[63]

Loch Reasort

Le TORMOD MACLEOID

(Na h-àireimh a tha sna badaigs iad comharraidhean Cliath Nàisiunta nan Learsgàild(Grid references) . . . . ).

1. S ann an Innse Gall a tha Loch Rèasort, air a thaobh an Iar, eadar Leódhus agus na Hearadh. ’S e an Loch so achrìoch, chan ann a mhàin eadar Leódhus agus na Hearadh ach eadar Siorramachd Rois agus Inbhirnis mar an ceudna. Tha an tìr mun cuairt cruaidh-chlachach, cnoc-chàrnach, àrd-bheannach, le iomadh loch uisge an glaic agus abhainn bhric agus bhradain aruith gu tràigh.

2. Tha ann, lethcheud mìle ceàrnach fearainn aig fàsach agus frìth. Tha an cuan an iomall na dùthcha air an taobh siar. Tuath tha àrd-bheanntan Uig. Deas, tha beanntan nas àrda sna Hearadh, agus an Ear, tha Loch Langabhat, a thana shlaod air fad trì mìle deug am meadhon na tìre.

3. Chan eil rathad ann. Mu cheud bliadhna air ais, thòisicheadh air rathad a dheanamh ach chuir an geamair Caimbeul, e fhéin agus an droch fhear ud, an Siamarlan Dòmhnall Munro .i. Mac an Rothaich, stad air an obair, le faicill air eagals gun deanadh an rathad cron air frìth nam fiadh. Air an aobhar so fhuair iad rag-chothrom bho Sir Seumas MacMhathain, Uachdaran Leódhuis, crìoch a chur air obair an rothaid.

4. Ach rocheann latha is bliadhna nach ann a chuireadh an geamair Caimbeul, a bha cho eudmhor a thaobh na frìth, e fhéin aig thigheadasna teis mheadhon gu Ceann Rèasort far an dfhuair e cothrom cnuasachd gu cùl a chinn air gach cion-goireas a than luib tigh gun rathad. A chionns gum be coimhearsnachd nam fiadh bu docha leis fhuair e a shàth dheth. Cha robh mar sin rathad ann san latha sin, ’s chan eil an diugh, ceud bliadhnana dhéidh.

5. Fhads a sheasas an t-slàinte ri luchd còmhnaidh abhaile-bhig iomalaich aonranaich, chan eil air, ged a tha amhòinteach gun rathad a tha eadar iad agus mórshluagh na dùthchana fìor dhragh, ’na h-annlamhs na h-annradh. ’S ann nuair a thig tinneas, easlaint agus anacair a thig iomagain is spàirn agus eagal abhàis, mar bu mhath a baithne do Fhionnlagh Mhorsgail grunnan bhliadhna air ais nuair a bha ena gheamair air thigheadas aig Ceann Rèasort.

6. Bhuail easlaint throm bean an tighe agus bfheudar cóig mìle mòintich imeachd gu ruig Morsgail gu fios a chur air an lighich; fuireach ann an sin gus an tigeadh e, gus a threòrachadh thairis na mòintich gu Ceann Rèasort. Dhòrduich an lighich abhean a thoirt don ospadal gun dàil: bha a beatha an crochadh ri cabhaig. Chaidh fios a chur na daoine, a chruinnich feadh na h-oidhche, cuid dhuibh thar mìltean a dhastair mòintich.

7. Béiginn crò-leaba a dhèanamh gus abhean thinn a ghiùlain eadar dhaoine thar féith is allt, thar lom is bruthaich gu rathad mór an rìgh. Cha do bheannaicheadh don Chaimbeulach an oidhche sin an droch ghnìomh a rinn e trì fichead bliadhna roimhe, nuair a chaisg e obair an rothaid.


[64]

[Mapa]


[65]

8. Chan eil rathad ann ach thawalkadol dìreach deas bho Mhorsgail, asteach a chridhe na frìthe. Thoiribh an aire, “walk, ”chan ecasannostaran”: cha bhiodh a leithid sin uasal gu leòir. Cha tuigeadh na Sasunnaichcasanno staranagus bhon a biadsan a phàidh air an obair cha bu mhór a rud ainm beurla a thuigeadh iad a thoirt air. Tha drochaid fhiodha thar abhainn an Lòin agus eadar thu is mìle deas air an drochaid tha àite ris an canarna Bothainfar am bheil a’ “walkadolna dhà.

