NA H-EILEANAN FLANNACH
leis a’ Ghiomach (Beàrnaraigh Leòdhais)
Chan eil duine a bhuineas do Eilean Bheàrnaraigh (agus a dh’aindeoin an cumadh a tha Ruairidh Eile a’ cur air an ainm sin, ’s ann mar seo a bha ainm an Eilein agus iomadach Eilean Bheàrnaraigh eile ri cladaichean Alba, bho Leòdhas chun an Lios Mhòr an Earra-ghaidheal, bho thùs) aig nach eil fios is cinnt càite a bheil na h-Eileanan Flannach. Air lathaichean brèagha soilleir Samhraidh chì thu fada bhuat gu’n iar cumadh an Eilein Mhòir agus air an oidhche tha gath geal an Taigh Sholais a’ priobadh oirnn troimh an dorchadas.
Uair sam bith a bhiodh sinn shuas air Beinn Bhriaclait bhiodh sùil gheur air na h-Eileanan agus sinn a’ feuchainn ri roimh-rabhadh fhaighinn mu’n tìde. Ged a tha iad cho fad air falbh dh’fhaodadh tu a ràdh gu robh iad cho deatamach nar beatha làitheil is a tha Mùirneag ann an ceàrnaidhean eile de Leòdhas. Chan e a mhàin gu robh na h-Eileanan cho follaiseach a dh’oidhche is a latha ach gu robh gach mac màthar air cluinntinn mu’n deidhinn fada mus deach sinn don sgoil.
Air a bha mise òg, agus fada roimhe sin tha mi cinnteach, bha muinntir Bheàrnaraigh an ceann an cosnaidh agus a’ sìreadh am beò-shlaint mu chladaichean an iar Eilean Leòdhais. Bhiodh sgùil le lìon beag neo lìon mòr, lìon sgadain agus clèibh ghiomach aig gach teaghlach. Bhiodh an sgadan air a shailleadh am baraillean. Bhiodh an t-iasg geal air a shailleadh agus air a thiormachadh. An tìde mhath na bliadhna bhiodh an t-iasg a-muigh a’ tiormachadh am blàths na grèine agus ás dèidh sin bheireadh iad e a-steach san taigh far an ciùireagadh ’s an cruaidheachadh e an deathach na mònach gu robh iad mar bioran maide. Cò a dh’iarradh na b’fheàrr na pios langa shaillt, a bha air a ciùireagadh mar siud, le buntàta math tioram?
Bhiodh iad a’ cur na linn bheaga air na Caolais faisg air làimh. Bha an sgadan an uairsin cho pailt is nach leigeadh iad a leas a dhol fad air falbh air a shon. Gu dearbha is math mo chuimhne a bhith a’ cruinneachadh làn peile mòr sa Loch Bheag is am muir tràghaidh air am fàgail air a’ phort. Bhiodh na giomadairean (agus
tha fhathast) a’ toirt sgrìob mu chladaichean an iar Eilean Leòdhais sìos dha na Hearadh. Aig amannan saoilidh mise gu bheil Gàidhlig Eilean Bheàrnaraigh nas coltaiche ri Gàidhlig na Hearadh na sgìrean eile Leòdhais.
Bhiodh na bodaich a’ dol fad is farsaing le na linn-mhòra agus bha turas a-mach mu na h-Eileanan Flannach fada na bu chumanta na cuairt air baile mòr Steòrnabhaigh. Is minic a bhiodh sinn a’ cluinntinn seanchas bho na bodaich san taigh-chèilidh mu dheidhinn na làithean sin. Chuala mi iomadach uair mar a ghreimich mo sheanair ri earball an easgain mhòir agus e ga togail ás an fhàirge. Bhiodh m’athair ag innse mun turas a thàinig air iomaireadh ás na h-Eileanan is gun deò gaoith ann agus an seòl gun fheum sam bith dha. Chuala sinn mun an t-suaile mhòr, mhòr a chaidh thairis air a‘Rhoda’, eathar Chalum Sheòrais. Chuir i tuba fiodha mu cheann fear air bòrd agus esan bròinean cho cinnteach gur e an t-eathar a bha air car a chur dhith. Bha Calum fhèin air a stiùir agus thuirt e gu robh e a’ faireachdainn air an fhalmadair gu robh coiseachd oirre agus rinn i an gnothaich. Bhiodh an cuspair aotrom gu leòr san taigh-cèilidh ach gu dearbha cha bhiodh aig an àm.
