EILEAN A’ CHROIS SHEORSA
le Aonghas Mac-a- Phì
Ma bheir sibh sùil air mapa den Roinn Eòrpa agus air a’ Mhuir Mheadhon-thìreach, chì sibh trì eileanan beaga, mar ghuireanan, shìos ud, trì fichead mìle deas air Eilean Sicilidh agus mu dhà cheud mìle tuath air a’ Mhòr Thìr Dhorcha, Africa.. .is iad seo EileananGozo , CominoagusMalta .
ThaMalta, am fear as motha dhiubh, nas lugha na Eilean Arainn, no an t-Eilean Dubh, agus rud beag nas motha na Eilean Bhòid, ach tha eadar-dhealachadh mòr eadar na h-eileanan Albannach ud agus a’ chreag roimh-innleachdail seo, Malta, an teas-mheadhon eachdraidh agus cultur saoghal a’ Mhuir Mheadhon-thìreach.
Bha mi air chuairt dhan eilean dhaingneachail seo air a’ mhìos a chaidh, a dh’fhaicinn dhomh fhìn an t-àite air an do leugh mi cho mòr ’s air an do bheachdaich sinn uile aig àm a’ chogaidh, nuair a bha e fo shèisd anns na 1940-an. B’ann aig an àm seo a thug an Rìgh Seòras VI am bonn, ‘Crois Sheòrais’ dha na daoine ann amMalta, airson na dh’fhuiling iad anns a’ chruadal ud. Tha e coltach nach deach‘blitzkreig’riamh a dhòrtadh air aon àite cho sgriosail ris, eadhon ann am baile mòr Lunnainn aig an àm a bu mhiosa den chogadh. Bha a bhuil air, oir b’e glè bheag de na togalaichean, no a dachaighean, a sheas an dèidh dhan an strì sguir.
Nuair a bheir sibh beachd air meudachd Mhalta, ri taobh na h-eileanan Albannach a dh’ainmich mi.. .. tha e gann air ochd-mìle-deug air fhad agus mu ochd mìle a leud.. . .agus a bheir sibh smaoin air dlùths an t-sluaigh-dhùthchail fhèin aig àireamh mu 370,000 neach, tha e iongantach a thuigsinn ciamar a tha luchd-turais an t-samhraidh a’ faotainn àite-fuirich, nuair a thèid an àireamh dhaoine air an eilean suas trì-fìllte. Le cinnt, tha e ’na tharraing do na h-Eòrpaich mu thuath, a bhios a’ sireadh na grèine gach samhradh, is iad a’ coimhead airson tràighean bàna agus blàths mara, airson snàmh istanfhaotainn, ach tha barrachd ri fhaighinn ann cuideachd le eachdraidh agus cultur nan linntean air an sgrìobhadh anns gach aogais den phoball a chì sibh ann.
Tha iad rudeigin beag, ach leathainn a chuid as motha dhiubh, dorch-shùileach agus le falt cursa-dubh, ach nuair a bheir sibh sùil gheur orra, chì sibh comharradh nan iomadh-chinneadh a’ sealltainn a-mach bho na sùilean dorcha ud.
Tha àrsaidheachd a’ sealltainn dhuinn gun robh daoine a’ fuireach an seo ri Linn na Cloiche, mu 5,000 BC, agus tha tobhtaichean de theampuil ri fhaicinn aigTarxienagusHagar Qima leigeil fhaicinn gun robh daoine ri togalach mu 3,800-2500 BC. Bha na h-eileanan suidhichte cho deiseil ann an teas-mheadhon a’ Mhuir Mheadhon-thìreach ’s gun robh iad ’nam mealladh ’s ’nan duais mhòr do gach ceannsaiche a bha ri siubhal nan cuantan ud.
Anns an 9mh linn bha maraichean is luchd-malairt nam Phoenicianaich, á taobh an Ear na mara, air eilean Mhalta a lorg agus rinn iadsan àite-tadhail dheth air an rathad dhan bhaile mhòr, ‘Carthage’, a thog iad suas ann an Africa-a- Tuath. Ged a bha Greugaich a’ fuireach ann an Eilean Sicilidh, cho teann airMaltais iad a’ tadhal tric, cha do dh’fhuirich iad riamh fada ann.
Nuair a thòisich na Ròmanaich air spreadhadh air feadh saoghal an latha ann an 264-146 BC is iad ri sabaid airsonCarthageanns a’ Chogadh Punic, ghabh iadMaltacòmhla ris gach dùthaich eile. Rinn iad prìomh-bhaile do M’dina ann an 218 BC is thog iad daingneach làidir an sin ’s ann an Rabat ri thaobh.
