[109]

The Scots Cellarle Marian McNeil.
Clo-bhuailte le Richard Paterson. (21/- .)

Tha sinn aon uair eile gu mór an comain Marian NicNèill. Chaidh obair iomadh bliadhna air cùl an leabhair so, agus tha móran ann a tha toirt sùil air ais dhuinn air dream a bha ainmeil an sgrìobhaidheans an eachdraidh ar dùthcha. A réir an ainms e a chuspair cunntas air deochan is air dòighean òil na h-Alba thar nan linn, ach tha tòrr a bharrachd air a sin ann.

Chaidh Marian a thogail ann am mansa an Arcaibh far an robh comas aice air thaobh cùis mar so a dhlùth léirsinn. Chunnaic i a h-athair, duine ciatach, fòghluimte, aig an robh fios math air cho iomchuidhs a bha gloine an dràsdas a rìs, aig àm cuideachd a bhith aca. Gidheadh, thogadh i faisg air ceàrnaidh far an robh an t-uisge-beatha a bfheàrrga dheanamh daonnan agus tha deagh fhios aice air cho gràineile a dhfhaodadh an deoch a bhith nuair a bha an cleachdadh air a leigeil as làimh

Bho thòisicheas sibh aig an leann fhraoich, a dhfheuch i fhéin agus ban-charaid ra ghrùdaireachd, gun cus soirbheachaidh, agus a tha i acumail fhathast am mór dhìomhaireachd, gus an ruig sibh achrìoch le chuid chomhairlean clis, tlachdmhor mu dhòighean deanamh gach gnè deoch, tha an leabhar so luma làn sheanachas, agus is iomadh lachan gàire bheir e oirbh.

Be na manaich a chladhaich tobair an toiseach airson bùrn fhaighinn gus an leann, airson am bheil Dun-Eideann an diugh ainmeil, a chur am bith. Thuig iad gu robh an t-uisge so air leth freagarrach airson leann. Feumaidh an t-uisge-beatha osag gaoithe fhuar, bùrn math agus mòine faisg air làimh ma ghabhas e bhith, agus ged nach ruig caithe-beatha no sporan na cuid as motha air na stuthan air a bheil i toirt iomraidh tha e taitneach a bhith leughaidh mun deighinn. Tha i gabhail a h-ùghdarrais bho leithid Neil Gunn, Aeneas Macdonald, is Eric Linklater, ’s tha Dr. Johnson gu minig aice cuideachd. Ionnsaichidh sibh móran mu na soithichean òil is treallaich mhath mu na gnàthasan a tha an cunnart dol as cuimhne. Am measg gach gàire cha bhi neach gun beagan cianalais mu na làithean a thréig.

Ach chan e mhàin deoch làidir air a bheil i toirt iomraidh. Cha robh ministear no dotar nach robh ag éigheachd an aghaidh na tea nuair a thàinig i don dùthaich. Bha i sia tasdain deug am punnd,



[183]

cuid dhi deich ar fhichead, aguss ann an Glaschu a dhfhosgladh achiad seòmar tea.

Be am fìon ris an canarclaretaon deoch fir lagha Dhun-Eideann is gheibh sinn soIn Lochfyneside the herring fleet consumed about a hogshead of claret a week . . . . considered a temperance drink . . . . with hot water and sugar. ”

Gheibhear da òran Gàidhlig ann, agus nan robh i an dùil barrachd leis aGhaidhlig a bhithga leughadh bha i air tuilleadh a thoirt dhuinn. Chan fhaodar àicheadh gu bheil rudeigin a chòrdas ris gach is fear an so. Ge be àm a dhfhosglar an leabhar chan ann le deòin a chuirear sìos e. Dhfhalbh an latha sam faigheamaid muga fìon air an t-sràid air sia sgillin, ach tha earrainn mun lathan diugh, le briathran a tha làn misnich mu na Gàidheil. Tha an leabhar so àluinn ri choimhead, le dealbhan tlachdmhor, leis an sgrìobhadh glan, fòghluimte as aithne dhuinn bhuaipe a nis. Bho recipe Meg Dods gu danns an t-sabhail, tha e eadar-dhealaichte bhon treallaich a bhios sinn acoimhead bho àm gu h-àm. Mur tig agaibh air a cheannachd, feuchaibh an toir cuideigin dhuibh e mar ghibht Nollaige.

MURDAG NICCOINNICH.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Scots Cellar)
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page