[36]

Chan eil fhios agam nach robh iad ceart

Le TORMOD MACLEOID (Nis)

BHIODH na Gaidheil o shean, agus móran dhiubh, eadhon gus an lathan diugh, atoirt géill do shaobh-chràbhadh agus atoirt creideis do nithean a shaoileas sinne anabarrrach gòrach. Chan eil fhios agam an déidh ah-uile rud an robh iad cho fada ceàrr. Nach eil bàrd Sasunnach ag innse dhuinn gum bi nithean a tha ri teachd atilgeil an sgàilean rompa, agus an Sasunnach sam bith a chuireadh tu air thoiseach air Gaidheal ann an ath-fhradharc no fàisneachd?

Le bhith toirt sùil air ais fhichead bliadhna agus còrr, air nithean a bhair an toirmeasg dhomh, chan eil mi idir cinnteach nach robh rudeigin anns achreideamh a bha aig na bhuineadh dhomh. Chaidh mo chasg ceud uair cho math ri h-aon airson a bhith luasgadh na creathuills i falamh, oirnam beachd-san luaisginn-sa naoidhean ùr nodha innte ann an ùine gun a bhith fada. Bha ochdar anns an teaghlach againne as mo dhéidh fhéin. Nach toir sin smaoineachadh air duine?

An latha rachadh an leanabh a bhaisteadh, cha robh achead a nighe noghlanadh an oidhche sin mas cailleadh e brìgh uisge abhaistidh. Ach an diugh, baisteadh ann no as, tha an naoidhean air ionnlaids air a lìomhadh roimh àm a leapa. ’S nach eil a bhuil? ’N téid latha seachad nach fhaics nach cluinns nach leugh thu mu mhi-stiùireanan òigridh (nojuvenile delinquency,mar a their iad) —an lathan diugh?

Chan fhaodadh na caileagan a bhith air am baisteadh leis an aon uisge ri na balaich, oir nan tachradh sin, dhfhàsadh feusag air achlann nighean sin an ceann tìde. Chan eil duine a chumas a shùilean fosgailte gach latha, eadhon air sràidean Steòrnabhaigh fhéin, nach mothaich nach eil an cleachdadh sin air a chumail mar bu chòir dha.

Nuair a thòisicheadh an leanabh adeanamh achiad cheumannan, dhfheumadh e staidhre a dhìreadh leis fhéin mus cromadh e, air neo chan fhaigheadh e air adhart anns an t-saoghal. Mur an robh staidhre ann, bha being anns bha ise freagarrach gu leòir. Nach iomadh Gaidheal math a rinn achiad streup rithe, ’s a fhuair achiad mhisneach as an oidhirp sin? Chaidh fear a chomharrachadh amach dhomh fhéin uaireigin, a bha làidir gu leòirna chorpsna inntinn, nach fhaca bhonn-sia ruadh aige fhéin còmhla a riamh a chionns gun tug e ceum leis fhéin as achreathaill chon an làir mus do rinn e fiù oidhirp air dìreadh gu stòl.

Nan tuiteadh fàd as an teine, bhiodh sùil ri neach asteach nach buineadh don tigh idir. ’S ann iongantach da-rìreadh a bhiodh e air oidhche fhada Gheamhraidh mura nochdadh nàbaidh air choireigin. An nis, bho dhfhalbh an teine fosgailtes a ghabh stòbh àite, cha tuit fàd, agus cha mhór nach fheum thu càirt-cuiridh fhaighinn bho do nàbaidh air taobh eile an rathaid mus nochd thu do shròn asteach air a dhorus.


[37]

Nan goireadh an coileach mun reug, bhiodh sùil ri droch naidheachd. a chaoidh a dhìochuimhnicheas cochlaidh nan eun sin an oidhche mus do bhris an Cogadh Mór amach?

