A’ FAS SUAS
le Dòmhnall Iain MacLeòid (Dòmhnall na Hearadh)
(Rugadh Dòmhnall MacLeòid ann an Caolas Scalpaigh na Hearadh. Bha e ’na shaighdear anns an Arm Bhreatannach agus an dèidh a’ Chogaidh ann an Arm Sealainn Nuadh. Chuir e clasaichean Gàidhlig air bhonn ann an Eaglais-Chrìosda an sin agus Comann Gàidhlig ann an Canterbury. Chaochail e air an ochdamh là deug den Ghearran, 1993. Tha sinn an comain a charaid Mìcheal Goraidh a chuir na sgrìobhaidhean aige thugainn.)
(1) Mar as àbhaist do bhodaich a bhi a’ dèanamh, bidh mise a’ sealltainn air ais uaireannan gu làithean m’òige ann an Caolas-Scalpaigh na Hearadh. Gu h-àraid, bidh mi a’ cuimhneachadh air na h-amannan a bhithinn ag iasgach na h-adaig le dorgh, ann an eathar bheag m’athar. Bha an t-eathar seo glè fhreagarrach airson na h-adaig. Bha bàta mòr aig m’athair (leis an ainm ‘Iolaire’) airson a bhith iasgach an sgadain.
Bhithinn ag iasgach anns a’ Chaol còmhla ri balach eile – Coinneach Moireasdan. Bha sinne a’ fuireach air croit 6 agus bha Coinneach faisg oirnn air croit 4. ’S e balach modhail, gasda a bh’ann. Bha e uabhasach diùideach o choigrichean ach bha e dìleas agus ciatach. Bha e beagan na bu shine na mise.
Bu toigh leamsa bhidh a-muigh anns an eathar bheag. Ghluaiseadh i cho math fo sheòl. Bha an adag pailt gu leòr far am bitheamaid a’ dorghach anns a’ chaol. B’e an caol seo, linne a bha dealachadh Eilean Scalpaigh bho thìr-mòr na Hearadh – còrr ’s leth-mìle o thaobh gu taobh.
Nuair a bhitheamaid a’ glacadh mòran èisg, rachamaid suas gu baile an Tairbeirt, còig mile air falbh, far am bitheadh sinn a’ reic na h-adaig airson tasdan an ‘gad’. Tha cuimhne agam cho math a bhith a’ coiseachd suas an aon shràid anns a’ bhaile sin, ag eubhach, ‘tasdan an gad, tasdan an gad’. Bhiodh mu dhusan èisg ann an gad.
Airson a bhith a’ dèanamh beagan airgead pòcaid, bhiodh Coinneach ’s mi-fhìn uaireannan ag aiseag fir-turaid agus daoine
mar sin, tarsainn a’ chaoil. A chionn nach robh sinn math air bruidhinn Beurla, sgrìobh sinn sìos air clàr (anns a’ Bheurla) a’ phrìs (o chuimhne, tasdan am fear) a bha sinn ag iarraidh airson an turas tarsainn a’ chaoil gu Scalpaigh. Cheangail sinn an clàr ann an toiseach an eathair far am bitheadh e furasda fhaicinn.
Co-dhiù, aon latha, thainig ceathrar fhear-reic agus dh’iarr iad oirnn an aiseag a-null gu Scalpaigh. ’S e Goill a bh’annta agus mar sin bha iad a’ bruidhinn Beurla. Bha an t-uabhas do cheusan trom agus do phocannan mòr aca; làn le aodach ùr a bhiodh iad a’ feuchainn ri reic ann a Scalpaigh. Chuidich sinn iad le ’n uidheam agus mu dheireadh chuir sinn gach duine agus gach nì air bòrd. Shuidh na fir-turais ann an deireadh an eathair agus dh’fhalbh sinn bhon laimrig, Coinneach agus mi-fhìn, ag iomradh.
