’S e Tide A Dh’innseas
Le TORMOD MACLEOID (NIS)
CHAN eil móran nach cuala gun deachaidh Saul amach a lorg dà asail a bh’ air a dhol air seacharan, ’s gun d’ fhuair e rìoghachd. Cha do rinn Màiri buileach cho math ri sin nuair a chaidh i air losd na bà, ged nach tugadh i, le a làimh anns a’ chreathaill, bonaid anuas do dhuine chanadh rithe nach do rinn.
Nuair a dh’fhàg i a’ bhó air madainn ghrianaich earraich, maille ri crodh a’ bhaile air slios Beinn Inealt, cha do chuir i umhail sam bith oirre gu robh càil de nàdur suirghe air a h-aire. Choisich i dhachaidh còmhla ri ban-nabuidh gun nì anns an t-saoghal a’ cur dragh oirre ach na bha ri dhèanamh mu’n tigh.
Chuir i seachad an là mar a b’àbhaist dhi. Bha am buntàta air a chur, bha an talamh air a thionndadh airson an t-sìl, ’s i ri feitheamh ri Dòmhnall Chaluim airson a fhrasadh ann. Bheathaich i na cearcan, dh’fhuin i breacag arain no dhà, agus mar a dh’aidich i dhomh fhìn an deidh làimh rinn i a chuile nì bha sin is a cas a’ cumail ceum ri port a bha dol tuathalan ’na ceann bho dh’fhosgail i a sùilean anns a’ mhadainn:
“Thig mo leannan fhéin anochd
An oidhche nach robh dùil ’am ris.”
“Mise” ars ise, “bha ’n deidh na trì ‘exichean’ a chur seachad.”
Ach co-dhiùbh, thàinig am feasgar ’s cha tàinig a’ bhó. Bha bà a’ bhaile a’ tighinn tè bho thè; chluinneadh Màiri geumnaich an dràsda ’s a rithist ach cha robh nuallan bho Shealbhach.
Mu dheireadh choisich i mach air a socair gu Tom na Spréidh, ach cha robh foir air a’ bhoin. Dh’fhaighnich i do dhithis a bha sin a’ trusadh chaorach an tug iad an aire do’n bhoin acasan bho dh’fhàg iad am baile. “Thug”, arsa Dòdubh, “chunnaic mis i a’ dol seachad air bun Chascro mar a chaidh am maor troimh Gharrabost”, “Chunna mise cuideachd i”, ars an t-Albannach, “ ’s ann a bha i coltach ri tè aig am biodh‘appointment’ ’s i car fadalach air a shon.” “Tha taca Mhic Dhòmhnaill thugamsa”, arsa Màiri, a’ toirt taing dhaibh ’s ’gam fàgail.
Thill i dhachaidh. Dh’innis i d’a màthair mu’n chùis, is thilg i dhith na piollagan a bhiodh oirre mu’n tigh. Thug i boiseag air a h-aghaidh; chuir i sgrìobag ’na ceann; chuir i oirre na brògan ìosal ’s anoveralla bha i air ceannachd an là sin fhéin bho’n duine dhubh; thog i leatha an fheisd, ’s thug i amach.
Cha robh i airson an rathaid mhóir a ghabhail—bha cus de dh’uinneagan air agus tuilleadh ’s a bhleid gu a ceasnachadh mu thimcheall a ceann-turuis. Ghabh i cùl nan gàrraidhean eadar am baile ’s am muir an dòchas nach tachradh neach rithe a dh’aithnicheadh i.
[Sanas]
Bha mi a’ gabhail sìos gu guanach” ars ise riumsa, ùine an deidh sud, “gun m’aire air nì air talamh an t-soisgeil nuair a chuala mi ‘Crùb’, ’s mar gu rachadh am peilear annam bha mi ’na mo phliac air a’ ghlasaich gun fhios ciamar. Nuair a sgioblaich mi mo cheud-faithean, ’s a thug mi sùil mun cuairt, bha fear ann a sin ’na shìneadh air cùl prucain, còta air dath na talmhainn air, gloine-amhairc ri shùil, ’s e ri sgrìobhadh an dràsda ’s a rithist ann an leabhar beag. Thug mi sùil ris an taobh a bha e ag amharc. Bha dà churracaig ann a sin; an dara tè ’na seasamh bog balbh, a ceann air a gualainn, ’s a cuinnean san adhar. Ach obh, obh, an t’éile. Bheireadh ise ceum no dhà gu stàtail air ais ’s air adhart ’s gu gach cliathaich air beulaibh na t’éile. Thogadh i a dosan gu dìreach do’n adhar; dh’fhosgladh i a dà sgéith mar gum biodh i ag iarraidh air an t’éile ruith ’na h-achlais. Dh’éireadh i an sin air iteig, ’s chuireadh i car-a- mhuiltein no dhà os a cionn; laigheadh i rithist air a beulaibh, a srón do’n talamh ’s a dà sgéith sìnte amach mar gum biodh i ag ràdh: “Dé tuilleadh a nì mi air do shon?” Chan fhaca mi uiread de dhibhearsain bho chunna mi Toss leis an daoraich a’ fiachainn ri car-ma-chnoc a thoirt a taibhse a bha e ri faicinn a’ coiseachd roimhe air an rathad, ’s gun nì ann ach snàilean a bha ’na shlaod ri bil a bhonaid ro fhaisg air a fhradharc. Leig mi gloc gàire ’s rinn mi airson éirigh. “Laigh sìos” arsa fear nan gloineachan, dìreach mar spochadh a bheirinn gu Astar, an cù dubh againn, nuair a bhios cus mire air aire. Ach ma laigh mise, dh’éirich na curracagan is dh’itealaich iad air falbh a fianuis air cùl tom conais.
