[268]

BOBAIDH
le Dòmhnall Iain MacIomhair

Chan eil mòran nach cuala iomradh mu Bhobaidh nam Manach Liath, iomradh a tha air a bhreacadh le gràdh, le dìlseachd agus le ionndrain. ’S iomadh sgeulachd mu choin a tha ann am beul-aithris agus ann an litreachas ar dùthcha, achs iongantach gu bheil mòran dhiubh cho drùidhteach ri sgeulachd Bhobaidh.

Bha mi cuairt ann an Dùn Eideann bho chionn ghoirid agus dhùraich mi maithne air an sgeulachd.

Bhuineadh Bobaidh do fhear Iain MacIlleGhlais a bhana phoileas ann an Dùn Eideann mu 1850. Bhiodh MacIlleGhlais acoiseachd sràidean an t-seann bhaile acoileanadh na bha a dhreuchd ag iarraidh air, agus bhiodh Bobaidh còmhla ris. Deagh ainm do chù poileis, ’s dòcha!

Nuair thàinig MacIlleGhlais agus a theaghlach a Dhùn Eideann fhuair e lòisdinn saChowgate a tha an-diugh asìneadh fo Dhrochaid Deòrsa IV, agus bhon Drochaid-a- Deas chun agheata trom bhiodh an crodh adol chun an ionaltraidh. Bi coimhearsnachd gu math measgaichte bha saphàirt seo de Dhùn Eideann, agus àite a bha goireasach don eucoireach, ’s anns nach burrainn do phoileas fhèin a bhith gu tur sàbhailte.

Ach ged a bha Bobaidh beag, bha peirceall gu math làidir aige agus fiaclan gu math geur. Cuideachd bha e luath air a chasan agus mo thruaighe mèirleach sam bith anns an cuireadh e fhiaclan.

Be Margadh an Fheòir, fo sgàile Caisteal Dhùn Eideann aon de na h-ionadan sam biodh MacIlleGhlais (agus Bobaidh) afaire na h-oidhche. Bhiodh na dròbhairean atighinn a-nuas bhon Ghàidhealtachd len stoc cruidh, agus afuireach an sin an oidhche ron mhargadh. Cuideachd bhiodh na cìobairean Gallda atoirt an cuid chaorach ann, agus dhfheumaist dèanamh cinnteach nach fhaigheadh mèirlich bheathaichean cothrom air caora no air beathach mairt a ghoid. Agus cha be an deagh chàirdeas uaireannan a bhiodh eadar Gàidheal is Gallna leithid de shuidheachadh. Be àite trang a bha ann am Margadh an Fheòir.

An dèidh do dhleasdanas an latha a bhith seachad bha ena



[269]

fhasan aig Iain MacIlleGhlais coiseachd suas gu Ionad nam Manach Liath agus stad aig taigh-bìdh an sin. San taigh-bìdh gheibheadh e fhèin agus a charaid Bobaidh biadh agus beagan foise.

Thugar am far-ainm Seann Sheoc air MacIlleGhlais. Chan eil cinnt carson, oir a-rèir cunntais cha robh e acoimhead coltach ri neach air an robh an aois alaighe. ’S dòcha gun tugar am far-ainm air dìreach air sgàth na spèise a bha aig an t-sluagh dha. Cuideachd, san a bha siud bha a h-uile duine eòlach air aphoileas.

Ach gu -fhortanach nach ann a bhuail achaitheamh MacIlleGhlais. Agus cha do chuidich droch dhòigh agus droch aimsir cùisean. Bfheudar dha a dhreuchd mar phoileas a leigeil dheth, agus an dèidh dha a bhith ùine air an leabaidh chaochail e sagheamhradh 1858.

Thàinig grunn phoileis chun an tiodhlacaidh agus choisich am mòr-shiubhal suas anCowgate. ’Nan cois bha Bobaidh. Chaidh iad a-steach do Chladh nam Manach Liath agus ràinig iad an uaigh a bha air a h-ullachadh ri taobh starain. Chan eil fhios an robh e ceadaichte do Bhobaidh an uaigh a ruighinn, oir cha robhar deònach coin a leigeil don chladh aig àm sam bith. Co-dhiù chaidh MacIlleGhlais a chàradhna dhachaigh dheireannaich, afàgail nan eucoireach agus sràidean Dhùn Eideannna dhèidh.

An oidhche sin, an dèidh an tiodhlacaidh, mar a bàbhaist mus deidheadh na dorsan a ghlasadh chaidh Bobaidh a leigeil a-mach. Bha an taigh fo bhròn agus dhfheumadh Bobaidh a dhol a-mach leis fhèin, oir cha robh a mhaighistir ann airson a dhol còmhla ris air chuairt.

