Duais Airson Sgeulachd Ghoirid
Nuair a gheall sinn duais ( £10 10/ -) airson sgeulachd ghoirid anns an nòs ùr, cha robh dùil againn gun gearaineadh am posta air luchd nan litrichean, ach thainig grunnan beag sgeulachdan thugainn, is tha sinn a’ toirt taing dhaibhsan uile a thug an oidhirp. Tha sinn a’ clo-bhualadh an so an sgeul a choisinn an duais, is a’ cur meal-a- naidheachd air an Urr. Cailean MacCoinnich, Hearach a tha an diugh ’na mhinistear an Kilwinning. Tha dòchas againn gun toir sinn am follais, ri tìde, tè no dhà de na sgeulachdan eile a fhuair sinn.
Is dòcha gu bheil sgrìobhadairean ann nach eil ro chinnteach dé tha dhìth oirnn nuair a tha sinn ag iarraidh sgeulachd anns an nòs ùr. Tha iomadach seòrsa sgeulachd ann, ach tha dhìth oirnn an dara cuid sgeulachd anns am bi an gnìomhadh(plot)foirfe (neo a’ strì ri bhith foirfe! ), air neo sgeulachd anns a bheil duine, ann an suidheachadh àraidh, air a chur fo ghloine-amhairc an ùghdair mar gum b’eadh, gus sealladh a thoirt dhuinn air mar a tha a inntinn, neo a chridhe, ag obair anns an t-suidheachadh sin. Agus rud eile, tha sinn buailteach air fàs sgìth de ’n rud a chaidh a dhèanamh uair is uair mar thà ann an Gàidhlig. Chan ann idir a’ deanamh tàir air a’ Ghàidhlig a tha sinn ann a bhith ag iarraidh leudachadh fàire dhi anns gach dòigh, agus leanaidh Gairm air, a’ fàilligeadh an dàrna h-uair is a’ buannachd uair eile, a’ cur ri crìochan litreachas na Gàidhlige.
title | Duais Airson Sgeulachd Ghoirid |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Gairm 18 %p |
parent text | Gairm 18 |