“The Guns of Navarone”le Alastiar Mac’Illeathainn.
Clo-bhuailte le Collins. (14/- .)
Bha e leth-uair an deidh meadhon oidhche. Thuirt mi rium fhéin gun gabhainn aon smochd eile mun deidhinn do’n leabaidh, agus gun toirinn sùil air a’ chiad chaidibil de’n leabhar ùr aig Alastair Mac’Illeathainn.
Aig ceithir uairean sa’ mhadainn thionndaidh mi an duilleag mu dheireadh, agus thilg mi bhuam a’ phacaid thoiteagan a bha nise falamh!
Sin an seòrsa leabhair a tha ’n so. Cuiridh mi mo bhonaid air gheall gun loisg e an tòn a iomadh coire, agus gun leig e iomadach teine as; oir, o’n chiad duilleig chun na duilleig mu dheireadh, tha an sgialachd a’ siubhal ’na deann.
Bha an leabhar mu dheireadh a sgrìobh Mac’Illeathainn air a shuidheachadh anns a’ Chuan a Tuath—mu long chogaidh bhig
[Sanas]
a chaidh do’n ghrinneal agus i a’ strì ri dìon a chumail air aon de na conbhoidhean Ruiseanach. Tha an sgialachd ùr so air a stéidheachadh air a’ chogadh anns a’ Mhuir Mheadhon-thìreach.
Tha eilean Navarone ’na chunnart do na h-airm chàirdeil—eilean Greugach air nach gabh ionnsaigh toirt far na mara no as an adhar, oir tha na Gearmailtich a ghabh sealbh as air a stalcadh le gunnachan. Agus tha an t-eilean fhéin cho cas, corrach, agus gura gann a gheibh duine ’na chòir. Tha e riatanach do na dùthchannan càirdeil gun teid clos a chur air gunnachan Navarone air los gum faigh bàtaichean gu eilean eile far a bheil còrr agus mìle saighdear an cunnart bàis.
Chan eil air ach gum feum cóignear shaighdeirean creagan Navarone a shreap agus na gunnachan a chur o fheum. Bithidh iad leotha fhéin agus cha leig leas sùil a bhith aca ri cuideachadh sam bith. Bithidh iad an teas-meadhon an nàmhaid aig a bheil fhios gu bheil iad air an eilean—cóignear an aghaidh nam mìltean. Fad nan ceithir latha a tha na seabhaltaich air tìr, chan eil dad nach tachair riutha—tubaist is murt is marbhadh. Mar a thuirt mi mar thà, chan eil duilleag de’n leabhar anns nach eil tachartas.
Ach an e leabhar math a tha ann? Chan eil mi idir cinnteach gur h-è! Fileanta ’s ged a tha Alastair Mac’Illeathainn leis a’ pheann (agus gu dearbha tha e sin) cha do dh’ionnsaich e fhathast srian a chumail air a mhac-meanma. Tha an suidheachadh do-chreidsinn. Tha na daoine do-chreidsinn, oir chan e fuil is feòil a tha annta ach dealbhan. An uair a tha an leabhar ullamh chan aithne dhuinn dad mu’n deidhinn—mu’n athraichean no mu’m màthraichean no mu’n teaghlaichean—dad ach gu robh iad tapaidh thar tomhais agus thar creideis.
Tha gibhtean iongantach aig Mac’Illeathainn, ach tha e fhathast òg anns an dreuchd. Feumaidh e ionnsachadh nach fhoghainn murt is bàs is tachartas ann an leabhar—gum feum na daoine a tha ’gam murt, na a’ bàsachadh, no ri gnìomh, a bhith blàth, beòthail, so-chreidsinn do’n leughadair.
Agus, co-dhiùbh, tha sinn a’ fàs sgìth de sgeulachdan cogaidh anns an latha ’n diugh.
Tachraidh aon rud de dhà rud do Mhac’Illeathainn. Sgrìobhaidh e dha no trì eile de leabhraichean de’n t-seòrsa so agus bithidh e ullamh—beairteach faodaidh, ach gun chliù a mhaireas. No tionndaidh e ri a dhùthaich fhéin agus ni e oidhirp air foillseachadh a dheanamh (ann an sgialachd) air na daoine beò, blàth, cumanta, a tha mun cuairt dha; ma ni e sin, faodaidh gum bi ainm maireannach, agus gun cuir e rudeigin as fhiach ri litreachas na h-Alba agus a dhaoine.
F. McD.
title | An Sgeilp Leabhraichean (The Guns of Navarone) |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 18 %p |
parent text | Gairm 18 |