[83]

An Sgeilp Leabhraichean

Guests of War, ”le Robin Jenkins. Clò-bhuailte le Macdonald (15/ ).

Bhon a sguir an cogadh tha na mìltean de nobhalan Albannach air tighinn bhàrr nam beairt-bhualaidh ach, gu -fhortanach, chan eil mòran aca as fhiach an t-saothair. Is fhiach dhuinn sùil a thoirt air grunnain dhiubh mus tionndaidh sinn ris an leabhar so aig Robin Jenkings, oir gabhaidh iad roinnnan grunnain.

An toiseach, an nobhal eachdraidh. Tha eachdraidh na h-Albann atarruing sgrìobhadairean, mar a tharruingeas càise luchagan. Jane Oliver. Margaret Irwin. Christina Keith. Agus na dusain eile. Tha iad uile air sgeulachdan a thogail a duilleagan eachdraidh na dùthcha, mar is trice sgeulachdan gaoil anns a bheil ar rìghreans ar n-uislean adeanamh suirighes adeanamh dìolanais. Sgeulachdan a reiceas ach anns nach eil doimhne mhór sam bith, agus a bhios air chall gu tur ann am beagan mhìosan.

An uair sin, an nobhal gaoil fhéinatarruing bho mhac-meanmna an ùghdair. Tha na ceudan dhiubh sin air tighinn am follais anns na bliadhnachan so mum bheil sinn abruidhinn, bho sgrìobhadairean mar a tha D. E. Stevenson, Jean Matheson, Guy MacCrone, Oswald Wyndgun ach buille thoirt thalls a bhos. Tha iad sin mar a dhfhaodas iad a bhithmath no donaach chan eil iad dealaichte bho nobhalan gaoil an dùthaich sam bith eile. Ged a tha iad Albannach ann an dòigh, no air an sgrìobhadh le Albannaich, chan eil iad acur gu ìre mhóir sam bith ri litreachas sònraichte na h-Albann, no atoirt deilbh air beathas air caithe-beatha na dùthcha.

Tha ar cuid fhéin againn cuideachd de nobhalan siubhail is gàbhaidh. Tha Nigel Tranter acur ris an àireamh, agus Stewart J. Allan Rennie agus Neil Bell. Rinn Alasdair MacIlleathain na mìltean asH .M. S. Ulysses.

Chan eil dìth luchd-sgrìobhaidh òirnn anns na grunnain sin, agus ann an grunnain eile cuideachd. Ach, taca ris na bliadhnachan eadar an chogadh, an uair a bha George Blake, Neil Gunn agus Lewis Grassic Gibbon aig tréine an neairt, tha sinn gann, gann, de dhùghdairean a tha adealbhachadh caithe-beatha làitheil na h-Albann. Bha sinn riamh gann dhiubh taca ri Sasuinn.

Ach, goirid an déidh achogaidh, thòisich ainm ùr air nochdadhRobin Jenkins. Fear an sgrìobhas an deagh sgeulachd agus a tha aleantainn dlùth ri fìreantachd beatha ann an Alba. So Gaily Sings The Lark. Happy For The Child. The Thistle And The Grail. The Cone Gatherers.Anns na leabhraichean sin gheall Robin Jenkins gun robh e fa-near dha rudeigin a bfhiach an t-saothair a chur ri ar


[84]

litreachas. Tha an gealltanas sin air a leantainn, ged nach eil e fhathast air a choimh-lìonadh, anns an leabhar ùr aige—Guests Of War.

So cuspair air nach deachaidh móran a sgrìobhadh fhathastna mìltean a chaidh a chur air fògradh as na bailtean chun na dùthcha an uair a thàinig cunnart bomaidh aig toiseach achogaidh. Bha iad againn air aGhaidhealtachdann an Tiriodha agus ann an àiteachan eileclann is màthraichean a chuireadh air falbh a Glaschu, no a dhfhalbh len saor thoil fhéin. a bhuaidh a thug na bliadhnaichean anns an dùthaich air giollain phiollagach a cùiltean groda Ghlaschu? abhuaidh a thug iadsan air luchd na dùthcha chun an deachaidh iad.

Ann anGuests of Wartha Jenkins afeuchainn ris na ceistean sin a fhreagairt. Tha e aleantainn gach a thachair ri còmhlan a dhfhàg slumaichean Glaschucuid dhiubh le aighear is cuid le ionndrainn is móran le mialanagus a fhuair comaraich ann am baile beag an ceann a deas Albann.

Cha leig sibh as an leabhar aon uairs gum fosgail sibh e. Ach, a dhaindeoin sin, chaidh Jenkins, gu -fhortanach, ceàrr. Thuit e ann an gaol ri Bell McShelvie, màthair a bhleidich na h-àrd oifisean gus an dfhuair i air falbh a Glaschu mar thé den fheadhainn a roghnaicheadh gus coimhead as déidh na cloinne. Cha be an t-eagal a bhrod Bell gu falbh, ach rud a bha san fhuil aice. Bann de mhuinntir na dùthcha a bha i fhéin, agus bha Glaschuga tacadh, agus be so an aon chothrom a chunnaic i riamh gus faighinn air ais chun nan cnocs nan raointean mum biodh i ag aisling. Gabhaidh an luchd-leughaidh gaol air Bell cuideachd. Ach cha be eachdraidh Bell air an do thòisich Jenkins, ged is ann leis a sin a chrìochnaich e. Agus rud eile. Bhan t-eagal air an gaol-phòg fhàgail as an leabhar, agus shlaod e steach maighstir-sgoile òg tapaidh agus caileag ghrinn bheairteach gus blas milis a chur air an sgeul. Tut, tut, cha robh feum orra. Achse brìgh na cùise, gun do chaill an t-ùghdar an sgeulachd ionmholta air an do thòisich ean sgeulachd a fhreagradh na ceistean a chuir sinn an so shuas abhuaidh a thug baile agus dùthaich air a chéile?

Thuirt sinn móran mun leabhar so a chionn agus gur fhiach e sùil mhath a thoirt air. Tha Jenkinsna mhaighstir-sgoile ann an Dùn-omhainn, agus tha e soilleir gu bheil e ag ionnsachadh ceàird an sgrìobhaidh bho bhonn gu mullach. De na cóig leabhraichean a sgrìobh e, tha gach fear nas fheàrr nam fear a chaidh roimhe. Cha bhi fada gus am faic sinn leabhar fo ainm a chuireas sgrìobhadh nobhalan ann an Albainn bus ri bus ri prìomh sgrìobhadh nobhalan ann an t-saoghal. Cumaibh sùil air.

F. McD.

[Sanas]

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Guests of War)
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 17 %p

parent textGairm 17
<< please select a word
<< please select a page