OBAIR MAC AN DUINE
le Tormod E. Dòmhnallach
Nuair a thàinig crith air an talamh ann an ceann a tuath agus ann an iar thuath na h-Alba agus a ghluais e air falbh bhon chòrr den dùthaich, nam biodh an sgaradh a thachair air a bhith leth cheud troigh na bu doimhne bhiodh e air lionadh le sàl na mara.
Anns an sgaradh a bha trì fichead mìle ann am faid, eadar Inbhir Nis agus an Gearasdan nochd trì lochan – Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lòchaidh. Tha iad sin suas ri ochd deug thar fhichead mìle ann am faid.
An sin rinn mac an duine ionnsaigh air crìoch a chur air an obair a dh’fhàg nàdar agus ann an 1803, chuir an Riaghaltas air bonn an Canàl Albannach a chladhach. Bha e gus cothrom a thoirt do bhàtaichean seòladh eadar an Cuan a Tuath agus an Cuan Mòr.
Thug e fichead bliadhna de chruaidh obair clais a chladhach a bha fichead troigh ann an doimhneachd agus ceud agus deich troighean ann an leud. B’ann leis an spaid, an t-òrd, a’ phiocaid agus a’ gheimhleag a bha na fir ag obair agus cha robh iad a’ cladhach ach beagan agus mìle gach bliadhna.
Cha robh na h-uidheaman ann, anns an latha sin, a chladhaicheas agus a thogas na tunnaichean de dh’ùir agus de chlachan agus a shadas iad ann am broinn làraidh.
Bha an Riaghaltas, an uair a bha e ro fhadalach, a’ gabhail uallach a thorradh na bha de na Gaidheil a’ fàgail an dùthaich agus a’ triall chun nam bailtean mòra agus gu tìrean cèin.
Shaoil leis na buill pàrlamaid gum faigheadh mòran obair co-cheangailte ris a’ Chanàl Albannach, chan e a-mhàin ga chladhach ach cuideachd a thorradh air a’ ghnìomhachas agus am malairt a bheireadh e don Ghaidhealtachd.
Air don bhàrr a bhith lag agus tearc ann an 1799 agus 1800 thug na mìltean an casan leotha agus bha an Riaghaltas a’ faighinn càineadh a bha a’ cur imcheist air gach neach anns a’ phàrlamaid. Mar sin chosg iad £912 ,000 air a’ chanàl agus is dòcha gur e sin a’ chiad oidhirp aig an Riaghaltas air cuideachadh roinneil a thoirt seachad.
Aig an àm bha Breatann an sàs ann an CogadhNapoleonagus dh’fhàgadh canàl gun teagamh bàtaichean na bu shàbhailte bho
[Dealbh]
An Canàl Albannach faisg air a’ Ghearasdan.
longan creachaidh nam Frangach seach iad a bhith a-mach air uachdar a’ chuain.
Nuair a chaidh fhosgladh bha an canàl mòr gu leòr airson a bhith a’ giùlan bàtaichean cuain agus bhiodh longan siùil a bhiodh a’ triall chun a’ mhuir Bhaltaic agus gu Ameireaga, ga thathaich.
Mar sin cha robh feum air a dhol timcheall ceann a tuath Alba agus bha e comasach a’ mhuir fheargach, stoirmeil a gheibhear anns a’ Chaol Arcach agus air gach taobh den Pharbh a sheachnadh.
Bha an canàl gu math trang gus an tàinig bàtaichean na smùide agus dh’fhàs iad gu buileach ro mhòr air a shon. A-nis tha e air a thathaich le sgothan agus le gheataichean a bhitheas aig daoine airson spòrs.
’S ann leis an Stàit a tha an Canàl Albannach agus Canàl a’ Chrìonain agus tha an sluagh fortanach gur ann mar sin a tha.
Chan eil Canàl a’ Chrìonain ach naoi mìle ann am faid ach tha an dùthaich air gach taobh dheth air leth bòidheach.
