Eilean Mhanainn
Le RAIBEART L. MACTHOMAIS
Baile Cregneash(H. M. Rodgers)
Tha a’ chuid as mò dhiùbhsan a tha tadhal Eilein Mhanainn a’ seòladh bho Liverpool agus a’ tighinn gu tìr aig bhaile Douglas; is è so am baile as motha sluaigh a tha anns an eilean, agus is ann an sin a tha trian de na Manannaich ’nan còmhnaidh. Tha cuid eile ag itealaich agus a’ tùirlinn air an eilean aig Ronaldsway, am fagus do Bhaile Chaisteil. Is ciatach am fradharc a chithear o’n itealan air là grianach samhraidh anuas air an fhairge ghorm is srian bhàn chobharach an cois nan creagan, na creagan fhéin donn is liath, agus os an cionn machair ghlas fharsaing ùr; air an làimh chlì sgoil an rìgh Uilleim, is Baile a’ Chaisteil, agus fodhainn Bàgh na Carraige is Poll a’ Bhàis (no a’ Bhaistidh, cha léir có dhiubh as cóir). Is iad so na slighean cumanta, ach aon uair ràinig mi an t-eilean aoibhinn so air slighe as docha leam na a h-aon eile, ag itealaich a Albainn, is leantainn ri oirthir an eilein gu ruige baile Peel (air an robh mar ainm o chian Port na h-Innse), agus an sin tionndadh os cionn a’ chaisteil is na h-àrd-eaglais a thogadh air an eilean bheag o’n d’fhuair am baile a shean ainm, agus thar mhonadh is coilltean do Bhaile a’ Chaisteil a rìs.
Ged a tha an àireamh as mò de luchd-tadhail Eilein Mhanainn a’ fuireach ann an Douglas, (agus gu dearbh is è so an t-àite as goireasaiche gu ruighinn gach roinn de’n eilean), chan eil cridhe Mhanainn anns a’ bhaile mhór so. Ach co-dhiùbh tha rudan gu leòir r’am faicsinn an sin. Tha Douglas a’ faghail a ainme o dhà shruth a tha a’ dol ’nan aon am fagus do’n bhaile, an Abhainn Dhubh an Abhainn Ghlas, agus air an aobhar sin theirear Dubhghlas ris
[Dealbh]
Leac a’ cheusaidh.
an abhainn aonaichte, agus ris a’ bhaile mar an ceudna, no mar a labhairear e nis Dulais. Am am beul na h-aibhne so tha an caladh as fheàrr san eilean, far a bheil na longan mòra a’ tighinn asteach is ’gan aotromachadh. Is éiginn do na Manannaich iomadh seòrsa bathair a ghiùlan thar na fairge ó Shasunn, gu h-àraidh gual is fiodh. Tha’n caladh so anns a’ chùil mu dheas de bhàgh farsaing a tha sìnte gu ruige Ceann-tìre Choinchinn: air chùlaibh a’ chinn-tìre tha ’na laigh am baile beag a tha gabhail ainme o’n naomh Coincheann do’n do choisrigeadh eaglais na sgìre, ach tha Dulais a’ dol am meud cho luath is gu bheil am baile mór a nis air ruigsinn oir a’ bhaile bhig.
Roinneadh an t-eilean air tùs ann an seachd sgìrean deug, gach aon diubh a’ sìneadh bho’n mhonadh am meadhon an eilein sìos gus an fhairge, agus air a’ chuid as mò dhiubh ainm fear de na seann naoimh Eireannach a thàinig leis an t-soisgeul do’n eilean. A bhàrr air eaglaisean na sgìreachdan tha ann cuideachd cìlltean beaga thar àireamh, dèanta de chloich is fòid, ach tha iad uile a nis ’nan làraichean mur eil gach lorg dhiubh air a sgriosadh gu léir. Is ann an cill de’n t-seòrsa so air a togail air Laogh Mhanainn (an innis bheag chreagach fhàs an cois an eilein) a fhuaras an leac sin air an do shnaidheadh dealbh Chrìosd is e ’ga chrochadh air a’ chrann-cheusaidh còmhla ris a’ cheannard-ceud agus an fhear a thug an spong lìonta de fhìon geur air a cur air slait chuilce do’n Tighearn r’a òl. Gu mì-shealbhach chan eil an leac iomlan a chionn gun bhriseadh ceàrnag dhith, ach chan eil móran d’easbhaidh. Cheannaicheadh an leac so o chionn ghoirid leis a’ Mhuseum ann an Douglas. Theirear gum buin i do’n ochdamh linn.