Ach a thuilleadh air na bhiodh co-cheangailte ris an tigh, bha iad acreidsinn ann am ban-bhuidseachan, an taibhsean, an droch shùils an gruagachan. Bha na gruagachan air an cunntadh gun mhóran lochd; bhiodh iad aleumnaichs acleasachd am measg achruidh air agheàrraidh agus nam biodh abhanarach fialaidh riutha bha iad gun chron sam bith. Bha bodach air agheàrraidh againn-fhéin asealltainn dhomh na creige leis am biodh a sheanmhair atoirt air a bhith dòrtadh achiad chupain bainne thigeadh bhon bhoin airson nan gruagachan a chumail air an dòigh. Faisg air làimh bha, agus thà, Tom aBhìdh, far am biodh e afàgail mu chiaradh an fheasgair pàirt den h-uile mulchag a rachadh a dheanamh an latha sin, ’s cha bhiodh criomag air sgial anns amhadainn dhith. Bha e ag innse dhomh nach do thachair tubaist no dochann do dhuine no do bheathach nam bliadhnachan sin, gu aon fheasgar, ’s an t-acras air, nach ann a dhith e an càise a chaidh a chur leis. An ath oidhche, mun àm sin, chaidh abhó a bfheàrr a bhaca ann am boglaichs chaill iad i.

Bha na ban-bhuidseachan cho lìonmhor ann an làithean mòiges a tha clann-nighean le briogaisean an diugh air an dùthaich ann an Leódhus. Tha cuimhne làidir agam air cho maths a bha daoine dhaibh airson an gean math a chumail. Dheanadh iad-san corp crèadhana do riochd, nan tigeadh tu cros orra, gu h-àraidh ann an gaol; bheireadh iad an toradh as achrodhs bhiodh gun bhrìgh. ’S e an ìocshlaint a bha aig daoine airson so a leasachadh breac beò a chur don bhainne, ’s bheireadh sin cumhachd na ban-bhuidseach gu neoni. Bha so glé throm air na Rubhaich bho nach robh bric ann an lochan na sgìre sin, gus na chuir MacLeòid Phort-mhollair feadhainn dhiubh air Loch an Tiumpain. Bhon àm sin bha ìm na na bu phailte agus na bu thairbhich anns na bailtean sin, na bha e riamh roimhe.

Bhiodh eagal am beatha air na h-iasgairean gun tachradh dhiubh-san riutha air an slighe gu creig no gu eathar, oir bha iad cinnteach gun gabhadh abhan-bhuidseach cruth sam bith a thogradh i airson a dùil fhéin a thoirt amach. Tha cuimhnagam a bhith muigh air an eathar le na lìn bheaga air feasgar ciùin foghair nuair a dhéirich ròn mór ri ar clathaich. “A,” ars am bodach a bha san deireadh,

[Sanas]


[38]

tha do cheann briagha sleamhainn an dràsda achs ann odhar gaoisneach a bha e nuair a dhearc mise ort air mo shlighe chon achladaich. Tha cho math dhuibh a bhalachaibh na lìn a thogail.” ’S e bhiorach is cnòdan a thàinig don eathair am feasgar ud. Turchairt?

Achs e an corp crèadha a bha cur eagail air a h-uile fear, aguss fear glé làidirna inntinn a mhealladh air aig an robh an cnocan,” ’s e sin anns an robh abhuidseach an ruith na fala. Chaidh innse dhomh mu fhear a mheall aon den t-seòrsa so, ’s phòs e eile. Rinn ise corp crèadha dhana riochds chuir i don allt e. Mar a bhan corp ri sìoladh as, thòisich esan ri sìoladh as, ’s chaidh na casan aige cho caol ri casan clacharain. Bha e mar sin asileadh as latha bho latha nuair a thadhail ban-cheard astigh.

Ciontachs mar a bha e faireachdainn, dhinnis e dhi mughalair agus ciod a bha mar mheadhon ris. Thuirt abhan-chearc ris nach robh leighis ann dha ach a h-aon, agus be sin léinebhuineadh don a thréig e fhaighinn air dhòigh air choreigin agus a cur uime, agus e cuimhneachadh gun a toirt dheth gus an tuiteadh i dheth leatha fhéin. Gu mi-shealbhach dhà-san, ’s ann a bha ceathrar pheathraichean aig achaileig air na mheall e, ’s chan aithnicheadh esan leine bho thé no eadhon bho léine am màthar. Thug an truaghan suas ri mìos, a lathas a dhoidhche, ag eunach sreang aodaich an tighe sin, ’s atighinn dachaidh gach dàrnach a h-oidhche le léine air mu choreigin air a suaineadh fo a gheansaidh, ach na h-ùine sin, cha robh furtachd annta dha. Mu dheireadh thall, thurchair e air an cheart agus bhon mhionaid a chuir e air i, dhfhairich e e-fhéin adol am feabhas. Thug an duine sin na bliadhnachan móra ri dol gu iasgach achosta sear is siar is don néibhi le stiallan don léine ud leth ris, agus, nuair a chaochail e aig aois mhór, cha robh mìr air lorg dhith ach faitheamh na h-amhach a bhair a dhol cho dubh ri cairteal tombaca. Faic sibhse nisthuig e a ghalar agus fhuair e an aon ìocshlaint a bha air a shon.

