GÀIDHEIL ANN AN SEALAINN NUADH
le Tormod E. Dòmhnallach
Tha Sealainn Nuadh air taobh eile an t-saoghail, anns a’ Chuan Shèimh, ach ged a tha i fada air falbh, tha an dùthaich coltach, ann an iomadach dòigh, ri Alba agus ris a’ Ghaidhealtachd.
Tha an t-sìde, gu h-àraidh anns an Eilean a Deas, car mar a tha i aig an taigh, caochlaideach, gun a bhith ro fhuar no ro theth.
A thoradh air na fuadaichean agus briseadh na h-Eaglais, sheòl mòran ás a’ Ghaidhealtachd gu Sealainn Nuadh. Fhuair iad obair agus rinn iad dachaighean anns gach ceàrn agus is iomadh àite air am bheil ainm Albannach. Is dòcha nach eil baile eile thar a’ chuain aig am bheil ceangal cho teann ri Alba ri Dùn Eideann, prìomh bhaile an Eilein a Deas. Tha antartanfhèin aig sluagh a’ bhaile – tartanDhùn Eideann agus tha na dathan ann a’ leigeil fhaicinn don t-saoghal mar a thachair.
Tha geal ag innse mun dà bhàta, le an siùil gheala, air an do sheòl buidheann á Alba ann an 1848. Tha an dath liath a’ sònrachadh dath a’ chuain agus uaine, na raointean farsaing, torrach ann anOtagu. Tha an t-òr a’ ciallachadh gun robh dùil aca a bhi soirbheachail, dearg ag innse gun robh fuil Albannach air gach taobh den chuan agus mu dheireadh bha an dubh a’ cur an cèill cho dubhach cràiteach ’s a bha iad an uair a dh’fhàg iad an càirdean ás an dèidh.
Bidh iad a’ dèanamh uisge-beatha agus ged nach eil fraoch air na beanntan tha conas ann a thug na h-eilthirich a-null. Anns an earrach agus anns an t-samhradh bidh e bòidheach, òr-bhuidhe.
Ann an 1851, an dèidh briseadh na h-Eaglais, agus an dèidh triall gu Albainn Nuadh agus an sin tadhal ann an Astràilia, ràinig an t-Urramach Tormod MacLeòid, á Clach Toll ann an Cataibh, agus suas ri ceithir cheud de Ghaidheil, Waipu, anns an Eilean a Tuath. Shearmonaich Tormod am measg nan Gàidheil gus an do chaochail e ann an 1886, an uair a bha e ceithir fichead bliadhna ’s a sia. Fhads a bha e os an ceann, cha robh math do na Gaidheil, idir, an cànan agus an ceòl a dhìochuimhneachadh.
O chionn ghoirid thug mi cuairt do Shealainn Nuadh agus chuir mi seachad dhà no trì làithean ann am baile brèagha Dhùn Eideann, far am bheil a’ mhòr chuid de na sràidean air an ainmeachadh ás dèidh aibhnichean ann an Alba. Anns a’ bhaile tha ìomhaigh do Raibeart Burns agus tha taigh-staile ann far am b’iad a’ dèanamh uisge-beatha.
Gu fortanach thachair mi ri càraid aig an robh le chèile, ceangal dlùth, teann ri Alba. RugadhElliotUisdean MacMhathain air tuath ris an canadh iadAttadale, ann amMiddlemarch, anns an Eilean a Deas, faisg air Dùn Eideann. ’S ann aigAttadaleann an Alba a bha ceannardan Chloinn MhicMhathain a’ còmhnaidh. ThaElliotUisdean ceithir fichead bliadhna ’s a h-ochd agus tha e air a dhreuchd a leigeil dheth, an dèidh a bhith ’na thuathanach on dh’fhàg e an sgoil.
Dh’innis e sgeul a chuid dhaoine dhomh agus bha i air leth inntinneach agus iongantach. Rugadh a sheanair, Murchadh MacMhathain, anns a’ Chomraich, ann an Siorramachd Rois, ann an 1823. B’e athair-san Dùghall MacMhathain agus b’e ainm a mhàthar Beathag. Bha Dùghall anns an arm cheangailte, aig àm ìre, agus mar sin bha e comasach dha Murchadh a chur do sgoil ann an Dùn Eideann airson bliadhna no dhà.
Tha fios gun robh Murchadh ’na chìobair air fearann faisg air Inbhir Nis, far an do choinnich e ri banachag laghach, bhòidheach, tè CurstaidhElliot. Thàinig a h-athair ás na Crìochan gu bhith ’na chìobair anns a’ Ghaidhealtachd, mar a rinn mòran de sheòrsa aig àm nam fuadaichean. ’S ann bhuaithe a thug an duine còir ris an do thachair mise an t-ainmElliot.