B’ann aig àm nan Ròmanaich anns a’ bhliadhna AD 60 a chaidh an t-Abstol Pòl agus an t-Abstol Lùcas a thilgeil ann an long-bhristeadh air cladach Mhalta. Bha iad air an turas dhan Ròimh ’nam prìosanaich á Caeserea agus tha camas mòr air cladach tuath an eilein chun an là’n- diugh air ainmeachadh.. .. “Bàgh an Naomh Pòl”. Dh’fhuirich iad fad geamhradh air an eilean a’ searmonachadh an t-Soisgeil dhan t-sluagh ’s gan tionndadh gu Crìosdaidheachd. Thionndaidh iad fiù an Riaghladair Ròmanach, Publius agus nuair a dh’fhàg iad as t-Earrach b’ann Crìosdail a bha muinntir Mhalta ’s tha iad mar sin gus an diugh.
Mar a bha Iompaireachd nan Ròmanach a’ crìonadh mu 870 AD ghabh nàiseanan Arabach buaidh air an eilean agus thug iadsan an ceàird damaichte ud, tràillealachd dhan àite. Rinn iad tràillean do mhòran Chrìosdaidhean ás an eilean, ged nach do chuir iad sìos air a’ chreideamh fhèin. Bha na h-Arabaich seo dà cheud bliadhna ann am Malta agus dh’fhàg iad am buaidh gu mòr air cànan an eilein. Tha sin ri fhaicinn gus an là’n- diugh ann an ainmean àitean agus anns a’ chànan ‘Malti’, nach eil ga bhruidhinn an àit’ air thalamh, ach ann am Malta fhèin. Tha seo glè choltach ri Arabaic (eadhon ann an cùnntas, chan eil na h-àireamhan eadar-dhealaichte) agus thoir sùil air mapa Mhalta is
chì sibhM ’dina, Rabat, Luqa, Zabbar, Mosta, Bugibbais iomadh ainm annasach eile. Tha seo smaoineachail, oir tha 900 bliadhna air tiall bhon bhristeadh riaghaltas nan Arabach an seo.
Thachair seo ann an 1090, nuair a thàinig an t-Iarla Roger, macTancred de Hautville, Frangach á Normandaidh a-nuas á Sicilidh, far an robh fearann aige agus miann grèim is buaidh a bhith aige air uisgeachan a’ chuain Mheadhon-thìreach. Rinn seo eilean fìor-fheumail dha na daoine a bha ’n grèim ann an Cogaidhean-na-Croise, no na‘Crusades’, is e cho deiseil dhaibh air an t-slighe dhan Tìr Naomh. Bha muinntir Mhalta fo smachd iomadh riaghladair an dèidh seo airson iomadh linn ’s iad gu math searbh dhiubh cuideachd gus an 15mh linn, le cìsean orra nach b’ urrainn dhaibh fhulang. Dh’iarr iad air an RìghAlfonsoanns an Spàinn ann an 1428, an t-eilean aca a ghabhail os làimh. Rinn e seo, ach nuair a thòisich an Spàinn air seòladh thar chuan chun an t-Saoghail Uir anns na h-Ameiricas, cha d’fhuair Malta mòran taic agus thòisich Turcaich is Spùinneadairean‘Barbary’a Africa-a- Tuath air creach a tharraing orra.
B’e‘Suleiman-the-Magnificent’an Sultan aig Turcaich Ottoman a bha a’ riaghladh a’ chuid a bu mhotha de chuantan a’ mhuir Mheadhon-thìreach aig an àm agus anns a’ bhliadhna 1523, an dèidh sèisd sia mìosan, chuir e ’n teicheadh air Ridirean, Ordain an Naomh Iain á Eilean Rhodes, far an robh iad suidhichte an dèidh Blàran Cogaidhean na Croise. Thug iadsan greis air dachaigh ùr a lorg, ach mu dheireadh thall chaidh Malta a thairgsinn dhaibh leis an Righ Teàrlach V a bha air ceann na Spàinn is mòran den Eadailt is Sicilidh, air màl-bliadhnail.. .. ‘aon chlamhan á Malta’.
B’iad na Ridirean seo a ghluais prìomh-bhaile Mhalta bhoM ’ dinasìos gu cladaichean a’ Phuirt Mhòir, far an do thog iad dachaighean is daingneachdan a mhair gus an là’n- diugh. Anns a’ bhliadhna 1557 b’eJean Parisot de la Valettea bha ’na cheannard air na Ridirean agus thug esan ainm-fhèin dhan phrìomh-bhaile. .. Valletta .