9. Thug mi sùil airna Bothainagus gu dearbh bha iad annasach leam; gu a bhann achàirighean chlachle an cinn slàn orra. Their cuid gur e a thann an sorelics of the Stone Age.Chan eil dha dhìthStoneorra, agus dhfhaodadhAgea bhith orra cuideachd achs e àirighean chlach a thann agus a bhitheas ann iomadh linn fhathast mur a tig burraidh de pheasan a leagas iad. Cha bhreò mìr dhiubh, oir tha gach balla agus ceann air a thogail de chlachan cruaidh an t-slèibh nach cìsnich sian agheamhraidh.

10. Tha an ceann gu h-àraidh airidh air beachd a thoirt air. Tha leac muin licga shìor thoirt asteach gus am beil am both còmhdaichte leis an leac-mhullaich. Tha gach leac air a stéidheadh air chors gun cur i an t-uisge dhith agus uidh air n-uidh amach air bàrr abhalla. Ceud bliadhna air ais mu 1850 nuair nach fhaighte bheag de fhiodh ach fiodh cladaich air an robh meas mór airson cinn thighean be ceann chlach a tha gu coitcheann air gach àirigh.

11. Bann faisg air na bothain a choinnich Iain MacAsgaill rium; Iain aphuist le a mhàileid air a dhruim. Dhaltaich sinn beatha a chéile. Bheannaich mi an latha dha agus bheannaich e an latha dhomh agus dhinnis e dhomh gu robh dùil rium agus gu robh ullachadh air a dheanamh air mo shon.

12. Chur mi ceist air Iain. Dhfhoighnich mi dhethGu bus ciall do na pòlaicheantelegrapha bha sud adol a dhìth.” “Chuireadh,” ars esan, “na pòlaichean suas ri linn cogadh aChaisear, eadar Morsgail agus Ceann Rèasort; a sin, bha taod-fo-mhuir gu Loch Thamanabhaigh farm bu tric a bhiodh loingeas chogaidh agabhail tàmh. ’Na latha fhèin bha Morair Leverhulme an dùil an acfhuinn a chur an òrdugh ceart ach dhiarr Ughdarras aPhuist a leithid de mhàls gun dfhàg Leverhulme aca e agus sin e nis abreothadh.”

13. Dhealaich sinn agus lean mise miar an ear nawalkgu mullach Sheilibri an tòir air tulach as am faicinn fad agus liad na clais a tha gearradh Eilean Leódhuis bhon ear gun iar. Is e ceann an ear na clais: Loch Odharn; a ceann an iar: Loch Rèasort.

14. Fhuair mi an suidheachan a bha mi ag iarraidh air gualainn deas Sheilibri (660420). Shoillsich deàrrsa gréin air fadhail Loch Langabhat (693414). Bu léir dhomh Ceann Tarbhabhaigh, Ceann Loch Sìphort, Ceann na Carraidh, agus mar sin an ear thairis Gleann Odhairn gu Grabhair. Dìreach deas orm bha Beinn aBhoth, agus eadarainn bha achlais air dìreadh bho Loch Langabhat troimh ghil Roisgil Cham gu Ceann Rèasort, am meadhon na fàsaich, far an robh an deò-gréine air sgiath na gaoithe, asoillseachadh an grunnan


[66]

thighean a bhair an dath donnaliath le grian agus siantan nam bliadhna a thréig.

15. Bha agam ann an so fa chomhair nan sùl, am bealach troimh am biodh e iomchuidh rathad a dheanamh, ceithir mìle bho Airigh-Bhruthaich gu fadhail Loch Langabhat: staran air an fhadhail agus an sin ceithir mìle eile gu Ceann Rèasort. Dhfhosgladh a leithid sin de rathad iasgach Loch Langabhat do mhóran. Dhfhaodaite an dara Loch Lìobhan a bhith againn gu tàladh choigreach len cuid airgid airson math coitcheann an Eilein. Thuilleadh air an sin bhiodh Ceann Rèasort le a mhuir agus le a mhonadh, le frìth agus le aibhnichean bhradain an comas air leasachadh taisealach a chur ri beartas na tìre. Dhath-bheothaicheadh an rathad am baile beag Luachair a tha sìor dhol fàs.

