[109]

An Sgathan

le CAILEAN MACCOINNICH

GHABH min t-aithreachas; bha mi fhathast suas ri ceithir mìle o Dhrochaid an Daimhs aghrian asìor theannadh ri fàire. Beul achomha-thràths an anmoich, mi air rathad nach beòlachs an leabhar beag iùil agam ag ràdh nach robh caisteal, bothag no àirigh ri cois na slighe eadar Drochaid an Daimh agus Orradhailam baile beag dùthchadh anns an do thadhail mi mu dheireadh. Bha mi eadar fuireach is falbh an Orradhail; bha tigh-òsda an sin atairgse gach comhfhurtachd do fhear-siubhail an rathaid ach bha deòin agam gach mìle a burrainn mi a chur am dhéidh fhads a mhaireadh solas an latha, agus shaoil leam nach beuchd mhór coiseachd e an ath bhaile a bhuannachadh mun tuiteadh an oidhche.

Cha deach gnothaichean leam mar bha dùil; bhris an iall a bha glasadh na màileide móire air mo dhruim, agus chaill mi còrr is leth-uairgan càradhan seòrsa càraidh a bhann. Cha do sguir mo thrioblaidean le sin. ’S gann a chuir mi mìle air mo chùl na thòisich tarunn air tighinn troimh bhonn mo bhròige direach fon òrdaig-mhóirs cha robh air ach stad a rithists làmh a thoirt air grèasachd. Thug mi còrr math is leth-uair eile mun dfhuair mi as an tarunn, ’s mi gun òrd, gun cheap gun inneal-tarruing de sheòrsa sam bith.



[125]

Chuir mi maghaidh air an rathad. Ach cha robh an t-astar a nis idir cho luath na cho aigeannach; bhachas troimhn deachaidh an tarrunn acur dragh orms na h-éill air an drinn min droch chàradh arùsgadh gu h-olc air mo ghuaillean. Eadar iad, chaidh moille an loinn mo cheumas rug an dorchadas orms mi fhathast astar math o bhaile.

Bha mi crònan seann òrain leam féins atoirt sùil an dràsdas a rithist air mo chùlaibh feuch am beireadh còmhdhail orm nuair mhothaich mi air mo làimh dheis, pìos bhàrr an rathaid, solus a bha anabarrach coltach ri deàlradh lòchrain troimh uinneag tighe. Chuir e iongnadh orm on bha mi làn chinnteach nach robh àite còmhnaidh idir air an astar soco-dhiùbh a réir stiùiridh an leabhrain bhig, ’s cha dfhuair mi riamh ceàrr e. Ach rinn mi air an t-solus agus thug beagan mhionaidean coiseachd mi thun an doruis.

Bha i car dorcha airson beachd dhòigheil a ghabhail air an tigh, ach dheanainn amach gur e togail de mheudachd cholach a bhann, ’s nuair a rinn mi mo shùilean ris an t-solus a bha deàrrsadh amach troimh an uinneig a bfhaisge air an dorus, chithinn gu robh clàr mór crochte os cionn an àrd-doruis. Taigh-òsda, arsa mi féins mig éirigh air mo chorra-biod feuch an robh dealbh no sgrìobhadh air abhòrd. Bha na siantan air an dath a thoirt dheth am badan, ach rinn mi mach bho dheireadh cruthachd eòin a ghabh rium mar ghèadh gu faca mi sgrìobhte fòidhe an t-ainm, ‘An Eala’. Làn chinnteach gur taigh-òsda bhann bhuail min dorus gu farumach le mo dhòrn, is sheas mi air ais ceum; ach cha dfhuair freagairt. Bhuail mi an dara turas le barrachd spuirts dhfheith mi greiseag ach cha dfhosgail doruss cha dghluais duine stigh. Bha mfhoighidean aruigh amach, ’s bha mi dol a theannadh air crògaireachd mun cuairt feuch am faighinn cnap cloichebheireadh cnagadh ceart air an dorus, nuair thuit mo shùil air seann ghlag meirgeach an crochadh ri taobh na h-ursainne. Thug mi crathadh math airs chuir e suas stàirn chruaidh neo-cheòlmhor. Dhfhosgladh an dorus cho luaths gur ann a thug mi clisgeadh asam; sheas fireannach àrd dorcha mum choinneamhs dhamhairc e orm gun ghuth as a cheann mar gum biodh e eadar- ’a-chor co-dhiùbh a dhiarradh e steach mi na dhùineadh en dorusnam aodann.

Mu dheireadh, “ tha thug iarraidh?”

Bha mise cho aithghearr ris féinnam fhreagairtLeaba ma tha i ann, ’s mur eil, àite sìnidh air an ùrlar gu latha.”