Thug na Turcaich agus spùinneadarean‘Barbary’ionnsaigh còmhla air an eilean ann an 1565 a mhair fad mhìosan. Chaidh mòran a mharbhadh air gach taobh gus an tàinig ath-neartachadh le armachd a Sicilidh, nuair a thuig Eòrpaich Chrìosdail gun robh an t-eilean beag seo, ’s e cho taiceil dhaibh, ann an cunnart. Bha ’n luchd-ionnsaigh briste is sgìth den chath agus leagh iad air falbh ris an armachd ùr seo. BhaVallettaair a sgrios agus fhuair iad mòran taic ás an Roinn Eòrpa anns na bliadhnaichean an dèidh sin gus a thogail nas làidire na bha e riamh.
Anns an 18mh linn bha mòran gluasaid air feadh an t-saoghail gu dùthchannan cèin san Ear agus gu Saoghal Ur na h-Ameiricas. Bha cuid dheth seo a’ dol sìos mun cuairt air Africa-a- Deas agus nuair a dh’èirich a’ Fhraing an aghaidh uaislean agus Eaglais, chaill Ridirean Mhalta mòran den taic ’s airgead a b’ àbhaist a bhith aca. Dh’fhàg seo iad ann am fìor dhroch staing. Anns a’ bhliadhna 1798 laigh sùilNapoleonair eilean Mhalta agus b’esan a chuir ás do riaghladh nan Ridirean san àite an dèidh 268 bliadhna. Cha robh na Frangaich fada ann ged tha, oir dà bhliadhna an dèidh sin thàinigNelsonair tìr air ceann nam Breatannach. Ghabh an Roinn Eòrpa ri riaghladh Bhreatainn anns a’ bhliadhna 1814 agus chùm iadsan ann gu 1964.
Chaidh gu math le muinntir Mhalta fo bhratach Bhreatainn agus dh’fhàsVallettaagus am Port Mòr soirbheachail, gu h-àraidh an dèidh doChanal Suezfosgladh ann an 1869. Ged a leig na riaghladairean ùra mòran cead leis na h-eileanaich iad-fhèin a riaghladh, thòisich gach neach air tuigsinn dìreach cho roimh-innleachdail ’s a bhaMalta, nuair a bhris cogadh a-mach agus a chaidh an Eadailt a-staigh cuide ris a’ Ghearmailt ann an 1940. Fad bliadhnaichean 1941 agus 1942 bha ’n t-eilean air a sgrios le bomadh bho thìr mòr na h-Eadailt agus bho Eilean Sicilidh gun stad. Chaidh na daoine am falach, gan dìon fhèin, ann an tuill ’s an uamhan ’s an‘catacombs’fon talamh, mar bheathaichean, a’ bàsachadh acrach leis a’ ghoirt. Chaidh iomadh ionnsaigh air cobhair a dhèanadh orra le soithichean á Breatann uile luma-làn luchd, armachd is biadh dhaibh. Chaidh mòran dhiubh sin a chur fodha agus b’iad glè bheag dhiubh a rinn cala dheth a-measg cunnart is cruadal a bha uabhasach.
Ach thàinig seo gu ceann le Blàr mòrEl Alameinthall ud an Africa. Chaidh an teicheadh a chur airRommel ’s air gach Gearmailteach is Eadailteach a chionn’s nach robh iad a’ faighinn cuideacheadh bhon Eadailt. Bha pleunaichean Mhalta gu mòr air chùl seo, oir cha do stad iad a shàrachadh bhàtaichean an nàmhaid anns a’ Chuan Mheadhon-thìreach. Thionndaidh an cogadh gu Sicilidh agus tìr-mòr na h-Eadailt agus fhuairMaltabeagan fois mu dheireadh.
An dèidh a’ chogaidh thòisich muinntir nan eileanan air barrachd saorsa iarraidh iad fhèin a riaghladh agus ann an 1964 shuidh am PrìomhaireDom Mintoffairson a chiad uair air ceann pàrlamaid ùr aca-fhèin. Thug e greis armachd Bhreatainn a chur ás an àite, ach ann an 1979 dh’fhàg an gearasdan mu dheireadh de shaighdearan agus bhaMaltasaor, neo-eisimeileach.
