AN RIASAG BHUIDHE (COLBHASAIGH)
le Barbara Nic Alasdair (Satchell)
B’e sreath do thaighean tugha, dlùth air a’ chladach a bha anns a’ bhaile bheag seo, taighean a thog muinntir a’ bhaile iad fhèin. Bha camhsair do chlachan sìnte a’ ruith o cheann gu ceann mun coinneamh. Cha robh gàrraidhean flùr aca, ach dìreach nalillies aig Màiri Dharach.
Bha croitean thall pìos math air cùl a’ bhaile. B’e obair throm a bh’ann nuair a dh’fheumadh na mnathan a bhith giùlain buntàtat, mòine, ’s mar sin air aghaidh, ann am bascaidean air an dromannan. Bhiodh fir a’ bhaile thall ann an Diùraigh, ag iasgach ghiomach ’s gan creic airson beòshlaint; b’ann ann an uamh a bhiodh iad a’ fuireach.
Bha taigh Sheumais ’na sheasamh leis fhèin ’s b’e seo an aon àite san robh gàrradh. Bhiodh dearcan dubh, gròiseidean agusrhubarb aige . Cha robh Seumas pòsda, ach b’e caraid na cloinne. Bhitheamaid a’ tadhal air, Di Dòmhnaich, a’ leigeil fhaicinn dha na“peenies”ghlan. Bhiodh aran lof aige agus bheireadh e dhuinn pìos, is ìm is siùcar. Bha cluais gu math truacanta aige agus dh’èisdeadh e ris na cùraman againn.
Anns a’ chiad taigh san t-sreath, bha am bàrd Colbhasach, Gilleasbuig MacNèill a’ fuireach. Tha e searbh nach eil an obair aige sgrìobhte oir rinn e òrain èibhinn mhath; bha cù mòr dubh aige le Ready mar ainm, agus bha Ready crosda: bha eagal againn roimhe. Anns an ath taigh bha cloinn NicLeòid agus an seana-mhathairMrs MacFadyen: b ’e “Faidi” a bhiodh againn oirre. Tha cuimhneam gum biodh i a’ sàbhadh fiodh airson na teine. Bha a nighean aiceMrs MacLeodair falbh ann a seirbhis aig aon àm agus bha i car droil, cha mheasgaicheadh i le daoine a’ bhaile, bha ise cho ionnsaichte. ’S anns an ath taigh bha Màiri Dharach, a bhiodh a’ figheadh stocainnean don h-uile duine sa’ bhaile. Bha coimhearsnach aice dom b’ainm Catrìona Alasdair. B’ise ban-tàillear an eilein, bhiodh i dèanadh fuaigheal do na h-uaislean ’s na h-ìosalan; bha beirt innleachd fuaigheal aice, agus air làithean fliuch, rachamaid a-staigh do thaigh Chatrìona, bheireadh i dhuinn “port” air a’ mhachine . Cha robh i mòr le Màiri Dharach ’s bhiodh i ag ràdh, “cha bhi eudail a’ figheadh ach daoine leisg.”
Bha ’n taigh againn anns a’ mheadhon, ’s a sin fear mo sheanmhar; aig a’ cheann shìos uile gu lèir bha tigh bràthair m’athar; bha ma dhusan cloinn aige, ’s bha bean laghach aige à
[Dealbh]
Sòthaigh. Bu toigh leinn a bhith dol don taigh sin, bha bràthair m’athar glè naomh, bhiodh searmoin bheag aige anns an taigh a h-uile oidhche, mun teidheadh iad a chadal. Bha aig a’ chloinn anns a’ bhaile bheag seo, ri coiseachd trì mìltean chun na sgoileadh. Bha aca ri dol pìosa math mus ruigeadh iad an rathad mòr, bhitheadh brògan tacaideach orra anns a’ gheamhradh, agus cas-ruisgte san t-samhradh. Bhiodh pìos bonnach mineadh agus ìm aca ’nam pòcaid airson an dìnneir aig meadhon latha, ’s b’ann gu dearbh glè acrach a bhiodh iad mun ruigeadh iad dhachaigh airson an tràth feasgair. Gheibheadh iad iasg saillte le buntàta, “stewcoinean ”, brot na ma-dh’fhaoidte buntàta ’s sgadan. B’e bonnaich mhineadh an t-aran, chan fhaigheadh tu lof ach aig a’ bhliadhna ùir, air uairean bhiodh lof ann le“currants”, bha seo cho math ri cèic sa bith. Bhiodh Seumas a’ ceannach lof na bu trice o chionn cha bhiodh e a’ deasachadh, mar a bhiodh mnathan a’ bhaile.
