CROMAGAN CHALUIM
le Tormod E. Dòmhnallach
Tha Calum Fhionnlaigh Eòghain Robasdan, á Clachan Shannd, ann an Uibhist-a- Tuath air a bhith a’ dèanamh bataichean o chionn iomadach bliadhna.
’S e bataichean chaorach airson cìobairean a tha anns a’ chuid as motha dhiubh ach bidh feadhainn gan iarraidh gus cuideachadh a thoirt dhaibh a bhith a’ coiseachd.
An toiseach ’s ann air adhaircean reithichean a bhiodh e a’ dèanamh nan cromagan. Bhiodh e gan cur ann an uisge teth airson an dèanamh bog agus an sin bheireadh e cumadh orra. Gu tric aig ceann a-muigh na cromaig dhealbhadh e flùr, mar gìogan.
An sin cha robh e cho furasta idir adhaircean fhaotainn agus a-nis tha e gan dèanamh air fiodh. ’S ann air fiodh beithe neo geanm chnò a bhitheas e a’ dèanamh nan cromagan agus bidh e a’ cur calltainn gu feum airson nan lorgan.
Tha Calum air suas ri trì cheud bata a dhèanamh a-nis agus chaidh iad air feadh an t-saoghail: Astràilia, Sealainn Nuadh, Fiji, na Stàitean Aonaichte agus gach ceàrn de Bhreatann.
Rinn e bata airson a’ Phrionnsa Teàrlach agus cuideachd bataichean beaga airson nam Prionnsachan òga, Uilleam agus Eanruig.
Tha na bataichean air an dèanamh le làimh gun inneal idir a’ dol faisg orra. Tha iad cho grinn, snasail agus gu bheil iad luachmhor agus is beag an t-iongnadh ged a tha mòran an tòir orra.
O chionn ghoirid chaidh aiste a sgrìobhadh mu dheidhinn ann an ràitheachan a bhitheas air a reic air feadh Bhreatainn. As dèidh sia seachdainean tha e air còig thar fhichead de dh’òrdain fhaotainn. Thàinig feadhainn dhiubh áBoston , Massachusetts, anns na Stàitean Aonaichte agus thàinig grunnan math á Lunnainn.
Bidh Calum a’ togail taighean tughaidh beaga agus cuideachd sampaill bheaga de na taighean sglèat a chaidh a thogail air croitean anns a’ Ghaidhealtachd an dèidh a’ chiad cogadh.
Is mòr am beud nach eil feadhainn òga ann an Uibhist ag ionnsachadh·bho Chalum agus ged a dh’fheumadh òganach a bhith math air a làmhan chan eil teagamh nach fhaigheadh e cuideachadh agus oideachd bho fhear aig am bheil sgil agus snas.
Bu chòir do Roinn an Fhoghlaim, aig Comhairle nan Eilean, Calum fhasdadh airson clasaichean a chumail.
title | Cromagan Chaluim |
internal date | 1997.0 |
display date | 1997 |
publication date | 1997 |
level | |
reference template | Tormod E. Dòmhnallach in Gairm 178 %p |
parent text | Gairm 178 |