Rinn e osnadh, stad e car tiotain, ’s an sin— “Thig asteach; tha e glé anmochs tha na searbhantan uile air a dhol a laighe ach chì mi ni mi riut.” Sheas en dàrna taobhs ghabh mise steach. “An rathad so,” ars esan, adol air thoiseach orm sìos trannsa chaol dhorcha anns nach robh a sholus ach na bha tighinn on lòchran mhùgach a bha e giùlainna làimh. Dhfhosgail e dorus aig ceann na trannsas chaidh sinn asteach do sheòmar beag anns an robh bun de theine fhathast beò air an teallaich. Tharruing e cathair ìosal na bu dlùithe air an teinnteans dhiarr e orm suidhe. Chuir mi dhìom amhaileid, shuidh mi, shìn mi uam mo chasan, taingeil an cothrom fhaotainn beagan den sgìos a leigeil dhìom. Dhfhàg esan an seòmar gun



[126]

fhacals ghabh min cothrom barrail mo bhrògan fhuasgladh oir bha mo chasan anabarrach goirt, teth. ’S gann a bha mi air so a dhèanamh nuair a thill egiùlain air mèis mhóir aran is càise, beagan de fheòil fhuair agus stòp math leanna.

Chàirich em biadh air mo bheulaibh, “Dean do shuipeir dheth mar is fheàrr a dhfhaodas tu,” ars esan agus smid eile cha tainig thar a bhilean fhads a bha mi ag itheadh. Chan e nach robh mi coma co-dhiùbhs an t-acrasgam tholladh. Bha ena shuidhe air taobh eile an teine, uileann air a ghlùin, a smigeid an taic a làimhe agus a shùilean asìor amharc a chridhe na grìosaich a bha nise teannadh ri fàs bàn, airsneulach air an teallach. Cha robh a choltas idir tlachdmhor, ’s chan e mhàin dubhachas a bha ri lorgna ìomhaigh; bha faireachadh agam gu robh air choreigin eile ann nach burrainn domh briathran a chur air.

Chuir mi crìoch air an t-suipeir stuama sos dhéirich mi am sheasamh asìneadh uam mo làmhan, acur an céill gun fhacal a ràdh gu robh mi deas son na leapa. Thog e coinnleir o thaobh an teines chuir e solus ris abhun coinnle a bhann. “Mar so,” ars esan, afàgail an t-seòmairs ationndadh suas staidhir chas mu thrian na slighe sìos an trannsa. Lean mi gun fhacal agus threòraich e mi, tha mim beachd, gu fìor mhullach an tighe. Dhfhosgladh dorus ìosal, sheas e air ais gu mise a leigeil asteach; chuir en coinnleir am làimh, ag ràdh, “So do sheòmar; tha eagal orm nach eil e ach fuaraidh o nach robh teine ann o chionn greise, ach dhfhaodadh e bhith na bu mhiosa: oidhche mhath leat!” Mun dfhuair mi freagairt thionndaidh e air falbhs ghabh e sìos an staidhir.”

Chrom mi mo cheanns chaidh mi steach. Cha robh solus na coinnle ach fann, ach rinn mi mach gur ann air fìor mhullach an tighe bha seòmar, dìreach fo na cabair. Bha coltas na h-aoise air gach a bhann, o na ballaìchean duanaidh, còmhdaichte le pàipeirean bhair an dath a chall gu brat-ùrlar riobach, crìon a bha uaireigin air dhath uaine. Ach bha leabag amharc glan comhfhurtail, anart geal air na cluasagans na plaidichean air am filleadh sìos gu snasail. Bòrd beag ri taobh na leapa, cathair mhór làimh ris an àite teine agus seòrsa de chiste àrd dharaich fon uinneig, ’s iad uile feumach air làmh ghlanaidh a thoirt orra. Sin àirneis an t-seòmair gu h-iomlan, ach sgàthan mór a bhan crochadh os cionn an t-simileir. A nis ged rinn mi iomradh air gach ball eile san t-seòmar air thoseach air an sgathan na bi smuaineachadh gur e an ni mu dheireadh don tug min aire. ’S en fhirinn gur en sgàthan achiad rud a ghlac mo shùil nuair chaidh mi steach air an dorus.

