[21]

Foghar, 1976

LE RUARAIDH MACTHOMAIS

BHA mi ann an seòmar-suidhe an tigh-òsda nuair a dhfhairich mi fear an suds an so abruidhinn na Gàidhlig timcheall orm. Chuir e annas orm gun teagamh, oir bann am baile beag air Galldachd a bha mi, aleigeil manail airson no dhà, is mi air ùr thilleadh a Ceann-a- deas Africa. Ach thuirt mi rium fhìn: “ ’S iomadh rud a dhfhaodadh tachairt ann a fichead bliadhna.” ’S ann asìor dhol air ais a bha crìochan na Gàidhlig nuair a dhfhalbh mise a Albainn, ach chunna mi muigh ann a sud leasachadh gu math cabhagach atighinn air staid achànain Africaans. Nuair a bheir thu greis asiubhal an t-saoghail tha e fàgail dinntinn nas fhosgailte air dòigh air choreigin, is chan e rud beag a chuireas iongnadh ort.

Cha robh uiread sin de Ghàidhlig adol co-dhiùbh. Dhaithnich mi gum be luchd-ionnsachaidh a bha mun cuairt orm, leis cho breac, stadachs a bha aGhàidhlig a bhaca. Ach an deidh sin, chuir e iongantas orm. Nuair a bha facail Ghàidhlig aca bha am blas ceart orra, thalls a bhos le sin. Dhaithnich mim blas Hearachcòmhradh nan ceàirdean mar a bhiodh againn air uaireiginis sud fear eile abruidhinn aircaileach is bodach a bhann an Solas bho chionn fhada”— ’s ann a mhuinntir Uibhist-a- tuath a bha e sud, nam bu mhath mo chuimhne. Is bha fear gagach eile ann le speuclairean, is cnuaichd fuilt air nach fhaca borbair no cìr bhon àm so an uraidh. Cha robh móran Gàidhlig aige-san, ach na bhaige dhith bha blas neònach oirre nach do dhaithnich mi, agus thuirt mi rium fhìn gum be so am blas a bhair Gàidhlig abhaile so fhéin. “Ach gu sealladh tròcair orm,” arsa mise, “Carson a tha iad ag ionnsachadh Gàidhlig a so, is gun dad anns abhaile ach muilnean-iarainn is bùithtean is a leithid sin.”

S e Alasdair Gringo an t-ainm a bhair fear nan speuclairean. Chunna mi fear bho fhear afaighinnintroductionann, is bha e coltach gum be duine mór a bhann. Gach duine mar a bha iad atighinn asteach, chuireadh iad fàilte air a chéile anns aGhàidhlig, is thòisicheadh iad an uair sin atoirt freanadh air aBheurlagu h-àraid Alasdair Gringo a bha so. Dhaithnich mi gu robh e math air ceòl: bha e bruidhinn air Vaughan Williams, am bodach Sasunnach a chuir rian as ùr ris an òran BheurlaGreensleeves” ;agus air Dvorak, fear a rinn ceòl ris an can iadNew World Symphonyis gun ann achCumha Mhic an Tòisichis pong no dhà air a chur ris; is thug e ainm Beethoven fhéin an dìomhanas uair no dhà.

Bha móran bruidhinn acaga dheanamh mu cheòlis dòcha gum be sin bu choireach gu robh aGhàidhlig ateirigeachdainn orra cho luath. Thainig an sin ceathrar fhear astigh, is shuidh iad aig an ath bhòrd ri Gringo is dhòrdaich iadgin and tonican duine. Is gann gu robh iad air am màs a bhualadh fòdhpa nuair a thòisich iad so abruidhinn air ceòl cuideachd. “Gu sealladh Math orm,” arsa mise rium fhìn, “than dùthaich tha so air a dhol garbh gu ceilearadh bho dhfhàg mise i.” Achs e Beurla bhaca so, mar bu trice, is cha robh mo chluas fada ri claisneachd nuair a dhaithnich mi gum bann a



[22]

