INNIS TILE
le Seonag Mhoireasdan
Air mo shlighe dhachaigh às an sgoil, là bha siud, thadhail mi le ceud cabhaig an oifis luchd-turais a cheannach ticeard rathad-iarainn. Ghlac mo shùil map mòr fom chomhair air a’ bhalla. Bha aon fhacal sgrìobhte air - ICELAND . Rinn seo grèim orm, agus bhòidich mi gun tadhlainn an sin uaireigin.
Shuath mi ri iomadh rubha mun do ràinig mi Innis Tile, ach riamh bhon uair sin tha mi inntinneach teò-chridheach dhan dùthaich annasach seo. Is e“Miss Black” a bha air da-fhichead bliadhna a thoirt a’ teagasg ann an Sgoil MhicNeacail an companach a bha agam - agus cha b’ urrainn na b’ inntinnich no na b’ èibhinn. Cha tug sinn ach dà uair-a- thìde air diet-itealan à Glaschu chun a’ phrìomh-bhaileRekjavik .
An ath là sgèith sinn air itealan beag thairis ri bòrd deas na mara gu sna ràinig sinnHofnan ear-dheas Innis Tile. Chunnaic sinn shìos fodhainn EileanSurtsey a dh’ èirich a-mach às a’ chuan ri linn brùchdadh bolcànach ann an 1964. (Tha nise rathad troimh cheann-a- deas Innis Tile ged nach robh nuair a thadhail sinne ann). BhoHofn ghabh sinn ann am bus suas taobh an ear na rìoghachd, null an taobh tuath agus sìos an taobh siar gus na ràinig sinnRekjavik air ais. Tha Innis Tile nas motha na Eirinn a Tuath agus Eire còmhladh, ach chan eil daoine ri fuireachd ach timcheall an oir. A-staigh san tìr bha an eighr-shruth as motha air an t-saoghalVatnajoicull agus beinn-theineHekla . Bha mòran dhen tìr coltach ri uachdar na gealaich mar a chì sinn e air teilebhisean.
Is e àite iongantach tha ’n Innis Tile. Tha an t-uisge teth troimh na pìoban anns na taighean a’ tighinn teth às an talamh. Bha sinn a’ snàmh ann an uamh le uisge cho teth ’s a dh’ iarradh duine ann an amar-ionnlaid. Airson lof a bhruich cha robh aca ach an taois a chur ann am bucas fon talamh agus bhruicheadh teas na talmhainn i. Aon fheasgar chaidh sinn air bàta-iasgaich gu eilean beag tuath air Innis Tile, seachad air creagan mòra làn eòin de gach seòrsa. Air an eilean bheag seo ghabh sinn ealla ris a’ ghrian a’ dol fodha mu mheadhan oidhche agus ag èirigh cairteal na h-uarach an dèidh sin. Gu dearbh, thog mi dealbh gun lasair-sholais agus thàinig e mach glè mhath.
Fhads a bha sinn anns a’ bhus bha againn ri fios a chur air a rèidio an-dràsda agus a-rithist chun a’ bhaile a b’ fhaisge bhiodh
Is ann an hostailean sgoile mar bu tric a bha sinn a’ fuireach, ach bha taighean-òsda glè inbheil aca cuideachd. Aig àm bracaist bha clàr bidhe de gach seòrsa, eadhon iasg amh, aran dubh Gearmailteach agus iomadh rud eile. Bheireadh tu leat gach seòrsa a chòrdadh riut agus na thogradh tu dheth. Bha bàrr (neo uachdar) tiugh aca fhèin air an robhskeur. Thug e ’na mo chuimhne-sa na leacan bainne-tiugh a bhiodh fon an uachdar sa’ mhias fad an t-samhraidh, ach bha e na bu ghoirte. Chòrd e riumsa ged nach do chòrd e ris na Goill. Bhiodh na daoine a’ cur dhiùbh am brogan aig dorais nan taighean agus nam bùthan agus a’ dol a-steach air ceann an stocainnean, ach cha do rinn sinne siud idir.
Aon là thàinig oirnn thighinn às a’ bhus seach nach robh an drochaid làidir gu leòr airson cudthrom a’ bhus agus na daoine a ghiùlain. Bhitheadh sinn a’ dol astar agus ùine mhòr eadar biadhan. An là bha seo, bha sinn air fìor mhoch-eirigh a dhèanamh agus an rathad mòr a ghabhail. Cha robh guth air stad airson diathad agus an-dràsda ’s a-rithist bha fear a’ bhus ag innse dhuinn an uair a ruigeadh sinn am baile far an cuireadh sinn seachad an oidhche, gu faodadh sinn itealan a ghabhail gu eilean anns an“Artic Circle”agus gheibheadh sinn barrantas gu robh sinn air a bhith ann. Bha e nise trì uairean feasgair agus cha robh guth air biadh no sealladh air baile anns am faigheadh sinn e. Chuala miMiss Blackag ràdh fo h-anail: “ ’S e barrantas gun deach mi thairis Abhainn Iòrdain a gheibh mise mur a greas iad orra le mo bhiadh!”
’S e bun a bh’ ann, an dèidh a h-uile togail ris, gun robh cus ceò ann agus cha dhearcadh an t-itealan air an t-slighe.
Cha do fhreagair mi fhathast a’ cheist a bhios a h-uile duine a’ cur orm “Dè seòrsa aimsir a bha agaibh?” Bha e na bu bhlàithe na Leòdhas a dh’ fhàg mi. Troimh an là bhiodh sinn ri toirt dhinn ar càrdagan no seacaid ach feasgar bha glaodh fhuar a’ tighinn bhon eighr-shruth.
’S iomadh rud eile a tha agam ri innse mun tìr annasach seo, ach is dòcha gun dh’ innis mi dhuibh gu leòr airson miann a chur oirbh fhaicinn air ur son fhèin.
title | Innis Tile |
internal date | 1993.0 |
display date | 1993 |
publication date | 1993 |
level | |
reference template | Seonag Mhoireasdan in Gairm 165 %p |
parent text | Gairm 165 |