CATHAN O SHEAN ANNS NA HEARADH
le Marsaili NicFhionghuin
Nuair a bhios mi a’ gabhail cuairt taobh na mòintich air iomall a’ bhaile againne, ’s e sin Scadabhaigh air taobh sear Na Hearadh, bidh ceist gu tric ag èirigh ’nam inntinn mu thimcheall na h-eachdraidh air cùl cuid de na h-ainmean-àitean sa’ cheàrnaidh seo.
Is cinnteach gu bheil pàirt de shean eachdraidh na sgìre am falach oirnn air cùl cuid dhiubh mar Mol Mhighe, Loch na Birlinn, Lòn na Fala, Dùn Ruairidh agus Creag a’ Chrochaire! A-rèir mar a thog mise e bho bheul-aithris an àite, tha na h-ainmean a’ dol air ais gu na làithean o shean agus gu batail mhòra eadar na Dòmhnallaich agus na Leòidich. Chuireadh cath fuilteach eadar an dà bhuidheann far a bheil Lòn na Fala an-diugh, is an dèidh mòran lèirsgrios air na Leòidich, dh’ fhalbh na Dòmhnallaich air ais don Eilean Sgitheanach, ach chailleadh tè de na birlinnean aca an dèidh dhi dol fodha san loch air a bheil Loch na Birlinn gus an là-an-diugh. Chan eil againn ann a shin ach cnàmhan sgeòil a mhair anns an t-seanchas, ach o chionn ghoirid bha mi a’ leughadh mu chogadh sgriosail eadar an dà chinneadh sin ceithir cheud bliadhna air ais, is faodaidh e bhith gun toir seo fuasgladh air a’ cheist.
Aig deireadh na siathamh linn deug bhiodh na Dòmhnallaich agus na Leòidich daonnan an amhaichean a chèile, dòigh-beatha do na cinnidhean Gaidhealach aig an àm sin. Dh’ èirich aimhreit mhòr eadar Ruairidh Mòr Na Hearadh agus Dhùn Bheagain agus Dòmhnall Gorm Mòr Shlèibhte a bha air ceannas na fine Dòmhnallaich aig an àm. ( ’S ann dhàsan a rinneadh ‘Tàladh Dhòmhnaill Ghuirm’ le a Mhuime, pìos bàrdachd brèagha dha-rìribh).
A-nis, bha ceangal-pòsaidh eadar an dithis, rud a bha glè chumanta a-measg nan uaislean, is Dòmhnall Gorm pòsd aig Mairead, piuthar Ruairidh, Ruairidh nan Còrn mar a chante ris is e ainmeil airson fialachd a thaighe. ( ’S ann dhàsan a rinneadh ‘Cumha Ruairidh Mhòir’ le Pàdraig Mòr MacCruimein nuair a bhàsaich e ann an 1626).
Aig an àm ud, b’e Caisteal Dhùn-tuilm prìomh dhachaigh nan Dòmhnallach mun do ghluais iad gu Mogastad ann an 1730. A-rèir fasan an latha ud, cha b’e ach‘trial marriage’eadar Dòmhnall Gorm agus Mairead a bh’ ann, is tha e coltach nach robh cùisean a’ dol gu math leotha - chaill Mairead bhochd sùil dòigh air
[Dealbh]
(1) Dùn Ruairidh, neo Làrach an Dùin.
[Dealbh]
(2) Lòn na Fala – is Dùn Ruairidh air a chùl.
[Dealbh]
(3) Mol Mhighe.
[Dealbh]
(4) Loch na Birlinn.
choreigin feadh ’s a bha i a’ fuireach an Dùn-tuilm co-dhiù!
An ceann bliadhna fhuair Dòmhnall Gorm cuidhteas i is thug e tè de na Tàilich mar bhean. Chuireadh Mairead air falbh á Dun-tuilm air muin eich le aona shùil, is fear na srèine le aona shùil ga threòrachadh, is cù le aona shùil gan leantainn. Abair dìmeas agus tàmailt air na Leòidich! Mar a bhiodh dùil chuir seo fearg mhòr air Ruairidh is chaidh e fhèin is Dòmhnall Gorm a-mach air a chèile gu dubh.
Thòisich an strì agus an t-sabaid a-rithist, ‘Cogadh na Cailliche Caime’ mar a chante ris. Thog Ruairidh, le buidheann de Chloinn Leòid creach air oighreachd nan Dòmhnallach ann an Trondairnis le losgadh agus meirle anns gach ceàrnaidh. Cha b’ fhada gus an tug na Dòmhnallaich ionnsaigh chruaidh air Na Hearadh, gu dìoghaltas a dhèanamh air na Leòidich, a’ creachadh, a’ spùinneadh agus a’ marbhadh gun iochd sam bith. Làithean borba ceart gu leòr ach saoil a bheil cùisean càil nas fheàrr an-diugh nuair a smaoinicheas tu air cogaidhean faoine ar làithean fhèin.
Ach bho 1596, bliadhna na creiche, gu 1996. An latha roimhe bha mi muigh ann a shin a-rithist. ’Nam sheasamh air mullach Creag na Gnùige is a’ coimhead a-mach air a’ cheàrnaidh seo sgaoilte fam chomhair, ’nam mhac-meanmna bha na tachartasan sin a’ tighinn beò dhomh. Siud làrach Dùn Ruairidh gu math soilleir, na ballachan ’nam bloighean sgapte mun cuairt, ach faodaidh sinn nar n-inntinn cumadh a chur ris mar dhaingneach agus mar dheagh ionad-faire leis an t-sealladh fharsaing bhuaithe thar a’ Chuain Sgìth. Ri taobh an Dùin, chithear raon de thalamh rèidh- Lòn na Fala is e ’na bhoglach fhathast. Air cùl an Dùin, chithear Mol Mhighe agus Loch na Birlinn. An tàinig pàirt de fheachd-mara Dhòmhnaill Ghuirm air tìr ann a shiud, ’s dòcha fo bhrat na h-oidhche, gus ionnsaigh a thoirt air luchd-faire an Dùin gun fhiosda? Saoil a bheil a’ bhirlinn fhathast air a cleith air bonn na locha ’na clàran?
Ge be dè an eachdraidh a thug na h-ainmean sin don sgìre an toiseach, ’s fhada ’s fhada fuaim a’ bhlàir on oisean seo an-diugh, far a bheil sàmhchar agus sìth gar cuairteachadh is far nach bi daoine a’ tadhal ach ainneamh. Chan fhaicear ach caora an siud ’s an seo, corra eun beag a’ sgiathalaich a-measg an fhraoich is am bliadhna paidhir chlamhan. ’S e cuilidh an dobhrain dhuinn a tha san loch a-nis, is aig bun an Dùin ann an uaimh Geo nan Gobhar bidh calaman fiadhaich nan creag a’ neadachadh.
Ma bhios mi ceàrr sa’ bheachd gu bheil ceangal air choreigin eadar h-ainmean sin agus tachartasan ceithir cheud bliadhna air ais, bidh cuideigin a-muigh ann a shin a chuireas ceart mi, ach ’s e stòiridh mhath a th’ innte co-dhiù!
title | Cathan o Shean anns Na Hearadh |
internal date | 1997.0 |
display date | 1997 |
publication date | 1997 |
level | |
reference template | Marsaili NicFhionghuin in Gairm 179 %p |
parent text | Gairm 179 |