[346]

DAOINE GUN FHUIL, GUN FHEOIL

le Dòmhnall Iain MacIomhair

Tha Eilean Leòdhais ainmeil airson iomadh adhbhair, agus cha lugha dhiubh sin na daoine. Tha an t-eilean ainmeil cuideachd airson dhaoine de ghnè eile, airson dhaoine gun fhuil, gun fheòil- Fir Tàileisg Uige. Aon uairs mi abeachdachadh orra, chuir mi romham beagan rannsachaidh a dhèanamh mun deidhinn. Tha mfhiosrachadh air a tharraing á caochladh àitean, le oidhirp na criomagan aonadh ri chèile.

Tha tàileasg atighinn bhoCharturanga, cleasachd cogaidh Innseanach a tha adol air ais cho fada ris an 6mh linn. Cluinnear mu dheidhinn an toiseach ann an sgrìobhadh Persianach san 6mh linn, ach ann an 1972 fhuaireadh ìomhaigh ìbhri ann an Ruisia, ’s bhatar ameas gur e fir tàileisg a bha annta, ’s dòcha adol air ais cho fada ri 200 A.D.

Chaidh achleasachd tro Phersia chun nan Arabach, agus ràinig i an Roinn Eòrpa mun 10mh linn. Tha an t-ainm Beurla atighinn bhon fhacalshahsachànan Phersianaich, agus tha e aciallachadh rìgh no neach-riaghlaidh. Tha tàileasg eadar-nàiseanta a-nise, ach ghlèidh grunn de dhùthchannan na h-àird an ear an gnè fhèin den chleasachd. Ann an Sìonas eXiang - qia tha aca air, aguss eShogia tha aca air ann an Iapan.

Tha am facal Beurla airson tul-chasgadh, ’s e sincheckmate, atighinn bho na facail Phersianachshah mat, aciallachadh tha an rìgh marbh.

Ann an tàileasg Iapanach, tha na pìosan glacte adol chun an taoibh eile, ’s air an cur air ais air achlàr ann an suidheachaidhean a roghnaicheas an cluicheadair.

Tha an t-ainm ròcas, no an caisteal mar a bhios air uaireannan, atighinn bhon fhacal Phersianachrukh, aciallachadh carbad. Aig aon àm, an àite na carbaide, chaidh pìos coltach ri suidheachan a bhios air druim ailbhein a dheilbh, aguss ann bho a leithid de shuidheachan a thàinig an cumadh a tha air an ròcas an-diugh.



[347]

San 12mh linn ann an Iapan bha seòrsa de thàileasg ann ris an cante Tai-Shogi le clàr air an robh 625 ceàrnagan agus 354 de fhir tàileisg.

Sna Linntean Meadhanach, bha cuid den bheachd gun robh tàileasg ro fhurasda, agus thàinig seòrsachan na bu duilghe am follais. Bha Tàileasg Thaimearlain, a bhatar acluiche aig cùirt acheannsaiche Thartaraich, acleachdadh clàir air an robh 110 ceàrnag, agus bha cumadh chàmhail agus shiorafan air cuid de na fir tàileisg.

Ach mu fhir tàileisg Leòdhais? Tha grunn sgeulachdan agus iomraidhean ann mun deidhinn. Seo mar a tha achiad iomradh san t-sreath seo adol:

San earrach 1831, dhfhalbh amhuir le cuibhreann mhòir de thom gainmhich ann an sgìrUige an Leòdhas agus dhfhoillsich i togalach bheag cloiche fo thalamh rudeigin coltach ri àmhainn, aig doimhne mhath fo uachdar na talmhainn. Thàinig an togalach bheag gu aige fir a bha ag obair sachoimhearsnachd agus bhris e a-steach don togalaich. Chuir an rud a chunnaic e iongnadh mòr air. Ciod a bha sin ach, ’na bheachd-san, cruinneachadh de dhaoine beaga sìdhe air an do chuir e dragh gun fhios dha. Thilg e sìos an spaid a bhana làimh, agus rinn e air an dachaighna dheann agus e fo iomagain mhòir. Ach bha a bhean ag iarraidh faighinn a-mach mu na daoine beaga agus thug i air tilleadh chun an àite agus na samhlaidhean beaga ìbhri a thoirt leis, ged a bha esan air smaoineachadh gum biad daoine beaga sìdhe mun cuala e ann am beul-aithris.