Mun robh sinn air leth an astair a ruigsinn, thòisich na daoine anns an deireadh a’ monmharaiche a-measg a chèile agus thuirt fear aca, ann an guth a bha làidir agus beadach, gun robh ar prìs ro àrd. Cha duirt sinne guth (mar a bha mi a’ ràdh cha robh sinn uabhasach fileanta sa’ Bheurla) ach thug mise an aire don chlàr leis a’ phrìs, aig toiseach an eathair; rud a chunnaic iad mun d’fhàg iad a laimrig.
A-nis chuala mi cuideigin eile a’ ràdh, ‘It’s daylight robbery’. Chuir sin fearg ormsa oir bha e a’ ciallachadh gum b’ e cealgairean a bh’annainn. Leòn an eucoireachd seo ar n-àrdan Gaidhealach. Thuirt mi ri Coinneach, “Cuir mu chuairt i, thèid sinn air ais.” Mar sin chuir sinn an t-eathar mu chuairt agus rinn sinn dìreach airson a laimrig a dh’fhàg sinn.
Chuir seo ’an cat a-measg na calmain’ agus gu grad thòisich na fir-turais ag eubhach agus a’ tagradh ruinn a cur a-null gu Scalpaigh agus gur ann airson spòrs a thuirt iad na nithean sin. Leig sinne seachad an iolach sin. Thuirt fear aca gun toireadh iad dhuinn tiodhlac – luach sia sgillin. Cha do chòrd sin riumsa idir agus an ceann tacain thuirt mi, “sia sgillin o gach fear.” Bha a-nis tuilleadh mhonmharaich a’ dol air adhart a-measg nan daoine, ach mu dheireadh dh’aontaich iad mun phrìs agus mun tiodhlac.
Thill sinn mar sin agus chuir sinn air tìr iad ann a Scalpaigh. Rinn sinn cinnteach, co-dhiù, gun do phàigh iad sinn mun d’fhàg iad an t-eathar. Ged a bha Coinneach ’s mi-fhìn nar balaich òg a’ fàs suas, ’s mathaid gun do dh’ionnsaich sinne rudeigin bho na gnothaichean sin.
(2) Nuair a bha mi òg ann a Caolas-Scalpaigh na Hearadh, b’e ar nàbaidhean air croit 7, Gilleasbuig MacDhòmhnaill agus a theaghlach. Bha aon bhalach san teaghlach – Dòmhnall Iain – agus
b’e gille ciatach, laghach a bh’ann. Bha e bliadhna na bu shine na mise agus bhitheamaid an còmhnaidh a’ cluich còmhla ri chèile.
Bha Anna NicAonghais, piuthar màthar Dhòmhnaill, a’ fuireach ann an taigh tughaidh faisg air làimh. Cha do phòs i riamh agus bha i a’ fuireach ’na h-aonar. Ged a bha i beagan faoin agus sìmplidh, ’s i cailleach ghasda bh’innte. Bhiodh Dòmhnall Iain ’s mi fhìn gu daonnan a’ tarraing a coise agus a’ cluiche chleasan oirre ach cha bhitheadh sin a’ cur dragh sam bith oirre. Bha i uabhasach caomh ’na nàdur.
Co-dhiù, aon latha, fhuair Dòmhnall Iain am badeigin, pìos de ‘bheetroot’ agus airson tuilleadh spòrs, thadhail sinn air Anna airson ar cleas a chluich oirre. ’S e an rèiteachadh a rinn sinn roimh làimh, gum bitheadh Dòmhnall Iain a’ cagnadh pìos dhen ‘bheetroot’ agus aig an aon àm, a’ tòiseachadh air trod ’s a’ sabaid riumsa. Bha agam ri Dòmhnall Iain a bhualadh air a’ bhrollach agus cho luath ’s a thachair sin, thuit e air an làr agus thilg e smugaid mhòr dhearg a-mach. A chionn gu robh an smugaid dearg agus coltach ri fuil, ghabh Anna eagal uabhasach agus dh’èigh i mach gu faramach, “Mort, mort” agus ruith i ’na deann gu taigh Ghilleasbuig. An sin dh’innis i gu dè a thachair agus dh’innis i gu robh Dòmhnall Iain marbh air làr a taighe. Ann an tiota, thainig athair agus màthair Dhòmhnaill agus feadhainn eile a bha cèilidh air Gilleasguig, ’na ruith gu taigh Anna, mu cheud slat air falbh, far an robh dùil aca ri corp a’ bhalaich fhaighinn. Co-dhiù, nuair a ràinig iad an taigh, cha robh sgeul air a’ chorp no air a’ mhortair. Bha Dòmhnall Iain ’s mi fhìn air teicheadh agus air a dhol am falach mun d’ràinig an sluagh bho thaigh Gilleasbuig.