Bha am feàlagan ri bhith air a sheachnadh far am faicear e, agus gu h-àraidh le na Rubhaich, oir bha iad-san acreidsinn na ruitheadh an creutair beag sin tarsainn air teis meadhon beathach no duine gun cailleadh am beathach non duine sin an lùths. Bha feàlagan aig mo shean-seanair fhéin air a shailleadhs air a chruadhachadh ann an crogan crèadha air bàrr abhalla airson a shuathadh ri beathach lag sam bith air an tigeadh e tarsainn air amhòintich an t-samhraidhs an fhoghair nuair a bha biadh bheathaichean pailt gu leòir. Is iomadh caora, bha gus toirt suas an deò, a chuir e air a bonnan le suathadh achlais bhon ìocshlaint ud. An diugh, nuair a gheibhear caora air amhòintich nach urrainn seasamh. tha fiosga chur air lighiche achruidh. Innsidh esan ainm aghalair dhuit ann an cànain borb nach tuig duine eile; bheir epilldon chaoraichach an tig i troimhe? Glé ainneamh. Nach iomadh beathach bochd a chaidh a dhìth roimhn àm airson nach robh daoine, a tha tuigseachnam beachd féin, atoirt spéis do leighisean an sinnsirean?

Agus gu dearbhadh atoirt dhuibh air cumhachd abheathaich so, thachair dhomh fhéin agus do charaid dhomh fear dhiubh a ghlacadh,


[39]

aon latha, ann an rùdhan. Chuir Calum, mo charaid, ann am bil abhonaid e airson feala-dhà a bhith aige leis aig an tigh. Nuair a ràinig sinn an dachaidh, bha iad air suidhe sìos rim biadh, agus am bodach adol a thòiseachadh air an altachadh. Thug Calum dheth a bhonaid, gun chuimhne aige air gu bha aige ann, agus sud am feàlaganna dheann leum am measg nam bròg fon bheing. Ma chaidh, mus canadh tu sgian-bhùird, cha robh stòl, no bòrd, no leabaidh, no dreasair, no sorchan sam bith a bha troigh an àirde bhon làr nach robh cuideigin air achorra-biod airna chorruich ruinne— ’s an éigheach a bha sud! Thug achùis mar sin suas ri leth-uair a thìdes am biadh adol air dhìth air abhòrd, gus na lorg an am beathach bochd. Cha be biadh air a bheannachadh a fhuair sinne am feasgar ud. Ach fuirich ort. Cha robh sia seachdainean air dol seachad nuair nach robh aon ghaoisinn fuilt ann an ceann Chaluim os cionn a dhà chluais. Dhfhàs e cho maol ri sagart, ’s cha robh e bliadhnar fhichead, ’s tha e mar sin fhathast. ’S iomadh latha bhon latha sin a chaidh innse dha gu robh e fortanach gur ann mucheann a ruith am feàlagans nach bann mu theis-meadhon.

Le bhithsmuaineachadh air na nithean sin agus ameòmhrachadhnam inntinn fhéin air an dearbhadh a fhuair mi air na h-ìocshlaintean a bhaca airson tinneas an rìgh, teine-, an tinneas-air-ais, ’s mar sin air adhart, tha mi den bheachd nach robh na daoine bhon tàinig sinn cho fada ceàrr idir.

[Sanas]

titleChan eil fhios agam nach robh iad ceart
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Tormod MacLeòid in Gairm 17 %p

parent textGairm 17
<< please select a word
<< please select a page