[119]

An Lochmor

Le FIONNLAGH I. MACDHOMNAILL.

Aig cidhe an Tairbeirt

GHEIBH i droch shadadh an diugh; cha robh dùilam gum fàgadh an Robastanach an cidhe!”

Is tric a chuala mi na briathran sin aig mo sheanair nach maireann, ena sheasamh aig an dorus agus am marcach-sìne atoirt bhuaithe na Lochmóir eadar Sgeotasaidh agus Eileanan aMhinisteir. Air cùl nam briathran, bho fear a bhana sheòladair e fhéin, bha an smuain— “Ma dhfhàg an Robastanach an cidhe, ’s fheudar gum bi cùisean ceart.” Agus mas e deireadh an euchda dearbhadh aghliocais, cha robh aobhar riamh aig duine a chur as leth an Robastanaich, no as leth Dhòmhnaill Màiri a lean e, gun do dhfhàg iad riamh cala ri sìde a thulgadh an sgiobaireachd.

Eadar Caol Loch Aillse agus an Tairbeart, eadar an Tairbeart agus Loch Baghasdal, eadar Loch Baghasdal agus Mallaig, chan eil dachaidh am fianuis cuain do nach eil an Lochmórna seann eòlach. Ri sìde nan seachd sian, ri reothadhs ri gréin, tha i air a bhith ariabadh aChuain Sgìth, agus, anns an ùine sin, tha i air còrr agus muillean gu leth fear siubhail a ghiùlan bho phort seòlaidh gu ceann-uidhe; agus sin gun bheud, gun tubaist.



[120]

[Dealbh]
An sgiobair

Bann air an t-seachdamh den Iuchar, 1930, a rinn an Lochmór a ciad thurus gu Innse Gall. Taca ris an t-seann Phlover bha i mar lùchairt air sàl; aguss i a dhfhaodadh, oir bha i ùr nodha, agus uidhimichte leis gach a chuireadh ri sàbhailteachd is ri comhfhurtachd. Air a drochaid bha Donnchadh Robastanach as an Elean Sgiathanachsgiobair air am bheil cuimhne agus meas fhathast anns gach ceàrnaidh den Cheann a Tuath, ged a tha nise naoi bliadhna bhon a leig e dheth an Lochmór, agus ochd bhon a chaochail e.

Tha sgiobairean Mhic aBhruthainn ainmeil co-dhiùbh mar dhaoine agus mar mharaichean, agus cha leigear a leas an còrr a ràdha an so mu Dhonnchadh Robastanach oir is e cuspair sgeòil a tha ann dheth fhéin. Chan eil am fear a lean e ceum air deireadh airDòmhnall MacLeòid a Caragraich sna Hearadh, a bhana mheit air abhàta bho 1930.

[Dealbh]
Am meit

Bann an seirbhis Mhic aBhruthainn achaidh Dòmhnall Màiri gu muir an toiseachann an 1912. Bha ena làimh air an t-seann Mhountaineer gus an do thòisich achiad Chogadh Mór, ach, an uair sin, chaidh e null thairis ann an seirbhis an Rìgh. Anns aMhuir Mheadhon-Thìreach fhuair e fhéin agus an criutha anns an robh e droch ludradh bho shubmarine Ghearmailtich, ach fhuair iad cuideachd urram a chur orra an uair a chuir iad fodha i leis an aon ghunna bheag a bhaca! An deidh a chogaidh, bha MacLeòid greis aseòladh a dhEirinn, agus bha e ann am Baile



[121]

[Dealbh]
Dòmhnall Dòmhnallach a Idrigil an Leódhus, an sàs anns an einsean.

Ath Cliath an oidhche a chaidh na Ceithir Cùirtean a spreadhadh ann an 1922.

Sia bliadhna an deidh achogaidh, thill e gu Mac aBhruthainn mar mheit air aMhountaineer, agus, riamh bhon uair sin, tha e air a bhith còmhla ris achompanaidhmar mheit air an Lochmór, mar sgiobair far am biodh feum air fad achogaidh, agus, mu dheireadh an so, mar sgiobair an Lochmór fhéin. Duine calma air a bheil meas aig criuthas aig luchd-siubhail.

Ceart mar a bha MacLeòid air deas làimh an Robastanaich fad bhliadhnachan, tha Dòmhnall Iòsaph MacFhionghuin air a bhith ri gualainn MhicLeòid, agus latha de na làithean, ’s dòcha gur e a leanas e air an drochaid. Agus bu choltaiche. Ma bha duine riamh làn de dhualchasan sgiobairean Mhic aBhruthainn, tha an Iòsag dhiubh sinaoidheil, bàigheil, calma, agus cho earbsachs a tha an Cuan Sgìth domhainn.

[Dealbh]
Eddie Wilson a Hileapul an Tiridhefear de na stiùbhartan.

Is e Barrach a tha ann an Dòmhnall Iòsaphmac do Ruaraidh Iain Bhàin nach maireannagus tha e ainmeil airson sheann òran. An uair nach eil e air an drochaid, lorgar shiosna sheòmar beag fhéin e, cuartaichte le leabhraichean anns am bi e asgrìobhadh gach duan is luinneag a chluinneas e. Is ann bhuaithe a fhuair sinnSporan DhòmhnaillagusBùth DhomhnaillIc Leòid” —òrain Dhomhnaill Ruaidh a chlò-bhuail sinn ann an Gairm bho chionn ghoirid.

Ged nach eil riaghailt



[122]

ann, agus ged nach gabh e deanamh daonnan, tha muinntir Mhic aBhruthainn afiachainn ri an cuid chriuthachan a tharruing as na h-àiteachan air am bi am bàtaichean atadhal.

Ach, an còmhnaidh, tha feadhainn as gach oisinn de Albagan lorg fhéin air an Lochmór. Seallaibh air Eddie Wilsonan treas stiùbhart. Air a Ghàidhlig, chuireadh sibh as Earra-Ghaidheal e, agus, ann an dòigh, bhiodh sibh ceart. Ach is ann an Glaschu a rugadh Eddie. Besan fear den chloinn a chuireadh air oideas do Thiriodha ri linn achogaidh, agus bann an sin a thainig e gu ìre agus a thog e a Ghàidhlig. Ged a dhaidicheas e gur ann an Glaschu a rugadh e, is ann air Hileapul a dhainmicheas e e fhéin.

Litrichean, clòthan, càraichean, cearcan, laoigh. Chan eil dad fon ghréin nach eil an Lochmór agiùlan bho eilean gu eilean agus air aiss air adhart thar aChuain Sgìth.

Mar a tha màileid aphuist, tha ina teachdaire faochaidh is dóruinn, bròin is sòlais.

Ach buinidh i fhéin agus a criutha do bheatha nan eileanan, agus tha ceudan a theid lathan deidh lathaa choinneimh na Lochmórged nach eil dùil aca ri duine leatha.

Cha bhi i uabhasach fada tuilleadh air an t-slighe. Tha fios aig muinntir Mhic aBhruthainn mar thà air an dearbh bhliadhna san cuirear bàta ùrna h-àite, agus, an uair sin, ’s dòcha gun téid i, mar a chaidh an t-seann Loch Ness, a shiubhal cuantan céin fo ghréin as teotha na grian nan eilean.

[Dealbh]
Afeitheamh chàirdean air cidhe Scalpaidh

titleAn Lochmór
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page