[27]

Bail-Ailein

Le CATRIONA NICDHOMHNAILL

CHA chreid mi nach eil Bail-Ailein, far an drugadh agus an dàraicheadh mise, air baile cho fadas a tha an Leódhus, agus, a réir móran dhaoine, am baile as bòidhche. Tha e faisg air trì mìle air fhad, air a shuidheachadh aig ceann Loch Erisort mu cheithir mìle deug amach á Steòrnabhagh. Ach ged a tha e fada cha mhór gu bheil leud idir ann.

Canaidh cuid de dhaoine nach eil facal air a bhruidhinn anns an àite so ach aBheurla ach chan eil sin fìor idir. Tha aBheurla aig a h-uile duine, ceart gu leòir, achs i aGhàidhlig achiad chainnt aca agus mar sins i as fheàrr le móran, ged chluinnear aBheurla an suds an so.

Chan fhaic mi gu bheil móran eadar-dhealachadh anns na daoine abharrachd air daoine sam bith eile san eilean ged a chanas iad gur e daoine beaga, dubha a thair na Lochan. Saoilidh mi-fhéin gu bheil atharrachadh-seòrsa anns a h-uile àit’. Tha achuid as motha, dhiubh am Bail-Ailein gu gasda, coibhneilnan tighean féin agus ma tha duine neo dhà air achaochladh, mar a thubhairt Bean Dhòmhnaill Bhig nach maireann, “a h-uile duinena dhòigh fhéins nach fheum e sin.”

Ach ma tha sam bith a ghlacas aire achoigrich anns abhaile againn is e na thann deghillean,” eadar fichead agus ceithir-fichead bliadhna de aois. Ach tha iad cho dòigheilnan staidneo cho fadanan ceannis gu bheil iad atoirt air seann-chloinn-nighinn an àita bhith acall an dòchais, ged nach fearasd sin.

Chan eil móran de na seann chleachdaidhean air an cumail suas an diugh ach tha seòrsa de thigh céilidh againn fhathast. Ach chan fhaod boireannach a dhol asteach air an dorus agus mar sin chan eil cothrom fios a bhith againn air na seanachaidhean aca, ma tha iad idir ann. Ach ged nach fhaigh sinn asteach a bhroinn an tigh-chéilidh so a dhéisdeachd ri seanachaidhean an latha an diugh, tha sinn comasach, air an làimh eile, éisdeachd ri seanachaidhean an latha an .

Tha Ruairidh Dhomhnaill Mhàirtein, a bhuineas dhomh fhéin, ’na sheanachaidh anabarrach math. Tha cuimhne aige-san air na seann tighean-céilidh far an tàinig air a h-uile duine sgeul nas fheàrr na chéile innse, oidhche mu seach. Cha mhór nach do ghléidh esan cuimhne air a h-uile aon agus chan fhairich duine an oidhche dol seachadga éisdeachd. Gu dearbha, bha an sgeul mu dheidhinn mar a chaidh Iain Ruadh, ogha do Dhòmhnall Cam, a bhàthadh air Loch Langabhat eadar an t-Eilean Dubh agus tìr, aige-san fada mus do nochd e anns aGhazette, agus sheall e dhomh fhéinClach Beitifar an do shuidh màthair Iain agus a rinn i an t-òran a tha afosgladh le na facail:—

Is daor a cheannaich mise an fhiadhachd
Rinn Iain moch Di-ciadainn
Air an eilean dubh riabhach
Rinn mo liathadh, ’s mo leòn.”


[28]

Ach is e an sgeul mu dheidhinn an eich-uisg as fheàrr a chòrdas rium fhéin. Cha mhór nach eil a h-uile duine am Bail-Ailein eòlach air an sgeul so agus innsidh duine sam bith mar a thàing an t-each-uisge amach a Loch Nighean Easabord an cruth gille òg. Shìn e a cheann ann an uchd nighinn òig a bha muigh abuachailleachd achruidh. A réir eachdraidh, mhothaich ise an deidh greis gu robh gainmheachna fhalt. Dhaithnich i gur e duine mi-nàdurrach a bhann agus theich i le a beatha. Ach mun robh i air a dhol amach á flanuis dhùisg angilleagus ghabh e as a déidh mar a bhaige. Chunnaic e mu dheireadh nach fhaigheadh e greim oirre agus dìreach an uair a ràinig i an tigh dhéigh e as a déidh:—

Ibeadal ort, Abaideal ort,
Galair an eich odhair ort:
Galair nas miosa na luibhre
Is galair nas cruaidhe nam bàs.
Tri làn na cuaiche duibhe
Dfhuil do chridhe mu do chasan,
Is mun tig madainn Di-luain, ’s e an uaigh do leabaidh.”

Agus dìreach mar a thubhairt e, an uair a ràinig ise dhachaidh chuir i amach an fhuil agus an oidhche sin fhéin chaochail i.

Ged is bith a bheil facal den sgeul so fìor neo nach eil, is e sin mar a chuala misi.