Cheannaich Murchadh bùtha bùidseir ann an Inbhir Pheotharain ach cha deach leis gu math agus is dòcha gun robh an dàn dha a bhith ’na chìobair oir an sin chaidh fhasdadh airson coimhead ás dèidh caoraich ann an Eilean Eige. Bha e fhèin ’s bhean Curstaidh agus am mac a bu shine, Dùghall ann an Eige airson ochd mìosan deug agus an sin chaidh iarraidh air a dhol do Eilean Rùm, airson coimhead ás dèidh ochd ceud de chaoraich.
B’ann leis a’ Mhorair Salisbury a bha an t-eilean ach bha e air mhàl aig fear MacLeòid. Cha bhiodh iad sin ri am faicinn ach aig an àm an t-seilg. Bha an t-eilean anabarrach math airson sealgaireachd agus bhiodh am Morair agus MacLeòid a’ tighinn le ar càirdean anns an fhoghar airson spòrs. Ged nach robh feum aca orra bhiodh iad air tòir a’ gheòidh ghlais, damh donn na cròice agus na lachainn riabhaich.
Cha robh an tuarasdal aig Murchadh ach ìosal ach le buntàta bainne, aran-coirce agus iasg, cha robh an teaghlach gun annlan
[Dealbh]
Murchadh agus Curstaidh
Air a shon sin cha robh e furasda biadh agus aodach a chumail ris a’ chloinn oir bha a dhà-dheug aca.
Tha e coltach, seach gun robh Murchadh os cionn nan cìobairean eile gun robh taigh na b’fheàrr aige anns an robh similear ach ’na dhèidh sin nach e bhiodh làn, dùmhail.
Bha a’ chlann a bu shine aig uairean ag obair aig an oighreachd, a’ cur a’ bhuntàta, a’ buain na mònadh, a’ rùsgadh nan caorach, a’ dèanamh feur, ag iasgach agus a’ buachailleachd.
Bha bàtaichean iasgaich aig Iain, bràthair Mhurchaidh agus bhiodh iad a’ seòladh a-mach á Caol Loch Aillse agus á Loch an Inbhir. Bhiodh na gillean aig Murchadh gu tric ag obair orra agus
[Dealbh]
Ailig MacMhathain 1863-1956
an uair a rachadh iad dhachaigh bhiodh iasg aca a chuidicheadh Curstaidh gu mòr ann a bhith a’ cur biadh air beulaibh na cloinne.
Bha dithis de na bràithrean agus tè de na peathraichean aig Curstaidh air a dhol thar a’ chuain ann an 1864 gu Sealainn Nuadh. Fhuair Seumas agus Mata Elliot obair mar chìobairean ann an sgìr Srath Taieri ann anOtagoanns an Eilean a Deas.
Anns a’ Mhàrt 1871 chaochail am pàisde a b’òige aig Murchadh agus Curstaidh. B’esan Gilleasbuig beag agus cha robh e ach seachd mìosan. An sin ann an 1873, chaill iad ann an trì latha còignear den teaghlach, leis a’ phlàighdiphtheria. Bhàsaich mòran anns na h-eileanan leis an tinneas ach fhuair Murchadh agus Curstaidh buille na bu chruaidhe na càch a thug orra smaoineachadh air dèanamh air Sealainn Nuadh far an deach an càirdean.
Mar sin anns an Iuchar 1875 sheòl na bha air fhàgail den teaghlach á Glaschu air a’ bhàta-siùil, anAuckland. An dèidh bhòidse a thug ceithir fichead latha ’s a h-ochd agus a bha aig uairean cunnartach agus làn cruadail, ràinig iadPort Chalmersanns an Eilean a Deas.
Is ann gu tiamhaidh, tùrsach ach ’na dhèidh sin le dòchas agus le fiughar a chuir iad cùl ri Eilean Ruma nam fiadh agus a chuir iad an aghaidh air dùthaich nan eun anns a’ Chuan Shèimh.
Fhuair iad buille eile an uair a bhàsaich an aon nighean a bha air fhàgail, Seasaidh, aig aois trì bliadhna agus gun iad fada air a dhol air tìr.
An toiseach bha Murchadh, Curstaidh agus Ailig beag a’ fuireach còmhla ri Iain agus Ealasaid Beattie aigMaungatuaann anTaierigus an d’fhuair Murchadh cosnadh mar chìobair air tuath mhòr ann an Srath Taieri. Tha Sealainn Nuadh air a bhith a riamh ainmeil airson caoraich agus cuiridh e iongnadh oirnne ás na h-eileanan an iar a tha eòlach air croitean le nas lugha na ceud caora a chluinntinn gun robh ceithir fichead mìle caora air an tuath far an robh Murchadh ag obair.
