[238]

BOGADH CANAIN

le Criosaidh Dick

Bha sinn còig bliadhna dhaois, air ùr-thòiseachadh anns an sgoil, agus bha sinn nar seasamh cruinn còmhla, buidheann de nìghnean beaga, ag èisdeachd gu dùrachdach ris an fheadhainn mhòra agus iad ag innse dhuinn mun a Mhedical a bha sinn adol a dhfhaighinn ann an latha no dhà.

Thur gonny skin ye, so they ur. Thur gonny skin y” .

Tha amplaygroundseo ann an sgoil an teis meadhon Ghlaschu agus cha robh facal cainntna mo cheann-sa ach Gàidhlig Ach thuiginn na h-uimhir de Bheurla, agus bha fios agam fìor mhath gu bhathur gonny skin y”, aciallachadh. Bha mi eòlach gu leòr air a bhith afaicinn mo sheanmhathair afeannadh choineanach nuair a rachainn a dhUibhist air na làithean-saora agus bha mi air a cluinntinn ag innse do choigrich gun Ghàidhlig gu robh iskinning a rabbit”.

Uill cha robh mise adol a dhfhuireach an-seo ma bha iad adol a dhèanamh orm mar a bhiodh mo sheanmhathair adèanamh air achoineanach bhochd. Choisich mi a-mach ás an sgoil agus mi adèanamh air an taigh.

Cha robh mi eòlach air an rathad agus chaidh mi air chall. Thachair poileasman rium. Aig an àm a bha seo bha poileasmain pailt air na sràidean agus bha Gàidhlig aig mòran dhiubh. ’S ann á Ile bha am fear seo agus nuair a dhinnis mi dha bha iad adol a dhèanamh orm anns an sgoil, thuig esan anns amhionaid bha seo aciallachadh ann an cainnt Ghlaschu – ’s e sin gun robh agam rim chuid aodaich a thoirt dhìom agus gum bithinn rùisgte!

Thill am poileasman dhan sgoil mi agus chan eil cuimhnagam air achòrr duilighdeas a bhith agam tuilleadh a thaobh cànain. ’ S·fheudar gun do dhionnsaich mi cainnt Bheurla achlasrum agus



[239]

cainnt Ghlaschu aphlayground gu math sgiobalta. Chan eil sinna iongnadh oir anns an sgoil bha mi air mo bhogadh ann am Beurla agus dhfheumainn aBheurla ionnsachadh ma bha mi adol a dhèanamh obair na sgoile agus dhfheumainn cainnt Ghlaschu ionnsachadh ma bha mi gus a bhith coltach ri mo cho-aoisean. Ach cha do chaill mi mo Ghàidhlig seach gur i bha mi a’ cluinntinn·aon uair is gun drachainn a-staigh air doras na dachaigh. Bha mi -chànanach no eadhon trì-chànanach, ann an ùine glè ghoirid, agus tha chun an latha diugh. Agus chan e rud annasach sam bith a bha seo. Bha na ceudan, mur an robh na mìltean, chloinne anns na bailtean mòra, bho phàrantan le Gàidhlig, adol dhan sgoil is gun iad abruidhinn ach Gàidhlig a dhionnsaich Beurla gu math sgiobalta ri linn gun robh iad air am bogadh innte. (Chan eil àireamhan cinnteach againn seach nach robh sgrùdadh air a dhèanamh air achùis).

Ach saoilidh mi gu bheil seo adearbhadh nach eil duilighdeas aig clann ann a bhith ag ionnsachadh cànan eile gu ìre fileantachd ma tha iad anns an t-suidheachadh far a bheil iad air am bogadh anns an dàrna cànanfar a bheil i timcheall orra fad na tìde agus gu feum iad a h-ionnsachadh ma tha iad gu bhith atuigsinn tha tachairt. Sin an fheallsanachd a thathar acleachdadh anns na clasaichean Gàidhlig a tha sìor dhol am meud ann am bun-sgoiltean air feadh Alba. Ach, an-diugh, ’s i Bheurla a thaig amhòr-chuid dhen chloinn a tha adol dha na sgoiltean Gàidhlig agus tha iad atighinn a-mach ás dèidh seachd bliadhna bogaidh ann am foghlam Gàidhlig agus iad an ìre mhath fileanta ann an Gàidhlig agus ann am Beurla.