Fhuair iad, co-dhiù, pìosan dhen ‘bheetroot’ air làr taigh Anna – pìosan a bha Dòmhnall Iain air a chur a-mach nuair a thuit e agus a thòisich e air gàireachdainn. A-nis bha fios aig a phàrantan gur ann airson spòrs a rinn Dòmhnall Iain ’s mi fhìn an gnìomh uabhasach ‘cronail’ sin.
Bha uair eile ann nuair a chluich sinn cleas aitgheal air Anna. Aig beulaibh a taighe, bha còig na sia de fheannagan fada agus eadar gach feannag, bha clais dhomhainn. Aon oidhche dhorcha (bhiodh e mu ochd uairean), chaidh Dòmhnall Iain ’s mi fhìn dhan chlais a b’fhaisge air taigh Anna agus thòisich Dòmhnall ag èigheach ’s a’ gearan, “Cuidich mi, cuidich mi, bhrist mi mo chas.” Mar a bha fiughair againn, thàinig Anna gu doras a taighe. Dòmhnall a’ gearan ’s ag èigheach. A-nis dh’èigh Anna troimh an dorchadas, “Dè tha ceàrr a-muigh an sin?” Fhreagair Dòmhnall Iain ann an cainnt neònach gu robh a chas briste agus nach b’urrainn dha gluasad. Mar a b’àbhaist, ghabh Anna eagal gu robh
rudeigin glè cheàrr air an duine anns a’ chlais agus thug i ás ’na deann gu taigh Ghilleasbuig airson cuideachadh fhaighinn. Ann an ùine ghoirid, thainig Gilleasbuig ’s a bhean agus feadhainn eile, le lanntairean ’s lòchrain ’s plangaidean. Co-dhiù, nuair a ràinig iad na claisean, cha robh sgeul air an duine a bha air a ‘leòn.’ Gun teagamh sam bith bha deagh fhios aca a-nis gum b’e seo obair an dà bhalach ‘uabhasach’.
Ged a rinn sinn iomadh cleas èibhinn air Anna bha fìor ghaol againn oirre. Bha i faoin agus sìmplidh, ach bha i uabhasach laghach.
(3) Dh’innis mi dhuibh mar thà mu dheidhinn Anna NicAonghais ar nàbaidh ann a Caolas-Scalpaigh na Hearadh nuair a bha mi ’nam bhalach a’ fàs suas.
Tha cuimhne agam aon latha gaothach agus fliuch, thàinig ‘tramp’ a-nuas don chlachan againne – duine meanbh lapach le seann chòta, seann bhrògan agus bonaid a chunnaic làithean na b’fheàrr! Bha dà spàin aige air am bitheadh e cluich fonn no dhà. Nan tugadh tu sgillinn dha, chluicheadh e gu sùnntach air na spàinean (cùl ri cùl) ach cha b’fhiach an ceòl a bha e a’ dèanamh bonn-a- sia.
