COMHRADH MU MHORAIR
LE DOMHNALL TAIRBEART
Aithris air agallamh eadar Dòmhnall MacDhòmhnaill, Tairbeart, Loch Nibheis is Richard Devéria, bho Peebles, Crìochan.
1 – 3 an t-OgMhios, 1995
Roimh-Ràdh
Thachair mi an toiseach air Dòmhnall MacDhòmhnaill, nuair a bha mi ’nam bhalach sia bliadhna, nuair a chuir mo phàrantan seachad ar làithean-saora air croit Dhòmhnaill aig Tairbeart, Loch Nibheis as t-samhradh 1954.
Nuair a dh’fhàs mi gu h-inbhe, thill mi gu Tairbeart is bhon uair sin is tric a chaidh mi a chèilidh air, far am faca mi esan is a phiuthar Jessie Ann. A-nise, tha Jessie Ann ann an ospadal airson seann daoine, agus is e Dòmhnall an aon dùthchasaiche air fhàgail san àite, ged a tha daoine eile air tighinn dhan sgìre o chionn ghoirid.
Anns an naoidheamh linn deug, bha Tairbeart ’na phort cudthromach airson bàtaichean-iasgaich air an Taobh Siar. Chruinnich na bàtaichean an sin, agus an uairsin sheòl iad chun an Oban Lathurnach, far an deach an t-iasg a chur air falbh air an trèan.
An dèidh dha’n Mallaig a ruigsinn ann an 1901, ghluais am malairt iasgach gu Mallaig agus chaill Tairbeart a chudthrom. Beag air bheag dh’fhàg na daoine Mòrair a Tuath, a’ dol gu Mallaig, an Gearasdan no bailtean eile.
Thòisich mi le faighneachd de Dhòmhnall an robh tradisean sam bith air na Fuadaichean (ged nach robh fuadaichean ann am Mòrair a Tuath riamh, faicibh“Blessed Morar”le Pòl Mac a’ Bhreatunnaich no Paul Galbraith).
Smaoinich e gun tàinig ’athair bho nas fhaide suas Loch Nibheis. An toiseach thàinig teaghlach a mhàthar bho Ghleann Seile no Ceann an t-Sàile. Ach ’s ann a bha na fuadaichean dha-rìribh ann an Cnòideart, far an deach“hirsel” >gai> a dhèanamh airson, abair, mìle caora.
Na daoine a bha a’ còmhnaidh san sgìre, b’e MacDonell, Caimbeul, MacGill ’Fhaolain, MacGill’ Iosa a bh’ annta.
Bha cladh air an Eilean Tioram, aig ceann Loch Nibheis, agus nuair a sguir iad de sin a chur gu feum, chaidh na daoine adhlacadh ann am Mòrair. Bha cladh air taobh deas Loch Mòrair mar an ceudna, aig beul abhainn Mhìobal.
An dèidh seo, thubhairt Pòl Mac a’ Bhreatunnaich rium gun do dh’innis Dòmhnall MacDonell, bho Bracarina, dha gun gabh fhaicinn fhathast na h-àitean air an fhrith-rathad a tha a’ dol fad Loch Mòrair gu Tairbeart, far an do chuir iad sìos a’ chiste-laighe nuair a ghabh iad an socair air an t-slighe fhada ud.
An teaghlach is an taigh
R.D. Cia mheud bràthair is piuthar a bha agaibh?
D.McD. Bha ochdnar chloinne san teaghlach. Tha aon dhiubh, Seonaidh, ann an Inbhir Pheofharain, bha aon anns a’ Ghearasdan, Aonghas, ach chaochail e, tha e marbh.
