[136]

An t-Oireachtas

Le SEUMAS MACTHOMAIS

BHA grian an fhoghair adeàlradh air aChuan Eireannach mar a bha sinn asitheadh thairis air anns an itealan air ar turus dhionnsaigh Baile Atha Cliath, far a robh Féill an Oireachtais gu bhith air a cumail fad ochd is oidhche. Cha robh sinn tiotadh an deidh Glaschu fhàgail air ar cùl nuair a thog sinn cladach Eireann, agus an ùine nach robh fada bha sinn aseòladh os cionn raointean glasa, cuimir eadar na beanntan agus iomall na tràghad gus an do ràinig sinn ar ceann-uidhe.

Bha caraid nach baithne dhuinn afeitheamh ruinn le a charbad, agus thug esan di-bheatha chridheil dhuinn saGhàidhlig Eireannaich, cainnt a bha daonnan air bilean na cuideachd am measg an robh sinn fad na seachdaineach. Dhfhalbh e leinn gun ar cead iarraidh gu tigh-òsda eireachdail am meadhon abhaile, agus chùm e sùil oirnn an sin gus an robh e cinnteach gu robh sinn dìreach aig an tigh. Cha leigeadh e fhéin a leas, oir cha bfhada gus na thuig sinne gur e fuireachd aig an tigh bu chòir do neach sam bith nach fhaireadh aig an tigh am measg Gaidheil Eireann. Cha robh dìth coibhneis na carthannais oirnne fad ar cuairt, ’s cha robh dìth saorsa no frithealaidh anns gach dòigh. Ma tha sluagh eile amach as na h-Eileanan a Siar nas dàimheile agus nas teò-chridhiche chan aithne dhòmhsa iad.

Thòisich Féill an Oireachtais le seirbheis anns an eaglais air madainn Di-Sathuirne far an robh compàirt aig cinn na Stàite agus luchd-riaghlaidh na Féille, a thuilleadh air móran eile. Fad an latha sin bha co-fharpaisean aig luchd-seinn gu tràth feasgair. Aig ochd uairean a dhoidhches ann a bha anOsgailt Oifigiúilaca an Tigh an Aird Mhaoir. Tha ena chleachdadh aca gu bliadhnail aig an fhosgladh òraid Ghàidhlig fhaighinn o sgoilear barraichte. Thug an t-Athair S. MacAmhlaoibh, S.I. , sin dhaibh air achuspair, “Gràdh Tìre,” agus fhuair e làn éisdeachd on chuideachd a bhan làthair.

An deidh na h-òraide sheinn trì chòisridhean inbheach cóig òrain dheug, cóig an urra, gun bhriseadh puirt, agus chuireadh crìoch air aghnothaich le móran còmhraidh. Tha briathran neo-ar-thaing cho pailt ri càirdeas an Eirinn. Cha robh an oidhche seachad fhathast. Ged a sguir achuirm an oidhche ud cha do sgaoil achuideachd. Chruinnich iadnan cròileagain air an ùrlar agus mu na dorsan. Ghàir is bhruidhinn iad, leig iad beannachdan tairiseach le chéile le fàsgadh is crathadh làimhe, dìreach mar a dheanadh na bodaich againn fhéin. Dhfhalbh cuid aca dhachaidh an sin, ach dhfhàg sinne an còrr aca an sud.

Na duaisean a thugadh seachad bha iad lìonmhor agus cuid aca luachmhor, gu sònraichte airson litreachais. So cuid aca. Airson dealbh-cluiche goirid, £40 ; eachdraidh sgìre, £30 ; eachdraidh Colaisd Uladh, £75 ; iomradh air ath-bheothach na Gàidhlige, £100 ; sgrùdadh farsaing mu ghnàth-litreachais na Gàidhlige, £200 .

Feasgar Di-luain agus oidhche Mhàirt bha inbhich aseinn òran anns an t-seann nós, agus ag aithris bàrdachd is sgeulachdan. Ach cha robh idir àireamh nan co-fharpaisean cho lìonmhor, no uiread de luchd-éisdeachd an làthairs a chì sinn aig aMhòd.



[137]

Feasgar Di-ciadain a rìs bha còisridhean as na sgoilean àrda agus na sgoilean gnìomhachais, chan ann astrì ra chéile, ach anochdadh cho fileantas a bha iad air seinn, air dannsadh, agus air inneil ciùil, agus air madainn Di-ar-daoin bha na sgoilean ìosal ris an dearbh chleas. Bu taitneach an a bhith faicinn còmhlain chloinne, gach buidheann mu leth-cheud an àireamh a iomadh ceàrnaidh den dùthaich, ’gan riarachadh fhéin agus aig an àm cheudna ri toirt toil-inntinn araon do luchd-amhairc agus do luchd-éisdeachd, gun sùil ri duais.

