Domhnall Aonghuis Buachaille
Seanchas bho MHURCHADH MACLEOID, a Crabhlastadh
(Tha sinn fo chomain do’n Dotair Dòmhnall Dòmhnallach, Fear Ghioslaidh, a stiùir an seanchas so thugainn bho ar caraid Murchadh MacLeòid.)
BHA Dòmhnall MacAmhlaimh—Dòmhnall Aonghuis Buachaille—a bha ann an Crabhlastadh, ’na dhuine modhail, solt, agus ’na nàbuidh math. Agus bha e anabarrach tapaidh, mar a tha na seanchasan a tha uime a’ toirt cunntais. Ach ged a bha e solt cha leigeadh e le na cuileagan laighe air. Bhiodh e a’ bàrdachd, agus a rèir a bhriathran fhéin, bha e a’ fuireach ann an uachdar Bhàstair:
“Ged tha mi ’n uachdar Bhàstair
’S mór as fheàrr e na arm an rìgh;
Le mo ghunna air mo ghualainn
’S an luaidhe toirt bhuam mo thaobh.”
Ann am facal eile, ’s e saighdear a bha ann: fear a thug greis ann an arm an rìgh agus a chunnaic nithean bu chruaidhe na chitheadh e an uachdar Bhàstair. Chì sinn buaidh so, ann an cainnt agus ann an seaghalachd, mar a dhéilig e ri Daibhidh MacBhàtair, ministear Bhaile na-Cille, nuair a bha cruinneachadh aca mu mhinistearan is gnothaich sgìre ann an seann eaglais Cheann Langabhat. Nuair a bha am fear a bha anns a’ chùbaid a’ labhairt, dh’éirich MacBhàtair agus am bata aige an tarruing os cionn a chinn, a chantainn ris an fhear eile gu robh e breugach. Bha Dòmhnall Aonghuis Buachaill anns an t-suidheachan air cùlaibh MhicBhàtair, agus nuair a chunnaic e a’ seasamh e, rug e air choileir seacaid air, agus leis na briathran“Sit down where you are, ”tharruing e air ais e gus na bhuail e air a mhàs air an t-suidheachan. Bho là a bhreith gus an là a chuir e crìoch air a bheatha * le ball mu a sgòrnan anns an tigh-mhònach aig Mansa Bhaile-na-Cille, cha deacha a leithid sud a dheaghrach troimh thulchainn a’ Mhinisteir Mhoderate. Cha do charaich e ’na shuidheachan fad an latha tuilleadh. Rinn Dòmhnall amhran a rithisd agus bha aige ann:
“Cha chuala mi ’nam eachdraidh
’S chan fhaca mi ’nam linn,
Ministear is bat’ aige
An tarruing bhos a chinn.”
Bha fios aig Gille Bàn Crosd a bha ann an Càirnis cuideachd có bha ann Dòmhnall Aonghuis Buachaill. Thachair dhaibh ’nan dithis a bhith a’ creagach air an aon chreig air cùl Chrabhlastaidh—air Fìbhig Tharras. Bha Dòmhnall Aonghuis Buachaill ’na chrioplach aig an àm le niosgaidean fala. Bha an Gille Bàn Crosd ’na bhlaigeard co-dhiùbh, agus a’ chiad chothrom a fhuair e, thug e sròn na bròige do Dhòmhnaill Aonghuis Buachaill mu an niosgaid, agus thug e na buinn.
* Chuir Dàibhidh MacBhàtair làmh ’na bheatha fhéin anns a’ bhliadhna 1856
[Sanas]
Chuir an greadanadh-sa Dòmhnall ’na thàmh car greiseig, ach cha do chuir fada. Amach a thug e as deidh a’ Ghille Chrosd. Bha an Gille Bàn Crosd air an rathad bu ghiorra chun na Tràghada Móire a ghabhail, agus ghabh Dòmhnall Aonghuis Buachaill an t-slighe sin cuideachd. Rug e air a’ Ghille Chrosd a’ dol tarsuinn Tràigh nan Srùban eadar Crabhlastadh agus Baile-na-Cille, agus ma rug, bha cuimhne aig a’ Ghille Chrosd dé an là de’n t-seachdain a bha ann. Fhuair e làimhseachadh nach biodh e cho ullamh air cas, no làmh, a thogail ri duine tuilleadh, co-dhiùbh ri Dòmhnall Aonghuis Buachaill, agus chaidh e null an Tràigh Mhór dhachaidh, tur eadar-dhealaichte ri mar a thainig e a nall. ’S meite nan robh e air cuimhneachadh aig an àm air Fìbhig Tharras, gum b’e Dòmhnall Aonghuis Buachaille am fear a thug leac àrd-dhoruis tobair-nan-each, aig Mansa Bhaile-na-Cille, air ball air a mhuin a Cùl Tholanis, nach robh e air smaoineachadh air leithid bròige a thogail ris.
Thàinig Dòmhnall Aonghuis Buachaille an turus so a nall do Steòrnabhagh, e fhéin agus dithis eile a Crabhlastadh, Iain Slaodach (Iain MacLeòid) agus Mac Aonghuis Ruaidh (Iain MacLeòid eile). Thainig iad tarsuinn a’ mhòinteach, casruisgte agus am brògan air an gualainn. An uair a thainig iad a nall air an allt an Ceann a’ Bhàigh bha pulaidh ann a sin air a’ ghlasaich, a’ toirt dùbhshlan do dhiune sam bith a thighinn an sàs ann. Cha robh e faighinn duine, agus bha e ag éigheach na b’urrainn de dhùbhshlan, agus a’ dòirteadh tàire amach air a bheul air muinntir an eilein.