Tha iomradh eile ag ràdh gur ann aig Seòras Mòr MacCoinnich a bha tac tuathanas Bhaile na Cille agus fearann eile ann an SgìrUige, agus aig aon àm gun robh crodh aige aig àirigh iomallaich an ceann a deas na sgìr, ann an àite air an robh an Aird Bheag faisg air beul Loch Reusoirt. Bha fear ag obair do MhacCoinnich abuachailleachd achruidh an sin, agus air oidhche fhiadhaich chaidh bàta air na creagan aig an Aird Bhig. Madainn a-màireach chunnaic buachaille MhicChoinnich, bho àite san robh e air falach, seòladair asnàmh gu tìr agus poca beag air a dhruim. Lean am buachaille seòladair nuair thàinig e air tìr, rug e air, agus am priobadh na sùla mharbh e e, an dùil gum faigheadh e beairteas agus airgead bhuaidhe.

Thiodhlaig e an seòladair ann am poll mònach, agus thill e gu Baile na Cille a dhinnse da mhaighistir mar a thachair don bhàta, acomhairleachadh dha an sgiobadh a mharbhadh agus gabhail thuige fhèin am beairteas a bha esan acumail a-mach a bha sabhàta. Ach thug MacCoinnich achmhasan don bhuachaille airson



[348]

na comhairle buirbe seo, agus mhaoidh e air gun chron a dhèanamh air an sgiobadh air chor sam bith, ach an fheadhainn a bha air bòrd a threòrachadh chun an taighe aigesan.

Mar sin ràinig an sgiobadh uile Baile na Cille gu sàbhailte, ach a-mhàin an seòladair a chaidh a mharbhadh leis abhuachaille. Nochd MacCoinnich gach gnè aoigheachd ri na coigrich. Dhfhuirich iad còmhla ris fad mhìos, agus san ùine sin thug iad às abhàta na chùm adol iad agus na riaraich MacCoinnich.

Nuair dhfhàg na maraichean an dùthaich chaidh am buachaille gu far na dhfhalaich e am poca a thug e bhon t-seòladair a mhurt e, ach an sgrùdadh e na nithean a bha anns aphoca. Aig acheart àm bha eagal gu leòr air gum faighist a-mach mun a rinn e, eadhan ged a bha e afuireach ann an ceàrnaidh iomallach den sgìre. Nuair dhfhosgail e am poca, bhana bhroinn ach ìomhaighean snaidhte de chaochladh sheòrsachan, agus air eagals gun cleachdte na h-ìomhaighean mar dhearbhadhna aghaidh, choisich e co-dhiù deich mìle ann an dorchadas na h-oidhche, agus thiodhlaig e na h-ìomhaighean snaidhte ann an tom gainmhich ann an àite eile de Uig.

Cha do shoirbhich leis abhuachaille bho sin a-mach, agus gu dearbha bann a chaidh cùisean na bu mhiosa agus na bu mhiosa dha, gus mu dheireadh air sgàth -ghnàthachadh a rinn e air mnathan, chaidh deachdadh gun deidheadh a chrochadh air Cnoc na Croiche ann an Steòrnabhagh. Nuair thugadh chun na croiche e, dhaidich e lìonmhorachd nan nithean olc a rinn e, agus, am measg rudan eile, mar a mharbh e an seòladair agus far na thiodhlaig e na h-ìomhaighean.

A-rèir iomraidh eile, dhfhalbh amhuir le oitir gainmhiche ann an 1831 aig Eadar Fhadhail, afoillseachadh togalach cloiche coltach ri àmhainn fuine. Thug tuath-cheatharnach an aire don togalaich neònaich. “Bhris e a-steach ann,” tha cunntas ag ràdh, “agus bha iongnadh mòr air nuair a chunnaic e, mar a shaoil esan, cruinneachadh de bhòcains de dhaoine beaga air an tàinig e gun fhios dha.”

Bha 78 pìosan ann uile gu lèir, à ochd no à barrachd de bhuidhnean neo-iomlan; tha 67 dhiubh a-nis ann an Taigh-tasgaidh Bhreatainn agus an còrr san Taigh-tasgaidh Nàiseanta ann an Dùn Eideann.

Don luchd-teòma ealain a rinn achiad sgrùdadh orra, cha burrainn dhaibh a bhith na bu gheasaichte nam be tàcharain a bha annta - oir tha na samhlan beaga seo air leth sònraichte ann an eachdraidh ealain nan linntean meadhanach.

Cha do lorgadh an leithid roimhe sin nana dhèidh, agus tha



[349]

luchd-sgrùdaidh aon-inntinneach ann a bhith gam meas maran cruinneachadh as iongantaiche de fhir tàileisg àrsaidh ann am bith.”