Thigeadh “BodachClaus ” aig a Nollaig, agus lìonadh e na stocainnean mòra dubha bhiodh Màiri Dharach a’ figheadh dhuinn, le ubhal, orainsear, cnothan, mìlsean agus daonnan tiodhlac bheag air choreigin. Bhiodh na daoine a’ sgrìobhadh air falbh do Ghlaschu chun Blackwood airson bocsa mòr(tea chest)do bhiadh. Bha aon bhodach anns a’ bhaile ’s cha robh uabhas beurla shasannach aige, bhiodh a bhean a’ fulang leis a chion mheirbhidh. Aon uair aig deireadh litir Bhlackwood chuir am bodach. “P. S And a pound of soda for Bell for the storm”. B’e ’m fearas-chuideachd b’fheàrr leis na caileagan beaga, a bhith dèanadh taighean beag. Bha creagan freagarrach airson a’ ghnoth-
aich ri taobh na h-aibhne far am biodh sinn anns an t-samhradh gar glanadh fhèin. Cha robh ann ach glè bheag de chraobhan ach bha tè shònraichte ann air an robh àrdadan letheach suas, ’s nuair a thigeadh an t-uisge b’ann sa’ chraoibh seo a bha sinn a’ fasgadh. Cha robh rathad mòr ceart dol a dh’ionnsaigh a’ bhaile; b’ann air chois troimh na cnocan a rachadh daoine don bhùth a bha ma thrì mìltean. Dh’abrainn gum b’e astar glè mhòr a bha seo, a ghiùlain pocaidhean mòra mineadh agus gnothaichean eile.
Choinnich cuideigin mo sheanair aon latha ’s poca min air a dhruim. Bha e bodhar (mo sheanar). Thuirt a fear eile ris, “Cia mar a tha thu ’n-diugh a Cholla?” Fhreagair mo sheanair, “Tha bolla mineadh”, “Cia mar a tha daoine sa’ Riasag Bhuidhe?” “Tha deich air fhichead”. Tha eagal orm gum biodh bolla mineadh barrachd is sin an-diugh. Ann a naoi ceud deug agus dhà air fhichead, b’fheudar dhuinn an t-àite prìseil seo fhàgail. Thog a’ Bhan-Mhormhair Strathcona deich taighean mòr gasda dhuinn anns a’ Ghlasaird, ach cha robh a dhìth air a’ bhàrd a thaigh fhèin fhàgail. Dh’fhan e leis fhèin fad mìosachan anns an Riasag mus tàinig e don Ghlasaird. Tha mi dèanadh dheth gun robh nàdur an fhaigheadair ann cho math ri bàrdachd, oir rinn e òran airson càraid òg a bha suirigh, mar a leanas,
“Theid thu null leam a rùin,
’S bithidh taigh ùr againn sa’ Ghlasaird
’S bhon tha ’n aiteirich cho mòr
Gheibh sinn òran san dol seachad.
Chì thu fhèin gu bheil iad rìomhach
Air an gnìomh le aol ’s le clachan
Sgleadan tan a Bhaile Chaolais
Tha gan dìon bho ghaoith ’s bho fhrasan.
Bithidh gu leòr againn co-dhiùbh,
’S gheibh sinn inneal giùlain dhachaigh
’S nuair a bhios thu dol don bhùth
Bheir e null thu fhèin ’s an leanabh.”
Cha tàinigmotor -cardon eilean gus mu fhichead bliadhna an dèidh sin, ach ’s fheudar gun d’fhuair am bàrd rabhadh roimhe sin. Cha robh mis ach còig bliadhna nuair a d’iomraig sinn don Ghlasaird. Chuir sinn seachad bliadhnachan làn toileachais ann; bha croitean brèagha dol a-sìos chun a’ chladaich aig gach taigh. An-diugh chan fhaicear annta ach gobhraichean ag itheadh an fheòir a b’àbhaist a bhith toirt biadh don chrodh.
Tha anDeep Freezera-nis a’ cumail biadh ris na daoine, ’s chan eil iomradh air iasgach neo air bleoghan. Co-dhiù ’s e naidheachd eile a tha anns a’ Ghlasaird.
title | An Riasag Bhuidhe |
internal date | 1994.0 |
display date | 1994 |
publication date | 1994 |
level | |
reference template | Barbara Nic Alasdair in Gairm 167 %p |
parent text | Gairm 167 |