Uibhist-a- deas a bha iad. Thàinig iad an sin gu cuspair eile. Ma thàinig mise air turus bha feadhainn a sud a thàinig na bfhaide. “ seòrsa tìde bhagaibh air aghealaich air aweek - endso chaidh?” arsa an dàrna fear. “Bha iad agearain,” ars am fear eile, “air fras a bhaca bho chionn cheithir--deug, is bha cuid aca bha cumail amach gum be obair nan dadum bu choireach ris.” “ a tha iad adeanamh ris na daduman?” ars am fear eile. “Mar a tha fhios agad,” ars achiad fhear, “tha a h-uile dadum ann a sin bristena dhà leth, is grunnan air eilean beag air taobh siar na gealaich afiachiann ri an cur gu chéile.” Cha robh mi air an naidheachd so a chluinntinn, ach cha deanainn dad den chainnt a bhaca an deidh sinbha i ro dhomhainn air mo shon-sa, is bha mi toilichte nuair a theann iad abruidhinn air ceòl a rithist.

Mar gun cluinneadh Gringo an cuspair a bhaca, thug e sùil thar a ghualainn, agus nach ann a dhéirich fear de na h-Uibhistich, is rug e air làimh air Gringo, is dhinnis e dha ainmean chàich. “ tha toirt dhuibh na Gàidhlig am bliadhna?” arsa Gringo. “Tha fear a Lunnainn,” arsa an duine a rug air làimh air an toiseach, “Tha ena oifigear againnduine comasach. Bha ena bhall an Comunn Gàidhlig Lunnainn, is smaoinich e an sin gum bfheàrr dha a dhol a dhInnse Gall, is fiachainn ri Gàidhlig ionnsachadh don t-sluagh an sin. ’S e Prìomhair Bhreatainn an Ceann-feadhna bhaca air aChomunn Ghàidhlig abhliadhna sin, agus an uair a dhinnis e do Ghaitskell so, thuirt Gaitskell ris gu robh iad dìreach alorg duine a chuireadh iad air ceann aghnothaich an Uibhist, aig am biodh ùidh cheart anns aGhàidhlig, is a chuireadh clasaichean air bhonn anns an eilean airson a h-ionnsachadh don t-sluagh.”

Tha mi fìor thoilichte sin a chluinntinn,” arsa Gringo, “Tha fhios gum bi Gàidhlig mhath aige-san, atighinn a Lunnainn. An do mhothaich sibh co mhiad l a thaca an Gàidhlig Lunnainn?” “Tha seachd,” arsa fear eile de na h-Uibhistich. Chunna mi dath bàn atighinn air aodann Gringo, is cha robh fada ann gus na rinn e leisgeul airson falbhgu robh obair mhór roimhe anns amhadainn is gu feumadh e dhol a laighe.

Smaointich mi fhìn gu robh a thìde agam a dhol a laighe cuideachd is dhéirich mi. Gach buidheann, mar a rachainn seachad orra, chanadh fearOidhche mhathrium, is fear eileTha thu dol a laighe,” is mun do ràinig min dorus bhuail e orm gu robh teaghlach nan l air a dhol an lìonmhorachd gun teagamh. Ach dhfhalbh mi co-dhiùbh, is bha mi greis gun chadal an oidhche sin.

Nuair a dhéirich mi anns amhadainn thainig mi nuas gu mo bhracaist, mu chairteal gu naoi. ’S ann an uair sin a bha amhór-shluagh atighinn asteach gu an tràth-maidne cuideachd. Bheireadh iad tarruing air an seòrsa a bhann, is an sin bha cuspair achiùil an àirde a rithist. Thainig bodach beag gun fhiaclan a shuidhe aig abhòrd aig an robh mi, agus chaidh sinn ann an còmhradh. Thuirt mise ris, anns aBheurla, gu robh math ann, is dhaidich e gu robh sin ann, ged nach tugadh e breith ro mhath air an iarmailt le a shùilean prabach. “A bheil sibh daonnan afuireach an so?” arsa mise ris, is dùil agam gur h-e bodach a chaill a bhean a bhann is a bha beairteach gu leòir gus fuireach ann an tigh-òsda fad an