A bhàrr air an sgìreachdan roinnear an t-eilean an siasheading ;tha cuid a’ creidsinn gur e ‘roinn’ as ciall do’n fhacal so, ach is dòcha gu bheil è co-ionnan riskipthingnan Lochlannach, roinn de’n tìr
far am b’éiginn do’n luchd-àiteachaidh long-chogaidh agus a chuid sgìoba a dhèanamh suas tràth air bith ghairmeadh an tighearn orra, a chùm an t-eilean a dhìon. Cha b’e so uile a bha aca ri dhèanamh. Dh’imireadh iad faire a chumail a là agus a dh’oidhche anns gach aon sgìre, san là air mullach cnuic o’m faiceadh iad roinn fharsaing de’n mhuir, agus san oidhche aig prìomh phort na ceàrna. A bhàrr air sin bha ceann-feadhna air a chur air leth anns gach aon sgìre agus chuireadh roimhe-san deanamh cinnteach gu robh an fhaire air a cumail gu riaghailteach, agus gu robh na fir gleusda ann an làimhseachadh nan arm.
Chan eil cùrsa eachdraidh an eilein anns na linntean as sine cinnteach idir. Tha fhios againn gun bhuin e do na Lochlannaich aon uair, agus tha móran ainmean àitean Lochlannach r’am faotainn an sin fhathast. Bhuin e maraon do Albainn dà uair, ach cha do dh’fhuirich è mar sin ach greis geàrr. Bhuin e do rìghrean Shasuinn mar an ceudna, agus thug iad e do dhithis no thriùir thighearna móra Sasunnach, ach an uair a dh’fhidir an rìgh nach robh iad dìleas thigeadh an tighearnas aca gu ceann gu luath. Fa dheireadh thugadh an t-eilean do Sir John Stanley, fear de’n t-sliochd a thàinig ’na dhéidh sin gu bhith ’nan Iarlan Derby. Bha’n sliochd so ’nan tighearnan air Eilean Mhanainn bho 1405 gu ruige 1736. An uair a dh’fhàillnich iad thàinig Seumas Diùc Athall is a mhac ’nan déidh, ach bu gheàrr an tighearnas. Cha robh na cuspannan Manannach cho trom is bha iad an Sasunn, agus bha grunnan mór a’ cosnadh buannachd nach bu bheag le bhith toirt steach bathair fo chìs is deoch làidir gu h-àraidh anns an eilean, agus an sin ’ga thoirt amach a rìs is ’ga chur air tìr an àiteachan uaigneach ann an Cumberland agus am Maol nan Gall. Bha’n gnothach so laghail gu leòir anns an eilean nam pàidheadh na cùiltearan cìs an eilein air a’ bhathar a’ tighinn asteach is a’ dol amach, ach cha b’e sin beachd Pàrlamaid Shasuinn air a’ chùis, agus sa’ bhliadhna 1765 ghabhadh an t-eilean air ais leis a’ Chrùn, is mar so tha è air fantainn gus an là an diugh. Fhuair an Diùc trì fichead mìle punnd Sasunnach ’s a deich mar éirig. O’n àm sin tha guibhearnoir san eilean an ionad an tighearn.
Air a shon so uile cha do rinneadh caochladh mòr ann an riaghladh an eilein. Bha aig na Manannaich mar oighreachd modh riaghlaidh a shuidhich na Lochlannaich ’nam measg iomadh ceud bliadhna o chian agus tha e fhathast aca an diugh. Bha’n t-eilean aon uair ’na roinn de rìoghachd nan eilean, o Leódhus san taobh tuath gu Manainn san taobh deas, agus is dòcha gun do ghairmeadh na prìomh dhaoine san rìoghachd r’a chéile gach bliadhna am Manainn. B’e so àireamh nan daoine a chruinnicheadh air tùs, dà fhear dheug ar fhichead, a chionn ’s gu robh an uiread sin de eileanan san rìoghachd. Bha sia deug dhiubh air an ainmeachadh am Manainn, fear as gach sgìre. ’Na dhéidh sin chailleadh na h-eileanan meadhonach, is uime sin cha tàinig ach ochd fir o thuath gus a’ Phàrlamaid. Ged a chailleadh Innse Gall gu léir san treas linn deug, cha do chaochladh an àireamh a rìs agus tha a ceithir ar fhichead de ‘iuchraichean’ ann gus an là an diugh. Is e‘keys’a theirear riu sa’ Bheurla ach ’s e‘kiare as feed’a ghairmeas na seann Mhanannaich orra fòs.