(An dèidh seo, fhuair mi a-mach gu’n robh ceithir bràithrean is ceithir peathraichean san teaghlach; bha mac eile, Sandy, agus a bharrachd air Jessie Ann, bha Jessie, Màiri, a chaochail òg anns a’ Ghearasdan, is Kitty Camshron, a dh’fhuirich air a’ chroit Suartabhan, agus air an do thachair mi aontrip ,anns a’ bhliadhna 1971. Bha mac aice, Calum, ach thachair tubaist air, bhris e a chas agus cha chreid mi nach do chaochail e mus do chaochail a mhàthair.)
R. Dè an t-ainm a bha air ur n-athair? D. Dòmhnall.
R. Is air ur màthair? D. Catherine (Ceit).
An dèidh seo, mhìnich Dòmhnall gun d’fhuair e ’ainm fhèin, ás dèidh an t-sagairt ainmeil an t-Urr. Dòmhnall Mac Gill’Fhaolain, air an robh meas mòr air feadh na sgìre.
R. Thubhairt sibh rium gun robh an taigh seo ’na thaigh-òsda. Am bheil cuimhne agaibh air an àm sin?
D. Chan eil.
R. Bha sin ann an linn ur n-athar?
D. Bha, ach bha fear eile ’na shealbhadair air an taigh-òsda. An dèidh sin, thubhairt Dòmhnall rium gun cuala athair gun robh mullach an taighe air a thughadh, mus do thog iad na ballachan nas àirde, uaireigin mus d’fhuair athair e.
R. Ach bha taigh eile aig ur n-athair.
D. Bha, far am bheil Tom McClean.
R. Ard an Aon Taigh?
D. Seadh.
R. Am faca sibh am bàta aig Tom McClean ann an cumadh muc-
mhara?
D. Chan fhaca.
R. Nuair a sguir an taigh a bhith ’na thaigh-òsda, fhuair ur n-athair e.
D. ’S ann.
R. Bheil cuimhne agaibh, cuin a bha sin?
D. Toiseach an linn seo, mu 1903.
Thubhairt Dòmhnall gun deach an taigh aig Ard-an-Aon-Taigh a mhilleadh le teine, agus ’s e Tom McClean a thog e a-rithist.
Mhìnich Dòmhnall cuideachd sa ’Bheurla dhomh gum b’e duine ris an eanadh iad MacKellaig a bha ’na shealbhadair air an taigh òsda an toiseach. Dh’fhag MacKellaig an t-àite agus fhuair Dhòmhnaill an taigh, agus chaidh MacKellaig gu Mòrair far an do chuir e air bonn Taigh-Òsda Mhòrair.
R. ’S cinnteach gun robh mòran amannan aighearach anns an taigh-òsda?
D. Bha, bha.
Ach bha amannan brònach cuideachd.
R. Ach thubhairt Jessie Ann rium gun robh a’ chaitheamh air croit ann, an uairsin. Càit’ an robh sin?
D. Tairbeart a Deas, a tha a-nise ’na thobhtaichean.
R. An do chaochail an teaghlach air fad?
D. Cha do chaochail, ach chaochail feadhainn dhiubh.
R. Ach loisg iad an taigh. Am bheil cuimhne agaibh air an ainm?
D. MacGhil’Fhaolain.
R. Thachair seo uile mus d’rugadh sibh?
D. Thachair.
R. An do rugadh sibh an seo?
D. Rugadh
R. Càit’ an do rugadh Jessie Ann?
D. A-null aig Ard-an-Aon-Taigh.
Tha Ard-an-Aon-Taigh, comharraichte air a’ mhapa mar Ardintigh, air taobh Loch Nibheis mu mhìle air taobh an iar Tairbeart. Chuir Tom McClean air choisadventure centrean sin.
R. Nuair a bha sibh òg, an robh mòran bhàtaichean-iasgaich anns a’ bhàgh?
D. Cha robh an uairsin. Bha iad ann am Mallaig an uairsin.
R. Ach bha daoine a’ tàmh mu cuairt?
D. Bha.
An Sgoil
R. Innsibh dhomh mu dheidhinn ur làithean anns an sgoil. Càit’ an robh sibh anns an sgoil?
D. Caolas. ’S e sin Caolas Mòrair, mu mhìle an taobh an ear bhon Tairbeart, taobh Loch Nibheis, far a bheil an loch air leth cumhang.