Còmhla ris an sgeul so, bidh mi an còmhnaidh acuimhneachadh air fhear a bha afuireach anns abhaile againn bho chionn fhada, Dòmhnall Iain Bhàin agus Dòmhnall MacChuinn. Chaidh iad-san, bha sud, amach a lorg chaorach ach an àite caoraichs e chunnaic iad each mór, geala bha air teicheadh dhachaidh as na Hearadhag éirigh amach a loch Langabhat. Ach is ann a shaoil iad-san gur e each-uisge a bhann agus tha cuimhne mhath fhathast air mar a shàth Dòmhnall MacChuinn Dòmhnall Iain Bhàin air a bheulaibh gus am falbhadh an t-each leis-san an toiseach. Ach cha leigeadh e-fhéin a leas. Mhothaich Dòmhnall Iain Bhàin gu robh crùidhean air an each so agus dhéigh e àird achlagainnNa gabh eagal, a Dhòmhnaill. Tha saothair aghobha air an each.”

Ma tha duine airson seann eachdraidh abhaile a rannsachadh chan eil aige ach sealltainn ri ainmean nan cnoc, nan loch, ’s nan slag.

Tha e air a chumail amach gu bheil Loch Nighean Easabord, air ceann shìos abhaile, air ainmeachadh as déidh nighean rìgh Lochlannach agus gun do theich i chun a so an deidh dhi craobhan nan eilean gu léir a churnan teine. Ged is bith a bheil sin fìor neo a chaochladh, chithear an sin fhathast seann àraich tighe agus fheannagan ged nach do dhfhuirich duine an sin a riamh bho is cuimhne le duine.

Air an aon dòigh, tha Loch Dhòmhnaill Bhig air ainmeachadh air duine chaidh a bhàthadh air an loch sin bho chionn fhada nan cian.

Acoimhead sìos oirnne á beanntan na Pàirce tha Sìthean an Airgid far an deach, a réir móran dhaoine, airgead thoirt amach a soitheach-criche an à rìgh Teàlrach I agus a chur fon talamh ann


[29]

am broinn seiche dobhair-choin. Is iomadh duine a dhìrich abheinn ud anns na làithean a dhfhalbh ach innsidh Ruairidh Dhòmhnaill Mhàirtein dhuibh gun dubhairt Coinneach Odhar nach fhaigh duine lorg air an ulaidh so ach Tormod nan trì Thormoid. Feumaidh e bhith gu bheil tomhais den fhìrinn anns an sgeul so oir thalàn seich an dobhair-choin” ’na athainn aig muinntir abhaile gus an an diugh.

Ach is ann dìreach feasgar a bhios muinntir Bhail-Ailein ag éisdeachd ri seanachaidhean. Air feadh an latha tha iad trang afighe chlòimhtean agus ag obrachadh nan croitean, agus an uair a thig àm freagarrach na bliadhna theid gille treun an suds an so, an teis-meadhon na h-oidhche, turus chun na Pàirce aig tha fios carson?

Tha oidhche-Shamhna air a cumail air an dara--deug den t-Samhuinn. Is e so oidhche nan clann-nighean agus chan fhaod na balaich gnothach a ghabhail ris ged is iomadh uair a tha achloinn-nighean bhochd afaighinn an cruaidh fhortain airson an call a rinn na balaich a measg nan sneàp an oidhche sin. Mar is tric, tha an oidhche adùnadh, agus uaireannan afosgladh cuideachd, le sabaid eadar munntir amchinn shìos agus muinntir achinn shuas mu dheighinn na tighean nan anns am bi iad atadhal. A dhaindeoin éigheachd nan cailleach an uair a tha achlann-nighean aruith nan tighean tha e coltach gum biodh iad fhéin air an dearbh dhol-amach ach an àitegnogmodhail air an dorus, is ann a shadadh iad-san uighean amh uisge air na h-uinneagan.

Air Oidhche na Callainn cha chluinn duine e-fhéin abruidhinn le balaich ag éigheach:—

Tháinig mi gu modhail eòlach
An àm tòiseachadh na Callainn . . .
Cha leigeadh tu leas sin innse dhomh
Bha e ann bho linn mo sheanar . . .

Agus an dèidh dhaibh beagan fhaighinn, tòisichidh iad ag éigheachd, aleigeil fhaicinn duinn nach be airgead a chleachd balaich na Callainn fhaighinn idir:—

Gabhaidh sinn an t-aran gun an t-ìm,” agus mar sin air adhart. Chan eil aobhar dhomh-sa a chur sìos an sotha fios aig a h-uile duine air co-dhiùbh.

Air oidhche toirt asteach na Bliadhna Uire tha an truaighe buileach adol air abhaile, mar is tric, bho cheann gu ceann deth. Bha am baile gu math sàmhach am bliadhna gus an tàinig oidhche Dhi-luain ach mu dheireadh na h-oidhche sin cha mhór gu robhgilleanns an àite nach robh amionnachadh gum biodh esan pòsda mun tigeadh an ath Bhliadhna Ur asteach. Agus mar sin, fàgaidh sinn Bail-Ailein an dràsda agus bliadhna bhon diugh chì sinn an staid anns am bi an t-àitagus na daoine. Tha fìor eagal orm fhéin nach bi atharrachadh air thalamh ri fhaicinn ann.

titleBail-Ailein
writersCatriona MacDonald
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Catrìona NicDhòmhnaill in Gairm 17 %p

parent textGairm 17
<< please select a word
<< please select a page