Is e Diùc Earra Ghaidheal a smaoinich an toiseach air a chladhach, oir chunnaic e nam biodh e comasach triall eadar Rubha Aird Driseig air Loch Fìne agus Crìonan gun gearradh sin ás·an t-slighe fhada timcheall Maol Chinn Tìre. Chuir an Diùc air bonn companaidh phrìbheideach a thòisich air an obair ach cha
b’fhada gus an robh iad ann an trioblaid le cion an airgid agus b’fheudar don Riaghaltas cuideachadh a thoirt seachad agus chaidh fhosgladh ann an 1801.
Rinn e feum do na ceannaichean agus luchd malairt ann an taobh an iar na Gàidhealtachd ged nach do rinn an fheadhainn sin a chuir a-mach airgead airson a chladhach, idir am fortan. Bha na pufairean a chaidh a thogail air Abhainn Chluaidh air an dealbh airson gun obraicheadh iad anns na canàlan agus gu tric bhiodh iad a’ toirt gual suas gu tuath agus uisge-beatha sìos gu deas.
Ann an 1854 chì sinn anns na cùnntasan a chaidh a sgrìobhadh gun deach 33,000 luchd turais, 27,000 de chaoraich agus 2000 de chrodh troimh Canàl a’ Chrìonain.
Ann an 1906 bha an àireamh de luchd turais air crìonadh gu buileach agus cha robh am bathar a’ toirt a-steach ach sia mìle not - suim nach pàigheadh cosgaisean a’ chanàl. Mar an ceudna cha do shoirbhich leis a’ Chanàl Albannach agus mean air mhean, mar a bha bàtaichean a’ fàs ann am meudachd bha an àireamh a bha a’ cur feum air a’ tuiteam.
Chaidh an Canàl a dhealbh leis an innleadair ainmeil sin TòmasTelfordagus tha e cho snasail agus cho iongantach ri canàl sam bith eile. Chuir TòmasTelfordair dòigh gun oibricheadh e le lòcaichean agus aig a’ bhad as àirde tha e ceud agus sia troighean os cionn na mara aig Loch Omhaich agus ás an sin tha an t-uisge a’ struthadh gu muir air gach taobh.
’S ann aig Bainbhidh a tha an lòca as àirde agus ann an sin theid an canàl suas còrr agus trì fichead troigh agus tha ochd lòcaichean ga thogail gus gum bi e gu h-àrd os cionn a’ chuain.
Ann an 1880 bhiodh luchdan de dh’fhiodh, de ghràn agus de shalann air an giùlan sìos agus suas an canàl agus a bharrachd air an sin bhiodh mòran de luchd siubhail ga thathaich. An-diugh tha ceud gu leth de bhàtaichean beaga spòrs, mar còrsairean agus bàtaichean motair aig acarsaid anns a’ chanàl fad na bliadhna. Tha mòran a’ tighinn a-nall thairis, ás an Roinn Eòrpa, agus á Amaireaga agus á Astràilia agus bidh iad a’ fasdadh gheataichean bho Companaidh Gheat Loch Nis.
Tha Uisdean Rothach, manaidsear a’ chanàl ag innse gu bheilear a’ dol a chosg còrr agus ceud mìle not air acarsaid aig Bainbhidh, far am faod deich thar fhichead bàta a bhith ’nan tàmh gu tèarainte. Tha dùil cuideachd gum fosglar sgoil àrainneachd air a’ chanàl agus gum bi na sgoilearan a’ cur mòran feum air.
’S dòcha gum bu chòir do Bhòrd na Turasachd barrachd innse don t-sluagh mun dà chanàl, an Crìonan agus an t-Albannach oir is cinnteach gun còrdadh e ri luchd turais sgrìob a ghabhail orra.
title | Obair mac an Duine |
internal date | 1994.0 |
display date | 1994 |
publication date | 1994 |
level | |
reference template | Tormod E. Dòmhnallach in Gairm 168 %p |
parent text | Gairm 168 |