16. Tha luchd àiteachaidh Chinn Rèasort asìoladh as. Na bha air taobh Leódhuis den òb, bann an CROLA a bha iad; air taobh na Hearadh: LUACHAIR. An cois an Loch air fad, is minig làraich gun cheann orra is leac an teinntein fuar. Is tearc na tighean slàn le daoine anntas achagailte lasrach blàth.

17. Tha an oitir farsuing. Tha abhainn éisg-ghil ataomadh don òs: Abhainn mhór Cheann Rèasort agus Abhainn h-Osaidh. Tha drochaid air gach : droichidean bhòrd is chlàr de fhiodh cladaich. Tha clach mhór na crìche am meadhon na h-oitir. Clach crìch eadar Leódhus agus na Hearadh agus eadar Siorramachd Rois agus Inbhirnis.

18. Bha fàilte romham aig tigh Ceit an Luachair. Dhinns i dhomh gu robh a dàimh Iain, fear aphuist a Tamanabhaigh atighinn a dhaithghearr. Thainig e le mhàileid agus ghabh e biadh. Rinn an dithis iomradh air tigh an seanar a bha a nise fuar fàs an Crolà, taobh thall na h-oitir. Nuair a chaochail a h-athair, chan fhuireadh Ceit an Crolà na h-aonrachd, thainig i do Luachair far an robh cuideachd a dàimh, ach tha camadh ann an ceann an Loch agus tha Ceit ag ionndrainn sealladh nan iomadh mìle mach an Loch gun iar agus Scarpa air fàire.

19. Dhfhoighnich mi de dhIain an leigeadh e mi leis earrainn da shlighe air ais gu Loch Thamanabhaigh, agus thubhairt e gu dearbh gu leigeadh, ’s ann bu mhath mo chuideachd air an t-slighe. Ghabh Iain an oitir oir bha brògan ard air. Chuartaich mise droichidean Abhainn h-Osaidh agus na h-Aibhne Móire.

20. Eadar an Os agus Crolà thainig sinn air an ionad (632417) far am bàbhaist iasgach abhradain a bhith. Bha both na h-eathrachs nan lìon phoc agus na h-acfhuinn iasgaich gun cheann air, ach bhalòn an éisgcho math is a bha e riamh. Bann san lòn so bha na bradain air an cumail beò. Tha abhothag slan fhathast agus an lòn uisg’ ’na broinn. Tha abhothag cruinn, throigh dheug bho thaobh gu taobh agus ceithir troighean a dhàrd oirre. Tha struthan atighinn innte troimhn bhalla thall, alìonadh an lòin agus aruith amach troimhn bhalla bhos.

21. Chaidh sinn seachad air tigh Chrolà. Bha e gun cheann. Bha cuid de sheana àirneis an tighe air fhàgail. Bha am bòrd-slios sleamhainn le suathadh iomadh ginealaich asteachs amach as an leabaidh.


[67]

Aig cùl an tighe bha am bothan anns am biodh iasgairean abhradain afuireach an iasgaich. Bha ceann abhothain air tuiteamna bhroinn.

S truagh ri aithris gu bheil Crolà (630420) fàs. ’S e ionad còmhnaidh taitneach a thann. Tha fasgadh air bho thuaths bhon ear; tha e ri aodann gréines ri cùl gaoithe. Tha sealladh àillidh amach an Loch fa chomhair na sùla, agus crònan caoin an uilltnad chluais.

22. Dhìrich sinn gualainn Bhenisbhail agus chuartaich sinn iomal Loch Bhenisbhail a tha shuas air àrd an t-sléibhe. “Be so an t-slighedeir Iain, “air am bàbhaist Murchadh mo dhàimh a bhith siubhal nuair a bha e ris aphostachd agus bann air an t-slighe aonranaich so gun teagamh a dhionnsaich e an Laideann agus aGhreugais a bha air a theangaidh aige.” Be Murchadh so bràthair Ceit: gille sònraichte, a shuidh ri àrd cheasnachadh Sgoil MhicNeacail gun sgoil gun oideas gun a bheag a threòrachadh ach na rinn a dhìchioll fhéin. Bha dùil gun éireadh Murchadh gu inbhe àrd achs ann a dheug e òg.

