An t-Each Uisge
Le NIALL MACGHILLE SHEATHANAICH
THA móran iomraidh air a dheanamh am beul aithris, is an litreachas na Gaidhealtachd, air an Each Uisge agus creutairean mì-thalmhaidh eile; cuid dhiubh nach eil ri fhaicinn ach ri chluinntinn, mar tha a’ Chaointeach. Ceart mar tha Eóghann a’ Chinn Bhig ri fhaicinn aig àm bàis aon de Chloinn Ghilleathain Locha Buidhe, tha tuireadh na Caointeich ri chluinntinn an uair a tha Seathach a’ tighinn gu ceann a réis. Bha e air aithris gu saor aig an àm a chaochail mo sheanair, Iain Buidhe mar theireadh iad ris, gun cualas a’ Chaointeach a’ gal is a’ tuireadh. Thàinig mac piuthar athar dhomh asteach do’n tigh agus dh’innis e do’n luchd-caithris gun cual e cù a’ caoineadh aig Glaic na Craoibhe, ach cha d’fhuair e de fhreagairt ach “Seadh a laochain.” Bha am beachd fhéin aig an fheadhainn a bha astigh.
An robh a leithid de chreutair ann ris an Each Uisge, no ciamar idir a dh’éirich na faoin-sgeulan a gheibhear am beul-aithris na Gaidhealtachd gu h-iomlan? Feumaidh gum facas uile-bheist, no bòcan, a shamhlaicheadh ri each, uair no uaireigin, no am feum sinn aideachadh gur éiginn gu robh anns na linntean dorcha a dh’fhalbh, creutair a’ tathaich lochan is aibhnichean ar dùthcha nach eil annta an diugh?
Tha fathast ann an Africa tabaist ris an can iadHippopotamusagus is e is ciall do’n fhacal Ghreugach sin Each Aibhne, no mar a b’fheàrr a fhreagradh oirnne is ar n-aibhnichean cho beag an coimeas ri aibhnichean Africa, Each Uisge. Tha dà sheòrsa de’nHippoann, aon a tha cho mór ri ceithir troighean deug air fad agus mu cheithir troighean aig àirde an t-slinnein. Chan eil an seòrsa eile ach beag, mu mheudachd muice. Linnean cian air ais bha anHippori fhaighinn feadh na h-Eòrpa agus fhuaireadh cnàmhan aon diubh an Sasann. Saoil sibh an ann bho’n chreutair neo-bhòidheach sin, a bhiodh a’ tathaich nan lochan, a dh’éirich na faoin-sgeulan a tha cho lìonmhor ’nar beul-aithris mu’n Each Uisge? Bha ar n-aithrichean a chearta cho innleachdach air dealbhadh fhacal is ainmean ris na Greugaich agus, an neo-ar-thaing mur snìomhadh iad uirsgeul air na céilidhean!
Cuiridh an t-Each Uisge e fhéin an cruth fir no boireannaich a réir mar bhios a dhìth air an neach ris an tachair e a thàladh air ais leis do’n loch as an tàinig e. Tha atharrach beòil-aithris aig gach sgìre mu dheidhinn an Eich Uisge agus an cuid de na sgeulachdan tha e air a thoirt f’ar comhar ann an riochd each beag peallagach.
Cha chan mi an còrr mu bheul-aithris an dràsda ach innseadh mu’n uile-bheist a chunnaic mi fhéin. Faodaidh cuid de na leughas an sgeul a leanas a shaoilsinn gu bheil i do-chreidsinn, nach eil innte ach bruadar no breislich balaich. Tha an nì a chunnaic mi le mo dhà shùil fhéin dearbhte gu leòir dhòmhsa, agus a bhàrr air sin chunnaic neach eile e.
An uair a bha mi mu dheich bliadhna a dh’aois chaidh mo chur, ré beagan làithean saora as an sgoil, gu mo sheanair is mo sheanmhair a bha a chòmhnaidh mu sheachd mìle bhuainn thar a’ mhonaidh.
Cha robh rathad mór ann an uair sin, no eadhon frith-rathad a b’airidh an t-ainm. Bha thu a’ gabhail cùrsa dhuit féin bho chnoc gu cnoc agus bho bhealach gu bealach.
