[181]

An Sgeilp Leabhraichean

The Atom of Delightle Neil M. Gunn.
Clo-bhuailte leFaber and Faber. (15/- .)

Tha mi an dùil gur e Niall Gunn aon de na cóig fir sgrìobhaidh nobhalan as fheàrr a thainig amach a Albaacunntas Sir Bhaltar Scott. ’Na chuid leabhraichean, is iad, daonnan, na daoine an cur, agus an dùthaich an dlùth, agusna chuid fighe tha am pàtaran an còmhnaidh ag atharrachadh gun dad de bhrìgh acholmaidhga chall.

Tha Gunn a nise aig an aoisnos dòcha gur e an ìre bu chòir dhomh ràdhaaig a bheil e an dùil gura còir dha beagan de eachdraidh a bheatha a chur an clò. Is e sin a tha e adeanamh anns an leabhar so. Ach tha e adeanamh tuilleadh mór is sin. Tha e ag aideachadh gun robh a bheatha fìor thoilichte, agus tha e afeuchainn ri bun is bàrr an toileachais a lorg. Mar sin, tha an leabhar, mar gum beadh, ann an roinn: aon roinn adéiligeadh ris an ùghdar mar bhalach, agus an roinn eile asgrùdadh feallsanachd feuch an cuir feallsanachd soilleireachadh air toileachas.

Achiad roinn an toiseacham balach anns an t-srath.

Tha sinn eòlach air comas sgrìobhaidh Gunn, ach tha mi an dùil gu bheil sgrìobhadh an so cho maths a thug e dhuinn riamh. Tha mi fhéin den bheachd gu bheil na trì caibidilean anns a bheil e ag innse mun bhalach air tòir abhradain air sgrìobhadh cho math agus a chunnacas bho pheann duine san dùthaich so riamh. Agus tha caibidilean eile gu ìre bhig cho snasail; caibidilean mar a thaAm balach atoirt dhachaidh na ’, ‘Am balach anns an Eaglais’, agusNa h-iasgairean atighinn dhachaidh’. Chan e mhàin gu bheil iad sin grinn air an sgrìobhadh, ach tha iad atoirt seallaidh dhuinn air an dùthaich anns an do thogadh Niall Gunn agus air na daoine bu dhaoine dha. Nam biodh a h-uile duine cho geur-thuigseach, blàth-thuigseach, ’s a tha esan, cha bhiodh aobhar ghearain aig na Gaidheil.

An dara roinnbunait an t-sonais agus an toileachais.

Tha an t-ùghdar agabhail cheann teagaisg. An toiseach, am balach leis fhéin air latha grianach acnagadh chnò air lic; an uair sin, am balach beag air oidhche dhorcha adol amach gu ceann an tighe agus afaireachadh, airson na ciad uair, làmh mhór an eagail asìneadh thuige as an duatharachd.

Fon chiad cheann, tha an t-ùghdar ag argumaid agus ag ràdha gu bheil toileachas abhalaich air an lic acomharrachadh an toileachais a tha dual don duine bho làithean cian fad as, an uair a bha an duine na bìsle na tha e an diugh anns achruthachadh. Mar an ceudna, tha eagal abhalaich bhig roimhn dorchadas acomharrach



[182]

eagal an duine roimh na rudan nach robh e atuigsinn anns na làithean, mìltean móra air ais, an uair nach bàirde e na abhrùid.

Air an bhunait sinair toileachas abhalaich bhig, agus air eagal abhalaich bhigtha Gunn ag ràdha gu bheil toileachas agus eagal an duine air an stéidheach. Agus gus tacsa a chumail ri chuid argumaid tha e adol a dhionnsaigh nam feallsanach móraJung, Freud, Proust, agus Kierkegaard.

Chan e idir leabhar furasda a leughadh a tha an so, ach is e leabhar a tha ann as fhiach an t-saothair. Anns achiad roinn tha e atoirt tlachd, agus anns an dara roinn adùsgadh smaoin. Chan eil móran ceàrr air leabhar a ni an rud sin.

F. McD.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Atom of Delight)
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page