23. Nuair a ràinig sinn Cleite nan Ràmh os cionn Loch Bodabhat, sheas sinn ag amharc air an t-slighe romhainn. Le a bhith dol dìreach gu Tigh Thamanabhaigh bha an t-slighe thar gualainn a deas Ainebhal dìreach gu tigh Iain san Ard Bheag, thar gualainn chlì Ainebhal. Bfheudair dhòmhsa tilleadh mus glacadh an t-anamoch mi. Ghabh mi deas taobh Chrocasmol agus Loch na h-Airigh gu bòrd na mara, taobh tuath Loch Rèasort.

24. Ann an sin thug mi greis abeachdachadh air Tobht aMheirlich. Bha na feannagan taobh ri taobh mar a bha iad nuair a rinneadh iad, achs e fraoch a bha fàs asda. Feumas a bhith gun robh an duinena mheirleach èasgaidh nuair a bha an t-ainm aige. Bha na cinn agus na feannagan mar fhianuis gun robh e èasgaidh leis achas chruim agus bha an duine grinn air achlachaireachd. Tha ballaichean an tighenan seasamh fhathast agus bithidh iad mar sin iomadh linn: tha an deagh thogail orra.

[Dealbh]

24. Cha robh dorus cùil air an tigh. Air beulaibh an tighe bha fosglan agus tigh-uaraich. Bha dorus amuigh air an fhosglan: dorus eadar am fosglan agus an tigh agus dorus eile eadar am fosglan agus an tigh-uaraich.

25. Fhads a bha mi arannsachadh an tigh-uaraich bha sùil bhiorach amharuis orm aig diagachadh a dhéildein a bhair taobh achreagain làmh rium. Thainig


[68]

fras agus leum mi gu fasgadh. Thug crathadh mo chòta fliuch sgèan air na h-éildean agus thug iad an casa leo gu cùl achreagan, ach cha do leig iad as an t-sealladh mi. Chithinn na cluasan stobach an àirde ri bun speur. Bha freiceadan orm. Buallachnan seasamh iad is baigeannachnan gluasad.

26. Fa chomhair Tobhta aMheirlich chan eil Loch Rèasort ach mu leth mhìle a liad. Bha am muir rèidh lom. Tha an tìr gach taobh cho àrds nach laigh gaoth air an Loch mur a tig gaoth an iar. Ma thig gaoth agus droch shìde bhon iar gluaisidh onfhadha na fairge Loch Rèasort bho bhonn gu cheann. Le doinionn na h-àird an iar chan eil dìon aig càbhlach an taobhsa Loch Thamanabhaigh.

27. Is e fraoch a tha còmhdach raointean agus maghannan mòinteach Eilean Leódhuis. Ann an Ceann a Deas na Hearadh, am Bràigh nam Bàgh, tha achreag bheò ris. Ann an so air slios an iar na dùthcha, tha achreag ris agus chan ann a mhàin ris ach gu minigna seasamh air a ceann, agus an àite an fhraoichs e a thann fiar garbh, a tha, an cois na mara, afàs cho làidirs gum beil achaora agus am fiadh adeanamh tàir air. Ni e deagh thughadh, bha iad ag ràdh.

28. Aig Toraidh (603417) far am beil an t-allt aruith gu tràigh, bha iomadh comharradh agus làrach mar fhianuis gu robh an t-àitena bhaile còmhnaidh agus air àiteach anns na linntean a dhaom. Bha feannagan ann agus làraich thighean, ged nach robh iad air an clachaireachd cho math ri tigh amheirlich. Dheasbhuidh na deagh chlachaireachd cha robh na bha an làthair de na togalaich cho àrd agus cha robh na ballachan cho dìreach.

29. Anns achladach aig bun an uillt, bha na clachan móra air an cur a thaobh agus bha port nan eathraichean glan suas gu dorus farsuing làraich togalaich am bàrr achladaich. Dhfhaodadh gur h-e tigh eathrach a bha san togalach air neo tigh stòir.

