An Sgeilp Leabhraichean
(Prose Writings of Donald MacKinnon. Deasaichte le Lachlainn MacFhionghuin. Clò-bhuailte le Oliver & Boyd as leth anScottish Gaelic Texts Society.25/- .)
Rugadh Dòmhnall MacFhionghuin ann an eilean Cholbhasaidh ann an 1839, agus chaochail e ann an eilean àraich ann an 1914. Eadar na bliadhnachan sin choisinn e urram agus cliù dha fhéin le a chuid sgoileireachd, agus bithidh cuimhne air ged nach biodh ann ach gur e a’ chiad Ollamh Ceilteach a shuidhicheadh ann an Oilthigh Dhun-éidinn. B’ann ri Feallsanachd Inntinn(Mental Philosophy)a chur e aghaidh an uair a bha e ’na oileanach ann an Dun-éideann, agus choisinn e prìomh dhuais an Oilthighe anns a’ chuspair sin. Ach ged a dh’fhàg e an t-Oilthigh ledegreeurramach ann am Feallsanachd, b’ann ris a’ Ghàidhlig a thionndaidh e an uair a chaidh e an ceann dreuchd mar chléireach do Chomunn Fòghlum Eaglais na h-Albann. Agus b’e sin an tionndadh! Ann an trì-bliadhna deug, bha ainm fada ’s farsuinn mar sgoilear Gàidhlig, air chor agus gur ann dhà a thairgeadh an Cathair Ceilteach ann an 1882.
Cha leigear leas iomradh a thoirt an so air an obair a rinn e mar Ard-Ollamh. Tha cuid de na sgoilearan a fhuair fòghlum bhuaithe beò fhathast agus togaidh iadsan a chliù. Oir is cuspair an iomraidh so a sgrìobhaidh ann an Gàidhlig.
An taobh so de Charaid nan Gaidheal, is e MacFhionghuin a’ chiad fhear a chuir tomadachd de rosg Gàidhlig an clò. Rinn e móran sgrìobhaidh anns an t-seann Ghaidheal a thòisich ann an 1871 agus a mhair sia bliadhna. Bha dlùth cheangal aige ris anCeltic Review.Agus thug e cóig òraidean do Chomunn Gàidhlig Inbhir-nis. Sin agus móran eile. Ach is e’n rud, gun robh a chuid sgrìobhaidhean sgapte troimh mhóran ràitheachan is leabhraichean, agus cha d’fhuaras riamh cruinn còmhla iad gus a so.
Anns an dol amach, feumar a ràdha nach e cruinneachadh ioma-shlan de sgrìobhaidhean MhicFhionghuin a tha’n so. Cha b’e sin a bha san amharc aig Lachlainn MacFhionghuin. ’S e tha’n so cruinneachadh de na h-earrannan a nochd ann am paipearan leithid an fheadhainn a dh’ainmicheadh an so shuas. Tha móran ann an lamh-sgrìobhaidh an Ollaimh nach do nochd an clò riamh.
Ach, anns an leabhar so, tha againn còrr agus deich earrannan fichead—móran dhiùbh mu na sean-fhocail, agus móran eile fo’n ainm Litreachas nan Gaidheal. Tha feadhainn eile air cuspairean
[Sanas]
mar a tha Seann Sgoil (anns a bheil cunntas agus dealbh bhriathran ghrinn shnasail air an sgoil anns an d’fhuair e fhéin a chiad fòghlum ann an Colbhasaidh) agus Colla Ciotach Mac Ghilleasbuig anns a bheil eachdraidh a’ ghaisgich a tha ainmeil an òran ’s am beul-aithris.
An uair a leughas duine sgrìobhaidhean Mhic Fhionghuin, tha e duilich a chreidsinn gu bheil feadhainn dhiùbh suas ri ceud bliadhna a dh’aois. Tha a’ Ghàidhlig a tha annta cho siùbhlach aighearach beòthail agus gur ann a chuireas i nàire air luchd-sgrìobhaidh an latha ’n diugh. Chan e sin a mhàin, ach tha an inntinn a tha air cùl an sgrìobhaidh cho biorach, geur-thuigseach, agus gur ann a sheulaicheas am fear leughaidh gu bheil gliocas an latha ’n dé nas glice na bha e riamh anns an latha sam bheil sinn beò.
Feumar moladh a dheanamh air Lachlainn MacFhionghuin airson an dìchill a rinn e as leth an leabhair so. Tha e soilleir gun do rinn e taghadh agus trusadh fad iomadh bliadhna, agus tha e soilleir cuideachd gu robh rian agus dòigh ’na chuid oibreach. Aig toiseach an leabhair, tha e a’ toirt fios air càit as an tàinig gach earrann, agus ag innse cuin a chlò-bhualadh i. Tha e a’ toirt geàrr-eachdraidh air beatha an Ollaimh, agus tha móran aige r’a ràdha mu na gnathasan cainnte a chleachd e. Leabhar ionmholta ris an deanar toileachadh ann an iomadh ceàrna.
Aon fhacal anns an dealachadh. So leabhar eile a tha’ tighinn thugainn fo ùghdarras anScottish Gaelic Texts Society.B’e am fear mu dheireadh, Orain Dhunnchaidh Bhàin. Nach e’n call e nach eil an Comunn so a’ faotainn an tuilleadh tacsa bho luchd Gàidhlige? Tha iomadh leabhar a’ feitheamh clò-bhualaidh cho luath ’s a gheibhear an t-airgead, ach chan eil ach am beagan a’ cur ris a’ mhaoin. Ma tha duine sam bith déidheil air am barrachd a chluinntinn mu’nScottish Gaelic Texts Society,sgrìobhadh e gu Gairm agus bheir sinne dha gach eòlas agus cuideachadh as urrainn sinn.
F. McD.
title | Prose Writings of Donald MacKinnon |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 16 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |