[132]

Creag Gorraidh

(Chaidh an sgeulachd so a chur thugainn le fear de luchd-leaghaidh Gairm ann anNew York,ach gu -fhortanach cha do dhinnis e ainm dhuinn.)

AIR taobh a deas Bheinn-nam-Fadhla tha cirb bheag de bhaile ris an abrar Creag Gorraidh. Tha e acur móran iongatais air luchd turuis cionnas a fhuair am baile beag so an t-ainm, is bithidh iad afaighneachd gu tric, “Càite a bheil achreag a tha air a h-ainmeachadh air Gorraidh?” Is dòcha nach eil móran an diugh ann am Beinn-nam-Fadhla a tha comasach air acheist so fhuasgladh.

O chionn fhada, bha banntrach bhochd agus aon mhac aice dam bainm Gorraidh atàmh ann am bothan beag faisg air far an robh Tigh-òsda nan Camshronach. Bha tigh aon chroiteir faisg air abhothan, aguss ann ag obair astighs amach mu thigh is fearann an duine so a bha abhanntrach adeanamh a beò-shlaint. Bha am mac aice aig an àm so mu chuairt air deich bliadhna a dhaois, agus bha e air a dheagh thogail ann an eagal an Tighearna, fìrinneach agus beusach. Bha an croitear agus abhean aige acuideachadh na banntraich ann an togail abhalaich bhig.

Thainig madainn fhuar mu chuairt, agus cha burrainn don bhanntraich éirigh air amhadainn sud, oir bha i ro thinn le fuachd agus le fiabhras, agus mo thruaighe cha robh gréim bidhe anns abhothan bheag air a son féin no airson abhalaich. Dhinnis i do Ghorraidh an staid anns an robh i, agus nach burrainn dhi a thoirt dhà ri itheadh. Dhiarr i air a dhol anull gu tigh na bana-mhaighisteir agus a cor innse dhi.

Bha mulad mór air Gorraidh nuair a chuala e nach robh ann dha mhàthair, oir bha e ro mhiosail oirre. Is ann a smaoinich e gu rachadh e a thràigheach, fiach a faigheadh e portain anns an tràigh a bhruicheadh e ann an teine ri cois achladaich.

Mar a bhios tubaist atachairt, ciod e ach aig an àm so chuir bean achroiteir amach mulchagan càise air bhàrr tobhta na h-àthadh airson an tiormachadh. An ceann ùine bhig, dhionndrainn bean an tighe de na mulchagan, agus is ann a smaointich i gur h-e Gorraidh a thug air falbh i, agus chuir sin móran feirge oirre. Is ann a leum i null gu bothan na banntraich agus thuirt i rithe nach robh i atogail Ghorraidh mar bu chòir dhi nuair a ghoid e a càise oirre.

Cha duirt abhanntrach facal, ach dhéirich i a leaba an fhiabhrais, agus thog i oirre amach fiach am faiceadh i Gorraidh. Bha am balach adìreadh an cois achladaich nuair a chunnaic e a mhàthair atighinn fagus dha. Chuir e fàilte choibhneil air a mhàthair, aglaodaich aig an aon àm, “Cha bhi an t-acras fada oirbhse; tha rud math agamsa dhuibh.” “A dhroch phreasainorsa a mhàthair, “cha do ghabh mise gnothach riamh ri meirle, agus cha ghabh.”

Aig an àm sin bha Gorraidh adol seachad ri taobh creige, agus gun fhios aige ciod a bha a mhàthair aciallachadh. Ann an dol seachad na creige phut a mhàthair e le a h-uile neairt an aghaidh na creige, agus bhuail a cheann ris achloich. Thuit e sìos chùm an talamh aguss ann an uair sin a thuit ceig phortain amach on chòta aige,



[133]

agus iad air am bruich, agus ìongna mhór air fhàgail orra. Cha do dhéirich Gorraidh riamh. Thog bean a bha adol seachad e, ri taobh na creige. An ceann ùine bhig thòisich e ri dìobhairt, ach cha robh air a stamaig ach ìongnan caola nam portan, agus tha fios aig gach neach nach eil móran susbaind ann an ìongnan caola portain. Shàbhail an truaghan na h-ìongnan móra gu a mhàthair.

Bhàsaich an gille bochd agus chaidh a thiodhlacadh ri taobh athar ann an cladh beag Lìnicleit, oir bha so mun do thòisich tiodhlacadh ann an Cladh Mhoire.

S e rud bu chruaidhe den tubaist gun do ghabh fear de na seirbhisich aig achroitear ris gur esan a ghoid an càise, agus nach robh gnothach fon ghréin aig Gorraidh ris amheirle.

Nuair a thainig abhanntrach dhachaidh feasgar an tiodhlacaidh dhfhuirich banacharaid dhi còmhla rithe anns abhothan, ach nuair a thainig glasadh an latha cha robh sgeul air abhanntraich: bha i air falbh agus thug i leatha trì gobhair a bhuineadh dhi féin. Cha robh fios càite an deachaidh i. Sheall iad air a son, ach cha robh i ri a faotainn an àite air bith.

Air an ath bhliadhna chunnaic cìobair a bha asiubhal ann an gleann uaigneach saBheinn Mhóir ann an Uibhist-a- Deas i. Aig an àm sin bha ina cadal ri taobh creige agus na gobhairnan sìneadh mun cuairt oirre.

An ceann ùine mhóir, air do chroitear Chreag Gorraidh éirigh tràth aon mhadainn ciod a chunnaic e ach na gobhair aig bun na creige far an do thachair an gnothach muladach. Chaidh e chùm nan gobhar, agus is ann an uair sin a chunnaic e abhanntrachna suidhe, agus coltas abhàis oirre. Bha i comasach air labhairt, agus thuirt i ris, “Tha mise air a dhol roimh mhóran on anns an déirich an cruaidh fhortan dhòmhsa, agus tha fios agam nach eil am bàs fada bhuam. Cha do dhéirich a leithid riamh do bhoireannachs a thachair dhòmhsa. Thill mi a bhàsachadh an so. Tiodhlaigte mi ri taobh mo mhic, a fhuair am bàs neochiontach. Tha mi afàgail nan gobhar aig an neach a ghabhas dragh mo thiodhlacaidh. Fiach gum bi e coibhneil riutha.”

Cha robh achreag ro mhór; bha ina stob ri taobh na Fadhlach a Deas, agus bha i ann gus an do chuir sgiobadh an rathaid mhóir as a chéile i leis nabulldozers .Sin agaibh eachdraidh Chreig Gorraidh.

[Sanas]

titleCreag Gorraidh
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page