[319]

Turus don Spàinnt.

Le MURCHADH MOIRREACH

(3) ANNS AN SPAINNT

AN nis chan eil mise a dol a dhfhiachainn ri breath a thoirt air na chunnaics na chuala mi anns an Spàinnt, oir cha robh enar comas a thighinn gu beachd cothromach mu ghnothaichean anns gun cainnt na dùthcha aig duine againn; ’s cha mhotha a bha de thìde againn fuireach ri tuigsinn na bha air cùl na h-aghaidh a bhathas acumail ris an t-saoghal, co-dhiùbh air dhòigh anns am burrainn duine earbsa a chur.

Bha e furasda gu leòir aithneachadh gun robh sinn ann an crìochaibh ùra, ged is ann a lìon beag is beag a bha an t-eadar-dhealachadh atighinn asteach oirnn le dearbh-chìnnt. A dhaon , tha barrachd shaighdearan air taobh na Spàinnt den chachaileith, gun a bhith faicsinneach a bha iad afaighinn ra dhèanamh, ach dìreach anochdadh am fearalais. Lean sinn oirnn air an t-slighe cho luath agus a fhuair sinn cuidhtis iad, adol troimh ghlìnn dhomhainn lùbach nam Pyrenees sìos gu Geròna, farna chuir sinn seachd an oidhche. An dràsdas a rìs bha sinn atachairt ri luchd coimheid an rothaidnan dithisean air cuibhleachains an gunna-caol tarsainn an droma, agus corr-uair fhuair sinn balladh air dùin-dhìon air mullach nan cnoc. Ach chan urrainn dhomh chantainn gu robh saighdearan am follais ann an àireamh mhóir sam bith. Chaidh sreath aca aon uair tarsainn na mòintich seachd oirnn, lobaidean bochda de ghillean òga nach robh adeanamh glinnnan earraidhean a bha tuilleadh is mór airson na bhanam broinn, ’s achuid bu mhotha aca gun fhearchas no uaillnan ceum mar acasan a bha coimhead na crìche.

Bha an dùthaich an toiseach gleanntach agus, shaoil mi, na bfheàrr còmhdach nan Fhraing, ach rudeigin coltach rithe a thaobh pòir. Uidh air n-uidh thàinig atharrachadh air a h-aodann. Air ceumannan nan staighrichean,— ’s ma bha iad sin am follais san Fhraing, cha robh slios idir no leitir anns achuid a tha cnocach den Spàinnt gun a bhithna ruitheannan suas gu a mullach, agus sin cho fadas chitheadh an t-sùil bha an crann ola agabhail àite an fhìonain mar a bfhaide a bha sinn adol gu deas agus, air na h-ìnnseachan



[320]

[Dealbh]
Gerona

ìosal, beag-raon an deidh beag-raoin den tomàto. Ris an rathad an sud is an so, chiteadh tu torran àirc, dìreach mar dhùin mhònach, afeitheamh nan cairt: ’s be eich no muildeidean a bhathas acleachdadh airson na h-oibreach sin. Far an robh an talamh tioramsna leth ghainmhich, cha robh còmhdach air ach lusan calgach, gathach mar chacti; leis an teas a bhith cho mórs nach burrainn duine a làmh fhàgail car tiotaidh air cloich no air achàr, chan eil a bheag a lusan ann nach seargadh fodha, a dheasbuidh uisge am pailteas.

Ach an ùine a cheadachadh bu dheagh mhath leam barrachd air aon oidhche a chur seachad ann an Geròna, ged bu mhì-chneasda an fhàilt a fhuair sinn, oir cha robh sinn mionaid san taigh-òsda nuair a dhòirt grad-thuil bàite, le dealanaich is tàirneanaich, a chuir gach duine thachair a bhith air sràidna leum fo dhìon; chaidh na solais as, agus stad na h-inneil-dhìridh, ’s cha robh air ach fuireach far an robh sinn gun tigeadh iad air ais, nach robh fada. Bha an tigh-òsda co-dhiùbh cho math ri a leithidean anns an dùthaich againn fhìn, ’s bha seòmraichean comhfhurtail againn le amaran-sleamhainn(tiles)a bhathas anighe a h-uile latha airson fionnarachd. Coltach ri bailtean eile san dùthaich, tha cuid de a shràidean caol, le bùitean air gach taobh; is cha robh air an cuireadh duine feum nach robh ri fhaicinn anns na h-uinneagan, agus sin na bu shaoire na bhiodh an ceudna aig an tigh, gu h-àraidh uaireadairean. Anns an Spàinnt tha an dìnneir anmoch, acrìochnachadh mu aon uair deug, agus is ann an deidh sin a tha achuid mhór agabhial chuairt. Shaoileadh tu, nuair a chaidh sinn amach, gu robh Geròna uile asràideireachd, gu h-àraidh an fheadhainn òga, agus sin gu modhail, rianail agus, cho



[321]

Fada is a chunnaic sinne, toilichte. Ghabh sinn mu thàmh mu dhà uair dheugrudeigin trath a réir cleachdadh an àitagus sinn acur romhainn crìochnachadh ar slighe roimh mheadhon an latha màireach.