Sheas fear nan gloineachan air a bhonnan is sheall e riumsa. Spliadh a dhà shùil mar uaireadairean eaglais ’s cha mhór nach tainig cuairt air. “Tha mi duilich”, ars esan, “mar a labhair mi ruibh. Gabh mo leisgeul; bha m’aire cho dian air na h-eòin ’s nach
[Dealbh]
“. . . bha mi na mo phliac air a’ ghlasaich . . .”
robh tuigse agam do nì tuilleadh a bha timcheall.” “Na cuireadh e luasgan sam bith oirbh”, fhreagair mise. “Gu dearbh chòrd cleasachd nan curracag rium fhìn; cha robh dad a dh’fhios agam gum biodh plòidh de’n t-seòrsa ud aca. Ach ’s e coigreach san àite a th’annaibh, tha mi de’n bheachd.” “O ’s è”, ars esan, “tha còrr is mìos bho thainig mi an taobh so, is tha mi a’ còmhnaidh còmhla ri piuthar m’ athar air an taic.” Sin mar a choinnich mise ri Eóghann.
Le facal an sud ’s an so mu’n aimsir ’s mu obair an earraich choisich iad taobh ri taobh suas cùl nan gàrraidhean. Nuair a ràinig iad an t-Allt Ruadh chuimhnich Màiri gun do dh’fhalbh tuil an earraich leis a’ bhòrd a bha ri deanamh drochaid thairis air, is gu feumadh i a casan a rùsgadh. “Ach gun fhios gun iarraidh” ars ise riumsa, “thog e mi beò slàn ’na sgùird ’s mus do sheall mi rium fhìn bha mi air talamh tioram air an taobh thall, ’s mo chridhe air uideal eadar mo shlugan ’s mo bhonnan dubha, agus cuailean de mo chuid fuilt air moglachadh am putan na seacaid aige. Leig e mu sgaoil e air a dheagh shocair fhéin, is an deidh sin chùm sinn oirnn chon na taice mar dà bhalbhan.”
Ràinig iad, is bha a’ bhó an sin gun ghuth gu robh dachaidh air an t-saoghal. Nuair a bha Màiri a’ cur na feisd oirre thuirt Mac Dhòmhnaill gu robh antractora bha ag obair aige-san an là ud ri dol sìos an sgìre, is gu faodadh i a’ bhó a chur do’n chairt a bha e a’ tarruing. Thuirt Eóghann seach nach robh dad aige fhéin ri dhèanamh gu rachadh e an ceann na bà anns a’ chairt is gu suidheadh Màiri air cùl an draoibheir anns antractor .Sin mar a rinneadh. Shuidh Màiri air nàdur de spiris iarainn, a sùil as a deidh air a’ mhart ’s air an fhear a bha leatha. Ged nach robh an sorchan air a robh Màiri ’na suidhe glé chomhfhurtail, gu h-àraidh a’ dol thairis air na duic a bh’anns an rathad, ’s cha bu bheag sin, bha i fada na b’fheàrr dheth na esan a bha a’ strì ris a’ bhoin. Bha annas na h-aiseig a’ cur air a’ bhrùid bhochd, is bheireadh i briosgadh aisde an dràsda ’s a rithist a bha bagairt tumadh an t-sùlaire chon an rathaid a thoirt dhi féin ’s do dh’Eóghann. Bha iad ri dol mar sin air adhart gus an do ràinig iad a’ chiad bhaile. “O Thì, seall air bó Banntrach Uilleim ann antractorPhiaraidh”, ghlaodh balachan a bha an cois an rathaid, ’s mus canadh tu ‘Oich’ cha robh giullan sgoile, fireann na boireann anns an àite nach robh ri feadaireachd ’s ri glaodhaich ’s ri fealla-dhà mun cuairt dhaibh. ’S cha b’e sin a mhàin—cha robh uinneag no dorus anns na trì bailtean nach robh fear no tè, no eadhon triùir annta, ’s gach neach le craos gàire bho chluais gu cluais. Cha robh feum air solus dearg air antractor ,am feasgar ud—bha dà ghruaidh Màiri ’s an fhuil gu leum asda.