30. Ge be air bith an gnè bìdh a bhaig an t-seann luchd àitich eadar feòil agus sitheann, iasg agus bainne, chan fhaodadh gu robh cion maoraich orra: bha an tràigh mar a ghabhadh i le fiasgain. Bha an tràigh làn chlachan móra. Bha gach clach mhór a bha sin còmhdaichte le fiasgain, bun ri bun; clach an deidh clach, dubh le fiasgain. Chan fhacas a leithid. Bha ann an sud dhiubh na chumadh daoine ag obairgan tional, ’gan glanadh, ’gan slaopadh, ’sgan cur ann an soithichean le picil airson margaidean bhailtean móra Shasuinn.

31. Thuilleadh air na bha sud de mhaorach bha iasg anns an Loch. Bha an ronnachga chluiche fhéin, ’s cha chuireadh rotach aChuain a Siar luaisgean ach ainneamh air iasgair Loch Rèasoirt. Bu mhór na bha de fhiodh cladaich adol a dhìth.

32. Fa mo chomhair, air taobh deas an Loch, ag éirigh bhon achladach bha raointean a thalamh glas; be so uaireigin talamh àitich baile bàn DIRISCAL (595408). Bha frith rathad air a bhith ann cuid den t-slighe eadar Dìriscal agus Luachair, far am biodh achlann adol don sgoil. Chan eil duine cloinne dol a sgoil an diugh. Chan eil clann ann. Dhfhuadaicheadh na daoine gu Hùiseanais, baile beag aonranach a bhàn á Dìriscal. Còrdaidh na h-àitibh aonranach ris na féidh, a réir aithris nan daoine aig am beil ùghdarras


[69]

nam frìth. Dhfhaodadh gun diarradh comhairle nan daoine tha mion eòlach air gach gnè cheàrn as feàrr airson àrach na cloinne bige; dhfhaodadh, ach cha chuala mi gun deacha duine aig an robh cumhachd no ùghdarras gu mór spàirn airson ceartas a bhuileachadh ris achloinn.

33. Eadar Toraidh agus Crolà tha an cladach cas. Tha casan nan caorach ag éirigh suas taobh achnuic. Bu bheag an aire a thug na caoraich dhomh, ach bha na féidh acur umhail orm, agus chruinnicheadh iadnam buidheann agus bha sùil an amharuis rium. Far am bu chas slios Bhenisbhal, ris achladach, bha raineach agus badan chraobhan beaga afàs. Bhuail thugam gum faodadh e bhith gum biad fuidheal seanachoille Innse Gall.

34. Ri taobh inbhir nan aibhnichean, tha tigh geamair Mhorsgail; an tigh anns an do thog Fionnlagh Mhorsgail an teaghlach nuair a bha iad òg. Tha an tigh falamh an diugh, ach tha ceann agus dorus air. Tha àilean rèidh uaine lios-an-tighe fo chaoraich agus tha beàrna suds a so air aghàrradh ach bu bheag an t-saothair a chuireadh na ballachan air dòigh.

35. Nuair a ràinig mi Luachair bha romham ach am Misionairidh, Dòmhnallach eile, Iain eile, air tighinn a chur fàilte orm. thainig as an t-seanachas ach gum fiachadh sinn, anmoch ged a bha e leis an eathar amach an Loch gun fhios nach buaileadh sinn an ronnach a chunnaic mi acluiche greis roimhe. Bha sinn an teagamh gu ruigeadh sinn an cliath ronnach roimh chiaradh an fheasgair ach nach maid gu ruigeadh achliath sinne. Nuair a ghluaiseas an ronnach tha luathsna shiubhal agus ma bha a shròin air tionndadh ri Ceann an Loch cha robh fhios càite nach fhaodadh e a bhith.

36. Dhfhalbh sinn gu togarrach: am misionairidh ag iomradh agus mise leis an t-slait agus leth dusan ite bhàn oirre, afiachainn ach gu a thigeadh. Thainig cudaigean, thainig saoithean, thainig ronnach, thainig liùtha: eàrlas ghasda air fialaidheachd an Locha na robh cothrom a bhithga thadhal. Tha ena chleachdadh an ceàrnaidhean a dhInnse Gall a bhith tomadh agus acur fodha agus abàthadh leth na slaite cuilce nuair a bhitear ag iolarachd. Cha burrainn dhan amhisionairidh so a dheanamh nuair a bha eg iasgachna aonars an t-iomradh agus an t-iasgach, gach cuid an urra ris. Thainig air cuideam luaithe chur air an drèamlaich gus na h-itean bàna chumail fodha.