[Dealbh]
An Tynwald.
Is ann an ionad a tha faisg air an rathad eadar Douglas is Peel a bha cruinneachadh na pàrlamaid bhliadhnail so, ionad a tha, a rèir eachdraidh, an teis mheadhon an eilein uile, air muin torra dèanta de ùir air a thoirt gu chéile o gach aon sgìre. Air mullach an torra bhiodh an tighearn ’na shuidhe, is e a’ cur aghaidh ris an ear, còmhla ri a fhir-riaghlaidh, a ceithir ar fhichead, an t-easbog is a’ chléir. Bha so uile cosmhail gu leòir ris a’ phàrlamaid an Innis-Tile a chumadh air na Thingvellir, no faiche a’ chruinneachaidh, gach aon bhliadhna; aig an àm sin bha e ’na dhleasdanas aig fear-labhairt-an-lagha an treas cuid de’n lagh iomlan a aithris an làthair a’ phobuill gus nach biodh aineolas mar leisgeul aig fear air bith dhiubh. Is è ainm pàrlamaid Eilein Mhanainn gus an là an diugh Tynwald, agus is léir gur ionnan è so agus Thingvellir. Bha na pàrlamaidean so ’nan cùirtean-lagha cuideachd, mar a bha pàrlamaid Shasuinn air tùs, ach mar chaidh na linntean seachad thòisich iad air dèanamh laghannan ùra cho maith ris na seann laghannan a chumail suas. Mar so, dh’òrdaich pàrlamaid Innis-Tile sa’ bhliadhna 1000 gur i a’ chreideamh Chrìosdail a bhiodh aig a’ phoball o sin amach. Tha’n Tynwald a’ cruinneachadh fhathast gach cóigeamh là de mhìos deireannach an t-Samhraidh, is leughar os àird na laghannan ùra an Gàidhlig is am Beurla.
Air triall dhuinn siar ruigidh sinn Peel no Port na h-Innse, sean bhaile-iasgaich an eilein. An so agus ann an Ramsey chaidh bàtaichean a thogail aon uair, is bha cuid dhiubh a’ seòladh amach le eilthirich Mhanannach gu h-America agus Astràilia. Bha iasgachd gu leòir ann sna sean làithean an uair a bha gach fear ’na chroitear is ’na iasgair, agus air uairibh ’na mhèinneadair cuideachd. Chaidh
luaidhe agus copar a chladhach as na beanntan is gu minig a creagan nach fhaoidte a ruigsinn ach bho’n mhuir. Ach tha sin uile seachad a nis, ged a thatar fòs a’ glacadh sgadain is ’gan réisgeadh, ach chan eil an gnothach so cho cudthromach a nis agus a bhà san ochdamh linn deug, nuair a ghuidh an t-easbog Wilson gun dèanadh am Freasdal beannachdan na mara a thoirt air ais agus a bhuannachadh.
Ann am baile Peel tha ’nan seasamh air innis bhig an caisteal is an àrd-eaglais. Is è so a h-aon de’n dà chaisteal a thogadh anns an eilean; tha aon eile aig Baile a’ Chaisteil. Tha’n caisteal so agus an àrd-eaglais mar an ceudna ’nan làraichean a nis, ged a tha cuid mhór de na ballachan fhathast ’nan seasamh, ach chan eil mullach air an àrd-eaglais o chian, agus gnàthaichear a h-aon de na h-eaglaisean móra ann an Douglas nuair a bhios feum oirre.
Bha Baile a’ Chaisteil aon uair ’na phrìomh bhaile air an eilean mu’n do ghluaiseadh an uachdaranachd o’n àite sin do Douglas. Tha è fhathast ’na bhaile sona aoibhinn, le ’chaisteal anns a’ mheadhon faisg air an abhainn is air a’ chaladh. Is e so an caisteal as fheàrr a chunnaic mi riamh, agus is eireachdail fradharc a bhallachan liatha, is na tùir is na baidealan, agus an t-uaireadair aon-mheurach a thug a’ Bhàn-righ Ealasaid do’n chaisteal barrachd air trì linntean o chian, a’ sealltainn anuas thar mhullach nan tighean. Is ann anns a’ chaisteal so a bha fear-riaghlaidh an eilein ’na chòmhnaidh, maille ri ghearasdan shaighdearan aon uair. An sin mar an ceudna bha prìosan eile, prìosan na h-uachdaranachd, àite nas miosa na’m fear eile, a chionn ’s gu bheil uisge na mara a’ ruith asteach ann, agus bha na prìosanaich dhona air an leth-bhàthadh dà uair gach là.