Chan eil ena iongnadh ged a bhiodh Gaidheil deònach an cuid chloinne a chur gu sgoiltean far an ionnsaich iad Gàidhlig ach tha Goill, airson diofar adhbharan, ga fhaicinn mar rud soirbheachail cuideachd. Bha mi abruidhinn ri aon phàrant agus i atogail triùir chloinne a sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu. ’S e Ban-Shasannach a bhinnte. Bha ise deònach gum biodh achlann aice -chànanach agus nuair a chuali mun sgoil Ghàidhlig, ghabh i an cothrom. Bha ise caingeis an dàrna cànan a bhiodh aca ach cha robh i mar a tha cuid de Ghaidheil am beachd nach dèanadh aGhàidhlig ach achlann a chumail air ais.

Its a wonderful opportunity, ”thuirt i. “My children never complain of being bored. They are learning a new language at the same time as they are learning all the other new things at school. I cant understand why there is not a queue of parents at the door wanting to enrol their children at this school. ” (Achs e tha sin ach ceist eile).



[240]

[Dealbh]
Deiseil son chànain



[241]

Tha leth-cheud bliadhna bhon a thuirt Seumas MacThòmais, nach maireann, nach soirbhicheadh le Gàidhlig gus am biodh clann nan Gaidheal air am fòghlamachadh tro mheadhon na Gàidhlig. Cha do ghabhadh ris achomhairle seo ann an cabhaig, ach tha deich bliadhna nis bhon a ghabh na h-Ughdarrasan Ionadail ri iarrtas phàrantan a bha deònach gum faigheadh achlann aca am foghlamachadh tro mheadhon na Gàidhligan toiseach ann an 1985 le sgoil, Sgoil Sir John Maxwell ann an Roinn Srath Chluaidh agus Sgoil aMheadhon ann an Roinn na Gaidhealtachd. Bha dhà dheug air fhichead sgoileir eadar an sgoil. Nuair a dhfhosgail na sgoiltean aig toiseach an t-seisean seo, 1995/96, bha leth-cheud bun-sgoil atairgsinn foghlam tro mheadhon na Gàidhlig agus 1460 sgoilear gam frithealadhag ionnsachadh cuspairean sgoile air fad ann an Gàidhlig. A bharrachd air Roinn Srath Chluaidh is Roinn na Gaidhealtachd, tha sgoiltean Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean, Taobh Tatha, Lodainn agus Roinn aMhonaidh.

Anns aChùnntas Sluaigh mu dheireadh (1991), bha àireamh luchd-labhairt na Gaidhlig air a dhol sìos gu 65,000 ach aig acheart àm tha àireamh an òigridh a tha abruidhinn Gàidhlig air a dhol am meud bhon Chùnntas Sluaigh a thogadh deich bliadhna air ais (1981). ’S e suidheachadh dòchasach tha sin aguss cinnteach gur e foghlam tro mheadhon na Gàidhlig a tha ga adhbharachadh.

Tha sinn afaicinn ginealach ag èirigh suas far a bheil luach ga chur air achomas a thaca a bhith -chananach. Bu chòir cuideachd gum biodh an comas seo atoirt buadhan eile dhaibhsan aig a bheil e; gun cuir iadsan luach air còirichean dhaoine a tha eadar-dhealaichte ann an creideamh, ann am beachdan, ann an dòigh-beatha agus dath an craicinn.

Ged nach tuig sinn cànanan a-chèile air fad bu chòir gun toireadh am beagan eòlais a thagainn dhuinn tuigse air luach ar co-chreutairean agus gu stadamaid a dhfheannadh a-chèile.

titleBogadh Cànain
internal date1996.0
display date1996
publication date1996
level
reference template

Criosaidh Dick in Gairm 175 %p

parent textGairm 175
<< please select a word
<< please select a page