasdan á Eòropaidh a tha an diugh ’na mhinistear an Tigh-a’ -Bhealaich, is Dòmhnall MacThómais. ’S e putan a chì sibh air a’ mhuir— ’s ann a’ tarraing an eathair amach ’s asteach air ròp a bhathas an là ud.
Bha a’ ghaoth air éirigh o’n iar-dheas, ’s i an uair sin a’ togail na smùid seachad oirnn air acair. Agus gu dearbh ’s ann glé bhrògach a bha i mu Cheann Rònaidh an uair a dh’fhàg sinn mu naoi uairean.
An dàmhar na h-oidhche bhris na téinneachan a bha dol chun na cuibhle air an dàrna taobh, ’s b’fheudar ar casan a chur ris an fhalmadair anns an deireadh gus an deach an càradh. Bhathas a’ gabhail fadachd nach robhas a’ togail an t-soluis, ’s fhios gur ann a’ stiùradh air a’ ghaoith a bha am bodach. Theireadh cuid gu robh sinn suas a’ Mhaoil, ’s cuid eile gu robh sinn amuigh anns. a’ Chuan Siar. Mu dheireadh dhearcadh air plosgadh fad as air a gualainn—tigh-soluis Nis a’ priobadh oirnn a h-uile fichead diog.
Fhuaradh faochadh; ’s anns a’ chàinealachadh thòisicheadh a’ glanadh nan teintean. Bha sia fichead uan againn air bòrd, ’s le luasgan nan tonn an uair a stad an t-soitheach, leum fear aca mach air a’ mhuir. Dh’fhuirich e ri cliathaich an toiseach, ach an uair ’a dh’fhairtlich oirrn breith air anns a’ bhad, rinn e air a’ Charbh. Thàinig am bàta timcheall am buaileag cho cruinn ’s a b’urrainn i; ruitheadh suas ri thaobh; chaidh a cur an coinneamh a deiridh, ’s rug na liaghan air. Thogadh air bòrd e ’s thugadh deoch theth dha; ach bha an t-sliasaid aige briste ’s cha robh math a ghleidheadh beò. Co-dhiùbh b’fhearr le cuid caob dheth an uair sin na an rud a bha againn—làn prais de sgadan air a dhòrtadh air ceann baraille.
Bha e seachd uairean sa’ mhadainn mus do ràinig sinn cala; agus sin far an robh an còmhlan gireach a’ dol air tìr anns a’ Phort: daoine a bha air a bhith dà oidhche ’nan caithris ’s nach do nigh iad fhéin
Bho dh’fhalbh iad. Bha sinn pailt cho loireach ris an t-sùlaire a chunnaic mise an Glaschu. Agus ’s ann oirnn a bha na cléigeanan ’s cha b’e an fheadhainn air na phàigh nighean na caillich eile cóig ar fhichead an Steòrnabhagh.
( ’S ann anns anArgyll Teachers’ Magazinea thug Dòmhnall Moireasdan iomradh an toiseach air an turus so a Rònaidh. Ach tha e nis air deilbh a chur ’na chois, ged nach b’ann an aon bhliadhna a chaidh na deilbh a thogail. “Cha robh camara idir agam a’ chiad uair,” tha Dòmhnall ag ràdh ann an litir, “Ruith mi amach as an tigh-chéilidh air bheag aodaich le amhaich fhosgailte, ’s leum mi m’ fhad fhìn as an staidhre gu beul an eathair, is dùil nach robh duine tuilleadh a’ dol a dh’fhaighinn innte. ’S e bàta Alasdair Chruaigein (am Pisces) a bha ann a’ bhliadhna sin—dreaftair-guail le àirde na glùine de réidhle oirre is puist is lìn cho àrd ’s a ruigeadh duine a’ glasadh nan caorach eadar toiseach tigh-na-cuibhle is dorus na geilidh. ’S ann am foghar a thòisich an cogadh a thog mi na deilbh. ’S e bàta beag Tholastaidh—anComrade—a bha againn a’ bhliadhna sin. Bha sinn air falbh dà oidhche a chionn ’s gu robh an dithis a sgrìobh a rithisdIsland Going (Atkinson) againn ri chur oidhche a Shùlaisgeir. Ach ’s e tha sin seanchas eile. ”)
[Sanas]
title | Cuairt a Rònaidh |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Dòmhnall Moireasdan in Gairm 16 %p |
parent text | Gairm 16 |