Gnothaich Bhoireannach
Le MURDAG NICCOINNICH
CHAN eil mi buileach cinnteach gur h-e na boireannaich a mhàin aig am bi sùil air na duilleagan so, ach, co-dhiùbh, ’s ann as leth nam ban a thug mi sgrìob a Ghlaschu a choimhead an sgiobaidh a tha sàs cùisean Gàidhlige a’ Bh.B. C.
Chan e Di-Luain an latha as fheàrr idir gu àite sam bith a thadhal, ach ged a bha iad car trang cha do chuir sin càil a ghruaim air an fhàrdaich. Tha mi creidsinn nach eil móran a’ toirt cus smuain air ciamar a tha na prógraman Gàidhlig ’gar ruighinn ged nach eil sinn leisg air an càineadh car àm. Tha trì rumannan as deidh a chéile aca ag obair gu dìblidh gach latha, agus anmoch feasgar gu tric, gu ar cànan a chumail a’ dol gualainn ri gualainn ris gach cànan eile a thàtar a’ craobhsgaoileadh.
Tha còrr air fichead bliadhna a nis bhon stéidhich Eóghan Mac-a- Phì buidheann Gàidhlig a’ Bh.B. C., agus faodar gu dearbh a ràdh gun dh’fhàs a chiabhag liath a’ strì ris a’ Ghàidhlig a chur air feadh an t-saoghail, ri a cumail a’ dol, agus aig a’ cheairt àm am mór phobull a riarachadh cho math ri suaicheantas a’ chànain a ghleidheadh. Chì sibh an so e aig an stiùir, mar gun canadh sibh, agus saoileam gur brod an sgiobair a tha ann an Eóghan.
[Dealbh]
Eoghan Mac-a- Phì ag ullachadh dealbh-chluich airson an leth-uair Ghàidhlige.
Rugadh e ann am Baile Chaolais, far an deachaidh a thogail le làn a chlaiginn ’s a chridhe de’n Ghàidhlig a tha siùbhlach, sgileil air a theanga. Innsidh e dhuibh gur mór an t-eadardhealachadh a th’air an oifis so bho’n te bhig do’n tàinig esan, oir tha i ’n diugh air te cho trang, fallain ’s a th’ aig a’ Bh.B. C., agus gu dearbh ’s ann aige fhéin a bha an treabhadh ri dhèanamh. Tha Eóghan pòsda, le dhachaidh am Bearsden, ach is tric e air an rathad mhór an ceann a ghnothaich. Nuair thuirt mi ris nach robh guth nam mnathan ’ga chluinntinn cho tric ’s bu mhath leinn, cha robh e fada ri freagairt gu robh sin an làmhan nam mnathan fhéin, oir tha an aon sgeul an so ’s a tha anns gach ceàrn mu mhnathan Gàidhealta—chan eil iad deònach sgrìobhadh idir. Aon fhocal chan eil a’ tighinn do’n oifis so nach eil iad a’leughadh agus a’ cur air ais, mur eil iad buileach freagarrach, le comhairle ’nan cois. So cothrom nan cothrom do gach tè a tha rùnach air a cànan a chumail beò. Gun teagamh, chan e a h-uile tè d’an tig sgeul a sgrìobhadh, ach faodaidh gach tè feuchainn.
Tha ’n luchd éisdeachd eòlach gu leòir air guth Freadaidh Mhic Amhlaidh oir tha dà bhliadhna bho ghabh e àite Fhionnlaigh Mhic Dhòmhnaill. Uibhisteach, a thug amach M.A. an Oilthigh Dhun-Eideann, tha e pòsda aig ban-Dhun-Eideannaich, le balach beag sia mìosan deug. Ged a tha a dhachaidh an Glaschu chan ann d’a dheòin. Saoileam gur h-e na machraichean ’s na cnuic as dlùithe d’a chridhe na sràidean a’ bhaile mhóir. Chì sibh an so e, mar as
[Dealbh]
Flòraidh NicNeill agus Fread MacAmlaidh a’ toirt sùil air facail òrain mun lasar an solus dearg anns an studio.
[Dealbh]
Tha na mìltean eòlach air gàire Màiri air a’ fón.
minig a tha sibh ’ga chluinntinn. Tha e de’n bheachd gura còir na ghabhas deanamh a chraobh-sgaoileadh far na Gaidhealtachd fhéin, far a bheil fìor bhrìgh na Gàidhlige.
Gheibh sibh Freadaidh an còmhnuidh sèimh, càirdeil, deas gu neach a chur air a dhòigh, gun fhiamh a’ ghàire fada bho shùil. Dh’aontaich esan cuideachd ri Eóghan Mac-a- Phì nach robh gu leòir bhoireannach a’ sgrìobhadh no a’ craobh-sgaoileadh dhoibh.