Chaidh na làithean seachad gu sona agus an uair a thàinig an t-àm dhomh tilleadh dhachaidh chuir mo sheanmhair gur, no linn, de eòin bheaga ann am bascaid a bha mi ri ghiùlan gu mo mhàthair. A chumail cuideachd rium, is a dh’aotromachadh m’uallaich an dràsda ’s a rithis, chuir i Mórag, ogha eile dhi, còmhla rium. Bha Mórag beagan na bu shine na mise.
Ghabh sinn an t-ath-ghoirid gu Cachaileith Bhealaich, thar Sruthan an Uruisg ’s a suas ri Druim Dubh. Sheachainn sinn an Caibeal is chùm sinn Achadh a’ Charraigh is na Clachan Fiannta eadar sinn is an cladach. Chaidh gach nì gu math leinn gus an robh sinn aig ceann tuath na pàirce anns am biodh an tuathanach a’ cumail nan caorach an àm lomaidh is spannaidh. Ciod a chunnaic sinn ach àireamh each ag ionaltradh air talamh còmhnard air thoiseach oirnn. Chuir so iongnadh oirnn oir bha fios againn nach robh aig an tuathanach ach dà each, DandyagusCharlie ,agus co-dhiùbh cha b’e sud ionaltradh airson eich baile—riasg, cóinneach agus fionndairneach. Cha do chuir so geilt oirnn is chùm sinn ceum ann is chaill sinn sealladh air na h-eich.
An uair a thàinig sinn gu dìreadh àrdain a dh’fhaighinn gu Glaic na Dunaich lean sinn sean cheum rathaid a bha a’ dol seachad air luba mhóir. Cha robh i fada no leathann, ach bha i domhainn agus am fraoch a’ cinntinn thar a bruachan. Is ann an uair sin a chunnaic sinn an uile-bheist ’na laighe air stùcan beag mu leth cheud slat bhuainn. Dh’aithnich sinn nach bu chreutair talmhaidh e agus, gun fhacal a ràdh ri chéile, thill sinn air ais agus thog sinn suas ri cnocan beag cas, a’ cumail an uabhais so san amharc. An uair a ràinig sinn am mullach fhuair sinn sealladh a b’fheàrr air a’ bhéist agus gu fortanach dhuinne cha robh a cheann ri fhaicinn. Bha e ’na laighe is a chasan deiridh fòidhe, mar a laigheas muc. Bha na bha ri fhaicinn de a choluinn slèagta dubh a’ deàrrsadh an gréin shoilleir na Bealltainn. Chan urrainn domh coimeas as feàrr a thoirt dhuibh air na bha ri fhaicinn dheth na tabaist de ròn a chitheadh sibh ’ga ghrianadh fhéin air sgeir, ach gu robh e na bu duibhe. Bha mar gum biodh ceithir stobain challtuinn a’ cumail suas breacan cìobair agus, mar gum b’eadh, a’ cumail fasgaidh air a cheann. Cha do ghluais e am feadh is a bha sinne ’ga choimhead ach, mar a thuigeas sibh, cha do rinn sinne moille, no idir mothar, ach cumail oirnn gu snàigeach gus an do ràinig sinn a’ Ghlaic. Cha do luathaich sinn ar ceum ach is cinnteach gun tug sinn sùil thar ar gualainn is gun fhios nach d’fhuair e am fàileadh againn. Bha sinn glé thaingeil an uair a thàinig bothan tughaidh na Buaile am fradharc. Dh’fhairich sinn tèarainte an uair sin is cha b’fhada gus an do ràinig sinn an t-seann dachaidh.
Dh’innis sinn mun t-sealladh iongantach a chunnaic sinn cho luath is a thug sinn na h-iseanan thairis gu sàbhailte do mo mhàthair. Dh’fhàs iadsan suas, rug iad uighean is fadheòidh chuireadh sa’ phoit iad!
