[13]

Eilean nan Caorach

Le T. M. MACCALMAIN

AIR an t-seachdamh den Og-mhìos chaidh mi air turus guFair - Islecòmhla ri buidheann dhaoine a chaidh ann a ghabhail beachd air suidheachadh muinntir an eilein, agus iad abagairt imrich a dheanamh as, mar a rinn na Hiortaich an 1930 agus mar a rinn muinntir Shòthaidh o chionn beagan bhliadhnachan.

Air madainn Dhiar-daoin chaidh mi air bòrd itealain air taobh amuigh baile Inbhir-Nis. Dhéirich sinn air na sgiathan aig 8.45. Thadhail sinn airson deich mionaidean aig laimrig-adhair Inbhir Uige aig 9.30. Cóig mionaidean fichead as déidh sin bha sinn tarsaing air aChuan Arcach agusnar seasamh air talamh cruaidh aig port-adhairKirkwall. Aig aon uair deug dhéirich sinn a rithist a dhionnsaigh nan neul, agus ràinig sinn port-adhair Shumburgh ann am fìor cheann-a- deas Shealtainn aig 11.45. As déidh dhuinn biadh a ghabhail ann an tigh-òsda Shumburgh chaidh sinn air bòrd aBhrenda, bàta-dìon an iasgaich, agus sheòl sinn gu deas.

ThaFair Isle ’na laighe letheach eadar na h-Eileanan Arcach agus na h-Eileanan Sealtainneach, agus e mu chóig mìle fichead bhuapa sin. Is e eilean beag a tha ann, mu thrì mìle am fad agus mu dhà mhìle air leud. Chan eil e idir soirbh faotainn chuige. Tha creagan àrda casa, stùcan móra, agus sgeirean cunnartach timcheall an eilein gu léir, ach amhàin gu bheil port cumhang aig acheann a tuath agus port



[14]

nas leathainne anns acheann a deas. Ach tha na puirt sin gun fhasgadh sam bith an uair a bhios aghaoth aséideadh dìreach ateach orra.

Tha leth a tuath an eileinna mhòintich thioraim, dorcha le fraoch, ag éirigh suas don bheinn as àirde anns an eilean, Ward Hillno, mar a dhfhaodamaid a chur anns aGhàidhlig, “Beinn an FhreiceadainnoABheinn Fhaire.” Tha abheinn so còrr is seachd ceud troigh an àirde, agus bu tric, anns na linntean fad as, a rinn ceatharnaich faire air a mullach, an sùil ri iomall cuain, feuch am faiceadh iad siùil nan nàimhdean anochdadh, agus, an uair a chitheadh, cha bfhada gus am biodh an teine-rabhaidh air a lasadh agus na lasraichean ag éirigh suas, agus iad ag innse do na h-uile a chitheadh gu robh an nàmhaid atighinn dlùth.

Tha leth a deas an eilein feurach torrach, agus e air a roinn amachna chroitean air sluagh an eilein. Tha móran chaorach aca, an chuid air an talamh fheurach anns acheann a deas agus air amhòintich mu thuath, agus tha cuid den bheachd gur e so as ciall do ainm an eilein, “Eilean nan Caorach,” oir tha am facalfaeranns achànain Lochlannaich aciallachadhcaora.” Air taobh an ear an eilein tha meall àrd cas dan goirearCreag nan Caorach.” Tha feur afàs air mullach amhill, agus bìtear ag ionaltradh chaorach air. Ach is ann le mór-dhragh agus le cunnart a bhios daoine alàimhseachadh nan caorach air Creag nan Caorach. Chan fhaigh iad chuige ach suas ri aghaidh carraig chais shleamhainn far a bheil slabhraidh iarainn suidhichte aca a chum is gun greimich iad air sin an uair a bhios iad adìreadh is ateàrnadh bearradh na creige. An uair a tha aca ri caoraich a thoirt á Creag nan Caorach, feumaidh iad breith orra agus an ceangal agus an leigeil sìos air ceann ròpa air aghaidh na creige.

Ach gus tilleadh ris an turus air an robh sinn, sheòl sinn, mar a thubhairt mi, air aBhrenda amach á Sumburgh, agus chuir i a sròn bhiorach riFair Isle,cóig mìle fichead gu deas. Amach bho cheann a deas Shealtainn tha farsaingeachd mara ris an abrar anRoost ,far a bheil sruthan acoinneachadh agus, ma tha dad de ghaoith ann idir, éiridh na tuinn, agus abair thusa luasgadh is crathadh! Fhuair sinne ar cuid dheth sin anns aBhrenda, ach an ceann uair a thìde ràinig sinn an Acarsaid Mu Thuath ann amFair Isle.Gu sealbhach, bha aghaoth a nis air toirt dheth, agus fhuair sinn gu cladach ann am bàta-aiseig beag, ris an abair na h-eileanachflit-boat”( “bàta-imrich,” an e? ). Fhuair sinn strùpag tea agus an uair sin chaidh ar giùlan ann an làraidh (aon den charbad-ola a tha aca air an eilean) gus achinn a deas, far a bheil na croitean agus na tighean. Thadhail sinn, ’nar buidhnean beaga, dithis is triùir còmhla, ann an cuid de na tighean, bha còmhradh againn ri feadhainn de mhuinntir an àite, agus sheall sinn mun cuairt. Choisich cuid againn, agus ghiùlaineadh achuid eile anns an charbad, air ais na trì mìle don Acarsaid Mu Thuath, agus is ann an sin a bha an fhéisdgar feitheamh. As deidh abhìdh, bha coinneamh againn ris amhór-chuid de mhuinntir an eilein anns an talla bheag. Aig ochd uairean feasgar (an deidh a bhith ceithir uairean a thìde air an eilean) chaidh sinn air bòrd aBhrenda,