An sealladh mu dheireadh a chunnaic mi de Fhreadaidh, bha e ’s stùr as a dhéidh a dol amach geata a’ Bh. B.C. ann an seann Alvis a bhios e fhéin a’ cumail am fonn, agus as am bheil e cho moiteil ’s a tha e as duine de’n teaghlach!
Ach cha bhiodh Oifis Ghaidhlig ach lapach as aonais nam boireannach, agus tha triùir dhiùbh a’ cumail nam fear an òrdugh.
Tha Màiri Nic a Phearsain a Breacais an Eilein Sgiathanaich air a bhith còmhla ri Eóghan bho 1938; gu dearbha is iad an dithis as fhaide tha air a bhith còmhla anns a’ Bh’ B.C. an Alba gu léir.
Bha Màiri ann an Sgoil Phortrìgh an uair a bha Raghnall MacLeòid a’ teagasg na Gàidhlige an sin; chan i a h-uile caileag a chuir an teagasg gu buil cho math, oir—a mhàin dà bhliadhna a bha i còmhla ri Coimisean nan Coilltean—tha Màiri air a beatha a chur seachad ann an seirbhis na Gàidhlige. An uair nach eil i an sàs an obair a’ Bh.B. C. tha i a’ toirt làmh-chuideachaidh do Ghairm, rud a tha i air a bhith a’ dèanamh bhon a thòisich an ràitheachan.
Tha i taingeil do’n Oifis Ghàidhlig airson cothrom a thoirt dhi gach ceàrnaidh de Albann a shiubhail air ceann gnothaich; tha cuimhne bhlàth aice air na Canadianaich—luchd Gàidhlige—a thadhail oirre fhéin ’s air Eóghan Mac-a- Phì ri linn a’ chogaidh; tha moit oirre gun do thachair i ri móran de dhaoine móra na Gàidhlige nach maireann an diugh. Ach chan ann air taobh Màiri a mhàin a tha an toileachas; tha na mìltean de luchd Gàidhlige a rinn toileachas ri a gàire cridheil air a’ fón.
Choinnich mi Una Nic an Oig, ged thà, agus ’s i fhéin a tha gasda, tlachdmhor. Chuala sinn bho Una ann an Gairm bho chionn dà bhliadhna nuair a bha i am measg nan Eireannach, cunntas a chòrd rinn da rìribh, is bithidh sinn an dòchas gun cluinn sinn bhuaipe fhathast. Feumaidh mi aideachach nach do dh’aithnich mi i bho’n
[Dealbh]
Suez leis a’ Ghàidhlig! Una agus Calum MacDhonnchaidh a’ deasachadh naidheachdan na h-oidhche h-Aoine.
[Dealbh]
Niall Mac’Ille Dhuinn, Seonag Chamshron, Seumas MacCoinnich, Lachlainn MacDhonnchaidh is Calum MacDhonnchaidh ann an “Trioblaidean Eachainn Chroiteir”
dealbh a bha an cois na sgeòil aig an àm— ’s ann a tha i tòrr nas bòidhche na sin. ’S ann dhi a thig crathadh na làimhe gu teann, càirdeil, agus is e mo bheachd gur math as fhiach i an t-eòlas. Tha deich bliadhna bho thòisich ise san oifis. Rugadh an Glaschu i, ach chaidh a togail anns an Eilean Sgiathanach, agus tha i cho Gaidhealta ’s a ghabhas e bhith. Tha i pòsda aig Aonghas Mac Dhòmhnaill, ’s mar grunn eile tha i a’ cumail tighe le cuideachadh bho a fear. Theirinn gu bheil gach nì Gàidhlig faisg air a cridhe. Bha ise de’n aon dùil rium fhéin gum b’fheàirrde sinn barrachd a chluinntinn bho na boireannaich.
Bha Sìne(Janet)Nic Fhionghuin trang mu nithean Beurla, ach chuala mi mu deighinn-se. Chan eil i ach mu dhà ar fhichead, ach tha sinn an dòchas gun cùm ise an àirde bratach na Gàidhlige, cheairt cho math ris an dream a chaidh roimhpe. Bu chòir dhi, co-dhiùbh, is i air a fòghlum ann an sgoil mhóir an Obain, agus air i fhéin a nochdadh le bhith cosnadh dhuaisean aig a’ Mhòd.
Nuair chluinneas sinn gu bheilear a’ faotainn litrichean mu na leasanan Gàidhlige, a th’air fad a’ Gheamhraidh-sa, as an Olaind, a Eirinn, a Sasunn ’s as a’ Chuimrigh, gheibh sinn beagan beachd air meud na h-oibreach a tha am buidheann beag so a’ dèanamh.
[Dealbh]
Cluinnear iad so ann an cluichean Gàidhlig is Beurla—Ceit Anna Nic Neacail, Niall Mac’Ille Dhuinn agus Seonag Chamshron.
title | Gnothaich Bhoireannach |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Murdag NicCoinnich in Gairm 18 %p |
parent text | Gairm 18 |