Faodaidh gur e a tharruing maire dha ionnsaigh cho luath amheud a bhann; chanainn gu robh e co-dhiùbh mu thrì troighean air leud agus còrr is throigh air àirdesgàthan anabarrach mór airson seòmair cho beag, ìosal. Bha céis eireachdail de dharach lìomhta mu thimcheall na gloine, obair làimhe an fhìor fhear-céirde, ’s ma bha an còrr den àirneis fo bhrat duslaich cha robh smùirnean air abhall so. Mas e meud asgàthain a ghlac maire an toiseach, ’s e dath iongantach na gloine a chùm mi am sheasamh ageur amharc



[127]

air fada an deidh dhomh beachd a ghabhail air gach eile bhair àruinn an t-seòmair.

Nam biodh e comasach dhomh a dhìochuimhneachadh gur sgàthan a bhanns toirt a chreidsinn orm féin gur ann troimh uinneig a bha mi coimhead, chanainn gur ann air aghaidh achuain a bha mi sealltainn. Bha dath na gloine mar throm ghorm na mara aguss e bha toirt an tuillidh nàdurrachd da dreach gu robh long fo làn sheòl air a tarruing gu h-ealanta, snasail air aghloine. Cha mhór nach saoilinn, mar a bfhaide bha mo shùil air an sgàthan, gu robh am bàta atulgadh gu socairs a siùil abòchdadh ris an t-soirbheas.

Ach bha mi sgìth; ar leam gum bamaideach an cosnadh dhomhbhith am sheasamh ann an seòmar fuar, aoignidh am marbhann na h-oidhche acoimhead air seann sgàthan. Bha choinneal acnàmh, ’s is gann gu robh de sholus innte na cheadaich dhomh maodach a chur dhìoms mi fhéin a shìneadh saleabaidh mun deach i as. ’S gann bha mo cheann air achluasaig nuair bha mi am shuain.

Dhùisg mi cho luath sin: n ùine a bha mi am chadal chan fhios domh, ach nuair dhfhosgail mi mo shùilean bha an seòmar dubh dorcha. “ ’S éiginn gu bheil e fada on latha fhathast,” arsa mise rium féins mi sìneadh amach mo làimhe air tòir an uaireadair a chuir mi air abhòrd ri taobh na leapa. Sin dìrich nuair a thuit mo shùil air an sgàthan. Dhìochuimhnich mi mun uaireadair.

Bhasgàthan atoirt leis balla an t-seòmair uileco-dhiùbh cha robh ri fhaicinn ach e fhéin. Chan e mhàin a nis gu robh fiamh na mara na bu chomharraichte air ach bha aghaidh atarruings asìneadh le gluasad tonnan achuain. “Droch aisling,” arsa miseg éirigh air muileann. ’S an sin dhfhairich mi achiad ghluasad; thòisich an leabaidh atulgadh, sìos is suas, suas is sìos an co-chòrdadh ri gluasad abhàta a bha nis alaighes ag éirigh ri séideadh gaoithes ri luasgann thonn.

Thug mi crathadh orm féin, ’s min dùil gur bruaillean truim-laighe bhann; ach bha mi am shealltdùisg, cha robh teagamh saghnothaich. Dhùin mi mo shùilean gu teanns dhfhosgail mi rithist iad feuch am falbhadh an tannasg -nàdurra, ach atharrachadh cha robh ann. Co-dhiùbh shaoil leam nach robh an toiseach, gus an do shìn mi mach mo làmh gu gréim a ghabhail air ni-eigins mi air mo chrathadh gu h-olc o thaobh gu taobh. Gur e ròp fliuch air an damais mo ghréim agus aig acheairt mhionaid shoilleirich i. Ach be sin an soilleireachadh! Leabaidh na seòmar cha robh rim faicinn, ’s bha mise air bòrd bàtas gréim bàis agam air àradh ròpa bha sìneadh gu bàrr achroinn. Chan urrainn dhomh a ràdh gu robh eagal orm roimhe seo, cho -nàdurras ga robh na thachair dhomh; ach mur robh, bha a nis! Bham bàta an cunnart a bhith dhìth mur toirte h-aodach uaipe gun dàil, agus thuig min suidheachadh am prioba na sùla; cha robh dheòlas marachd agamsa na cheangladh ceann air sgoth bhig aon siùil ach san ghàbhadh so bha mi mach air an t-slait còmhla ri càch. Gach uair a laigheadh an long an amar fairges anail na stoirme afiaradh a cuid chrann cha mhór nach bàrr na slaite atomadh samhuir.