Mar a thubhairt an seann sgeulaiche,
Fhuair sinn uisge blàth dar casan,
Agus leabaidh bhog dar leasan,

agus cha robh fada gun robh sinn, agus sin an sheagh, ann an saoghal ùr, teth is gun robh an oidhche. Thainig amhadainn le làn ghrian sàmhraidh, agus an deidh blasd bidhecofaidh agus rolla arain, oir chan eil abhracaist ach aotrom air Tir-mórchaidh sinn cuairt timchioll abhaile. Leis an seann saoghalgar coinneachadh air gach taobh, bha iomadh anngar tàladh. Chì sibh san dealbh aon oisean dheth le faileas nan tighean an uisge balbh na h-aibhne. Ach bha againn ra fhàgail.

Chùm sinn oirnn gus na rainig sinn Blanes, a tha tuath air Barcelòna, far am bheil cladaichean àillidh aChosta Bràva atòiseachadh. Bha an rathad gu so an ìre mhath, agus an Riaghaltasga liadachadh gu bhithna phrìomh rathad mór, ’s gur h-ann air a tha móran de na h-eilthirich acur an ciad aithne air an taobh so den dùthaich.

Chan fhaca duine riamh leithid na coileids a bha air an rathad sin. Be madainn na Sàbaid a bhann, leis achuid mhóir aig saorsa an toile féin; agus shaoileadh tu nach robh inneal air an robh cuibhle ann am baile mór Bharcelòna nach dfhiach amach, ’s an conacagan fuaimeara, sgairteil aséideadh fad na slighe, gun iaradh gun innealadh, ’s gach duine as a chiall, gun fhathamas, gun riaghailt, adeanamh air cladaichean aChosta Bràva.

Thàinig sinn an sin gu bailtean beaga an cois achladaich, le sràidean cumhang, oiseanach, a bha fo rian sholus, oir chan fhaigheadh ach aon sreath chàraichean seachad aig an aon àm. Creideadh sibhse nach nach bu shùgradh a bhith an ceann càr anns na badan sin, agus be iongnadh nan iongnadh nach robh call aig gach oisean diubh. Ach co-dhiùbh fhuair sinn seachad gun aimlisg, ’s thainig sinn gu farsaingeachd an rothaid mhóir. Chan e nach fheumadh duine fhathast a bhithna fhìor fhaireachdainn, ’s cha robh fada gus an deach sin a chur air shùilean duinn. Goirid air thoiseach oirnn chaidh stad a chur air na càraichean, agus grunnan shlat air adhart chunnaic sinn boireannachna sìneadh tarsainn an rothaid agus cuibhleachan, no siùbhlacan, briste faisg oirre. Thuig sinn gu robh i marbh, oir chaidh a fàgail an sin gun tigeadh cuideigin aig am biodh ùghdarras dha taobh. Nuair a shìolaidh an othails a fhuair sinn cead fablh, chaidh againn air faighinn seachad le faicill, ach chuir an goiriseachadh oirnn agus fad an latha bha e duilich dhuinn an sealladh fhaiginn a beachd na h-inntinn, gu h-àraidh boinn bheaga, bhochda nan cuarna aice.

Cha do cheadaich ùine dhuinn móran stad a dheanamh am Barcelòna, agus mar sin chan fhaca sinn ach earrainn bheag den bhaile. Tha tighean móra, eireachdail ann, rudeigin cotlach ris achuid as fheàrr de Ghlaschu, ach nach eil sràidean ann an gin de bhailtean Bhreatainn, a chunnaic mise co-dhiùbh, cho farsuing, ris na h-avenues



[322]

[Dealbh]
Aon de shràidean Sitges. Murchadh Moirreach (anns amheadhon) air a rathad a shnàmh.

mhóra am Barcelòna. Air ar slighe gu deas, lean sinn te aca amach as abhaile. Bha i sinna cóig ròidean: bha an toiseach rathad mór farsaing anns amheadhon is rathad choisichean fo sgàile shreath chraobh air gach taobh dheth, agus mar ghoireas do na tighean, rathad eile air gach taobh den t-sràid, le ceum-còmhnard(pavement)eadar es na bùitean. Tha am farsaingeachd agus an eireachdas asealltainn gu soilleir nach do chaill an Spàinnteach a chomas air greadhn is maise is móralachd a thaisbeanadh ann an deilbh obair a làimh.

