[341]

ROIMHCURAM ANNS ACHOIMHEARSNACHD1993
le Cairistìona A. NicRisnidh

Anns aGhiblean 1993 chaidhCùram anns aChoimhearsnachda stèidheachadh tro lagh na Rìoghachds thathar den bheachd gum bi cùisean nas fheàrr gu h-àraid mu thimcheall a bhith acoimhead às dèidh seann dhaoines gun teid cùram a ghabhail dhiubhnan dachaighean fhèin cho fads a bhios iad ag iarraidh, neo cho fads as urrainn sin a bhith deis. Bithidh an obairs na seirbheisean seo air a riaghladh tro Roinnean Obair Sòisealta.

Ach cha be càil ùr a bha seo a thaobh feadhainn de na seann dhaoine anns na Eileanan an Iar. Bha oidhirpean mòr air an dèanamh airson coimhead às dèidh seann dhaoines an cumailnan dachaighean fhèin roimhe seo mar a chithear. Seo cùnntas air mar a dhèilig seirbheisean Comhairle nan Eilean is taic na coimhearsnachd ri feumalachd an teaghlaich againnes ar pàrantan aig deireadh an làithean, mus tàinig an lagh seo a-steach.

Mar iomadach teaghlach eile le pàrantan afuireach anns na h-Eileanan, bha e adèanamh tòrr dragh dhuinn ciamar a dhèanadh sinne agus iadsan achùis nan tigeadh an latha a dhfheumadh iad cuideachadhna sean aois, is sin gu h-àraid leis aChuan Sgìth eadar sinnes iadsan. Bha sin eadhons ged a bha brathairs piuthar-cèile a bha gu math furachail air a feumalachd afuireach faisg orra. A bharrachd air na bhagainn mu dheidhinn ar pàrantan, tha mi creidsinn, mar theaghlaichean eile, nach robh sinn airson an uallach gu lèir fhàgail orrasan a bha faisg air làimh.

Bha ar pàrantan air a bhith air thigheadas ann am Brù bho phòs iad ann a 1932, air a lot far na rugadhs na thogadh ar n-athair. Bha a lot air a thoirt a-steach le sheanair às dèidh dhàsan a bhith air fhuadach às a Riof ann an Uig ann a 1850 - Pàirc Bhrù, àite a bha glè mhi-charthannachs eadar-dhealaichte ris a Riof a thaobh teachd-an-tìr, iasgachs goireasan beò-shlainte eile aig an àm sin.



[342]

Ach bitheadh sin mar a bha e, bha ceangal mòr aig ar pàrantan ris an àite anns an do thog iad ceathrar cloinnes ged a bha fios glè mhath aca gu robh iad glè dhi-beathte a dhol a dhfhuireach còmhla ri duine sa bith den teaghlach uair sam bith, bha iad glè aindeonach fàgail an dachaigh fhèin. Is a chuireadh umhail orra?

Ged a bha ar n-athair rudeigin cuagachs caileapair air an dàrna cas aige, bha na dithis aca adèanamh achùis glè mhath leo fhèin, acoimhead às dèidh beagan chaorach, lios na lusan, ’s lios eile timcheall an taighe le rèidhlean is i làn shìtheanan. Bhitheadh iad acuideachadh daoine eile le mòine mar a burrainn dhaibhs ag oibreachadh amhòine aca fhèin le cuideachadh bho choimhnearsnaichs bhon an teaghlach.

Mar sin bha cùisean adol rudeigin mar a bha iad a riamh achs dòcha beagan na bu shlaodaich. Bha iad gu math dòigheil le ar bràthair atadhal a h-uile lathas e fhèins a bhean atadhal air Disathairne is feasgair na Sàbaid. Bhitheadh càch den teaghlach afònadh gu trics atighinn dhachaigh aig na làithean saoras acuideachadh mar a burrainn dhaibh. Cha robh càil mìorbhaileach, neo-àbhaistach neo eadar-dhealaichte a seo a bharrachd air teaghlaichean eile. Seo mar a dhùilichear cùisean a bhith aig an àm sin anns na h-eileanan.