Ach cha do thill Bobaidh dhachaigh an oidhche sin. Gun aire a thoirt do no do neach, rinn Bobaidh air geata Cladh nam Manach Liath. Fhuair e lorg air uaigh a mhaighistir. Anns an dorchadas chrùb e air uachdar na h-uaighe, agus shocraich e a shron air a dhà spòig toisich.

Madainn a-màireach fhuaireadh e an sin agus cha bann gun spàirn a chaidh aig an luchd-frithealaidh air a sgiùrsadh a-mach air agheata. Cha do shaoil iadsan an còrr dheth, ach goirid an dèidh sin thill Bobaidh uair eile a chumail faire aig uaigh a mhaighstir. Tro thìde, fhuair an beag cead fuireach sachladh, agus sin mar a fhuair e an t-ainm, Bobaidh nam Manach Liath.

Ach cha burrainn do Bhobaidh fuireach sachladh fad na h-ùine, oir cha cheadaicheadh aimsir agheamhraidh sin dha. Dhfheumadh e fasgadh fhaighinn, uaireannan ri leac uaighe nos dòcha gun cuireadh e an oidhche seachad ann an taigh a bha faisg



[270]

air làimh. Bha gu leòr ann a bheireadh aoigheachd don chù bheag a bha anns achladh. Agus cuideachd bha an taigh-bìdh ann an Ionad nam Manach Liath, ’s gheibheadh e biadh is blàths an sin.

Bhiodh daoine adol don chladh a dhaon ghnothaich a dhfhaicinn Bhobaidh. Agus cha robh e a-riamh gann de bhiadh, oir a thuilleadh air na bha e afaighinn san taigh-bìdh bhiodh e afaighinn chriomagan gu bitheanta bhon fheadhainn a bha atadhal air.

Dhfheuch am fear leis an robh an taigh-bìdh, Mgr Traill, ri dachaigh làn-thìde a thoirt do Bhobaidh agheamhraidh, ach ma bha bàigh sam bith air aghaidh na h-oidhche roghnaicheadh Bobaidh faire fhada na h-uaighe. Ach bha oidhcheannan ann nuair nach cuireadh an bu trèine aghaidh air sitig an-tròcaireach agheamhraidh. Agus chan eil rian nach robh Bobaidh, brònachs gun robh e agus a smuainteans a mhiann ann an Cladh nam Manach Liath, gu math taingeil iomadh oidhche gum biodh aoigheachd afeitheamh air san taigh-bìdh.

Thug Bobaidh ceithir bliadhna deug afaire aig uaigh a mhaighistir. Thàinig an fhaire dhìleas, fhada gu ceann sagheamhradh 1872 nuair a dhfhalbh am bàs le Bobaidh fhèin. Bha cuid ag ràdh gun deach a chorp a thiodhlaiceadh gu diamhair na h-oidhche ann an cuibhreann fhalamh den chladh. Eadar gun deach no nach deach, tha clach an-diugh sachladh mar chuimhneachan air Bobaidh, agus aghaidh na cloiche ri geata achladh air an deach e fhèin cho tric a-steachna bhrònsna iomagain. Sgrìobhte air achloich, tha na briathran a leanas ann am Beurla:

Bobaidh nam Manach Liath
a bhàsaich air 14 Faoilleach 1872
Aois 16 bliadhna

Biodh a Dhìlseachds a Ghràdh
Nan Leasan Dhuinn Uile

Agus ma thionndaidhear an uairsin chun na làimhe deises ma ghabhar an staran, thigear gu cloich-chuimhne eile. Oirrese tha na briathran seo, a-rithist ann am Beurla:

Iain MacIlleGhlais
a chaochail ann an 1858

Seann Sheoc
Maighistir
Bobaidh nam Manach Liath



[271]

Achs dòcha gur e an cuimhneachan as ainmeile an ìomhaigh-cloiche bheag de Bhobaidh fhèin air mullach fuarain às am biodh coin ag òl uaireigin aig ceannCandlemaker Rowfar a bheil e aceangal ri Drochaid Deòrsa IV.