Thug an rathad so sinn astar math amach as abhaile. An deidh ruighinn na mara rìs, ruith sinn grunnan mhìltean air bhàrr nan creag gu Sitges, rathad a bha cheart cho cunnartach ri aon air an robh sinn, ach bha sinn toilichte nach robh an aon dhripealachd a deas air Barcelòna agus a bha tuath air. Bha muinntear nan càraichean cho coma, agus an rathad cho lùbachs e leantainn gach geodha is gach oisean a bhair bil nan creag, ’s gu feumadh sùil is cluas a bhith fuirealach, agus am muir aognuidh cho fada fodhainn.

Ràinig sinn Sitges ann an deagh àm. Ged nach deach againn air faighinn cuid-oidhche anns an tigh-òsda a rinn an Duitseach a mholadh dhuinn, sheòladh sinn do fhear eile, a bha glé mhath. Fhuair gach duine againn rùm dha fhéin le seòmar-failcidh an ceangal ris, goireas a bha mór againn agus an aimsir cho teth. Bha am biadh cuideachd glé mhaths air a dheagh chòcaireachd a réir gach miann is dòigh, Spàinnteach, Frangach no Breatannach. Cha mhotha a bha aphrìs as an rathad, oir bha i co-dhiùbh cho riaghailteachs a bhiodh san dùthaich so.



[323]

Tha baile Sitges mu mheud Steòrnabhaigh an àireamh dhaoine, ach gu bheil an drip an t-sèasain a cheithir no chóig urad ann. Tha na tighean àrd agus na sràidean caol. Chan eil dad a bharrachd air seachd no a h-ochd traighean a leud annta eadar na ceuman-còmhnard, air chors nach fhaigh càr asteach annta ach bho aon cheann. Tha aon mhathas air an cuinge, gu bheil sgàile bho theas na gréine ri fhaighinn air taobheigin dhiubh cha mhór fad an latha. Air gach oisean dhiubh chìtear ainm na sràid agus, os a chionn, dealbh a tha riochdachadh an ainme, tha goireasach nuair nach eil comas leughaidh aig a h-uile duine. On is ann le frithealadh do luchd-tadhail a tha móran de na tha còmhnaidh ann atighinn beò, thathas acumail abhaile anabarrach glan agus gach tigh is bùth ann an deagh òrdugh, ma ni peant e.

Bha grunnan aitreabhan-ceàirde ann, dhà no trì aca adeanamh bhròg. Bha na dorsan aca fosgailte an còmhnaidh, agus uair no dhà sheas mi a ghabhail ealla ris an luchd-oibrich. Cha robh aig gach duine aca ri dhèanamh ach roinn bheag den obair, agus nuair a bha sin deiseil bha abhrògga cur air being ri thaobh; shìneadh an athdhuine a làmh thuice is dheanadh e a roinn fhéin, agus bha abhròg adol bho dhuine gu duine mar sin gus an robh i crìochnaicht’. Aig inbhe an reic, bha na brògan air an deagh oibreachadh agus glé shealltanach. Bha oibrichean eile ann cuideachd, ach feumaidh gur h-ann air luchd-turuis a tha achuid as motha de theachd-an-tìr muinntir abhaile an crochadh, agus tha iad adeanamh nas urrainn dhaibh gu adhartas a dheanamh le sin.

Eadar sràid achladaich agus am muir tha spaisdreach chòmhnard còrr is mìle a dhfhad, le craobhan pailme air gach taobh dhith a

[Dealbh]
“. . . . asnàmh no plubraich . . . .”



[324]

chumail sgàile oirre, agus fòithe sin trì tràighean fada de ghainmhich ghil a bha, ach beag, uile còmhdaichte le ciadan de sgàilean canavais_ Fòdhpa bha na snàmhaichean afaighinn dìon on ghréin agus afàgail am bratan uachdrach fhads a bhiodh iad samhuir. Far an robh aghrian abualadh dìreach, bha aghainmheach cho teths nach fuilingeadh boinn nan cas i, gun duine a bhithna ruith.

Chuir sinne seachad mu cheithir deug asnàmh no plubraich anns amhuir, agus e cho blàths a dhiarradh tu. Air gach taobh dhinn bha gach uile seòrsa duinesean is òg, firionn is boirionn, beag is mór, caol is reamhair: boireannaich mhóra bhàna á Lombardaidh na h-Eadailt, daoine beaga brògach á ceann-a- deas na Spàinnt, ceatharnagan cruinn, mollach de mharcaichean camachasach as an Argentine, a bheireadh gàire ortgam faicinn asnàmhs aplubraich san uisge mar phéileagan. A dhaindeoin faicill ann an ùilleadh achraicinn, bha móran dhiubhga thilgeilna rùsgan an tomhais a choreigin, ’s cha robh sin uaireannan gun anshocair fhéinna chois.