Bha aona rud ga mo cheangal fhèin ri na h-Eileanan Flannach bho laithean m’ òige. Greis mus deach mi don sgoil bha Seonaidh, bràthair mo mhàthar air turas sna h-Eileanan agus thug e air ais leis isean beag nach robh mise air a leithid fhaicinn a riamh. ’S e buthaid a bh’ann le gob leathann mòr buidhe agus gu dearbha bha e brèagha. Tha e coltach gum biodh iad a’ neadachadh an tuill fon talamh. Air a chuireadh duine a-steach a làmh chuireadh an t-eun bochd mach ugh gus nach beireadh iad air fhèin ach cha dèanadh sin a’ chùis ro thric. Co-dhiù rinn mise mo dhìcheall a thogail gu ìre ach cha robh e a riamh peatach agus aig a’ cheann mu dheireadh b’fheudar dhomh a leigeil ás agus tha mi cinnteach, ged a bha e greis air seacharan, gun dèanadh e calg-dhìreach air àite a bhreith.
Chan ann mar siud a thachaireadh do iomadach eun-mara eile aig an àm ud. Tha sinn eòlach gu leòr air eachdraidh na Nisich a’ toirt gugaichean á Sùilisgeir gach bliadhna agus gu dearbha tha leabhar snasail air nochdadh mun a’ chuspair sin. Tha e coltach gum bi fèill mhòr air a’ ghuga agus iad air an roinn fada is farsaing air feadh an t-saoghail mar mhìlseachd annasach ach bha latha eile ann air a bhiodh iad is eòin-mara eile a’ cumail annlan ri iomadach teaghlach sna h-eileanan.
Tha làn-chuimhne agam fhìn a bhith a’ cèilidh an taigh Chaluim Sheòrais, air an tug mi iomradh mu thràth, bliadhnaichean air ais.
’S e Ceiteag Ruadh á Tobasan, a bha ’na searbhant aige aig an àm. Air a dh’ fhaighnicheadh i dè a bha am bodach ag iarraidh gu shuipear chanadh Calum rithe gach uair ‘Tha eòin ann am baraile aig an doras’ agus ’s e am freagairt a gheibheadh e, is i a’ tarraing ás, ‘Tha mi coma ged a bhiodh Eòin agus Peadair ann, cha shuath mise annta’. Tha mi cinnteach nach ann ris a h-uile duine a chòrdadh blas eòin-mara air an sailleadh.
Tha àite sònraichte aig na h-Eileanan Flannach an eachdraidh is an aithris muinntir Bheàrnaraigh agus thàinig seo thugam gu làidir bho chionn ghoirid nuair a chaidh innse dhomh gu robh sgoilearan an Ard-sgoil Cheann Loch Ghileab a’ rannsachadh mun tubaist as an do chaill triùir am beatha sna h-Eileanan. ’S ann anns a’ bhliadhna naoi ceud deug a thachair seo ach bha iomradh air am Beàrnaraigh fada ás deidh sin agus air a bha mise a’ cluinntinn mu dheidhinn ’na mo bhalach beag, chanadh tu gur ann an dè a thachair e.
Bha an triùir fir-coimhead le chèile a sàs ’nan obair làitheil an Taigh-Sholais an Eilein Mhòir, ach ge be dè a thachair dhaibh chan fhacas gaisean dhiubh a riamh tuilleadh. An uair a mhothaich daoine gu robh an solas air a dhol ás agus a thuig iad nach robh cùisean mar bu chòir chaidh bàta nan Taighean-solais a-mach. Bha am bracaist fhathast air a’ bhòrd agus e gun suathadh ann agus cha robh comharra sam bith ri fhaicinn a dhearbhadh dè a thachair. Bhiodh feadhainn a’ cumail a-mach gur e rud mì-nàdurrach a thachair dhaibh. Bha feadhainn eile den bheachd gur e suaile mhòr mhòr a spìon iad air falbh bho oir na creige. Ach carson a bha an triùir aca a-muigh ann an sin agus am biadh deiseil air a’ bhòrd? ’S ann glè ainneamh a dh’fheumadh an triùir aca a bhith a-muigh còmhla. Aig sealbh mòr tha fios ach tha an tubaist fhathast beò am beul-aithris Bheàrnaraigh.
Air a bha mi fhìn beag òg bhiodh iad a’ cur caoraich air na h-Eileanan Flannach a h-uile bliadhna. Mar bu trice ’s e òisgean neo bliadhnaich bheag bhochd a bha air an cur ann ach cha chreideadh duine am piseach a bha tighinn orra fhads a bha iad a’ feurachadh·an sin. Bha aona rud annasach mu’n deidhinn. Ged a bhiodh iad còrr is bliadhna an sin cha chailleadh iad an rùsg agus bhiodh a’ chlòimh tiugh, dùmhail mu’n com gun ath-chlòimh sam bith. Gu dearbha bhiodh iad glè dhuilich an rùsgadh ri linn, ach a dh’aindeoin sin, agus an saothair a bha an lùib an toirt dhachaigh, bu mhath a b’fhiach e. Chan fhaca duine a riamh beathach bochd a’ tighinn ás na h-Eileanan Flannach le feur pailt beathachail fon t-sròin ach cha sheasadh beathach le eitig glè fhada le dìth fasgaidh
is eile.