[23]

t-siubhail. “O, chan eil,” ars esan, “ ’s ann an a thàinig mi ann.” Bha mi airson còmhradh a dheanamh ris, agus arsa miseTha iad ag ràdh rium nach eil an tigh a bhaig Burns ro fhada a so, is tha leth-dhùil agam a dhol a dhamharc air an diugh.” “ am fear tha sin?” thuirt am bodach. “Tha Raibeart Burns,” arsa mise, “am bàrd mór. Is dòcha gun cuala sibh mu dheighinn.” “O, seadh,” ars esan, “chuala gu dearbh. Fear de na h-òrain ùra thagainn am bliadhna. ’s e eadar-theangachadh bho Burns a thann— ‘Ruith Piullaidh air falbh leis aGhàidsear.’ Tha òran math eile againn cuideachd,” ars esan. “ ‘Luchd nam Breacan,’ is rian airson naoi guthan.” “Tha so chun achiùil a rithist,” arsa mise rium fhìn, ach thuirt mi ris-san, “Thug min aire gu bheil móran an so aig a bheil ùidh ann an ceòl.” “O, thaars esan, “nach eil thu fhéin adol chun an òrain mhóir an dràsda? Bithidh iad atòiseachadh ann an deich mionaidean eile.”

Thuirt mi gun deidheadh. Ghabh sinn sìos an t-sràid is asteach do thalla bhann a sud, is fhuair sinn suidheachain an teis-meadhon an talla, dìreach air cùl bùird fhada aig a robh cóignear fhearnan suidhe, is glag an urra mun coinnimh. Cha bu ghann paipearan is leabhraichean air am beulaibh. ’S e leabhraichean-ciùil a bhair beulaibh an fhir a bfhaide gu mo làimh-dheis, ach mun tug min aire bhaig càch, thàinig duine mór eireachdail ann am féileadh chun an àrd-ùrlair, is thòisich e acur dheth ann am Beurla. Ach cha do lean e fada oirre sud nuair a thionndaidh e gu Gàidhlig, ag ràdh gu feumadh e cànain na mór-chuid a bhruidhinn fhads a bha e an so, ach nach robh e dol a ràdh dadgur ann a thàinig iad a dhéisdeachd ri ceòl. Cha tug e ach mu dheich mionaidean acòmhradh, is chunnaic sinn an uair sinn solusneonadol an àirde is 54 air, agus fodha sin l. Thainig an uair sin guth àrd troimh àrd-ghuthaiche: “A bheil Dòmhnall MacPhaidearain anns an talla?” Dhéirich am bodach a bha ri mo thaobh, is an àird leis chun an àrd-ùrlair, is sheinn eGleann Golaidh.” Bha duine bho dhuine agabhail an òrain sin, gus a robh e agam air mo theangaidh. Tha mi creidsinn gu robh fichead duine air a ghabhail nuair a thug min aire don fhear a bhair mo làimh chlì aig abhòrd, is bha so ach Alasdair Gringo, le peansailna làimh, is dréin air aodann, mar gum biodh pianna stamaig. Dhéisdeadh e greiseag bheag ris gach duine thigeadh an àird a sheinn, is theannadh e an uair sin ri sgrìobhadh. Agus gu math tric, bheireadh e sùil air leabhar beag a bha air a bheulaibh, le deilbh neònach ann, is cha robh mi atuigsinn an seòrsa leabhar a bhann idir. Mas math mo chuimhne, ghabh trì fichead duines a naoi deug an t-òran sin, fear an déidh fir, is ged a bha an t-acras orm, dhfhuirich mi far an robh mi gus an cluinninn an ath rud a bhiodh ann. Bann an uair sin a thòisich an iorghaill. Bha na fir aig abhòrd asgrìobhadh is acòmhradh, is an ceann ùine thugadh inneal mór uabhasach a null chun abhùird, air chuibhleachan, is thòisich fear an déidh fir de na bha aig abhòrd astobadh chairtean beaga asteach a thuill a bhanns an inneal. Chluinneadh tu an sin bragadaichna bhroinn, is thigeadh na cairtean amach air toll eile, le tuilleadh sgrìobhtorra. An ceann leth-uair a thìde, dhéirich fear-a- chiùil a bha air an làimh-dheis den bhòrd, is chaidh e chun an


[24]