Thathas an còmhnaidh acur as leth nan Spàinnteach gu bheil iad buailteach dàil a chur an gnìomh le mi am màireach e.” Chan fhaca sinne a bheag den sin. Bha na chunnaic sinne dhiubh èasgaidh, dèanadach. ’S ann ainneamh a chitheadh tu luchd-frithealaidh a bha cho luath air an casan, cho deas air an obair ris na gillean a bha frithealadh nam bòrd anns an tigh-òsda: chan fhaca mise daoine eile aig an robh alt cho grinn sgiobalta riutha air sgiolgadh chnàmh a casan chearc! Fhuair sinn iad, amuighs astigh, earbsach, onorach, tuigseach, ’s chan urrainn dhomh a chantainn gun dfhidir mi an rud bu lugha de cheilg no de bhraidnam measg, ged a dhfhaodadh iad sin a bhith ann an ainfhios dhuinne.

Tha móran cràbhaidhnam measg. Cha bhiodh tu fada ri taobh nan cailleachan air na séisean ris achladach gun iad faighinn rian a choreigin air tighinn air creideamh, dìreach mar gum bann an eileanan na Gàidhealtachd a bhiodh tu. Air an t-Sàbaid bha triall dhaoine don eaglais, agus gach nighean is beannag bheag aotrom aicena làimh gu a càradh air a ceann mus fhaigheadh i asteach. Cha robh e air a cheadachadh do fhireannach a dhol asteach a dheaglais, a Shàbaid no a sheachdain, gun briogais fhada bhith air, agus eadhon air an t-sràid fhéin, cha robh sùil ro dhàimheil air duine leshortsno geàrr-bhriogais. Bha na h-eaglaisean a chunnaic sinn air an deagh chumail, ged a bha eaglais mhór, aosda abhaile glé fhuarraidhna broinn. Tha làithean-féille acagan cumail mar an àitean eile sam beil an creideamh Caitliceach làidir. Chunnaic sinn, aon , a h-uile bàta is eathar a bha san lamraig air an sgeadachadh le brataichean is rìomhachas de gach dath, is easbuiggam beannachadh mus tòisicheadh an t-iasgach. Dhìnnseadh dhuinn gum be Latha FéilleOur Lady of the Seasa bhann. Nuair a thàinig am feasgar chaidh earrainn den t-sràid ris achladach a chuartachadh le ròp, agus bhathas adannsan sin fo sholuis ioladhathach, co-dhiùbh gu meadhon oidhche, nuair a dhfhàg sinne iad. Bha iad uile gu rianail dòigheil, agus ged a bha conastabuil ann, agus iad uile fo airm mar anns gach baile, cha dfhuair iad móran ri dhèanamh.

Chan eil dad a dhfhios agam an seòrsa fòghluim a thathas afaighinn ann, ach gun sheas sinn astigh ann an sgoil bhig ris an



[325]

[Dealbh]
Museumann an Sitges

t-sràid, bhon cuala sinn fuaim teasgaisg atighinn. Ged is ann gun chuireadh a chaidh sinn asteach, ghabh an t-oide ruinn gu coibhneil. Bha mu dhusan gille modhail gasda aige innte, agus gach mar a gheibhear ann an aon sam bith de na sgoiltean eaglais anns an dùthaich againn fhìn. Ged nach robh sinn atuigse a cheile ro mhaths gun facal aig an dara duine de chainnt an fhir eile, chaidh againn air fiosrachadh a chéile an dòigheigin. Cha do shaoil mi gu robh e fhéin glé fhòghluimte, oir bha e asgrìobhadh gach air abhòrd, mar gum biodh aca ris gach leasan ionnsachadh air an teangaidh. Dhfhàg sinn beannachd aig an duine, a bhag obair an teas an t-samhraidh an ceann a dhreuchd cho dichiollachs a baithne dha.

Airson meud an àite, tha museuman math ann. ’S e achuimhne as fheàrr a thagam orra, grinneas an obair iaruinn, lìonmhoireachd is sgeilm nan saithichean criadhan, is dealbhan le El Gréco.

Thainig gach gu crìch is thill sin a rìs gu tuath. Anns an aishealladh tha e uile adeanamh aon dealbh grianach, le a chraobhan pailme, a thràighean geala, ’s a mhuir dealrach breac le ciadan snàmhaichega stealladhsga fhroiseadh, agus iad uile, don t-sùil co-dhiùbh, am mullach an sòlais.

titleTurus do’n Spàinnt
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Murchadh Moirreach in Gairm 16 %p

parent textGairm 16
<< please select a word
<< please select a page