Ach dhatharraich cùisean dhuinne ann a 1983 an uair a dhfhàs ar màthair tinns a bha feum aca air cuideachadh. Fhuair iadHome - Helpbho Chomhairle nan Eileans abair thusa gun do chuir iad fhèins an teaghlach meas air an t-seirbheis sin. Bha ar màthair 73s ar n-athair 81 aig an àm sin.

Ach cha be a-mhàin am meas a chuir iad air an t-seirbheis fhèin ach cho maths a bha aHome - Helpann an dòighean eile. As an dol seachad dhith air gnothaichean eile, bheireadh i a-steach an t-aodach bhon an t-sreang, shealladh i ris na caoraich, afuasgladh neo dùnadh geata dhaibh, chuidicheadh i aig àm na mòines ann an iomadach dòigh eile, is sin gu lèirna tìde fhèin. A thuilleadh air a sin, thigeadh i le prèasantan de uighean is bèicearachd. Nam bithidh i ann a Steòrnabhagh neo faisg air bhana-èisg ghabhadh i an cothrom air iasg (rud air a robh ar pàrantan glè mheasail) a cheannach dhaibh. Gun teagamh phàigheadh iad i airson rudan mar sin. A bheil àite eile ann far a bheilHome - Helpssamhail ris an fheadhainn a tha aig Comhairle nan Eilean? A bharrachd air a bhithnaHome - Helps, tha a sùil air na seann dhaoine mar bhall den achoimhearsnachd cuideachd. Sin mar a fhuair sinne iad co-dhiù.

Thàinig bàs aithghearr air ar màthair ann a 1985 aig aois 75, a



[343]

fàgail ar n-athairna aonar san tigh. Ach ged a bha, bha e airson fuireach ann le cuideachadh aHome - Helpcho fads a burrainn dha. Bha creideamh mòr aige gu ruigeadh Roinn na h-Obair Sòisealta air fheumalachd. Agus cha do leig iad sìos e. Mar a bha e afàs na bfheumalaich bha Roinn na h-Obair Sòisealta atoirt dha tuilleadh cuideachaidh. A bharrachd air a sin bha luchd na bhanaichean glè mhath ar a bhith acur am bathair a-steach an taigh dha. Bha am Post air leth math cuideachd. Mar a chanadh sinn, bha sùil na coimhearsnachd air. Bha e eagalach dèidheil air leughadhs bha seirbheisean a leabharlainn-siubhail glè fheumail airson leabhraichean a chumail ris. Mar a bha e afàs na bu mhì-chomasaichs na coimhearnsaichs na co-aoisean aige afàs na bu ghainne bhiodh e ri dèanamh cèilidh air an fòn. ’S e duine a bhann a bha cur feum agus meas air cuideachd. Be sin àite eile san robh aHome - Helpglè fheumail, atoirt a-steach naidheachdan na coimhearsneachds na sgìre.

Ach thàinig an t-àm ann a 1990 an uair a bha an taigh feumach air a chàradh. Bha dorsan is uinneagan ùr ri chur ann is mòran eile a thuilleadh air a sin. Cha robh air ach fear de na Taighean-Fasgach ann am Barabhas a rèiteachadh le Comhairle nan Eilean ach an deidheadh ar n-athair a dhfhuireach ann fhads a bhithear acàradh an taighe. Cha robh aige ri feitheamh fada. Chaidh e a Bharabhas anns an Og-mhìos 1990. Bha truas mòr againn ris afàgail a thaigh fhèin, eadhan airson ùine ghoirid, às dèidh faisg air tri-fichead bliadhna air a làrach, is achuid bu motha dha bheatha ann am Brù. Achs ann dhuinn bu lugha a leigeadh a leas. Abair thusa gun do chòrd Barabhass an taigh beag goireasach ris. Bha daoine a-machs a-steach fad a latha, ’s e sin am port a dhannsadh esan! Cuideachd gu leòr! Bha a bhràthair-cèile dhoras bhuaithe agus ban-nabaidh à Brù an ath dhoras. Bha e a-measg chàirdean agus luchd eòlaichs cha burrainn dha a bhith na bu thoilichte. Cha robh e fhèin no an teaghlach air tuigsinn mar a bha an aonaranachd air snàigeadh a-steachna bheatha ann am Brù bho bhàsaich ar màthair. A bharrachd air a sin bha na nàbaidheans na co-aoisean air fàs tearc, bha a fhradharc afàilligeadhs bha e duilich dha leughadh.