R. An robh mòran chloinn aig an sgoil?
D. Cha robh, mu leth-dusan.
R. Am bheil fios agaibh air ainm an tidseir?
D. Chan eil, bha iad an còmhnaidh a’ tighinn agus a’ falbh.
Bha e a’ ciallachadh nach do dh’fhan gach tidsear ùine fhada. Bhruidhinn sinn sa’ Bheurla air an duilgheadas, tidsearan fhasdadh airson obair ann an àite cho iomallach.
O chionn beagan bhliadhnachan thubhairt Jessie Ann nach fhaodadh iad Gàidhlig a bhruidhinn anns an sgoil, ged bu choma leis an tidsear ma bhruidhinn iad sa’ Ghàidhlig a-muigh. Cha b’urrainn dhi no do Dhòmhnall an cànan fhèin a leughadh no sgrìobhadh.
R. An robh sgoiltean eile mun cuairt aig an àm sin?
D. Brinacory, Bracara.
R. An robh moran chloinn na b’òige na sibhse?
D. Bha, feadhainn.
Chaidh seo a leantainn le còmhradh sa’ Bheurla air a’ chloinn mu dheireadh a rugadh san sgìre, ’s docha Calum Camshron, Suartabhan, ’na fhear dhiubh.
R. Cuin a chaidh an sgoil a dhùnadh?
D. ( ’sa Bheurla) Am fear aig Caolas, am bheil thu a’ ciallachadh? Sna 30s.
R. ( ’sa Bheurla) Sguir na tidsearan a dhol suas gu Caolas?
D. Sguir, aig toiseach nan 30s.
An Eaglais is Ceann Loch Mòrair
Tha eaglais bheag ’na seasamh aig taobh eile Bàgh Tairbeart, ach chaidh a dùnadh o chionn beagan bhliadhnachan agus chaidh an àirneis a thoirt air ais gu Mòrair.
R. Am bheil fios agaibh cuin a chaidh an eaglais a thogail?
D. 1884 no 1885. Bha i deiseil an uairsin. Cha robh iad fada ga togail idir.
R. Nuair a bha sibh òg, de cho mòr is a bha an comhthional?
D. Deich is ( = no) dusan, ach nuair a chaidh i fhosgladh, bha an eaglais làn.
R. Co ás a thàinig an sluagh?
D. A Meobal, agus Ceann Loch Mòrair, Suartabhan, Tairbeart a
Deas, Ard-an-Aon-Taigh, Stoul, agus bha croitean ann an Earnsaig, agus bho gach taobh de Chaolas. Ard-na-Murch, eadar Caolas is Ceann Loch Nibheis. Bha daoine cuideachd a’ tighinn bho Ceann Loch Nibheis.
Bha cìobair agus bana-chìobair ann an Gleann Pean, rugadh nighean, agus thàinig iad ann am bàta gu Tairbeart a Deas, is chaidh a baisteadh ann an eaglais an Tairbeart.
R. Dè an t-ainm a bha air an teaghlach?
D. Caimbeul.
R. Bha am baisteadh roimh ur n’àm-sa? (Bha e mus d’rugadh e).
D. Bha.
An dèidh seo, dh’innis Dòmhnall dhomh gur e Lexie an t-ainm air an nighinn. Chaill an teaghlach dithis mhac anns a’ Chiad Chogadh, is bha cliù mar bhàrd aig an athair.