Bha ùine gu leòir ann air feadh na seachdaineach airson pìobaireachd, fìdhleireachd, agus clàrsaireachd. Bha àm ann airson camanachd is cuirm, céilidh is caidreamh. Ach bha àm a bharrachd ann airson dealbhan-cluiche. As gach ceàrnaidh de Ghaidhealtachd Eireann thainig co-fharpaisich a chur an céill an gleusdachd an Gàidhlig shiùbhlach, so-thuigsinn, agus bha e cho soilleir ris aghréin gu robh an luchd-éisdeachd buidheach orra. Anns gach cuideachd, beag no mór, cha chluinnte lideadh ach anns aGhàidhlig.

Cha robh gnothaichean an Oireachtais cho deatamach no cho dripeils nach robh ùine againn an dùthaich mun cuairt a thadhal. Thug mises mo bhana-chompanach sgrìob aon fheasgar asteach a chridhe na dùthcha troimh ghlinn chraobhach, is mhonaidhean fàsail nach robh idir ao-coltach ri ceàrnaidhean anns na h-Eileanan a Siar. Chunnaic sinn seann làraichean agus togalaichean len eachdraidh sgrìobhte air clàraibh cloiche. Thadhail sinn an cois achladaich air sgoil Ghàidhlig far nach cluinnear leis na caileagan a tha air an oileineachadh innte facal Beurla ach beag o Dhi-luain gu Di-Dòmhnaich, far a bheil gach cuspair air a theagasg agus air ionnsachadh, ach Beurla a mhàin, an cainnt na Stàite. Fhuair sinn fialaidheachd is carthannas an dachaidh aon den luchd-teagasg nach dìochuimhnich sinn airson iomadh is bliadhna.

nis mar a choimeasar cor na Gàidhlig an Eirinn ri suidheachadh na Gàidhlig an Albainn? Tha e fìor bho theid achlann an Stàit Eireann don sgoil gus an dhfhàgas iad i, gu bheil iad afaighinn a h-uile cothrom aGhàidhlig a thogail agus a h-ionnsachadh. Tha gach cuspair, ach Beurla, air a theagasg dhaibh an cainnt na dùthcha on chiad . “A bheil e iomchuidh,” ars thusa, “achlann aig nach eil facal Gàidhlig a bhith air an teagasg ann an cainnt choimhich?” Cha chan mise ach so: “A bheil e -cheart clann aig nach eil facal Beurla a theagasg anns achànain sin air tùs?”

Tha clann na sgoile làn chomasach aGhàidhlig a labhairt, a leughadh agus a sgrìobhadh mus fhàg iad an sgoil. Ach chan eil mi idir cho cinnteach gu bheil iad atoirt làn àite no eadhon àite beag fhéin di an deidh làimhe.

Feumaidh seirbhisich na Stàite eòlas na Gàidhlige a bhith aca, agus a cleachdadhnan obair. Tha ainmean nan sràidean an Gàidhligs am Beurla. Tha gach tigh is ionad a bhuineas don Stàit le ainm Gàidhlig sgrìobhte air, ach cha chuala mise facal Gàidhlig air sràid am Baile Atha Cliath fhads a thug mi ann ged a dhéisd mi gu furachail. Chan eil aGhàidhlig, ged is i cainnt na dùthcha, air a cleachdadh gu bitheanta anns na dachaidhean air Galldachd, agus chan eil ach



[138]

mu thuairim 40,000ga bruidhinn gu làitheil ann an Gaidhealtachd Eireann. Agus tha an àireamh sin asìor dhol nas lugha a chionn gu bheil an òigridh afàgail nan ceàrnaidhean sin agus adeanamh an dachaidhean anns na bailtean móra no an tìrean céine. A dhaindeoin lagh is saothair chan eil achainnt Eireannach asgaoileadh fhathast mar chainnt na dachaidh.

Tha 92,000 acleachdadh na Gàidhlige an Albainn mar chainnt làitheil, ach tha an àireamh a rìs asìor sheargadh, agus cunnairt mór ann gum bàsaich aGhàidhlig buileach. Chan eil làn chothrom na Féinne aice ann an sgoilean na Gaidhealtachd, ged a tha cor na Gàidhlige anns na sgoilean fada nas fheàrr na bhà e. ’S ann anns aBheurla a tha achlann air an teagasg ach beag. Chan eil iad aleughadh Gàidhlig gus am bi iad bliadhnachan anns an sgoil, aguss e beagan aca a sgrìobhas i le muinghinn no ealantas an dhfhàgas iad i.

Tha leabhraichean freagarrach airson leughaidh no ionnsachaidh fada ro ghann, agus ro dhaor, an Albainn. Mur eil an Riaghaltas coma saoilidh duine tuigseach gu bheil. Chan eil gainne air leabhraichean Gàidhlig de gach seòrsa an Eirinn. Gheibhear iris-leabhar dealbhachs gun dealbh air iomadh cuspair, agus faodaidh tu paipear-naidheachd anns nach eil facal Beurla a cheannachd mas math leat. Tha an Stàitna cùl-taice aig Gàidhlig Eireann ach chan eil an sluagh air an cosnadh gu bhith cur achothruim gu buil. An Albainn chan eil an sluagh no an Riaghaltas adeanamh na dhfhaodadh iad.

[Sanasan]

titleAn t-Oireachtas
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Seumas MacThómais in Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page