A’ cluinntinn nan nithean sin do Dhòmhnall, rinn e aithnichte gun deidheadh esan an sàs ann. Nuair a chunnaic Iain Slaodach na biasdan a’ dol gu a chéile, thug an sgaomaireachd buaidh air, agus dh’fhalbh e agus thòisich e a’ crùbadh fo chliathaich eathair a bha air a tarruing ann an Ceann a’ Bhàigh. Ach cha b’e sin a rinn Mac Aonghuis Ruaidh beag. Leum e asteach do’n chiad bhùth a b’fhaisge, agus nochd e amach agus làn baca a ghàirdein aige de chorrain. Bha so airson rud sam bith a dh’fhaodadh tachairt—ana-ceartas, no taobhan a bhith ’gan gabhail aig na fir agus na mnathan a chruinnich nuair a chunnacas na fir am bad a chéile. Chrìochnaich a’ chùis leis a’ phulaidh a bha cho briathrach greiseag roimhe ’n sin, a bhith mar phoca feòla aig Dòmhnall MacAmhlaimh fo a ghlùin. Thainig air a’ phulaidh géilleadh agus greim aig Dòmhnall air nach fhaigheadh e an àirde gu siorraidh, agus glotag bhog as nach caraicheadh i aig glùin an Uigich ’na mhaothan. Faodaidh sinn a bhith cinnteach nach robh càil a dhìth deocha air Dòmhnall am feasgar sin nan gabhadh e i. Co-dhiùbh, mu’n àm sin bha ochd-deug de thighean-òsda, le cead, ann an Steòrnabhagh, a thuilleadh air na bha ann de àitean deocha eiel, os ìosal.
Ach ged a chuir e sìos am pulaidh ann an Steòrnabhagh, cha b’e sin an rud a bha e fhéin ag ràdh a b’fheàrr a rinn e riamh. Ach caraid a shàbhaladh bho a bhàthadh ann an abhainn Chluaidh.
Bha Calum MacChoinnich ann an Crabhlastadh ’na cheannaiche mór ’na latha— ’s e “an ceannaiche” a bha aca air. Còmhla ri nithean eile bha bàtaichean, tighean-stòir agus tighean-saillidh aige. Bha soitheach aige cuideachd—long bheag—a bhiodh a’ giulan an éisg a
bha e a’ gréidheadh ann an Crabhlastadh, eadar Leódhus agus Glaschu agus a null do an Bhaltic. B’e Dòmhnall Aonghuis Buachaill agus dà mhac leis an t-sealbhadair, Pàdraig agus Cailean, sgiobadh na soithiche.
Anns na làithean-sa ann an Glaschu, nuair a thigeadh long mhór asteach, dh’fheumadh an fheadhainn bheaga fuasgladh agus acrachadh amuigh anns an abhainn airson àite a dheanamh do an te mhóir ris a’ chidhe.
Thainig so air soitheach a’ “cheannaiche” agus gun duine air bòrd innte ach Dòmhnall Aonghuis Buachaill agus Pàdraig, oir bha Cailean, an sgiobair, air tìr shuas am baile. Nuair a bha iad a’ leigeil amach na h-acrach amuigh anns an abhainn ghlac an acair Pàdraig agus thug i leatha e ann an luib na slabhraidhe amach gualainn na soithiche.
Mar a ghreimicheas duine ’ga bhàthadh eadhon ri sràbh, ghreimich Pàdraig ris an acair agus thug i gu grunnd abhainn Chluaidh e. Ach bha Dòmhnall ’s a ghàirdeanan cumhachdach faisg. Agus bha sin feumail. Cha robh dàil sa’ chùis. Chuir Dòmhnall a chasan an tac, agus ghreimich e ris an t-slabhraidh. Dh’fheuch e a neart mór, agus b’fheumail gu robh neart mór ann. Le spadhaidhean a bha dìreach anabarrach, dh’fhàg an acair agus an urra dhaonna a bha an sàs rithe, dh’fhàg iad an grunnd agus cha b’fhada gus ’n a bhris iad balg air uachdair na linne. Dòrn as deidh dùirn, thug Dòmhnall làidir an acair agus an t-slabhraidh agus Pàdraig mór, tomaideach, gu clàr-uachdrach na soithiche. Cha robh dearg fhallas Dhòmhnaill, agus saothar a analach, an dìomhain, agus cha b’ aithreach leis na chothaich e, an lorg a charaid a bhith air a shàbhaladh.
B’fheumail do Phàdraig gur h-e Dòmhnall a dheònaich am freasdal a bhith maille ris aig an àm ud. Nam b’e duine cumanta a bha air a bhith ann, bha Pàdraig air a bhith bàthte. Fhuair Dòmhnall fìor fheum do a neart, an turus-sa, agus cha robh aithreachas air gun d’fhiach e gu gu a chùl e.
’S e an gnìomh-sa a bha Dòmhnall fhéin ag ràdh an rud bu làidire a rinn e riamh. Agus ’s ann aige fhéin a b’ fheàrr a bha fios.
Thug a’ bhana-chogach an duine còir tapaidh-sa amach ann an treun a neirt. Ach tha a eachdraidh agus a chliù air bilean an t-sluaigh fhathasd ann an àite a bhreith agus àraich.
[Sanas]
title | Domhnall Aonghuis Buachaille |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Murchadh MacLeòid in Gairm 17 %p |
parent text | Gairm 17 |