37. Cha bfhada a bha ar cuairt nuair a thainig comharthràth an fheasgair agus bfheudar tilleadh. Bha an cat ameaghalaich air achladach; bha e am beul na mara, shaoileadh tu, ’gar faoilteachadh; ’s e a bhà agus dùil aige ri iasg: achiad earball a thigeadh as an eathar. Agus fhuair e na bha ag iarraidh. Chaidh sinn a thìr. Cheangaileadh an eathar air an laimrig far an robh sgaoilteach de fhiodh cladaich acaoineachadh. Chaidh sinn asteach: bha tigh amhisionairidh am bàrr achladaich, agus rinn sinn seanachas fhads a bha Ceit Anna piuthar Iain adeaschadh tea dhuinn.

38. Bha cuimhne aca air mo sheanair a bhith tighinn gu iasgach abhradain, 1880-1890. Bann mu 1910 a sguireadh a dhiasgach a


[70]

bhradain leis na lìn. Bhatar aglacadh 700 bradan a h-uile bliadhna. Ghlacadh 1000 bradan aona bhliadhna, ach be 700 gach bliadhna an coitcheanntas. Dhfhalbh na h-iasgairean agus thainig crìoch air iasgach nan lìon, ach cha tug sin dub pisich air iasgach na slaite a bha an làimh nan Sasunnach. Chaill, mar sin, luchd itheadh nam bradan 700 iasg sabhliadhna nuair a bha dùil a dhà uiread fhaighinn leis an t-slait.

39. As eugmhais rathaid bha iasgach nan lìon doirbh deacaireach, agus bha an giùlan marbhtach. Bha faiceall ri chleachdadh atoirt an éisg as an lìon, chums gun gléidhte beò iad, ann ampunnd an éisg,” gus an tigeadh an aisig. Bhatar ag aisig an éisg trì latha san t-seachdain. Bha iasg dheug, mu chóig puinnd an ceann .i. 60 puinnd air an eallach, ann an cliabh, air muin duine, thairis na mòintich gu Morsgail.

40. Be Ceit Anna te dhen fheadhainn mu dheireadh a bha ag aiseag an éisg. Bha thasdan aicas an turas agus bha cuid acumail amach gu robh i air a deagh phàidheadh. An fheadhainn a bha roimpe ris an obair, fhuair iad 1/6. Cóig mìle le cliabh làn éisg agus cóig mìle le cliabh falamh. Saoilimid an diugh gu robh an t-airgead air a dheagh chosnadh.

Ballachan Beinne

41. Is corrach cas mórdha Stròin Scurst. Bòg mo chuimhne oirre bho chunnaic mi an toiseach i bho mhullach Beinne Barabhais. Shaoil leam gum be sud beinn ann anTìr nam Beanntan Gorma.” Bha beanntaibh na Hearadh cho fad as leam. Bha mi an dùil Stròin Scurst a thadhal bho a taobh deas is mi air chuairt ag iasgach aig Abhainn Suidhe. Cha deacha leam. Ach a nis fhuair mi sealladh math oirre bhon taobh tuath agus buaibhreach a h-aogasg: ceann-feadhna nam binnean biorach.

42. mhìle an iardheas air an Ruidir (625400) tha Stròin Ulladal: balla-creige gruamach, allmharra, ’na stalla os cionn sgriodan garbh aghlinn duirch tha fodha. ’S e so an dara balla de thrianaid bhalla-beinne gharbh-bheann àrd taobh siar na Hearadh. An trìthibh balla is e Taran Mór, deas air beul Loch Rèasort, freiceadan an doruis.

43. Chìte frith-rathad bho dheas troimh Ghleann Mhiabhaig tighinn gu crìch aig Loch Bhoisimid. Bha trì mìle eile air an rathad a chur gu Ceann Rèasort. Bha na caoraich agus na féidh ag ionaltradh (gu sìothchanta foistineach) air sliabhMullach na Rèidheachd.” Bu mhath a dhfhaodadh iad sin. Nach robh an dùthaich òirdhearc so air a buileachadh orrasan a mhàin, agus mac an duine air thoirmeasg.