Ghabh na bha astigh ri ar n-aithris agus leig iad ris an co-fhaireachdainn ruinn agus mhol iad sinn a chionn cho tapaidh is a bha sinn; nach do chaill sinn ar ciall ’s ar reuson. Cha do chuir athair no màthair, no inbheach eile, teagamh nach fhaca sinn sealladh a chuireadh geilt air cridheachan a bu làidire. Chaidh an sgeul air feadh an eilein is bidh cuid a’ bruidhinn air gus an latha diugh.
Is tric a thig e air m’aire saoil an robh co-cheangal aig an uile-bheist ud ris na h-eich a chunnaic sinn an toiseach; agus a rithis, ciamar, no carson, a dh’fhoillsicheadh na nithean ud do dhà chreutair cho òg, neo-chiontach?
Chan fhaca mise Mórag ach aon uair bho cheann leth-cheud bliadhna ach tha mi dearbhte as gun cuir i a làn aonta ris na h-uile facal a sgrìobh mi. Ann a bhith ag aithlis airPara Handyan uair nach b’urrainn dha ceist a chuireadh ris fhuasgladh, theireadh e, “nan robhDougiean so dh’innseadh esan duibh.” Théid agamsa air a ràdh, “nan robh Mórag an so dh’innseadh i dhuibh a’ cheart sgeul”.
Tha loch, mu leth-mhile air fad agus leathann da réir, mu chóig ceud slat os cionn na Buaile, far an robh ar dachaidh aig an àm, agus mar bu dual do bhalaich a chaidh àrach an cois na mara, bha sinn déidheil air a bhith a’ dèanamh agus a’ seòladh bhàtaichean beaga.
Tha dà eilean air an loch—Loch Càthair nan Eun. Bha, aig an àm ud co-dhiùbh, an t-aon bu mhotha dhiubh còmhdaichte gu h-iomlan le craobhan beithe is feàrna, agus bhiodh na feannagan a’ neadachadh ’nan geugan. Bha an t-eilean beag còmhdaichte le feur gorm agus dà chraoibh bheag chaorann a’ lùbadh thairis agus, ach beag, a’ tumadh anns an uisge. Bu bhòidheach an dearcan dearga aig deireadh an fhogharaidh! Bha casach dhomhainn aig a’ cheann an iar-dheas le bruachan mòintich ag aomadh thairis. Gu sealbhach cha robh ionaltradh faisg oirre agus chan fhaicte beathach cruidh, caora no fiadh mar astar dhi. Gidheadh, goirid bho’n chasaich so bha cuilc a’ fàs gu lìonmhor agus aig àm bhiodh lilidhean am measg na duilleig bhàite a’ cur maise air a’ cheann thoirmisgte sin de’n loch. Aig a’ cheann eile bha tanachd le gainmhich chruaidh gharbh agus sruthan beag a’ taomadh a chuibhrionn féin de uisge nam beann do’n loch. B’ann an so a bhitheamaid a’ cluich agus a’ seòladh nam bàtaichean beaga le an siùil bhòidheach gheala.
Cha d’éirich beud riamh dhuinn ach is iomadh sgràilleadh a fhuair sinn bho na seann daoine. Bhiodh iad a’ feuchainn ri eagal a chur oirnn le bhith ag innseadh mu easgannan móra agus losgannan a bha a’ tàmh anns an loch. Ach biodh bhur barail féin air, cha chuala sinn riamh tuilleadh mu na h-easgannan is na losgannan an déidh an t-seallaidh a chunnaic Mórag is mi fhéin.
Ach fhuair mise eagal aig an loch agus cha b’ann bho each-uisge no easgann. Latha dhomh a bhith a’ gabhail sràid leam fhéin thàinig mi gu h-obann air damh féidh is e ’na laighe faisg air bruaich na h-aibhne. Ged a bha an creutair ullamh gu bàsachadh rinn e oidhirp air éirigh air a chasan deiridh is thug e raoic as. Ma thug, thug mise mo chasan leam agus cha b’fhada bha mi a’ ruigheachd na Buaile! Thill mi an là-ar-na-mhàireach le companaich agus fhuair sinn am fiadh ’na laighe marbh far an tug e an raoic mu dheireadh as.
title | An t-Each Uisge |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Niall MacGhille Sheathanaich in Gairm 18 %p |
parent text | Gairm 18 |