Air an Spiris
SO toiseach na cóigeamh bliadhna aig Gairm. Tha sia àireamhan deug a nise air na sgeilpichean, agus tha sinne beagan nas maoile ’s nas léithe na bha sinn nuair a thòisich sinn.
An sud ’s an so tha ràitheachain mhóra Bheurla a’ call an deò. Tha eadhon feadhainn de na paipearan-naidheachd a’ gearan, agus aon fhear co-dhiùbh a’ plosgartaich. Chan eil sgeul air Iris-Leabhar Ceilteach a thòisich còmhla ruinn. Bliadhna an déidh bliadhna, tha cùisean a’ fàs nas dlighe. Prìsean clò-bhualaidh a’ dol an àird; cosgais dhealbh a’ dol suas; prìsean postachd air a dhol a Thigh Mór Iain Ghròta. Tha dà rud a’ cumail Gairm air a spiris—tha daoine ’ga cheannach, agus tha bùthan a’ tuigsinn gur fhiach dhaibh sanasan-reic a chur an luib a chuid dhuilleagan. Cho fad ’s a chì sinn, faodaidh sinn Gairm a ghealltainn airson dà bhliadhna eile, agus, mar a bhios cuimhne agaibh, cha do gheall sinn ach dà bhliadhna an uair a thòisich sinn an toiseach. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil an ràitheachan cho tapaidh fallainn ’s a bha e riamh!
Am bliadhna, tha na Fir-Deascachaidh ann am brionnglaid! Tha fear a’ dol a dh’Obar-Dheadhain, agus fear a’ fuireach ann an Glaschu. Ach chan eil sinn an dùil gun cuir sin dragh oirnn oir mur a gabh an còrr dèanamh, coinnichidh sinn an dràsda ’s a rithist letheach slighe—ann am Peairt! Agus cumaidh an t-astar gun a bhith a’ trod sinn!
Air a’ mhìos so chaidh, thug sinn dà leabhar eireachdail do’n Bhàn-righ, mar chuimhneachan air a turus do dhùthaich na Gàidhlige. Anns gach leabhar bha ochd àireamhan de Ghairm—na sia àireamhan deug a chaidh a chlò-bhualadh bhon a thòisich sinn. Rinn sinn so a chionn agus gun do dhleas sinn freagarrach a chur an cuimhne an Teaghlaich Rìoghaill, agus gach neach eile a chluinneadh mu dheidhinn, gur i a’ Ghàidhlig fhathast cànain bheothail na Gaidhealtachd. Tha daoine tuilleadh is buailteach dìochuimhn’ a dheanamh air sin.
Am bliadhna gu h-àraidh cha chòir an dìochuimhn’ sin a dheanamh, oir tha cunnart uabhasach a’ bagradh na Gàidhlige air a starsaich fhéin. Mus bi an ath bhliadhna aig Gairm seachad, bithidh obair nan rocaidean air tòiseachadh ann an Uibhist, agus tha fìor chunnart gur e sin a chuireas a’ chiste-mharbh mu’n Ghàidhlig agus mu Ghairm.
Ach is so latha an dèanadais, ma tha dèanasdas gu bhith ann. Cha ghabh stad cur air na rocaidean. Ach gabhaidh spionnadh cur ann an luchd na Gàidhlige agus an dìleab a dhìon. Ni sinn ar dìochioll. Is e sin ar bòid aig toiseach bliadhna ùire ann an eachdraidh an leabhraichean so a tha sibh a nise a’ dol a leughadh.
title | Air an Spiris |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Gairm 17 %p |
parent text | Gairm 17 |