EACHDRAIDH EACH
Inneas air an leabhar aig Raibeart Beck, Scotland ’s Native Horse
le Iain MacAonghuis
Ann an 1971, chuala ùghdar an leabhair seo mu na h-eich bheaga chruadalach a bh’ ann an Eilean Eirisgeigh. Aig an àm sin bha e fhèin ’na bhet an Tiriodh. Cheannaich e feadhainn dhiubh is thug e dhachaigh a Thiriodh iad; thug sin cothrom dha fhèin agus dha theaghlach na h-eich fhaicinn a h-uile latha, a shamhradh is a gheamhradh, air àrainn an taighe aca fhèin: bha iad gan obrachadh ’s gam marcachd, is chuir an teaghlach gu lèir eòlas mionaideach orra agus air an dòighean. An dèidh sin, ghluais Mgr Beck do Dhun Eideann, far a robh e ’na fhear-teagaisg sa’ Cholaiste: sa’ Royal (Dick) Veterinary College. Mar sin bha dreuchd àrd aige ann am fòghlam; aig a’ cheart àm, chan e sgoilear-an-leabhair a-mhàin, mar gun canadh tu, a tha ann. Mas aithne dha na leabhraichean a làimhseachadh is aithne dha cheart cho math gearran a chur an crann, man duirt am bàrd, agus a leigheas cuideachd. Bha bhlàth sin air annas a làimhe san obair seo. Cho fad ’s is fiosrach mi, cha deach leithid an leabhair seo a sgrìobhadh an Alba no is dòcha am Breatainn. Ach tòisicheamaid far na thòisich an t-ùghdar fhèin.
’S ann do dh’ Alasdair Friseal a tha e a’ toirt a’ chiad urram, is esan ’na bhith-eòlaiche agus ’na bhall de Choimisean nan Croitearan, a dh’ innis dha air tùs gu robh ulaidh bheò – iarmad de sheann bhriod agus iad an imis a dhol à bith - ri fhaotainn san eilean bheag seo: na h-eich Eirisgeach. Chuir Alasdair Friseal an comhairle an t-sagairt e, Mgr Calum MacNèill, agus sheòl e chon an dotair a bha am Barraigh e.
Bha an Dotair Hill mar tha air eich Eirisgeach a thoirt do Bharraigh: trì làirean agus, a chionn is nach robh àigeach ri fhaighinn, cheannaich e stalan dhen t-seòrsa (beathaichean beaga cruaidhe cuideachd) a bha an Eilean Rùm o shean. Bidh an cliù aig an Dotair Hill agus aig a theaghlach-san, buan air sgàth is na rinn iad.
Bha fichead làir dhen fhìorfhuil air chùnntas aig a’ chomann a chuir na daoine sin air stèidh; ach dh’ fheumte àigeach fhaotainn à àiteigin eile, oir cha robh ròs air beathaichean fireann a thuilleadh air gearrain is rigeachan. Chuir iad rompa ma tha gu faighte feadhainn dhen ghnè a bha cumanta uair dha robh saoghal air feadh nan Eileanan an Iar. Le bhith cumail smachd air sìolachadh nan each, bhathar an dòchas gu toirte, mean air mhean, an gnè air n-ais gus am biodh e cho faisg air ‘fìorfhuil’ is a ghabhadh dèanamh. Ach bha torchairteas eile an dàn.
Ann an 1970, thachair gun do cheannaich Eòghann Mac-Lachlainn an Uibhist-a- deas, each à Eirisgeigh. Bha e an dùil gun deach a ghearradh; ’s e bha ann gu robh e slàn. Chuala Mgr MacLachlainn man Chomann; b’ aithne dha Mgr Beck co-dhiù, is chuir e fios chuige. B’e sin naidheachd an àigh! Mara robh an rathad uile gu lèir rèidh rompa nise bha cnap-starra nach bu bheag air a chur an dàrna taobh. Faodaidh an Comann an-diugh, mar a tha an t-ùghdar a’ ràdh, meal-an-naidheachd a chur orra fhèin: chaidh an t-Each Eirisgeach a theanachdainn nuair a bha am briod ri uchd bàis.