Sheall mo chuairt dhomh ann an 1996 gu bheil mòran ri
dhèanamh ann fhathast mus bi iad cho math dheth ri am bràthairean anns an Roinn Eòrpa, ach tha mi a’ cluinntinn gu bheil iad deònach iad fhèin a cheangal ris an E.U. ’s bheir sin taic dhaibh. Tha mòran aca ri thairgsinn dhan luchd-turais a tha a’ tadhal gach bliadhna, a bharrachd air grian is tràighean. Tha ’n t-àite làn eachdraidh is cultar le togalaichean brèagha, gu h-àraidh eaglaisean, den chlach-gainmhich buidhe-ruadh a tha fìor àlainn. Tha na daoine fhèin blàth-chridheach nan dòighean, càirdeil, cruaidh-obrach agus teann do choigrich, oir nach eil iad air a bhith bruidhinn ri coigrich iomadh linn a-nis.
CEIT
le Dòmhnall Alasdair
Cha deachaidh càil a riamh cho faisg air mo chridhe a bhriseadh ri mar a thachair do Cheit. Ged a bha mo bhràthair, Dòmhnall Beag, fo mhulad cuideachd cha robh ciont a’ cur dragh air, oir mar a thubhairt e: “ ’S e thusa bu choireach ris.” Bha mi mu dheich bliadhna a dh’aois agus mo bhràthair mu ochd.
Aig an àm bha fasan aig balaich a bhi seòladh eathraichean siùil, mu throigh air an druim, air lochan a bha faisg air a’ bhaile againn. Ach bha Ceit trì troighean air an druim agus an crann ceithir troighean a dh’àirde. ’S e mo bràthair eile, Iain, a rinn i, a’ samhradh mas deach e dhan oilthigh.
Rinn sinn Ceit anns an t-sabhal, mi fhìn agus Dòmhnall beag a’ cuideachadh Iain. Bha esan nar sùilean mar oracal. Cha robh ceist
a chuireadh sinn air nach freagradh e, chan ann mar a dhèanadh ar pàrantan, “B’e sin toil Dhè,” ach mar a tha saidheans ag innse dhuinn. ’S e doctaireachd a bha Iain a’ dol a dh’ionnsachadh san oilthigh. ’S ioma feasgar sona a bha sinn ag obair air Ceit. Tha cuimhne agam fhathast cho cùbhraidh ’s bha fàileadh an fhiodha nuair a bhiodh Iain ag obair leis an t-sàbh no a’ locair, agus na ceistean neònach a bhiodh sinn a’ faighneachd. “Carson a tha an t-adhar gorm? Càite am bi na meanbhchuileagan sa’ gheamhradh? Carson nach fhaic sinn a’ ghaoth? Carson a tha uisge fliuch?” agus mòran eile. Bha earbsa againn an Iain nach fhaigh mi air innse, agus bha sinn a’ creidse gum b’ aithne dha a h-uile càil a tha san t-saoghal.
Nuair a bha Ceit deiseil chan fhaca duine a riamh dealbh cho àlainn rithe. Bha seòl dearg oirre, falaid air an deic, peanta geal air an t-slige àrd, agus loidhne dhearg os cionn an uisge. Gu h-ìosal, agus air an druim bha peanta uaine. Bha luaidhe ceangailte ris an druim airson balaiste. Ann am bàrr a’ chruinn bha bratach na h-Alba agus air gach gualainn bha an t-ainm ann a’ litrichean dubh, agus “SY” ag innse dhan t-saoghal gur ann á Steòrnabhagh a bha i. Bha gaol againne oirre nach robh againn a riamh air cù na cat, no peata eile.
Thàinig m’ athair còmhla ruinn ga cur air bhog. ’S e iasgair a bh’ ann, eòlach air bàtaichean siùil, agus chuir e an seòl agus a’ stiùir air dòigh mus do leig e Ceit air falbh. Bha i dìreach mar an eala air an t-snàmh, agus chaidh i tarsainn a’ lochain ann an tiotadh. “Chan fhaic thu cho math ’s a tha i air fuaradh seach nach eil muir gu leòr aice,” arsa am bodach. Ghlèidh mise cuimhne air na facail sin agus an oidhche sin dh’innis mi do Dhòmhnall Beag a’ rud dàna a bha ’nam inntinn. Bhon uairsin bhiodh sinn a’ bruidhinn air o àm gu àm nuair a bhiodh sinn a’ seòladh a’ bhàta air a’ lochan.