àrd-ùrlair. Cha duirt esan móran sam bith, ach gu robh e gearain air cho beags a bha seinn troimh an sròinean am bliadhna, agus nach robh gu leòir ann aig a robh fìor eòlas air scoopaigeadh. Thàinig esan a nuas an uair sin, is chaidh an dara duinena àite. Thug esan greis mhór alabhairt, is be brìgh a sheanachais gun do dhaontaich iad gum be Gàidhlig Lunnainn aGhàidhlig a bfheàrr a bha ann am bliadhna, ach dithis a Uibhist-a- deas a mhàin, a bha car den aon bhlas aca. Bha ega fhaicinn glé iomchuidh gu robh muinntir Uibhist atogail Gàidhlig Lunnainn, ach bha e duilich a ràdha gu robh am blas coimheach fhathast air Gàidhlig Leódhuis, is mur a togadh iad sin na fuaimean ceart roimhn ath-bhliadhna gun cailleadh iad is dòcha deich comharraidhean an duine, is leis na bha iad acall air a cheòl mar thà gum biodh iad air cùl an t-seanachais.

Thàinig an sin an treas duine, agus thuirt esan cho maths a bha e air a dhòigh gu robh an cànain agus an ceòl a nise acòrdadh ri chéile cho math, taca ris mar a bha iad o chionn fhichead bliadhna air ais. ’S e fìor chorra dhuine a nis nach robh aleigeil buille throm air facail mar a bhaisagusaigaguslenuair a bha an ceòl ag iarraidh sin, agus bha iad ag ionnsachadh cuideachd mar a dheanadh iad goirid facail martromagusmóragusláidir.” Bha en dùil gu robh a thaing sin aig Gàidhlig Lunnainn, ach cha robh e, aig an aon àm, a dìochuimhneachadhothnam Barrach.

Dhéirich an uair sin an ceathramh duine, is thuirt esan gum be bàrd mìorbhuileach a bha ann a Rob Donnnach robh a shamhail ann an ceithir ranna ruadha an domhainn. Nuair a thòisicheadh e air éisgeachd bha e afàgail Pope (Sasunnach) fad air a chùl. A thaobh an òrainGleann Golaidh,” bha e furasda fhaicinn nach cuala Vergil a leithid mus do sgrìobh e naGeorgicsaige fhéin, air neo bha iad air a bhith fada na bfheàrr.

Nuair a chrom esan gu làr, dhéirich an cóigeamh fear, is bha so ach mo charaid Gringo. Chaidh esan an àird is thug e greis mhór abruidhinn air ceòl. “Achars esan an ceann ùine, “ ’s ann atoirt breith air achànain a tha mise. Mar a tha fhios agaibh uile, tha seachd ls ann an Gàidhlig Lunnainn, agus bha feadhainn aseinn an so an diugh aig nach robh ach a cóig . . .” Chluinninn fead beagga leigeil thalls a bhos, is chuala mi aig fear air mo chùlaibh, “Cha teid dad seachad air abhalach ud.” Lean Gringo air mar sin, iss fheudar gu robh cluasan dearga air feadh an talla mus do chuir e an l bho dheireadh anns na naoi òrain deug thar trì fichead sinna h-àite ceart, anochdadh gach uair far a robh an teanga abualadh no asuathadh anns acharbad no anns na fiaclan.

S ann air Gringo a bha an uallach na comharraidhean innse, mar a thàinig iad as an inneal. Dhéigh iad air an duine a fhuair achiad duais a thighinn air beulaibh an t-sluaigh a rithist, is bha so ach an t-Uibhisteach a bhair aghealaich air aweek - enda chaidh— ’se Titch Selwyn-Lloyd an t-ainm a bhair. Abair éigheachd is othail. Dhéirich sinn air ar casan, is gun ach leth-uair a thìde againn gu ar biadh a ghabhail. Air mo rathad amach thug mi sùil air an leabhar a dhfhàg Gringo air abhòrd air mo bheulaibh—“A Phonological Study of the Gaelic of London, ”le Uisdean Gaitskell.

titleFoghar, 1976
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 17 %p

parent textGairm 17
<< please select a word
<< please select a page