Tha iad air an làn sgeadachadh agus acoimhead coltach ri àrd cho-labhairt de luchd-riaghlaidhs de luchd-comhairle às na linntean meadhanach. Tha iadnan comharr, gu ìre nas motha na fir tàileisg sam bith eile, air miannans air cleachdraidhean an cuid mhaighistirean, rìghrean, ban-rìghrean agus easbaigean fala is feòla a bhiodh acluiche le pìosan cho iongantach, air clàir a bha cheart cho iongantach, uaireann an le ann-leagadh de òrs de airgead. Cha do rinn na snaidheadairean dearmad air mion-phuing fheumail ann an aodach nan ridirean, ann an trusgan nan dèireach no ann an suaicheantas nan rìgh.

S iad na pàin a-mhàin na cùisean-bheachdan; aig àm nuair a bha ridirean acùnntadh, dhèanaist achùis ás aonais dhaoine cumanta. Seach nach biodh an tuath-cheatharnach cumanta (am pàn) acluiche tàileisg agus nach fheumadh e e fhèin fhaicinn air achlàr-cluiche, faodar fhoillseachadh mar neo-dhuine ann an cumadh rudeigin coltach ri leac-uaighe.

Biad mion-phuingean na h-armachd agus nan trusgan a bhuilich air luchd-teòma Taigh-tasgaidh Bhreatainn an comas amas air aois nam pìosan seo. Mar eisimpleir, tha clogadan cònach air amhòrchuid de na fir a tha armaichte, agus stocan-cluaise stàilinn maille ri stocan-sròine a-chum an srònan a dhìon; bha stocan-sròine den t-seòrsa seo tearc san 11 mh linn ach cumanta gu leòr san 12mh linn. Air an làimh eile, tha na lùirichean goirid agus sìmplidh, mar a bhatar acleachdadh ro dheireadh na 12mh linne nuair a bha na lùirichean air an dèanamh na bu sgeilmeile.

Ann an sealladh cluicheadair tàileisgs iad na ròcasan na rudan as neònaiche mun chruinneachadh. Bha a leithid de ròcasan-cogaidh air an cleachdadh an Inis Tìle suas chun na 17 linne, nuair labhair sgrìobhadair Frangach ann an 1644: “Tha na ròcasan coltach ri caipteanan, ris an can sgoilearan Innis TìleSeantuirianan.” Bebrokrnobrokuram facal Innis Tìleach air a shonach cha be fear tàileisg a-mhàin a bha e aciallachadh dhaibhsan; bha am facal aciallachadh duine làidir, treun cuideachd.

Thatar an dùil gur ann bhon fhacal Innseanachroth, aciallachadh carbad armaichte, no bhon fhacal Phersianachruch, aciallachadh dromadair, a thàinig an ròcas Breatannach, ach an dèidh beachdachadh air a’ bhrokrthreun, làidir ann an cruinneachadh Leòdhais, mhol an eachdraiche ainmeil Sir Frederic Madden gum bu chòir a bhith asealltainn ris anrokhPhersian-



[350]

aich airson fìor bhun an fhacail ròcas, seach gu bheilrokhaciallachadh gaisgeach no neach-cogaidh. Ma tha sin mar sin, biad na h-Innis Tìlich a-mhàin san Roinn Eòrpa a ghlèidh bun-chiall an fhacailnan ìomhaighean tàileisg; tha làthaireachd nan ròcasan-cogaidh acomharrachadh gur ann an Innis Tìle a chaidh na fir tàileisg a shnaidheadh, ’s gun deach am fàgail an Leòdhas le marsanta seòlaidh a bha adèiligeadh, maille ri nithean eile, ri ìomhaighean ìbhridhe. Nos dòcha gun robh na Lochlannaich fhèin aig an àm sin acluiche le ròcasanbrokran àite chaistealan. Ma bheachdaichear air eachdraidh marsantachd an ceangal riSamarkand ’s ri àitean eile aig deas (lorgadh buinn às na ceàrnaidhean sin ann an tasgaidhean Lochlannach na 10mh linne), ’s dòcha gun dfhuair na Lochlannaich aithne air tàileasg san Asia.

