LATHA EILE AM BAILE CHAOLAIS
( ’S ann á Baile Chaolais a bha D. Mac an t-Saoir, agus anns an sgrìobhadh seo tha e a’ cuimhneachadh mar a bha cùisean ann an deichead nan 1930an. ’S e Fred MacAmhlaigh a chuir thugainn seo, agus bha esan air fhaighinn o chionn bhliadhnachan bho Iain MacAonghais, a bha ’na charaid do Mhac an t-Saoir. Tha blas na cainnte air fhàgail dìreach mar a bha e.)
“Droch Tholl” gairm nan creagadair. Fad dà cheud gu leth bliadhna bha a’ ghlaodh mhòr seo ri chluinntinn ag ath-ghairm measg monaidhean àrd Bhaile Chaolais, an taobh tuath Latharna, Earra Ghaidheal. An-diugh tha ’chreag sàmhach, gun duine beò ag obair innte, agus muinntir a’ bhaile ag ionndrain fuaim càirdeil obair na creige.
Ann an 1875 chaidh sia millean lice air fhichead a dhèanamh agus a reic ás a chreag, am bliadhna sin bha sia ceud duine ag obair innte agus mu dhà mhìle gu leth a’ còmhnaidh anns a’ bhaile. Bha sia sgeilpean anns a’ chreag, ceithir os cionn an rathad mòr agus a dhà gu h-ìosal fodha, uile gu lèir còig ceud troigh bho bhun gu bàrr. Bha a dhà dheug mìle de rathad iaruinn feadh chreige, agus aig an àm seo b’ e eich a bhi ’g a’ tarraing na cairt-mhòr, no bògaidhs, bàtaichean a’ toirt a sgliata air falbh gu deas agus gu tìrean cèin, bho cidhe trang a’ bhaile.
Eadar an dà chogadh mòr bha faisg air trì cheud ag obair sa’ chreag. B’ e ’n pàigheadh deich sgillinn san uair agus ceithir tasdain gach mìle lic. Le creag mhath agus sìde mhath ghabhadh faisg air trì pùnnd Shasann a chosnadh as t-seachdan, ach ’s ainneamh a gheibheadh duine seo le droch chreag agus tìm briste. Gu math tric sa’ gheamhradh thug e leòr do dhuine deich tasdain air fhichead a thoirt dhachaigh agus iomadh uair nas lugha.
’S i Ghàidhlig a chleachd na h-uile duine sa’ chreag agus sa’ bhaile uile gu lèir, seach coigreach no dhà a bha pòsda ri nigheanan a’ bhaile agus cha robh iadsan fada fàs tuigseach dhi.
Bha na sgeilpean, no na levels, air an roinn ’nan creagan mu dhà fhichead troigh air leud agus bha sianar dhaoine a’ dèanamh a
’S e obair goirt, doirbh, agus cunnartach a bha seo, gu sònraichte sa’ gheamhradh ’n àm a bhitheadh atachd reodhadh air creag agus na ruip fuar fliuch agus cruaidh. An àm a thaghadh iad àite toll, dhìreadh fear air ròp agus tharraingeadh e suas bòrer agus toradh, chuireadh e toll mu dhoimhneachd dà òrlach an aodann a’ chreag agus toll eile mu thrì troighean air astar bhon cheud tholl. Chuireadh e an sin geamhlag ’s gach toll agus bùird eadar an dà gheamhlag a’ toirt àite seasamh dha airson an toll domhainn a bhòradh. Mar as trice bhi ’g an toll seo eadar trì agus sia troighean a dhoimhneach a-rèir an stuth. Bha an toll an sin air a ghlanadh a-mach agus an fùdar air a chur innte. An dèidh a’ cheud òrlach de fhùdar bha fuse air a chur a-staigh le snaidhm air a cheann, agus an sin an còrr fùdar gus an robh gu leòr innte. Bha an fùdar air a phucad a-staigh don toll le dreasar chopair, an toll an sin air a stopadh gu bheul le crèadha bog agus pìos den fhùse air fhàgail an crochadh a-mach, an sgeilp seasamh an sin air a leagail gu ùrlar na creaga. Bha an ullachadh seo dol air adhart sna h-uile creag agus bhiodh iad còmhla deiseil aig àm nan tuill, deich uairean sa’ mhadainn agus trì uairean feasgar. Aig àm nan tuill chaidh an còrr de na h-oibriche gu fasgadh am bothain garbh a chaidh thogail airson an gnothach seo. ’N àm a shèideadh feadag nan tuill chaidh sponc a chur ris na h-uile fùse a’ tòiseachadh aig an sgeilp as ìsle gus an sgeilp as àirde. Dhìrich fear na creag a-mach am mullach agus tharraing e an ròp a-suas às a dhèidh. Thug an fùse dhaibh mionaid de thìde gach troigh.