Ach mas e an t-Eirisgeach an dà chuid reul agus sùileachan na h-eachdraidh a tha seo, feumar a thoirt fa-near gu robh eich, car dhen aon ghnè, chan ann a-mhàin air feadh na Gaidhealtachd ach air feadh Alba aig aon uair. Bha na h-eich Bharrach cho ainmeil is a bha ann: ‘thigeadh iad beò air a’ ghaoith’ a thaobh cruadalachd. Bha ion is an dearbh sheòrsa roimhid ann am Muile, an Tiriodh, an Lios Mòr, an Uibhist, an Leòdhas, san Eilean Sgitheanach; bha agus a-null gu crìoch an ear na dùthchadh air tir-mòr. Chan fhuilear nach robh iad aig an t-sluagh Ghaidhealach, gu litireil, ‘eadar Hirt is Peairt’. Tha Mgr Beck a’ dearbhadh sin, a’ togail na fianais à caochladh mòr sgrìobhaidhean. Carson, ma tha, a chnàmh iad às? Chnàmh, tha e cur air shùilean dhuinn, ri linn an iomaruagaidh, nuair a chuireadh caoraich air na fearainn air am biodh na h-eich ga solar fhèin; ri linn cuideachd is gu robh feum air eich-obrach air na tuathanais; is feum air eich-mharcachd air na h-oighreachdan mòra seilge, gus closaichean nam fiadh a ghiùlan (agus cuirp thomadach nan sealgairean); agus a chionn is gu robh fèill anabharrach air eich bheaga, luatha, sgiolta airson polo. Thugadh lir each bhar na Gaidhealtachd gus an cur a sàs ’na steudan chloinne. Bha iad sin uile, ma bhathar idir a’ briodachadh bhuapa, air an crosadh ri seòrsaichean eile. Agus bha poileasaidh an ‘Leasachaidh’ aig Riaghaltas is eile daonnan a’ rùnachad ‘fuil nodha’ a thoirt a dh’ ionnsaigh nan crìochan iomallach. Bidh daoine fhathast a’ bruidhinn air an ‘Aigeach aig Bain’. ’S e fear a
bha os cionn togail sgoiltean an dèidh Achd an Fhòghlaim an 1872 a bh’ ann am Bain. Bha àigeachClydesdaleaige a dh’ fhàg sìolach eadar Uibhist agus a’ Mhorbhairne. Man duirt am port: “S e fear mireanach, mireanach, mireanach - - - - ’. Tha an stàpall sam bithte ga chumail ri fhaicinn fhathast am Beinne Bhadhla, aig Creag Goraidh.
Ged a bha daoine ann a thug robhadh - leithid seo, cho tràth ri 1845: ‘This mode of improvement must end in disappointment. The proprietor and large storemaster may, indeed, be thus supplied with larger horses, but they will be such as cannot live on the short pile of grass - - -. In the hands of the ordinary tenant, who turns his horse to the field or moor when the work is finished, they do and will become long-legged, hard-boned, and slow, ever hungry, even unseemly and never fit for labour. No horse can surpass the native breed in hardy endurance - - - ’; cha do bhac sin duine. Bha seòl-mara an ‘Leasachaidh’ a’ ruith ro làidir. ’S e buil a tha ann nach eil sa’ ‘Phònaidh Ghaidhealach’ mar as aithnte nis e ach crosach; sin a thuirt Diùc Adhaill an 1937 – ‘hybrid’ a bh’ aige air; is bha an seann ghinealach an Tiriodh, a-rèir an ùghdair, dhen dearbh bheachd. (Chan fhaod e bhith nach dùisg sin talamh na h-argamaid an ceàrnaidhean àraid! A dh’ aindeoin sin, bidh e doirbh do dhuine sam bith feac a thoirt à Mgr Beck; tha e nochdadh gu soilleir leis na tha sgrìobhte seo aige air ‘Sìbhealtas na Gaidhealtachd’ gura math a ghnothach ris a’ chuspair san iomlaine.)