[15]

agus thug i asteach sinn gu cidhe Lerwick leth-uair roimh mheadhon-oidhche. Air an turus air ais, ged a bha fairge ann, cha robh achùis cho fìor dhona is a bha air an turus a dhionnsaigh an eilein.

Air madainn Dhi-haoine, ann an Lerwick, bha coinneamh againn ann an seòmraichean Comhairle Siorrachd Shealtainn, a ghabhail beachd air ciod a bu chòir a dheanamh a thaobh cor is suidheachadh luchd-àiteachaidh Eilean nan Caorach.

BuinidhFair Isledon Urras Nàiseanta(The National Trust) ,agus bha Iarla Wemyss ceann-suidhe an Urrais Nàiseanta, agus feadhainn den chomhairle aige, còmhla ruinn. Bha ann mar an ceudna riochdairean bho Chomhairle na Siorrachd, bhon Phanal Ghaidhealach(Highland Panel) ,bho Rùnaire na Stàite airson Alba, bho Bhòrd Tuathach an Dealain, bho Bhòrd an Aiteachais, bhon Mhaoin Ghaidhealaich(Highland Fund) ,agus bho bhuidhnean ùghdarrasach ach eile. Bha Mgr. Iain MacNeachdainn ariochdachadh Coimisean nan Croitearan. Bha Mgr. Calum Moireastan (a mhuinntir Bheàrnaidh Leódhuis) ariochdachadh Bòrd an Iasgaich Ghil. Bha mi fhìn ariochdachadh Eaglais na h-Alba agus Comhairle Albannach Buidheann Bhreatannach aChraobh-sgaolidh.

Is ann mar so a tha suidheachadh an t-sluaigh ann amFair Isle.Mar a tha atachairt an iomadh àite eile an Albainn, tuath is deas, agus gu sònraichte anns na h-eileanan, tha àireamh an t-sluaigh asìor dhol sìos. O chionn ceud bliadhna bha còrr is trì cheud neach afuireach ann amFair Isle.Ann an 1901 bha 147 ann. Ann ann 1931 bha 108 ann. Ann an 1948 bha 65 ann, agus an diugh tha 45 ann uile gu léir.

Chan e a mhàin sin, ach den fhicheads a cóig a tha ann an ceartuair, tha deichnear (triùir fhear agus seachdnar bhoireannach) os cionn trì fichead bliadhna a dhaois. Tha naoi-deug ann (deichnear fhear agus naoidhnear bhoireannach) eadar fhichead is trì fichead bliadhna a dhaois, agus dhiubh sinn tha cóignear gun phòsadh. Tha seachdnar fhear agus aon bhoireannach ann, eadar cóig-deug agus fhichead bliadhna a dhaois, agus gun ghin dhiubh sin pòsda. Tha ochdnar cloinne ann fo aois a cóig-deug, aon nighean agus seachdnar bhalach.

Chithear, mar sin, gu bheil suidheachadh -fhallain anns an eilean-sa. Tha feadhainn den òigridh amiannachadh falbh, ach am faigh iad cosnadh an àitean as goireasaiche agus a chum is gum bi cothrom aca pòsadh agus dachaidh a dheanamh dhaibh fhéin. Ma dhfhalbhas feadhainn den òigridh, ciod a dhéireas don mhuinntir aosda, oir is e so eilean a dhfheumas sgioba matha de dhaoine làidir airson gach obair is dleasdanas, an ceann an fhearainn, air tòir nan caorach anns na creagan cunnartach, agus gu sònraichte mar sgioba an aon bhàta mhóir( “Am Buachaille Maith”) a tha aca, a tha aon uair gach seachdain adol gu Lerwick agus air ais le litrichean is luchd-turuis is badhar. Chan eil bùth air an eilean idir, a bharrachd air aon oifis-postachd. Tha eagalis air an eileaneaglais bheag a bhuineas do naMethodistsanns a bheil seirbhisean air an cumail le aon de shluagh an eilein, agus Eaglais na h-Alba. Tha misionaraidh aig Eaglais na h-Alba ann amFair Isle,agus tha bean amhiosionaraidh



[16]

[Dealbh]

ateagasg na sgoile. Ged a tha eaglais ann, chan eil an sluagh air an roinn a thaobh adhraidh. Tha iad acumail nan seirbhisean ann an eaglais, uair ma seach, agus tha iad uile afrithealadh an eaglais.