Air a’ chuspair seo, mu fichead bliadhna air ais, tha cuimhne agam gun do dh’innis Dòmhnall MacDonell dhomh mu dheidhinn nan daoine aig Ceann Loch Mòrair agus gun robh tobhtaichean eaglaise, ris an canadh iad “taigh na pobull”, ann. Chuala mi am briathar seo an Eirinn, ach is e seo an aon àm a chuala mi e an Albainn
R. Fhad’s a tha sinn a’ bruidhinn air na daoine aig Ceann Loch Mòrair, thubhairt sibh rium gur e stòr a bha anns an togalach bheag an sin. ( ’S e tobhta de shabhal beag faisg air an taigh a th’ann).
Dè am bathar a bha iad a’ cumail anns an stòr?
D. Rud sam bith, clòimh. Bhatransport ship – bha sin mun tàinig an trèan.
R. Agus beag air bheag dh’fhalbh na daoine agus cha robh uiread de dhaoine is a bha roimhe ann. Cuin a chaidh an eaglais a dhùnadh?
D. O chionn deich bliadhna (no) dusan. (Tha mi a’ creidsinn gun robh e roimhe seo, mu 1970).
R. Chaidh thu gu h-aifreann gach seachdain?
D. Mìos.
R. Dè an t-ainm a bh’air an t-sagart a thàinig?
D. Athair Lee.
R. An ann bho Mòrair a thàinig e? D. Inverie.
Tha mi ag radh Mòrair, ach ’s e gun do dh’innis Jessie Ann dhomh gum b’e Beòraid a bha ’na ainm Gàidhlig air Mòrair an toiseach.
R. Nuair a chaidh sibh gu h-aifreann anns an eaglais, dè an cànan?
D. Beurla
Lean Dòmhnall le ràdh, mu dheireadh sa’ Bheurla, gur ann an Laidinn a chaidh a chur gu feum an toiseach, ach thàinig atharrachaidhean agus an sin bha cànan sam bith ceadaichte. Bha seirbhisean Gàidhlig sna h-Eileanan, agus bhiodh feadhainn dhe na h-ùrnaighean san eaglais air a bhith sa’ Ghàidhlig.
Thèid togalach na h-eaglaise a dhèanamh suas mar thaigh-fasgaidh airsonhikers .
Beatha shòisealta
R. An robh mòran beatha shòisealta ann nuair a bha sibh òg?
D. Chaidh sinn a chèilidh, san gheamhradh.
Mòran bliadhna air ais, dh’innis Jessie Ann dhomh gun do sheinn iad òrain Ghàidhlig còmhla, ach sna 60s is 70s, dh’èisd ise is Dòmhnall ri òrain Ghàidhlig air teapaichean.
Ach thubhairt mo phàrantan rium, a’ bruidhinn air an àm a bha iad ann, ann an 1954, gum b’abhaist do Dhòmhnall is Jessie Ann a bhith a’ dol gu h-Inverie a dh’iomairt air na cairtean. Dh’iomair iad le phàrantan aig Tairbeart, agus thubhairt mo phàrantan gu robh iad math gu leòr air na cairtean.
An Oighreachd
R. Dè an t-ainm Gàidhlig air Morair Lovat? Thubhairt Jessie Ann rium gu robh MacShimidh agaibh air.
D. MacShimidh
R. Chaochail e o chionn goirid?
D. Chaochail.
R. An do thachair thu air riamh?
D. Thachair, ’s e duine brèagha a bh’ann.
R. An robh mòran fiachan air an oighreachd, agus an e sin an adhbhar a chaidh a reic?
D. Bha.
R. Agus is e Cameron Mackintosh a tha ’na shealbhadair a-nise.
Aiteachas
R Bithidh sibh a’ cur feamainn air an talamh. Cuin?
D As t-earrach.
R. C’arson?
D. Inneir.
R. Todhar?
D. Todhar.
R. An dèanadh sibh sin gach bliadhna?
D. Aye, aye.
R. Nach do spìon sibh an raineach a-mach ás a’ phàirc?
(Tha pàirc fheòir de aon acaire aige. Nuair a bha mi aig Tairbeart ann an 1993, bha mòran rainich a’ fàs anns a’ phàirc, ach a-nise tha e glan, gun raineach sam bith).