An taca ri cluiche an an-diugh, bi cluiche shlaodach, throm a bha ann an tàileasg anns na linntean meadhanach. Cha robh abhàn-righ agluasad ach aon cheàrnag gu trasdanach, agus mar sin bi am pìos bu laige a bha air achlàr. Cha dfhuair i an cumhachd a tha aice an-diugh chun na 15mh linne. Cha burrainn don easbaig gluasad ach cheàrnaig gu trasdanach agus cha robh cumhachd sam bith aige sacheàrnaig eadaraich, ged dhfhaodadh e leum thairis oirre ma bha i falamh. Cha burrainn do na pàin gluasad ach aon cheàrnag san tòiseachadh, agus cha robh caistealadh idir ann.

Bha àite sònraichte gu bhith aig tàileasg ann an gnothaichean saoghalta, no gu dearbha ann an gnothaichean gnètheasach. Ann an cùnntas bhon 12mh linn, nuair thatar acur Thriostain gu Eirinn a dhiarraidhYseult, bean-bainnse an Rìgh Mharcais, tha iad acluiche tàileisg le chèile air bòrd abhàta. Tha an cùnntas aigGottfried von Strasburgag innse gun deach achluiche a choileanadh air clàr a bha sgeadaichte gu bòidheach, agus tha e ag ràdh gun robh na fir tàileisgvon edelen Helfenbeine ergraben meisterliche – “Air an dèanamh de ìbhri luachmhor, snaidhte gu h-ealanta”. ’S ann a tha sin coltach ri gun robh iad acleachdadh fir tàileisg Leòdhais!

Tha gaisgeach eile anns na linntean meadhanach, Huron àBordeaux, abòsdadh mu 1200 mu a chomasan air achlàr tàileisg. Thug an neach aig an robh e air aoigheachd, an RìghYvorin, man airidh gun cluicheadh e an aghaidh nighean an rìgh, a bha ealanta aig tàileasg, leis aghealladh annasach, ma bhuannaicheas ise caillidh tusa do cheann, ach ma thu tul-chasgadh oirre… gheibh thu i aon oidhche nad leabaidh a-chum dhèanamh leatha mar is miann leat. BhuannaichHuron, oir bha amhaighdeann air gaol mòr ghabhail air fhads a bha achluiche adol.



[351]

Tha an dàn a leanas air a dheasachadh mar gum biodh an neach a lorg fir tàileisg Leòdhais, mas fhìor, ag innse mu dheidhinn tro dhàn a tha e fhèin asgrìobhadh:

Air feasgar earraich air an tràigh,
s mi siubhal mall air chuairt,
gum faca mi saghainmhich bhàin
ficheadan de thàchrain truagh’;

Cha robh fuil annt’ ’s cha robh feòil
nan seasamh anns an àmhainn fhuair,
briathran cha robh ac’ ’nam beòil,
claistneachd cha robh ac’ ’nan cluais;

Tàcharain nam bliadhna shiubhail,
reòit fad linntean air an tràigh,
fàilte cha dchuir orm no furan
mar shaighdearan fo òrdugh bàis;

Leam gun thog mi iad gum dhachaigh
nochd sachuan mus biodhad bàtht’,
oir cha robh miann agam gun caillist
ìomhaighean aig beul muir-làin;

Cha robh briathran aca dhinnseadh
eachdraidh shìmplidh an cuid dhaoin’,
no a chruthaich iad san ìbhri
no ciod an rìoghachd ás na thaom;

Iomraiteach gu dearbhgum bi iad
an cùirtean lìonmhor mòrna dùthch’,
is cha bhi cuimhnair fear a lìbhrig
an sgeulachd mu fhir tàileisg Uig’!

Is ann gun urra a tha abhàrdachd seo, oir cha be am fear a lorg na t-ìomhaighean a chuir na briathran ri chèile, seadh ma chreideas sinn na tha na h-iomraidhean ag innse dhuinn mu thuath-cheatharnach a bhith alorg nam fear tàileisg. Ach tha na tha san dàn coileanta an ceangal ris an fhiosrachadh a tha againn, ged nach eil e asuathadh gu ìre mhòir sam bith ri eachdraidh nan ìomhaighean.

Tha fios gu bheil mòran sgeulachdan ann, eadar gu bheil iad faoin no fìor, mu na fir tàileisg. Is mòr am beud cho fadas a tha iad bho Leòdhas an-diugh, ged a bhios dùil riutha air chuairt a dhaithghearr.

titleDaoine gun Fhuil gun Fheòil
internal date1994.0
display date1994
publication date1994
level
reference template

Dòmhnall Iain MacIomhair in Gairm 168 %p

parent textGairm 168
<< please select a word
<< please select a page