Bha dithis sheòladairean na bfhaide muigh air an t-slait na mise



[128]

s iad le chéile trang atarruings asnaimeadh mar bha mi féin. Dhinnse na fìrinnbha mi cho dìon an sàs nach robh ùine agam coimhead orra gus an do ghlaodh fear dhiubh mar gum biodh ena éiginn. Thog mi mo shùils chunna mi am fear a bhair fìor bhàrr na slaite atogail a dhà làimhes atuiteam an comhar a chùil don fhairge. A nis cha chuireadh call den t-seòrsa, truaghs ga robh e, iongnadh orm san t-suidheachadh chunnartach a bhann, ach chlisg mi nuair thug mi fainear gu robh am fear a bfhaisge air e fhéin sìnte mach gu ceann na slaite, aon làmh an greim agus sgian fhosgailte san téile.

Thug esan sùil aithghearr thar a ghuaille, ’s cha dìochuimhnich mi feasd cruthachd aodainn nuair mhothaich e gu faca mise thachair. Mar an cat thionndaidh e air an t-slait agus rinn e orm, an sgianna làimh agus am bàsna shùils ged bha ìomhaigh air a snìomh le feirgs le fuath dhaithnich mi e san uair sin. ’S e fear an taigh-òsda a bha teannadh orm, ’s cha robh an teagamh bu lugha agam nach e cur as domh a bhana rùn. Cha do ràinig a bhuille mise riamh; stad e letheach slighe, thuit an sgian as a làimh agus chòmhdaich e shùilean le làmhan. Ged a bàrd toirm na gaoithes nan tonn shaoil leam gun cuala mi an osnadh a rinn e.

Leis an fhaochadh a fhuair mis ann a thainig mar gum biodh neul orms nuair chaidh sin seachad, dhfhosgail mise mo shùileans minam shìneadh an leabaidh an taigh-òsda, grian na maidne adeàlradh asteach air uinneig mo sheòmairs an sgàthan mór croichte air abhalla mu mchoinneamh. Eadhon an solus an latha bha dath achuain air aghloine ach bhan long socair gun ghluasad air aghaidh mar a dhfhàg làmh an fhir-tharruing i.

Aisling cho olcs a bhagam riamh,” arsa mise atruiseadh mo mheuran troimh mo ghruaig, cleachdadh tha agam daonnan an deidh dùsgaidh. Thainig stad orm. Bha mfhalts maodann bog fliuch, bha fàile cobhar na maranam chuinneanans blas amhearail saillte air mo bhilean. Dhéirich mis thòsich mi ri cur orm an cabhaig, abòideachadh nach blaisinn biadhs nach deanainn an tuilleadh moille fo chabair na fàrdaich so. A dhaindeoin moidhirp air mo shùil a chumail air falbh on sgàthan bha ni-eigin atarruing màire chuige, ’s fhads bhiodh mo shùil dheth cha mhór nach tugainn mo mhionnan gun cluinninn diasgann nam balls crathadh nan seòl air abhàta mhallaichte ud. Chan ann aon uair a thainig e fodham am brod-griasaich a thogail agus spealgan a dheanamh dheth; ach bhac mi an togradh cho làidirs gan robh e strìnam inntinn.

Dhfhàg mi an tigh gu sàmhach fiata agus thug mi druim an rathaid orm, taingeil a bhith amach as.

. .. .. .. .. . ..

Lìon am bodach a phìobs las e i gu faicealach. “An a charaidars esan, “chan eil na tighean-òsda cho pailts a bhà iad. Ma tha daghaidh an ear chan eil tigh-òsda nas fhaisge ort na Orradhail.” Bha sinnnar suidhe air beulaibhAn Iasgairan Drochaid an Daimhs bha mi gu seòlta aceasnachadh abhodaich mun choimh-



[129]

earsnachd. “ ’S gu mun Eala? ”, arsa mise atoirt sùil air gu neochiontach.

“ ‘An Eala’ ”, ars esan, ag amharc orm gu geur, “Chan eil annad ach coigreach sacheàrna so?” “Cha robh mi riamh roimhe an rathad,” fhreagair mi, “ach shaoil leam gun do leugh mi mun tigh-osda sin uaireigin”.

Tha còrr is leth-cheud bliadhna on chaidhAn Eala’ ’na theine— ’s bha e cho math, ma dhfhaoidte. Bha e dol sìos an leathad, co-dhiùbh, ’s cha robh sin mar iongnadh; nuair a dhfhalbh Màili sguir daoinega thadhal. Cha robh anns an òsdair fhéin ach duine fuar neogheanail, ’s chaidh e uaithe buileach an deidh a bhean a chall. Gnothaich neònach cuideachd, bàs abhoireannaich sin.”

bha cho neònach mun ghnothach?” arsa mi féin, asmèideadh ris an òsdair stòp leanna chur air beulaibh abhodaich.