An dèidh na tuill a dhol dheth theirinn na creagadairean air na ruip a ghlanadh aodainn na creige ’s ga dhèanamh sàbhailte. Chaidh an sin obair ùrlar a’ chreag air adhart, na cloich mhòra air an sgoltadh le òrd dà làimh agus gilb goirid thiugh air a ghreimeadh ann an gad challtainn. Bha na blocaichean air am plocadh le òrd làimh agus gilb phlocaidh gus an robh iad na b’ fhasa làimhseachadh le gillean a’ bhanc. Bha mòran obair ri dhèanamh a chumail ùrlar a’ chreag glan. Mar as trice bha mòran a bharrachd de dhroch stuth ann na bh’ ann de stuth math, agus b’ fheudar cuidhteas fhaodainn dheth seo le chur ann an cairt-mhòr agus a thaomadh thairis air bàrr a’ chiup gu’n loch.
Bha na bancairean ’nan suidhe ann an crò, fear a’ sgoltadh le
gilb thana agus farachan. “Nam biodh stuth math aige cha mhòr nach sgoltadh e bloc cho tana ri pàipear”. Thogadh e dùn de sgoiltean eadar e fhèin agus an gearradair. B’ e acfhuinn an gearradair, corc (sgian sgliata), òrd phice, agus brec. Leis an t-òrd phice chuireadh e sreath thuill bheaga ann an sgoilteadh thana agus bhristeadh e seo thairis air a’ bhrec gu tomhais cothromach airson leac a ghearradh. Le stuth math dhèanadh dà bhancair math còrr is dà mhìle lic ann an latha.
Bha an sgliata air an cùnntas ’nan àireamhan de shia. Bha àireamh air fhichead agus a h-aon leac ann an ceud. Seo a’ ciallachadh gu robh am marsanta faodainn sia fichead ’s a seachd lic anns gach ceud. Mar a tha tuigseach bha an obair seo glè throm air briogais agus bròg. Bhiodh na bancairean a’ cosd glùnaichean airson am briogais a chaomhant. ’S iomadh clùd is breaban a bha ri fhaicinn air briogais is bròg aig an àm seo. ’S e briogais chraiceann-famh agus brògan tacaideach a bha gan cosg le na creagadairean mar as trice. Bha rathaidean claonda air an togail eadar gach sgeilp, le dà rathad iaruinn taobh ri taobh orra. Air an ceann gu h-àrd bha druma mhòr na sheasamh le ròp iaruinn mun cuairt air, le sprag no stad làimh air aon cheann den ròp aig bun a’ chlaonda agus an ceann eile aig a’ mhullach. Nuair bha bògaidh làn stuth ri chur a-sìos bho aon sgeilp gu sgeilp eile, bha bògaidh falamh air a cheangail ris a’ cheann ìsle agus an tè làn gu’n cheann gu h-àird. ’N àm a theirinn an tè làn tharraing i an tè falamh a-suas, an sprag a’ cumail smachd air a luaithe. B’e dòigh gu math saor, luaithe, agus sàbhailte a bha seo air stuth a làimhseachadh. Bha cuid de na rathaidean claonda gu math fada, tè dhiubh a-mach á trì cheud slat.
Mar seo bha an sgliata air a thoirt bho na sgeilpean as àirde sìos gu’n rathad mhòr agus a-mach gu’n chidhe agus gu’n rathad mhòr iaruinn deas, agus an sin ruig na marsantan ’s na bailtean mòra mu deas. Bha an obair trom agus searbh aig amannan, ach bha i glè inntinneach agus bha mòran dibhearsan, agus cracaireachd shùnndach measg nan creagadairean. Bha iad uile san aon shuidheachadh. Ma bha droch sheachdan ann cha robh ann ach a’ bhochdainn, ach theagamh gun tàinig a bharrachd sonais, càirdeas agus spèis ás a’ bhochdainn na thàinig riamh á beairteas.
An-diugh tha gillean na creag sgaipte, mòran choigreach sa’ bhaile, agus a’ bheag Gàidhlig ga bruidhinn, dòigh a’ bhaile mhòr a’ sgaoileadh gu’n dùthaich, dorsan dùinte agus glaiste a chleachd a bhith faoin-fosgailte tairgsinn fàilte blàth cridheil, gun fhuaim sa’ chreig ach fead siubhail a’ ghaoith ’s e ’g osnaich ’s a’ caoidh airson làithean aighear a dh’ aom.
title | Latha eile ann am Baile Chaolais |
internal date | 1994.0 |
display date | 1994 |
publication date | 1994 |
level | |
reference template | D. Mac an t-Saoir in Gairm 166 %p |
parent text | Gairm 166 |