Ach tha mi cheana air gu leòir a ràdh mu dheidhinn nam bailtean móra, agus is mithich dhomh a nis labhairt mu’n chuid eile de’n tìr. Tha na bailtean air fàs cho mór a chionn gur ann annta a tha an uachdaranachd is na ceannaichean is an luchd-tadhail a’ fuireachd, agus tha cuid de na seann bhailtean beaga anns nach robh ach iasgairean ’nan còmhnaidh aon uair, air fàs mar an ceudna a chùm fasgadh a sholair do’n luchd-tadhail, mar Port St Mary agus Port Erin. Agus is aoibhinn na h-àiteachan so.
Tha an còrr de’n eilean breac le bailtean beaga is bothagan nan croitearan, gu h-àraidh anns na h-ionadan as torraiche, ach tha àiteachan aonaranach ann cuideachd am measg nam beann (no na sléibhtean mar a theirear riutha san eilean). Chan eil na sléibhtean so glé àrd no glé chreagach, ach maol is lom gu leòir, air an còmhdachadh le fraoch is feur garbh is leacan beaga. Is ann air rathaidean corrach fiara troimh fhearann de’n t-seòrsa so a thriallar o Douglas do Ramsey (air an rathad àrd) agus bho Phort Erin do Phort na h-Innse, agus chan fhaic am fear-turuis comharra air bith de bheatha ach na caoraich is coinein ag ionaltradh. Ach ma leanas e do’n tìr réidh chan fhaic e ach lèanagan glasa is spréidh gu leòir is achaidhnean eòrna is bhuntàta.
Eadar Port St Mary is Port Erin tha baile beag Cregneash, a tha ’na laigh an lag air mullach na maoile ris an canar Ceann na Spàinne. Dh’innseadh dhomh le seann-duine a dh’àraicheadh an tigh piuthar
[Dealbh]
Caisteal Rushen, Baile a’ Chaisteil.
a mhàthar an sin gur è so seagh an ainme: bhitheadh sluagh na dùthcha a’ dol do’n chaolas eadar an eilean is an Laogh a chruinneachadh feamnach gus an talamh a leasachadh; air dhoibh Cregneash a ruigsinn mar a thigeadh iad air an ais is na cléibh aca làn is an streapadh fada bho’n chladach seachad, stadadh iad is ghabhadh iad fois ri taobh creige móire, is mar sin ghairmeadh air an àite Creag na h-Athais. Chan eil fhios agam a bheil am mìneachadh so ceart, ach tha na daoine fòghluimte ag ràdh gur è so a h-aon de na h-àiteachan as sine anns a robhas a’ gabhail còmhnaidh bho chian nan cian, agus gu robh daoine ’nan còmhnaidh an sin mun tàinig na Gàidheil gu Eirinn is gu Albainn idir. Air mullach na maoile fhéin chithear grunnan de uaighean nan seann fear-àiteachaidh so.
Anns a’ bhaile bheag so am measg nan tighean eile tha aon bhothan a tha nis fo theàrmunn a’ Mhuseum ann an Douglas, agus a tha air a chumail air an aon chor anns an d’fhàg a shealbhadair deireannach è. Is e iasgair a bh’ann, is tha a lìn fhathast ’nan laigh air làr na lobhta fosgailte fo’n tugha, os cionn a dhà sheòmar. A bhàrr orra so chan eil ach aon rùm eile, an ‘tigh mòr’ mar a thubhairt an seann phobull ris, anns an robh an teinntean, no an ‘teallach’ mar a theirear ris còmhla ris an t-slabhraidh air an do chrochadh a’ phoit. Is gann a tha a leithid so de thighean san eilean a nis, ach tha iad cumanta gu leòir ’nan làraichean. Mar anns gach aon tìr eile tha na h-òganaich a’ fàgail na tuatha agus a’ falbh do na bailtean móra. Is è an luchd-tadhail a theasairg Eilean Mhanainn, agus a tha a’ deanamh eilein shealbhaich de, ged nach eil a’ chuid as mò dhiubh a’ gabhail a’ chùraim as lugha do chànain no do eachdraidh na rìoghachd aosmhoire so.
title | Eilean Mhanainn |
writers | Robert Leith Thomson |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Raibeart L. MacThómais in Gairm 18 %p |
parent text | Gairm 18 |