A thuilleadh air rannsachadh an cùl-cinn eachdraidh na Gaidhealtachd agus a’ dèanamh dealbh air na milltearan a thug buaidh, tha Mgr Beck a’ dol fad air n-ais ann an tìm, gu ruige rìoghachd nan Cruithneach, na‘Picti’mar a bh’ aig na Ròmanaich orra. Dh’ fhàg iadsan carraichean cloiche (ga be gu de b’ adhbhar dhaibh) air a bheil iomadh comharradh is samhla - agus eich. Tha Mgr Beck air rud a dhèanamh nach do rinneadh riamh (a-rithist, cho fad ’s as fiosrach mise). Tha e air na dealbhannan snaighte sin a thomhas agus a sgrùdadh agus air tighinn gu codhunadh dhan taobh. Seo na cinn a th’ aige: (1) tha dà sheòrsa dealbh air na clachan: a’ chiad sheòrsa làn ealain agus nas eagarra na aisneis sam bith a th’ againn ann an sgrìobhadh; an dàrna seòrsa air an snaigheadh gun mhòran ealain - o linn, a-rèir coltais, an dèidh dol sìos nan Cruithneach. (2) Bha eich-bheaga agus eich-mhòra aca: an fheadhainn co-ionnan ris na h-eich Eirisgeach, an cumadh is an meudachd. Bha na h-eich-mhòra, faodaidh e bhith, de ghnè a thàinig o eich-chogaidh nan Ròmanach, air an crosadh ris na h-eich bheaga dhùthchasach. (3) Bha na Cruithnich air sgil
na marcachd a thoirt gu ìre cheart cho àrd ris an alt a th’ aig marcaichean an là-an-diugh; agus ràinig iad an ìre sin còrr is 700 bliadhna mun do thòisicheadh air an fhòghlam a th’ againne, le a thinnsgeadal san Eadailte tràth dhen t-siathamh ceud deug. Tha Mgr Beck a’ dèanamh samhla math: gu bheil an ealain-mharcachd seo, mar gum b’ eadh, cho diofraite o ghluasad eich agus duine dìreach ’na shuidhe, air muin an eich, agus a tha coiseachd o ealainballet. (4) Bha na Cruithnich a’ cur an cuid sgil an gnìomh leis na h-eich-bheaga; rud a tha fada nas duilghe dhèanamh na tha e le eich an là-an-diugh.
Ga be gu dè a’ bhinn a bheirear a-mach air na puingean sin, an coilionadh an ama, tha seo sàr-chinnteach: tha Mgr Beck air uinneag fhosgladh air an linn dhuatharach sin dhe ar n-eachdraidh nach dùnar a feasda.
A thuilleadh air sin uile, tha e sealltainn gura dòcha gur h-ann o shìolach eich-ruith nan Cruithneach - na h-eich-mhòra aca – a thugadh do Ghallaibh mu Dheas, ri linn Rìgh Uilleam a h-Aon (1165-1214), air neo nas tràithe, a thàinig, air a’ cheann thall, each-mòr cliùiteach Dhail Chluaidh - anClydesdale. Anns an rannsachadh, chan eil fiù is na seulaichean aig rìghrean Alba nach eil a’ tighinn fon ghloine-amhairc aige ma tha comharradh no dealbh eich orra!
Chuala na h-uile mar a chuir Raibeart Brus às dhan ridire ShasannachDe Bohun; esan air each-cogaidh agus an Rìgh air fàlaire beag sùbailte, greimeil. Tha Mgr Beck a’ faicinn mac-samhail an Eirisgich sa’ bheathach sgiolta sin a thionndaidh cho luath air a chois chèim dhan Rìgh agus a thug mar sin buaidh-làrach do dh’ Alba.
A-null is a-nall mar sin, tha MgrBecka’ leantainn a-mach an dàimh a tha eadar eich fhiadhaich na Roinn Eòrpa is na h-Aisia, leithid EachPrzewalskiagus an Tarpan, agus na h-eich a tha dùthchasach do cheann a tuath na Roinn Eòrpa, a’ còmhdach gu bheil càirdeas fala eadar cuid dhiubhsan; agus, am Breatainn, eadar pònaidheanExmooragus na h-Eirisgich. Tha e a’ cumail a-mach, an aghaidh beachd a chluinneas duine o àm gu àm, nach b’ e na Lochlainnich a thug na h-eich ‘Ghaidhealach’ a dh’ Alba. Tha gun mhòran teagaimh, dàimh air choreigin eadar eich Innis Tile is Fàro agus eich nan Eileanan againn. Bhiodh e cheart cho coltach - na bu choltaiche is dòcha - gur h-ann à Alba dh’ fhalbh iad. (Saoilidh mi gu bheil sin gu lèir glè reusanta. Tha daoine buailteach air a bhith smaoineachadh, fo bhuaidh beachdan Sasannach a bha, is a tha fhathast ann an tomhas, a’ cur urram mòr air na seann treubhan ‘Gearmailteach’ is na bhuineadh dhaibh,
nach uilear nach ann o Shasannaich no Lochlannaich no cinnich dha leithid, a thàinig a h-uile mathas a dh’ ionnsaigh gach ‘mioth-shluagh’, na Gaidheil gan cur san àireamh. Thog mòran sluaigh dhe na Gallghaidheil às na h-Eileanan againne orra a dh’ Innis Tile: tha eachdraidh nan Lochlainneach fhèin ag innse sin.) Tha an sin aisneis aige air an ‘Each Cheilteach’.