Nuair a dh’fhalbh Iain dhan oilthigh agus a thàinig là freagarrach dh’fhalbh sinn le Ceit, ach cha b’ann chon a’ loch mar a b’àbhaist. Chrom sinn sìos chon a’ chladaich agus a-mach gu ceann a-muigh sgeir chaol, fhada, sgeir na h-Eòr. Chuir mi an àirde an crann agus cheangail mi buill agus acainn Cheit. Tharraing mi a’ hailleard agus suas leis an t-seòl dhearg. Chuir mi a’ stiùir agus a’ sgòd air dòigh gus an deidheadh Ceit gu tràigh le gainmheach far an coinnicheadh sinn i. Dh’aom i gu bòrd clì ás a’ bhad agus abair astar. Bha sinn greis sàmhach a’ coimhead cho bòidheach ’s a bha i ag èirigh anns na tuinn. ’S iongantach gun robh barrachd pròis airColumbusnuair a thog e na siùil na bha òirnne! Ruith sinn airson Ceit a’ choinneachadh.
“Cuir air falbh a-rithist i,” arsa Dòmhnall Beag, agus cha robh mi fada a’ dèanamh sin. Chuir mi a’ seòl gu taobh eile a’ chruinn agus dh’atharraich mi a’ stiùir gus am buaileadh Ceit mu mheadhon na h-Eòra. Bha sinn greis ga moladh mas do mhothaich sinn nach robh i air a’ chùrsa a bha dùil againn a ghabhadh i. Chunna mi le cridhe trom nach buaileadh i an Eòr idir. Bha a sròin a-mach dhan chuan, oir bha a’ ghaoth air a dhol bho dheas gun iar. Ruith sinn gu gob na h-Eòra agus thòisich sinn a’ sadadh clachan mola feuch a leagadh sinn a’ seòl, ach bha Ceit ro fhada a-muigh.
Sheas sinn greis mhòr gun smid a ràdh. Dh’aithnich mi gun robh Dòmhnall Beag a’ gal agus ruith e air falbh gus nach fhaicinn sin. Nuair a’ ràinig mi bàrr nan creagan cha robh càil air sgiala de Cheit ach spot dhearg anns a’ chuan. Fad seachdain an dèidh seo bha mi a’ dol a’ h-uile là gu bàrr nan creagan ann an dòchas truagh gun tilleadh i.
Ceann sreath thàinig Dòmhnall Beag le nàidheachd. “Tha fios aca,” ars esan. “Chunnaic cuideigin sinn.” “Dè thuirt m’athair? ,” arsa mise.
“Thubhairt e gur e rud math a th’ann gun chaill sin i mus deidheadh ar bàthadh. Chan eil diù a’ choin aca do Cheit.”
’S e faochadh a bha seo dhòmhsa, ach bha agam a-nise ri aghaidh a’ chur air Iain. Nuair a thàinig e bha caraid còmhla ris agus ’s i a’ Bheurla a bha iad a’ bruidhinn. Bha mi fhìn agus Dòmhnall Beag ag èisdeachd aig doras a’ rùim aca. Cha robh mi airson leigeil fhaicinn do Dhòmhnall Beag nach robh mi gan tuigse ach glè mheadhonach. “Tha iad a’ bruidhinn air moncaidh a tha aca. ’S eDarwinan t-ainm a tha ac’ air. Tha Iain ag ràdh rudeigin mu dheidhinn nighean. Chan eil guth aca air Ceit.”
“Dè feum a th’ann a’ moncaidh agus nighean?” arsa Dòmhnall Beag. Ach bha mis aosda gu leòr airson tòiseachadh a’ tuigse gun robh Iain air gluasad a-mach ás mo shaoghal. An ath mhadainn nuair a dh’innis mi dha mar a thachair do Cheit, mhothaich e cho brònach ’s a bha mi agus chuir e a ghàirdean timcheall orm. “Coma leat dhi,” ars esan. “Thig i air tìr an àiteigin agus bidh leanabh mar thu fhèin glè thoilichte a faighinn.”
Agus ’s i an fhìrinn a bha aige. Bliadhnaichean an dèidh seo bha litir anns a’ phàipear-naidheachd bho bhalach anns na h-eileananFaeroeag innse gun d’fhuair e Ceit air an tràigh, gun sheòl no crann, agus nuair a ghlan e i gum faca e “SY” air a gualainn a’ dearbhadh gur ann á Steòrnabhagh a dh’fhalbh i. Ach aig an àm sin cha robh guth agam air Ceit oir mar a tha Pòl ag ràdh: “Air fàs dhomh am dhuine chuir mi na nithean leanabaidh air cùl.”
title | Eilean a’ Chrois Sheorsa |
internal date | 1996.0 |
display date | 1996 |
publication date | 1996 |
level | |
reference template | Aonghas Mac-a-Phì in Gairm 176 %p |
parent text | Gairm 176 |