Mu dheireadh thall ràinig iad an tigh, is le cuideachadh leth a’ bhaile, is seann tobhta tigh a seanar fhuair Màiri agus Eóghann a’ bhó gu talamh glas. Bha i nis de’n bheachd, an deidh na chaidh i troimhe mar thà, nach tigeadh an còrr ’na lùib a chuireadh ailleanachd sam bith oirre, nuair a nochd a màthair anns an dorus. “ ’N ann aig an taca a bha i, Mhàiri”, ars ise; an deach i dhàir?” “Clach mhullach nan uile”, arsa Màiri rithe fhéin, ’s i a’ toirt sùil timcheall air tonsils leth a’ bhaile, ach fhreagair i, “Aig Sealbh tha brath; ’s e tìde a dh’ìnnseas.”
[Dealbh]
“. . . a’ toirt sùil timcheall air tonsils leth a’ bhaile . . .”
Cheangail i a’ bhó air an steil anns a’ bhàthaich, agus eadar ursannan an doruis air a slighe amach thainig a’ chearc mhór ruadh sin fo’n dearg chaoch mu oisean an tighe, ’s an coileach dubh le réis an fhir mhillidh as a deidh. Sud a’ chearc mu chasan Màiri, ’s sud Màiri ’na clod chon an làir, ach rug i air a’ choileach san dol seachad. Spalp i fo a h-achlais e, ’s dh’fhalbh i leis ’s chuir i fo chliabh anns an t-sabhal e. An sin dh’aom tubaistean is deuchainnean an fheasgair oirre gu h-iomlan is shuidh i air a’ chliabh ri lachanaich gus an robh i an impis sgàineadh. “Crodh is curracagan is coilich”, ars ise. “Eil fhios fo’n chruitheachd a robh làraidh le sgaitean gorta troimh ’n sgìre bho thòisich an t-àiteach? Chan ann gun aobhar tha ’mhire so.”
Nuair a fhuair i fo a h-anail leig i saorsa do’n choileach is thug i an tigh oirre. Bha a màthair is Eóghann ’nan suidhe gach taobh de’n teine cho dòigheil ri cait an aon tighe. “Eil fhios agad”, ars a màthair, “có a th’agad an so? Mac Mòr Chaluim air a thighinn dhachaidh as a’ Cheann a Deas. Mac na deagh mhàthar. Nach robh mi fhìn ’s i fhéin leis an aon luideig sgliata anns an aon suidheachan anns an sgoil an greis a thug sinn innte. Siuthad, dean blasd suipearach; theid mi fhìn fo’n bhoin ged a tha mi a’ creidsinn gur dìomhain sin dhomh anochd. ’S fiach gur e soithichean glana a chuireas tu air beulaibh an t-strainnseir”.
Bho dh’fhalbh a màthair amach bha Màiri a’ faireachdainn mar gum biodh an tigh ri dol a leum oirre. Bha a chuile nì cho sàmhach ’s gu saoileadh neach gu robh an t-sàmhchar fhéin beò slàn a’ garadh a chasan eadar an dithis aca an taic an teine. Bha esan a’ slìobadh ceann a’ choin, is ise ri seatadh a’ bhùird. “ ’S e cù math tha so”, ars esan. “O ’s e, ’s e sin Astar”, fhreagair ise. Sin na chaidh a labhairt gus na thill an t-seann te.
[Sanas]
Ach bho thainig ise cha robh fois no fosadh air teanga. Cha robh nì a thachair no chualas bho linn an aileabhain dhuibh nach tug i ruith air. ’S ged nach duirt Màiri móran fhuair Eóghann a theanga, ’s chaidh an uair seachad gun fhios ciamar. Nuair a dh’fhàg e aig àmhunn na h-oidhche dh’aidich e nach do dh’fhairich e e fhéin aig an tigh bho thainig e do’n eilean chun a sud.
Tha còrr agus bliadhna bho’n fheasgar ud, ’s bithidh cuimhne aca gu sìorruidh anns a’ bhaile air a’ bhanais a bha sud, agus gu h-àraidh air a’ chòta pòsaidh a bha air Màiri a’ dol do’n eaglais air a dheanamh le craicinnskunks .An diugh, an uair a bhios Eóghann ag atharrachadh no a’ toirt deoch do’n laogh a tha e ag altrumas mar naoidhean leis a’ cheangal a th’aige ris, ’s a dh’ fhaighnicheas Anna Mhór an ath-dhorus an e dad a tha ceàrr air Màiri ’s nach fhaca i mu na dorsan i bho chionn greis, ’s e fhreagras Eóghann, “ ’S e tìde a dh’innseas.’
[Dealbh]
“. . . còta air a dheanamh le craicinnskunks . . .”
title | ’S e Tìde A Dh’innseas |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Tormod MacLeòid in Gairm 18 %p |
parent text | Gairm 18 |