An ,” ars esan, “ ’S e thann ach naidheachd fhada, ’s chan eil móran mun cuairt so aig a bheil cuimhne air achùis ach mi féin. Bheil thu faicinn, nuair a chaochail athair is màthair Màili, thuit an tigh-òsdas cuid a h-athar uile oirre. Chùm i an t-àite dol gu ciatach, ’s mar bha dual bhiodh móran de dhaoinòga as gach ceàrna mun cuairt atadhal oirrebha Màili bòidheachs bha i beartach.

A réir gach coltais bha dithis àraidh ann don robh toil aice thar chàichseòladairean a bhannta le chéile, ach be beachd an àite uile gur e am fear a bòige dhiubh a roghnaicheadh i air acheann mu dheireadh. Bhan dithis air an aon bhàtas bha iadnan deagh chompanaich a dhaindeoin Màili. Ach mar bha san dàn, chailleadh rogha Màili ann an stoirm aig muir, ’s nuair a thill am fear eile ghabh i ean t-seann sgeulachd!

Chan eil teagamh nach robh iad acòrdadh math gu leòir, ’s gu dearbha cha burrainn i ràdh nach robh e math dhi. Cha robh a bannasaiche na chéile a ghabhadh lorg thall na bhos nach toirte dhachaidh chuice nuair dhfhalbhadh e air chuairt. Ach turus dhe na tursan thug e dhachaidh chuice as an Eadailt sgàthan, ’s cha robh Màili an ceudna riamh tuilleadh.” Stad am bodach, ’s chaidh crith fhuar troimheam.

Chunna mise an sgàthanars esan, “ ’s cha robh dhìth air a bhith briagha; gloine ann air dhath achuain agus long fo sheòl air a dealbh oirre, cho nàdurras gun canadh tu gum bu chòir dhi gluasad. On latha thainig an sgàthan asteach air dorus an tigh-òsda dhatharraich Màili; chuir na h-uile umhail oirre. Beag air bheag chlaon i air falbh o fears bho dheireadh, mar bha fhios aig an àite uile, bha i cur seachad achuid bu mhotha de h-ùine ann an seòmar beag shuas fo na cabairi fhéins an sgàthan. Sin far an dfhuaras marbh i aon mhadainn.”

Marbh”, arsa mise, “ thainig ceàrr? ”.

Sheall am bodach orm mar nach robh e uile gu léir cinnteach an canadh e an còrr. Ach chùm e roimhe, “Sin an rud a biongantaiche mun chùis, ’s ged tha mise dol ga innse dhut chan eil mi cinnteach gun creid thu smid dhe; bha Màilina laighe air an ùrlar, a làmhan mun cuairt air an sgàthan, bàite.”

Bàite”, arsa mi féin fo manail, agus ris abhodach, “Bàite, an seòmar tighe, tri-fichead mìle on chuan! Bheil thu cinnteach



[130]

as a sin?” “Cho cinnteachs gu faca mi féin an corp, an t-aodachs aghruag bog fliuch le sàl na mara. A bhàrr air sin thubhairt an dotair gur ann bàite bha i. Mar dhfhaodas tu thuigsinn bha cùirt lagha ann, cuid acumail amach gun deach a corp a thoirt dhachaidh on chladach an deidh dhi bhith air a bàthadh. Ach thog triùir de na searbhantan fianais gu fac iadsan i dol don t-seòmar mu leth-uair mun dfhuaras i agus as eugmhais tuillidh dearbhaidh chaidh an gnothach bàs.”

mun sgàthan? ,” dhfhoighnich mi.

Tha cuid ag ràdh gun do thiodhlaic an t-òsdair e ann an seileir an tighe ach, ge bith dhéirich dha chan fhaca duine riamh tuilleadh e. Chaidh an taigh-òsdana theine mu bhliadhna na dhà an deidh sin, ’s loisgeadh e fhéin gu bàs anns an dearbh sheòmar san dfhuaradh a mhnaoi. Gnothach bochd, achs fhada o chaidh e air dhìochuimhnmar theid sinn uile.”

Dhéirich am bodach, thug e taing dhomh, ’s dhfhàg e latha math agam.

Chaith min lathan uile siubhal na dùthchadh eadar Orradhail agus Drochaid an Daimh ach tigh no àite còmhnaidh de ghnè sam bith cha dfhuair mi air an astar. Tha leabhar beag agam ceart, agus tha h-uile coltas gu robh barrachd fìrinnan sgeul abhodaich na bha fhios aige fhéin air. ’S e mo bheachd nach tuig sinn gu bràth dìomhaireachd tìm; tha crìochan air comas breithneachaidh mhic an duine, ach tha amharus math agamsa bha Màili afaicinn san sgàthan.

[Sanas]

titleAn Sgàthan
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Cailean MacCoinnich in Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page