Aig amannan tha e duilich dhuinn mac an duine a thuigsinn, gun luaidh air creutair beag a thug ceithir bliadhna deug acumail faire aig uaigh a mhaighistir. Carson a bha Bobaidh cho fritheilteach air amhaighistir nach robh adol a thilleadh? Ciamar a bha e cho furasda dha a bhithna aonar ann an Cladh nam Manach Liath? Saoil an robh co-chòmhradh, ann an suidheachadh os-nàdarrach air choireigin, eadar e fhèin agus spiorad MhicIlleGhiais, a bhas dòcha fo iomagain air sgàth aithne air faire achoin bhig? Ma bha, tha e nas duilghe buileach a thuigsinn, ach co aige tha fhios ciod iad na nithean neo-fhaicsinneach a tha aseòladh air feadh an t-saoghails a tha air an cleith air ar breithneachadh? Ach ma ghabhas sinn thugainn fhìn buaidh nan nithean neo-fhaicsinneach sin, ’s gum falbh sinn air sgiathan ar mac-meanmna a-mach thar chrìochan na sìorraidheachds dòcha gun cluinneadh sinn briathran co-chomainn mar seo eadar Iain MacIlleGhlais agus Bobaidh:

Iain: Bu dìleas rim bheò thu,
Bhobaidh mo charaids a laoich,
s cha chleithinn ort bròn
no còir bhith caoidhs mi san aoig,
ach cuimhnich a chaoidh
nach till mi dhùthaich nam beò,
s nach tairbhe dhut fhèin
bhith faires asileadh do dheòir.

Bobaidh: O, ’s cruaidh a bham bàs
a tharraing an càs mum cheann;
bhom chuimhne gu bràth
cha shiubhail do ghràdhs tu ann;
bha meudachd mo chràidh
gam faicinn gad chàradh san fhuachd
mar dhà bhuille bàis,
s na clàir acromadh don uaigh.

Iain: Is fhada bhith faire
gach latha am baile nam marbh,
s is fhaide nan latha
an oidhchis na siantan cho garbh;



[272]
tha misenam leabaidh
s cha èirich mi aisde gu bràth;
faigh leabaidh nach maireann
s gum faigh thu inntfois agus tàmh.

Bobaidh: Cha thairbhe dhomh leabaidh
s mo mhaighistir sìnte fon fhòd;
chan fhaigh mi air cadal
s nach duisg thu samhadainn mars còir,
s gus an crom mi am bealach
a tharraingeas asam an deò,
cha dèan mi ach faire
aig cill achaithriss abhròin.

Iain: O, càit eil na manaich
bha uair ag adhradh mun cuairt?
cha chluinn mi an casan
asiubhal timcheall air muaigh;
èigh orra Bhobaidh
s iarr cobhair a-mach às an fhuachd,
mus tuit thu le galair
s an tinneas gun toir e ort buaidh.

Bobaidh: Cha lèir dhomh na manaich
ach chì mi taibhsean na h-oidhch’;
na gabh thusan t-eagal
oir faisg ort cha tig iad a-chaoidh,
s bidh mise gad dhìon
mar dhìon thu mise rid bheò,
s cha leig mi na taibhsean
tha siubhal na h-oidhche nad chòir.

Iain: chuala mu charaid
bha eadhanna charaid sabhàs,
mu charaid bha faire
mar thoradh air buillean achràidh?
barr muaigh-sa do dhachaigh
a chuilein, a dhoidhches a
bho shiubhail mi thairis
tro ghleanntanan dorcha an dàin.

Bobaidh: Chan èirich thu tuilleadh,
s i sin abhuille tha trom,



[273]
s a dhfhàgas mo bheatha
nam aonar buileach cho lom,
s a dhaindeoin abhàis
chan eil eadar misagus
ach troighean de thalamh
is ciste le bùird a tha dùint’.

Iain: Nach leig thu leam beannachd
s faigh dachaigh le blàths agus biadh,
an àite bhith caithris
s gun tèid thu gu tur às do chiall;
tha sàsachadh agams
mud dhìlseachd a mhaireas gu bràth,
achs fheudar gun dealaich gach anam
fo òrdugh daingeann abhàis.

Bobaidh: Than oidhche ri tighinn -
achuibhreann nach tàinig mar thà,
s bidh misair mo shlighe
asiubhal tro ghleanntan abhàis,
s nuair chì thu mo spiorad
san tìrs nach bi oidhche no ,
bidh sinn còmhla a-rithist
an caidreabh a chèile mar bhà.

Bobaidh agus Iain MacIlleGhlais. ’S dòcha, mar tha achlach ann an Cladh nam Manach Liath atoirt man airidh, gu bheil gu dearbha leasan an seo do na h-uile.

Ach, mar a thuirt am fear eile, “Sin far na dhfhàg mise iad!”

titleBobaidh
internal date1993.0
display date1993
publication date1993
level
reference template

Dòmhnall Iain MacIomhair in Gairm 163 %p

parent textGairm 163
<< please select a word
<< please select a page