(Six -Pointer Buck,le Dàibhidh Stephen. Clò-bhuailte le Lutterworth. 12/6. )
Tha iad ann a their nach eil móran anns an Roinn Eòrpa a chumas ceann a mhaide ri Daibhidh Stephen an uair a thig e gu eòlas air eòin ’s air ainmhidhean. Co-dhiùbh tha sin fìor ’s gus nach eil, tha fios is cinnt againn gu bheil na mìltean a’ gabhail tlachd ’na sgrìobhadh seachdaineach ann an aon de na paipearan naidheachd. Tha gaol aige air gach creutair beò, bho’n mhadadh chealgach gu iolaire nan speur, agus, an uair a thòisicheas e a’ sgrìobhadh mu’n deidhinn tha e a’ toirt ùr-thuigsinn do a luchd-leughaidh. Seadh agus gaol air na creutairean, co-ionnan ri a mheas fhéin orra.
Mar is trice, is ann a’ toirt cùnntas air dol amach ’s air teachd asteach nam beò-chreutairean a tha e. Ach, an dràsda ’s a rithist, bithidh e ag innse sgeulachdan mu’n deidhinn mar a rinn e ann anTarka the Otteragus ann anString Lug the Fox.Bha iad sin le chéile math. Ach so am fear as fheàrr buileach—Six-Pointer Buck.Faodaidh e bhith gu bheil sin mar sin a chionn ’s gu bheil spéis aig Stephen do’n damh ruadh os cionn gach creutair eile, agus is e damh cròiceach gaisgeach agus cuspair an leabhair seo.
RugadhBounce—laogh cho snog ’s air an tugadh ainm riamh—ann an Gleann Critheann. E fhéin agus a dhithis pheathraichean. Cha robh e ach dha no trì làithean a dh’aois an uair a thug neas an aghaidh air. Cha robh e ach dha no trì sheachdainean an uair a chuir mortair gunna ri ’mhàthair ’ga fhàgail ri aghaidh bàis mur a b’e gun do ghabh eilid eile truas ris. Bhuaithe sin amach, tha sinn a’ leantainn eachdraidhBouncele ùidh cho mór ’s a lean sinn sgeulachd mu bheatha ’s mu chunnart, mu ghaol ’s mu bhàs, riamh. Agus anns an leantainn tha sinn ag ionnsachadh. Ag ionnsachadh mu na creutairean eile ris an do thachairBounceair a shlighe—càirdean agus nàmhaidean. Tha sinn eadhon a’ faicinn math is dona a’ chinne-daonna troimh shùilean féidh.
Their sinn gum bhréig gur e so leabhar nach fàg air sgeilpe leabhraichean fad iomadh bliadhna. Bithidh cuimhne againn airBouncefada an deidh dhuinn dìochuimhn’ a dheanamh air ceudan de ghaisgich dhaonnta mu’n do leugh sinn. Oir is e an fhìrinn nach do chuireadh eachdraidh is iomradh an daimh ruaidh ann am briathran cho snasail coibhneil bhon a chuir Dunnchadh Bàn Beinn Dóbhrain an altan.
F. McD.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Six-Pointer Buck) |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 18 %p |
parent text | Gairm 18 |