(Diarhebion Cymru,cruinneachadh de shean-fhacail, etc., air an trusadh leWilliam Hwy. Trefriw. Hugh Evans & Sons, Ltd., Liverpool. 5/- .
Bha sinn fìor thoilichte an leabhar so fhaicinn air a chur an clò le ar caraid Mac an Fheòir, a chuir bàrdachd Ghàidhlig uair no dhà gu ruig Gairm. Tha e air a bhith a’ fuireach an Trefriw, anns a’ Chuimrigh, o chionn 1941, ach fada roimh’n àm sin bha e a’ gabhail tlachd anns na cànainean Ceilteach, agus gu seachd àraidh anns na sean-fhacail a tha a’ leigeil ris móran de ghliocas agus de rian-smuaineachaidh nan Ceilteach. Anns an leabhar so tha mu 14,000 sean-fhacail agus ràdh eile aige air a chruinneachadh, agus tha faisg air 4,000 dhiubh sin nach robh an clò roimhe so. Tha na ràdhan so air an trusadh a leabhraichean, a làmh-sgrìobhainnean agus bho chàirdean, agus tha an t-àit as na lorgadh iad air innse gach turus.
Chan eil eadar-theangachadh air a thoirt seachad idir, ach a mhàin gu bheil faclair goirid aig deireadh an leabhair a tha a’ mìneachadh mu cheithir ceud facal, agus mar sin cha bhi an leabhar cho feumail do leughadairean nach eil fileanta ann an Cuimris. Eadhon dhaibhsan, ’s e cnap-starraidh a th’ann nach eil geàrr-lorgair (noIndex) anns an leabhar, agus mur eil fhios agad cheana air dé tha thu lorg, bidh tu greis ’ga shireadh.
Ach ’s e trusadh ionmholta agus luachmhor a tha so, air a chur amach aig prìs a tha anabarrach ìosal. An so, chan urrainn dhuinn ach facal no dhà a ràdh mu na sean-fhacail. Tha iomadach aon ann a bheir gu ar cuimhne sean-fhacail Ghàidhlig, mar a ni am facal: A fynno glod, bid farw,car coltach ri “Mas math leat do mholadh, faigh bàs,” agus facal eile a tha ag ràdh “Tha an cat miannach air iasg, ach cha toigh leis a chasan a fhliuchadh” ( “Tha miann a’ chait san tràigh ’s cha toir e fhéin as e” ), nouwch gwlad nag arglwydd (Is treise tuath na tighearna). Dé ur beachd air an fheadhainn so: “Is mór na dh’itheas am fear a tha air ùr phòsadh”; “Cleas na circe anns an arbhar: a’ saltairt air barrachd na dh’itheas i”; “Ag ionnsachadh na foille do’n t-Sasunnach” (is cinnteach gur h-e mearachd tha so airson Sgitheanach? ). Bha gainne annlainn air an t-sluagh a rinn am facal“ ’S e aran geal is muic-fheòil is leann a bheir air duine fhearann a reic.” Is fìor so, as bith dé an cànain— “Caraid gach fir, cha charaid do neach idir e.” Agus cuimhnich air a so nuair a theid thu air chuairt—“ ’S e an coileach sòlas an fhir-turuis.”
R. McT.
title | Diarhebion Cymru |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 16 %p |
parent text | An Sgeilp Leabhraichean |