44. Bha uaireigin, cóig sgoilear fichead an gréim ri oilean is oideas agus ionnsachadh ann an tigh-sgoile Luachair. Tha an tigh-sgoile fhathast air a chur gu feum: ’s e an tigh-coinneimh. Mheudaich mo thighinn an coimhthional bho chóig luchd éisdeachd gu sia. Chuir am misionairidh stad air an adhradh agus dhfhoighnich e an togainn fonn air sailm dhaibh. Bfheudair aideachadh nach robh sona mo chomas agus chaidh an t-adhradh air adhart. Bha buill achoimhthionail, an cóignear, greis latha. Den aghinealach ghrinn òg, uallach, luchd dìridh nam mullaichs luchd siubhail na mòintich, a


[71]

bu chòir a bhithg éirigh suas rin gualainn cha robh fiù is aonan ann. Am fàth: easbuidh trì mìle a rathad agus an-iochdmhorachd mac-an-duine ri cho-chreutair.

Rathaidean

45. Eadar Ceann Rèasort agus Morsgail dheidheadh an t-slighe dhìreach thairis air Mòinteach an Lòin: Be an t-ainm: Mòinteach nan Lochs nan Lòn a bfheàrr a thigeadh oirre, oir tha loch, lochan agus lòn ruithna chéile. Shaoilte air achiad sùil gum baon bhogalach amhòinteach uile, ach leigidh an dara sùil ris gum beil cruas na creige sabhunait.

46. Nan gabhten ear no an iar gus na lochain a sheachnadh bhitheadh an t-astar eadar Ceann Rèasort agus Ceann Loch òg mu chóig mìle. An iar air na lochan tha an acha rèidh gun dìreadh nas àirde na 250 troigh agus cha chuirteadh dragh air aitribh Mhorsgail a bhiodh ¼ a mhìle bhuat. An ear, air an làimh eile, thigeadh an rathad ri bòrd Loch Mhorsgail, acamadh mu chùl an tigh-mhóir sin, greis aleantainn na buige, sin adìreadh thairis air an Chleite Tuath, a tha còrr air 300 troigh os cionn na mara.

47. Tha Loch Thamanabhaighna chala dìonach, ’na dhìdeann o gach doinionn, do luing chogaidh agus do bhàt iasgaich. Bu mhór am beud nach robh Loch Thamanabhaigh làn bhàt iasgaichs an Cuan a Siar farsuing aca fon stròin. Cha bu doirbh an obair rathad a dheanamh eadar Morsgail agus Loch Thamanabhaigh tarsuinn air NA MAGHANAN: sia mìle ceithir-cheàrnach de mhòinteach rèidh ri aodann na gréine, tha feitheamh ri h-iompachadh gu talamh glas an fheòir a bheathaicheadh 3000 mart. Bann aig Allt Mhuirich (645455) bu chòir rathad Thamanabhaigh agus rathad Cheann Rèasort sgaradh.

48. Be roghainn cuid a mhuinntir Uig rathad a dheanamh deas o Eadar Fhadhail troimh Bhealach Raoinisgil gu Loch Thamanabhaigh. Gheibheadh, their iad, cóig bailtean deug Uig math an rothaid sin air ball: cala anns an gléidhte tèaruinnte bàtaichean iasgaich, cala a tha faisg an làimh air iomadh cladach ghiomaich. Ann an cois an rothaid ùir so bhitheadh mòine soirbh a solair. Gheibhte tuilleadh feamainn cladaich airson mathachadh na talamhain agus bhitheadh mòinteach mhór an t-samhraidh freagarrach don spréidh.

49. A Mullach Shuainbhal, air latha geal grianach, chithear Sgìre Uig agus farsuingeachd na dùthcha. Gheibhear sealladh air Sgìre nan Loch a Mullach Ròinebhal. Tha aChoduinn, faisg air Morsgail, farasd a dìreadh agus is math is fhiach am foillseachadh an dìreadh. Tha Giosla, Scaliscro, Ungasiadar agus Loch Chroistean fothad, faisg an làimh, dlùth fothad, agus amach seachad, tha Loch an Ròg, leis gach eilean is òb is caol, afosgladh tuath don aChuan a Siar, gu bun sgòth.

[Sanas]

titleLoch Rèasort
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Tormod MacLeòid in Gairm 17 %p

parent textGairm 17
<< please select a word
<< please select a page