Chaidh na bràithrean eile, Dùghall, Seumas, Mata agus Raibeart dhan dùthaich a-staigh air falbh bhon mhuir agus fhuair iad, an dèidh triall troimh ghairbhlich chruaidh, gun rathaidean, gun ghoireasan sam bith, obair mar chìobairean ann an SgìrWatakipu. Bha Dùghall agus Seumas a’ cosnadh leth-cheud not agus a còig gach bliadhna agus Raibeart agus Mata deich tasdain san t-seachdain. Bha na braithrean ag obair air feadh na sgìre – daoine mòra, foghainteach agus bha meas agus spèis aig a h-uile duine dhaibh. Cha robh an leithid ann airson obair a-measg chaorach.
Anns an Iuchar 1897 phòs Dùghall tè MàiriHyndmanagus ’s ann á Alba a bha a cuideachd. Fhuair iad talamh, còrr agus ceithir mìle acair air màl ann amMiddlemarchmu thrì fichead mìle a tuath air Dùn Eideann. Thug iad an t-ainmAttadaleair ás dèidh dachaigh Clann MhicMhathain ann an Alba.
Shoirbhich leis an teaghlach a dh’fhàg Eilean Ruma. An àite a bhith ’nan cìobairean ag obair aig càch ’s ann a fhuair iad uile sealbh air tuathanais mhòra, Mata agus Ailig aig Hartfield còmhla ri am pàrantan, Murchadh agus Curstaidh, Seumas aigIngleneuk, Raibeart aigGreenvaleagus mar a thuirt sinn Dùghall aigAttadale.
Rugadh mo charaideElliotUisdean, aigAttadaleann an 1906 agus bha e, bhon dh’fhàg e an sgoil ag obair air an fhearann. A bharrachd air obair air an fhearann ghabh e compàirt ann an comainn airson cur ás do chonannaich, cur ás do chonas agus reic agus ceannach eich.
Ann an 1940 phòsElliotUisdean tè Eilidh Walker. Rugadh a h-athair Ailig Walker, ann an Lios MoChuda ann an siorramachd Lannraig ann an 1882. Bha a chuidheachd air a bhith a’ goibhneachd anns a’ bhaile bho thoiseach an ochdamh linn deug.
[Dealbh]
ElliotUisdean
Mac Mhathain
Bhiodh ceannaichean a’ tighinn ás gach ceàrn a cheannach eich ann an Alba. Bha na h-eich bheaga Ghaidhealach cruaidh, calma agus bha an fheadhainn mhòra, bhrèagha ris an canadh iadClydesdaleslàidir, neartmhor. Bhiodh ceannaichean a’ tighinn a Sealainn Nuadh agus gu tric bhiodh iad a’ sireadh gobhaichean òga a rachadh air an turas cuain gus coimhead ás dèidh nan each. Bhiodh na gobhaichean eòlach air an làimhseachadh agus sgilein ’nam measg.
Mar sin, ann an 1908 chaidh Ailig Walker air turas gu Sealainn Nuadh le eich a bha a’ dol gu tuathanas mòr ann an Taieri, anns an Eilean a Deas. Dh’fhuirich e thall agus an sin cheannaich e ceàrdach ann anOutramfaisg air Dùn Eideann far an robh e ri goibhneachd gus an do chaochail e ann an 1964. Bha còignear de theaghlach aigElliotUisdean agus Eilidh agus tha iadsan cuideachd sgapte air feadh Sealainn Nuadh.
Tha e coltach gu bheil sliochd teaghlaichean Gàidhealach ri am faighinn air feadh an Eilein a Deas. ’Nam measg tha Clann MhicThòmais, MhicRath, Mhic a’ Phì, MhicAmhlaigh, Mhic Phàdraig, MhicDhùghaill, MhicUilleim agus MhicDhòmhnaill.
Ged a chaill na gillean a dh’fhàg Eilean Ruma a’ Ghàidhlig chùn iad ùidh ann am pìobaireachd agus ann an dannsa Gaidhealach. Dh’ionnsaich iad òganaich air cluich agus chuir iad còmhlan phìobairean air bhonn ann an sgìrMiddlemarch. An uair a chaidh airgead a thional airson fèilidhean, dh’àithn na pìobairean gurtartanChlann MhicMhathain a bu chòir don chòmhlan chleachdadh.
Gun teagamh sam bith, tha Clann MhicMhathain á Siorrachd Rois agus an teaghlachWalkerá Lios MoChuda air buaidh shònraichte a thoirt air Sealainn Nuadh.
title | Gaidheil ann an Sealainn Nuadh |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
reference template | Tormod E. Dòmhnallach in Gairm 170 %p |
parent text | Gairm 170 |