D. Spìon, no shlaod.
R. An do shlaod sibh an raineach sibh fhèin?
D. Shlaod, ann an August tha oidhche fada ann.
R. Tha sibh a’ reic na clòimh bho na caoraich?
D. Tha.
R. Nach reic sibh na caoraich?
D. Corra-bheathach.
D. Bha bàrr crodh.
R. Bha crodh agaibh an toiseach?
D. Bha.
R. Chan eil crodh agaibh a-nise?
D. Chan eil.
R. Ciamar a chanas sibh sa’ Ghàidhlig, “castrating a lamb”?
D. Gearradh an uain.
Còrr is fichead bliadhna air ais, agus mi ’nam oileanach, thubhairt Dòmhnall rium gun do chuir iad gu feum (tha mi a’ creidsinn san linn seo chaidh) an cas-ceaba, a chaidh a chleachdadh airson an talamh a threabhadh.
R. A bharrachd air a’ chas-ceaba, an robh uidheam aosda ann, a bha sibh a’ cur gu feum?
D. Spaid is gràp.
An cuaraidh mioca
Rè a’ chogaidh, cha robh an talmhanta mìoca ri fhaotainn bho na h-Innse (India) mar a b’àbhaist, agus chaidh cuaraidh bheag fhosgladh ann an Cnòideart mu choinneamh Tairbeart air taobh eile Loch Nibheis. Leugh mi ann an aithisg anGeological Survey,gun robhpegmatite dykeann, agus a bharrachd air am mìoca, gun gabh a lorg criosdalan an talmhanta beril, a tha càirdeach dh’an smàrag.
R. Am bheil cuimhne agaibh air a’ chuaraidh-mìoca?
D. Chaidh a fhosgladh anns a’ chogadh. Bhademandair an àm a’ chogaidh.
O chionn beagan bliadhnaichean, dh’innis Dòmhnnall dhomh gun deach an luchd-obrach aig a’ chuaraidh a thoirt a-steach bho àitean eile.
R. An d’fhuair na daoine ionadail buannachd sam bith bhon chuaraidh?
D. Bha na daoine air taobh eile Loch Nibheis ag obair an sin.
An dèidh seo, thubhairt Dòmhnall gun d’fhuair duine ionadail,
obair am mìoca a thoirt sìos chun a’ bhàta le gearrain(ponies) .
Gnùisean ura
Aig Caolas Mòrair, nuair a bha mi òg, bha tobhtaichean trì no ceithir thaighean; an sgoil; amPost Officea chaidh a dhùnadh ann an 1936, a-reir Jessie Ann (ás dèidh sin chùm Dòmhnall amPost Officeaig Tairbeart airson iomadh bliadhna); agus an taigh air am bheil a-nis“Easter Cottage” .
Thubhairt Dòmhnall rium gun robh taigh eile ann, le mullach iaruinn(corrugated iron?) ;b’àbhaist do dhuine ris an canadh iad Greamach a bhith a’ còmhnaidh an sin.
Ach a-nise, nuair a bha mi aig Caolas, tha taigh beag, a tha air a bhith air a dhèanamh suas, ris an canadh iad“Easter Cottage” .Tha gàrradh beag aige, air iadhadh le callaid, le craobh beith, raosar dubh, lus a’ chrom-cinn, is fuath-mhuc.
Aig an t-seannPost Ofice,a chaidh a dhèanamh suas mar an ceudna, tha gàrradh mòr, le caochladh farsaing de ghlasraich, mar càl, peasair, curranan, uinneanan, pearsail is luibhean eile. Tha flùraichean ann, mar sòbhragan, crom-cinn, agus meas mar raosar dubh is rubrub.
Nach math gu bheil an “luchd-suideachaidh geala” a’ toirt beatha ùr dhan sgìre!
title | Còmhradh mu Mhòrair le Dòmhnall Tairbeart |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Gairm 173 |