Tha bean-eiridinn aca air an eilean, agus is mór abhuannachd sin dhaibh, ach an uair a thig tinneas obann bheir e uairean a thìde mus ruig an t-euslainteach tigh-eiridinn Lerwick, agus ma bhios droch shìde ann chan eil dad a ghabhas déanamh.

Tha tigh-soluis air rubha a tuath an eilein, agus tigh-soluis eile air acheann a deas, agus tha beagan theaghlaichean ceangailte riutha sin. Bidh fir an eilein ag iasgach mu na cladaichean, ach a mhàin air son feuman na dachaidh. Chan eil an t-iasgach mar a bhà, agus mar sin chan eil buannachd ann a bhith astrì ris.

Bidh mu ochdnar de na boireannaich acur seachad agheamhraidh asnìomh na clòimh mhìn agus afighe nam pàtaran brèagha ris an abrar “Fair Isle—miotagan is guailleachain is seacaidean beaga is peiteaganagus bidh iadgan reic. Gach samhradh bidh mu cheud neach atadhal an eilein airson seachdain no dhà a dhfhaicinn nan eun a tha cho lìonmhor ann. Tha seachd tighean-còmhnaidh anns an eilean anns nach eil neach sam bith afuireach, agus tha àireamh chroitean air dol fàs.

Is i acheist: “An còir dhuinn airgead a chur amach air daoine a chumail ann an eilean iomallach den t-seòrsa so?” Sin ceist a tha doirbh a fuasgladh. Chan abair mi ach rud. Tha mi den bheachd gu robh e ceart an sluagh a thogail air falbh á Hiort agus á Sòthaidh agus an suidheachadh an àitean a bu ghoireasaiche, oir be sin iarrtas



[17]

an t-sluaigh; ach, ma tha sluagh eilein no àite amiannachadh fuireach, agus ma tha coltas ann gum bi soirbheachadh cuimseach aca ma bheirear ceartas dhaibh, is e mo bheachd gur còir cuideachadh leotha fuireach. Tha amhór-chuid de shluaghFair Isleamiannachadh fuireach, agus is eilean e a dhfhaodadh barrachd toraidh is soirbheachaidh a nochdadh na tha ram faicinn an dràsda. Ach, ma tha sluagh ri leantainn air an eilean-sa, feumar àireamh nithean a dhèanamh. Tha feum air cidhe nas fheàrr na tha aca an dràsda. Tha feum air goireasan-siubhail. Tha feum gu sònraichte gun tigeadh ceithir na cóig de theaghlaichean ùra a dhfhuireach agus a dhobair anns an eilean.

Cha tig e dhòmhsa innse an so mu na beachdan a chualas agus mu na rùintean leasachaidh air an daontaich sinn aig achoinneamh a bha againn an Lerwick. Foillsichear na rùintean sin le Comhairle Siorrachd Shealtainn.

Anns abhliadhna 1588 rinn aon de bhàtaichean-cogaidh an Armada Spàinntich long-bhriseadh air Eilean nan Caorach, agus fad geamhraidh bha cheud de na Spàinntich afuireach air an eilean. Tha cuid den bheachd gur ann bho na Spàinntich sin a dhionnsaich na h-eileanaich air tùs na patarain bhòidheach a tha aca air an obair-fhìghte.

Is iomadh long is bata a chaidhna clàran air an eilean iomallach so. Anns abhliadhna 1868 chaidh bàta mór Gearmailteach air tìr ann an geodha agus na ceudan air bòrd innte ach shàbhaileadh iad uile. An uair a bha sinn air an eilean chunnaic sinn pìosan briste de itealan Ghearmailteach a thugadh gu làr ri linn achogaidh. Rinn na h-itealain Ghearmailteach ionnsaigh air na tighean-soluis barrachd is aon uair agus mharbhadh feadhainn am measg theaghlaichean nan tighhean-soluis, ach bha aon itealan ann nach do thill dhachaidh don Ghearmailt.

Feumaidh Riaghaltas na rìoghachd so roghainn a dheanamh a thaobh àitean mar a thaFair Isle.A bheil sinn airson gum bi daoine afuireach annta? Mur eil, abramaid sin gun dàil, agus togamaid na daoine air falbh, seach a bhithgan cumail gun na goireasan a tha feumail dhaibh. Ma tha sinn den bheachd gum bi ena bhuannachd don rìoghachd a leithid de àitean a bhith air an àiteachadh, feuchamaid ris gach cuideachadh is misneachadh as urrainn a thoirt do shluagh nan àitean iomallach -dheiseil sin.

[Sanas]

titleEilean nan Caorach
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

T. M. MacCalmain in Gairm 17 %p

parent textGairm 17
<< please select a word
<< please select a page