Bha e cur truas oirnn agus mar sin bhitheamaid a’ toirt dha sgillinn no dhà. ’S e Beurla a bha e bruidhinn. Mar a thuirt mi, an latha ràinig e Caolas-Scalpaigh, bha an t-sìde uabhasach fliuch agus cha robh àite aig an truaghan anns am bitheadh e fuireach. Bha aodach fliuch agus beagan salach agus tha cuimhne agam gun tug m’athair cead dha seid a dhèanamh anns a’ bhàthaich againne, còmhla ris a’ chrodh. Chuidich Dòmhnall Iain agus mi-fhìn e agus fhuair sinn connlach gu leòr airson seid mhath sheasgair a dhèanamh air làr na bàthach.
A chionn gum b’e coigreach a bh’ann, sgaoil naidheachdan èibhinn mu dheidhinn, gu math luath, air feadh a’ bhaile. An oidhche sin chuala Anna NicAonghais ann an taigh Bellac, a piuthar, na naidheachdan a bha a’ dol mu chuairt agus cha do chòrd iad idir rithe. Bha i beagan eagalach agus bha i smaointeachadh gu robh am bàthach anns a robh an‘tramp’a’ fuireach, ro fhaisg air a taigh fhèin.
Co-dhiù, dh’fhàg i taigh a peathar agus nuair a ràinig i dhachaigh, bha i gu sònraichte cùramach gun do dhùin i an doras ceart agus gun do chuir i sneic ’na àite. Ged a bha e a-nis dorcha, cha do las i làmpa idir air eagal gu faiceadh an‘tramp’a-steach troimh na h-uinneagan. Airson a bhith cinnteach gu robh gach nì sàbhailte, chruach i, aig cùl an dorais, gach pìos de dh’àirneis a b’urrainn dhi ghluasad agus nuair a chaidh Bellac a-null leis a’
bhainne (mur bu chleachd dhi a bhith a’ dèanamh gach oidhche) chan fhaigheadh i steach. Thuirt Anna rithe nach robh i a’ dol a dh’fhosgladh an dorais idir an oidhche sin agus gu faigheadh i am bainne anns a’ mhadainn.
Chuala Dòmhnall Iain is mi-fhìn gu dè thachair dha mhàthair nuair a thug i a-null am bainne gu piuthar agus shocraich sinn air cleas eile a chluich air an ‘tè fhaoin.’ Fhuair sinn dà spàin agus chaidh sinn a-null gu taigh Anna agus aig an doras, thòisich Dòmhnall Iain a’ cluich air na spàinean agus a’ bruidhinn ann am Beurla neònach. Fhreagair Anna ann an cainnt a bha cheart cho neònach. Aig an àm seo bha e glè dhuilich dhuinn a bhith cumail bho ghàireachdainn.
Chan eil cuimhne agam a-nis dè cho fad ’s a dh’fhan sinn aig doras taigh Anna ach tha deagh chuimhne agam gun do phut mise tè dhe na spàinean fon doras – a’ dèanamh a-mach gur e an‘tramp’a dh’fhàg i. Co-dhiù, ’n ath mhadainn, nuair a chaidh Bellac a-null leis a’ bhainne, chan fhaigheadh i steach gus an do ghluais Anna gach nì a thog ’s a chruach i aig cùl an dorais. Nuair a fhuair Bellac a-staigh, thòisich a piuthar ag innseadh dhi mu dheidhinn an‘tramp’agus mar a bha e feuchainn ri faighinn a-steach agus esan a’ cluich air na spàinean. “Seall” ars ise ri Bellac, “seall an spàin a dh’fhàg an trusdar.” B’e seo an spàin a phut mise fon doras. Bha muinntir a’ chlachain glè thoilichte nuair a dh’fhalbh an‘tramp’ ’n ath latha. Cha do thill e riamh. Tha mi cinnteach nach robh Anna duilich idir nuair a dh’innis cuideigin dhi gun tug an coigreach beag a chasan leis.
title | A’ Fàs Suas |
internal date | 1996.0 |
display date | 1996 |
publication date | 1996 |
level | |
reference template | Dòmhnall Iain MacLeòid in Gairm 174 %p |
parent text | Gairm 174 |