Tha mi beò a seo,” chanadh e, “ ’S ann a bha mi dìreach afuireach ann am Brù mu dheireadh”.

Bha awardenacoimhead a-steach a h-uile madainn, is chùm aHome - Helpoirre mar a bàbhaist. Bha an taigh blàth is seasgair, ’s bha rùm gu leòr ann dhàsans na bha e ag iarraidh a thoirt leis à Brù airson fheumalachd.

A chiad turas a chaidh mi dhachaigh às dèidh dha a dhol don



[344]

Taigh-Fasgach dhfhaighnich mi dha le beagan iomagain,

a-nis mar a tha seo acòrdadh ruibh?”

Tha gu math”, arsa esan, “Cha teid mise air ais a Bhrù tuilleadh leam fhèin ged a chàraichear an taigh!”

As an Dàmhair sabhliadhna sin chaidh ar n-athair a thoirt don ospadal airson opairèisean cabhagach don a stamag aige ann a meadhan na h-oidhche. Smaoinich sinn gun tigeadh e thugainn fhèin a Ghlaschu no gu ar bràthairs a bhean ann a Siadair nuair a thigeadh e a-mach às an ospadal. Bha e fhèin adol le sin. Ach nuair a thàinig an t-àm mhiannaich e a dhol dhachaigh a Bharabhas. Bha e alàn chreidsinn gun toireadh Roinn an Obair Sòisealta a-rithist cuideachadh dha a-rèir fheumalachd. Agus cha robh e ceàrr!

Fhuair eHome - Helpairson an teine a ghlanadh is a chur air as amhadainn is airson a bhracaist a thoirt dha anns a leabaidh, rud gu dearbh air nach robh e a riamh eòlach. Bha awardenatadhal aig deich uairean a h-uile madainn, Home - Helpeile aig aon uair deug airson obair taighe is biadh meadhon-latha ullachadh, eile aig còig uairean, àm na , is teile mu dheich uairean airson a shuipear a thoirt dha. Bhiodh ise adèanamh cinnteach gu robh plaide an dealain is solas na leap air. a dhiarradh seirbheis na bfheàrr na sin?

A thuilleadh air seirbheisean Comhairle nan Eilean bha na càirdean, a luchd dàimh, na nàbaidheans an teaghlach acumail taic ris. ’S e fhèin a bha air a dhòigh! Bhiodh e fhèin ag ràdh nach robh Màthair na Bànrigh (a cho-aois) air a coimhead às a dèidh na bfheàrr na bha esan!

Thàinig bàs aithghearr air le tinneas cridhe anns aGhearran 1991 nuair a bha e gu bhith ceithir fichead bliadhnas a deich. Chaochail ena leabaidh fhèin mus tàinig an ambulance airson a thoirt don ospadal. Bha ar bràthairs a bhean, a bhràthair-cèile is càirdean eile timcheall air aig an àm.

An dùil an dèan seirbheasan ùraCùram anns aChoimhearsnachda thòisich anns aGhiblean 1993 càil nas fheàrr a thaobh seann dhaoine? Bithidh e cruaidh orra. Ach tha aon fìor, gus bith cho maths a bhitheas iad, cha bhi duine nas taingeil air a son no nas toilichte leo na bha ar pàrantans an teaghlach againne leis na seirbeisean a fhuair sinne. Bha na seirbheisean is taic na coimhearsnachd ag obrachadh còmhla ri chèiles acoinneachadh ri ar feumalachd ann an dòigh a bha gu math rianail aig an àm a bha siud.

titleRoimh ‘Cùram anns a’ Choimhearsnachd’ 1993
internal date1993.0
display date1993
publication date1993
level
reference template

Cairistìona A. NicRisnidh in Gairm 164 %p

parent textGairm 164
<< please select a word
<< please select a page