Ruaraidh Arascain agus Mhàirr
Thadhail sinn an latha roimhe air seann laoch a rinn móran airson na Gàidhlige ’na latha. Fear, ann an dòigh, a chuir cridhe annainne gus Gairm a chur air bheairt. Ruaraidh Arascain agus Mhàirr.
Thàtar air sgeul a chall air an t-siad so bho chionn bhliadhnachan, oir, o chionn fhada, rinn e a dhachaidh anns an Fhraing agus dh’fhuirich e an sin fad a’ chogaidh agus bliadhnachan ’na dhéidh. Tha e a nise air ais ann an Lunnainn, agus tha e a’ bruidhinn air tigh a cheannach ann an Alba. Is ann anns an dùthaich so a bha a chridhe riamh, agus tha e fhathast seulaichte nach tig buaidh no piseach oirnn gus an sgar sinn sinn fhéin air falbh o Shasuinn.
Tha Ruaraidh Arascain agus Mhàirr an diugh ceithir fichead bliadhna agus a seachd, agus tha ginealach air éirigh nach eil eòlach air. Ach mur a bheil, tha iad eòlach air a chuid oibreach, oir rinn e saothair as leth na Gàidhlige nach do rinn móran a leithid. Am Bàrd. Alba. Guth na Bliadhna. An Ròsarnach. Sin na paipearan a dheasaich e agus ris an do chùm e taice airgeadail fad bhliadhnachan. Paipearan nach d ’fhuair an taice leughaidh a thoill iad ’nan latha, ach air am bheil féill agus iarraidh a nise a h-uile turus a theid leabharlann a reic.
Rugadh Ruaraidh Arascain ann am Brighton, far an robh athair ann an réiseamaid Shasunnaich. Thogadh e ann an Dùn-éideann, agus cha robh lideadh Gàidhlige aige gus an do thog e i, air a shiuc fhéin, bho bhean-ghlùineadh as Hearadh ris an robh e an urra ’s e ’na phàisde. B’e an t-strì Eireannach a ghlac a mhac-meanmna an toiseach, agus a dhùisg a dhaingneachd a thaobh na Gàidhlige—daingneachd nach do lagaich riamh agus nach do lagaich fhathast.
Tha a Ghàidhlig a-nise rud beag meirgeach. Ach ma gheibh e a rogha, cha bhi e fada ’ga h-altachadh an uair a gheibh air ais a dh’Alba. Tha e cho geur-thuigseach ’s a bha e riamh. Agus cho coibhneil. Rinn sinn dà thadhal air, agus b’fheàirrde sinn iad.
title | Ruaraidh Arascain agus Mhàirr |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Gairm 16 %p |
parent text | Gairm 16 |