Thàinig seo gu mo chuimhne bho chionn ghoirid is mi a’ leughadh pàipear-naidheachd Steòrnabhaigh. Ann an sin bha eachdraidh air an turas mu dheireadh a chaidh caoraich a thoirt ás na h-Eileanan. Is ann an naoi ceud deug, tri fichead is ceithir deug a bha seo agus a-rèir an t-seanchais bha na caoraich air a bhith a’ feurachadh leotha fhèin gun duine beò faisg orra fad trì bliadhna deug. Bhiodh a’ chuid bu mhotha aca air am breith an siud fhèin, cha bhiodh iad air sùil a leagail air duine a riamh roimhe agus bha a’ bhuil.
Chaidh còignear a-mach air an tòir agus cù math ’nan cois. Cha b’fhada gus an do chuir caora mhòr a h-adharc ris a’ chù leis a’ chreig agus cha ghluaiseadh e ás dèidh sin ás an eathar. Cha chan mi nach robh a’ bhrùid ciallach gu leòr! As dèidh sin chuir rùd aghaidh orra mus do leum e leis na creagan gu a bhàs.
Co-dhiù ghlac iad sia deug thar fhichead agus ged a bha an glacadh duilich bha an aiseag eadar an eilean agus eathar Fhionnlaigh Tharmoid Dhol gu buileach cunnartach ann an geòla bheag rubair a bha eadar-a- lionn iomadach uair. B’fheudar dhaibh trì-deug fhàgail air an Eilean Mhòr agus Eilean Taighe agus aig sealbh mòr tha fios co mheud a tha beò fhathast agus co leis a tha iad. Bithidh iad cho fiadhaich ri fèidh na frìth ma mhaireas iad agus fhads nach fhaigh muinntir nan tràlairean thuca le gunna.
Thàinig an còignear a bha a’ sàs anns an fhaing annasach ud cruinn còmhladh aon uair eile o chionn greis agus bha Fionnlagh den bheachd gur math a b’fhiach turas chun na h-Eileanan Flannach a stèidheachadh gus am faigheadh òigridh. is eile cothrom tadhal air àite cho iomallach iomraideach. Chan eil duine an-diugh a’ cur bonn-cois orra ach co aig tha fios ma thig an ola nach bi daoine a-rithist a’ cìobaireachd air Eilean Mòr!
Gus an tig an latha sin nach fhaod sibh a dhol air turas dha na h-eileanan bòidheach, uaigneach, aonarach ud ach am faic sibh tobhta fìor sheann eaglais, Am Beannachadh, air a togail gu tur le clachan bho làr gu mullach. Tha bothanan Clann ’ic Phàil air cnoc air taobh an iar-thuath an Eilein Mhòir agus nach eil an Taigh-sholais fhèin glè iomraideach agus e ’na sheasamh mu thrì ceud troigh os cionn na mara. Tha Meall Meadhonach tuath air an taigh-sholais leis a’ Chàrnan air a fìor mhullach. Tha trì eileanan an Tìr a Muigh mu mhìle gu leth an iar air eileanan Tir a Staigh. A bheil cuimhne agaibh air ‘Oran na Muice-mara’? ’S e Iain Chaluim Ruaidh á Beàrnaraigh a sgrìobh e agus tha e a’ toirt iomradh air – “Cha stad sinn gu ruig sinn Rochall, Am Bronacleit tàmhaidh sinn
oidhche”. ’S e Bronacleit an t-eilean as fhaide an iar san Tìr a Muigh.
Ma thèid sibh air turas chun na h-Eileanan chanainn ruibh cumail air falbh bho na caoraich fhiadhaich mus cuir iad le na creagan sibh.
As an dùnadh, mhothaich mi gu robh polla na croich aca an uiridh a’ toirt crodh á Beàrnaraigh Bheag agus esan cho faisg air làimh le caolas glè chumhang eadar e agus Bòstadh. An dùil an e na daoine a tha air a dhol air ais, neo a bheil an stoc air fàs mì-rianail bho fhuair iad bhon a’ bhacan?
title | Na h-Eileanan Flannach |
internal date | 1997.0 |
display date | 1997 |
publication date | 1997 |
level | |
reference template | An Giomach in Gairm 179 %p |
parent text | Gairm 179 |