Tha annas ann an dathan nan each Eirisgeach is tha e leudachadh air sin. Tha na searraich an tomhas mòr dubh no dubhdhonn gam breith. Ach ged a dh’ fhanas cuid aca dubh fad am beatha, tha a’ mhòrchuid a’ fàs glas no grìseann nuair a thig iad gu ìre. Mu aois sheachd bliadhna bidh an dath air atharrachadh gu h-iomlan. Tha e cumanta ceithirbhliadhnach fhaicinn le ceann bàn ach le bodhaig dhubh. Sin, tha mi an dùil, na h-eich ‘cheannan’ (mar a bhios sinne a’ gearradh an fhacail) man cluinnear sna h-òrain. Tha ‘ceann’ agus ‘fionn’ - soillseach, liathgheal is mar sin as brìgh dha - an comha san fhacal.
‘Leag an t-each ceannfhionn thu
Am bealach a’ ghàrraidh”. Sin Cumha Mhic an Tòisich.
Tha MgrBecka’ taghadh earrannan à seann litreachas Gàidhlig is Cuimrig a tha ag innse mu dhathan each. Na h-eich aig Cù Chulainn: an Dubh agus an Liath; sa’ Mhabinogion, an Du (Dubh sa’ Ghàidhlig) a bh’ aigGwynnuair a chaidh e shealg an tuirc, ‘Twrch Trwyth’; agus mar sin air aghaidh. Tha e togail puing annasach an cois an t-seanchais sin. ’S e eich ghlasa no eich dhubh a bhathar a’ meas luachmhor no uasal: cha robh dath buidhe no ruadh no ballach a’ tighinn a-rèir miann nan Ceilteach. Ach theirinn gu fuilingeadh an codhunadh sin tuilleadh sgrùdaidh. Is dòcha gun do dh’ atharraich cùisean tro na linntean. Bha Gearran Ruadh ainmeil aig fear de Chlann Raghnaill, mar a chuala mi aig Eòsa MacNìll an Ceap Bhreatainn. Ach tha cuimhne agam cuideachd gum biodh na seann daoine a’ ràdh gu robh na h-eich bhuidhe dualach a bhith crosta. Faodaidh nach robh an sin a-nis ach sgeulachdan sheana bhan; ach is minig a bhios reumhag de sheann dùthchas air a filleadh annta. Bidh cuimhne air an òran ‘Clann Ghriogair air fògradh’; ann an Gleann Lìobhann:
Is ann a thog sibh ghreigh dhubhghorm
O Lùban na h-Abhann
- agus cha b’ e eich shuarach a bha na seòid ud a’ sìreadh.
Tha MgrBecka’ ceangal an t-seanchais (ged is ann an com an leabhair a tha an earrann) mar seo: sa’ sgeulachd ChuimreachCulhwchisOlwen, b’e coltas an eich aigCulhwch: steud le ceann
liathghlas, ceithir bliadhna a dh’ aois; cha robh roinneag a’ carachadh air aig cho aotrom is a bha cruinnleim fodha air a shlighe gu cùirt Artair. ‘What a description of colour pattern and action! It could apply to an Eriskay pony today and to few, if any, other breeds. ’
Chanainn-sa gum biodh duine sam bith, sean no òg, aig a bheil ùidh idir ann an eich, ag iarraidh an leabhair seo a cheannach.
Leabhar ùiseil da-rìribh.
(Robert Beck, MRCVS: Scotland’s Native Horse. Its History, Breeding and Survival. G.C. Book Publishers Ltd., Wigton, Scotland DG8 9EH. ISBN 1 872350 25 9).
title | Eachdraidh Each |
internal date | 1993.0 |
display date | 1993 |
publication date | 1993 |
level | |
reference template | Iain MacAonghuis in Gairm 162 %p |
parent text | Gairm 162 |