[147]

Tiodhlaic Nollaig

Le DOMHNULL GRAND

LATHA Nollaig air tighinn mu dheireadh is Padruig Beag mu chomhair an dìomhaireachd mhóir. Cha robh fhios aige ro mhath air amhadainn so co-dhiùbh a bu chòir dha a bhith sona no tùrsach.

Ged nach robh Pàdruig ach na naoi bliadhna seachad bha seòrsa de fhaireachadh aige gum be bròn a bha ceart is daoinega fhaicinn. A leithid sin dhaoine air aiss air adhart chan fhaca e riamh roimhe. Bu chòir dha a bhith tùrsach gun teagamh is ise a bha coibhneil risna laighe sachadal bhuan. Be sin a dhiarradh Iseabail, piuthar a mhàthar, air co-dhiùbh, agus bu shuarach an rud e ged a leanadh e a seòl-se aig a leithid de àm.

Chan e gu robh e gu math sam bith snuadh abhròin a bhith air daghaidh ma bha aighearnad chridhe. An robh e atoirt a chreidsinn air fhéin gu robh e duilich? Cha robh. Bha ega h-ionndrain gun teagamh, ’s ann dhà a thigeadh. Gu dearbh nan cumadh e air an rian sin cha bfhada gus am bitheadh e fhéin acaoineadh cho math ri piuthar-a- mhàthar.

Cha robh e adol a chaoineadh. Cha be mulad idir a thainig an uachdar oir be an sealladh mu dheireadh a fhuair e dhith sealladh ciùin sona, fiamh air a h-aodann nach fhaca e bho chionn seachdainean fhads a bha i air a léireadh le euslaint.


Cha be so achiad turus a thainig am bàs gu math dlùth do Phàdruig. Bha fìor-chuimhne aige nuair a chaill e achiad mhàthair a bhaige, ged nach robh e buileach trì bliadhna nuair a thachair e. Be sud an aois a thuirt iad ris fada an deidh sud.

Cha robh achiad mhàthair ach bochd mar a bha móran timcheall oirre an sràidean caola abhaile-mhóir. Bha an sòlasan fhéin aig gach teaghlach a dhaindeoin sin agus iad adeanamh an dìchill gu bhith cho adhartach ris na daoine man timcheall.

Ged nach robh cuimhne réidh aig Pàdruig air mar a thachairna chiad dhachaidh chan eil teagamh nach dfhàgadh claiseanna inntinn nach rachadh a lìonadh gu sìorruidh. Ciamar a thachair aig àm na Nollaig is gun e fhathasd trì bliadhna a dhaois? Bha na giobaill eile afaotainn rudeigin bho phàrantan no luchd-dàimh, agus bha Pàdruig cho dànas gun dubhairt e sin ri a mhàthair. Mar nach bitheadh abhochdainn dona gu leòir, thainig an tinneasna car. An robh ega mhealladh fhéin, no an do gheall e dhi fhads a bha iga aithneachadh, gun toireadh esan tiodhlaic Nollaig dhi cho luaths a choisneadh e airgead air a shon fhéin?

Ma gheall cha do sheas e dearbhadh. Dhfhuasgail am bàs e bho choimhlionadh agheallaidh mun gann a ruith abliadhna gu ceann.

Cha robh sin ach saoghal eile. Thugadh Pàdruig air falbh as abhaile mhór agus fhuair e dachaidh ùr. Ghabh Màiri Banntrach Alasdair cùram dheth, agus ged nach robh i dad na bu shaidhbhire an gnothaichean an t-saoghail na bha an te a dhfhalbh chan eil teagamh nach robh i saidhbhir an dòighean eile.



[148]

Thug muinntir na Glaic Uaine an aire cho piollach truaghs a bha Pàdruig nuair a thàinig e. Is gann a chumadh an deise ùr a bhair, làidir tiughs gu robh i, am falach an gainne feòla air a bhodhaig. Thuirt iad riutha fhéin gum be an t-àgh a chuir an rathad e, agus gu h-àraidh an rathad Banntrach Alasdair. Bha fhios aca nach bitheadh móran air fhàgail aig ceann na seachdain dhe na tasdain a bha i afaotainn on Stàit airson Pàdruig a chumail.

Cha robh Pàdruig -thaingeil. Cha bann le briathran a nochd e a thaingealachd, ach le aghaidh aoidheil agus ceum aotrom. Cha robh an còrr a dhìth air Màiri Banntrach Alasdair. Chaidh Pàdruig don sgoil agus lean soirbheachadh ris an sin mar an ceudna.

Cha robh achlann eile -choibhneil ris, oir cha be so achiad dhìlleachdan a chunnaic iad atighinn don Ghlaic Uaine. Bha balach an suds an so, agus corra chaileag cuideachd, atréigsinn seann eòlaich agus acumail astigh air achoigreach. Rinn cuid spliachd dha na bloighean Beurla a bhaca agus moit orra gum burrainn daibh bruidheann ri Pàdruigna chànain fhéin. Chan e gu leigeadh iad a leas sin, oir bha Pàdruig ag ionnsachadh na Gàidhlig na bu luaithe na bha iadsan ag ionnsachadh na Beurla.

Tha balach tapaidh an sud agaibh”, arsa am maighstir-sgoile ri Màiri Banntrach Alasdair aon latha Sàbaid is iad atighinn dhachaidh as an eaglais, “na bith càit an dfhuair sibh e”. “Tha e sin,” fhreagair Màiri, “cha deanadh mac na bfheàrr”.

Cha dfholaich Màiri bhuaipe fhéin no bho Phàdraig sgeul nam bliadhnachan bho thoiseach. Is minig a bha iad acòmhradh air amhàthair a chaill e. Theagamh gun do dhaingnicheadh am meas air achéile anns an dòigh sin na bu treasa na ghabhta dèanamh air dòigh sam bith eile.

Dhfhàs na sgoilearan eòlach air Pàdruig; bha e mar aon dhiùbh fhéin. Cha robh an latha buileach leis, oir dhùisgfhileantachd farmad an àite no dhà. Be Calum Mac-an-aba am prìomh-sgoilear mun tainig Pàdruig; bfheudar dha a nise an inbhe ud a leigeil bhuaithe. An rud nach deanadh Calum astigh anns an sgoil, dhfhiach e ri a dheanamh air an raon-chluiche. Cha do dhearmad e cothrom Pàdruig a chur air a dhruim-dìreach anns gach gleachd a bhitheadh ann.

Bha so na bfhurasda do Chalum na bu chòir dha bhith, oir cha robh nàdur aghearain am Pàdruig. Cha mhotha a bha Màiri comasach air a chòir a sheasamh. Bha i strì ris achroit moch is anamoch agus nach be sin, a réir mar a thuirt na nàbaidhean, a thug an gaiseadh innte mu dheireadh. Cha robh Màiri idir gu math.

Cha do chùm an lighiche ainmeil fada i. Thuirt e rithe tilleadh dhachaidh agus gach cùis a réiteachadh eadar i fhéins a teaghlach.

[Sanas]



[149]

Cha robh sin ach achomhairle a bha aige, smaointich Màiri, gach duine anns an t-suidheachadh so, gun fhoighneach an teaghlach a bhann no an robh teaghlach idir ann.

Bha Iseabail, piuthar Màiri, aig an tighna h-àite agus gu fortanach, ma bha sgial air fortan, bha i comasach agus deònach fuireach còmhla ri Màiri. Bha Màiri aoidheil ris na h-uile. Shaoileadh tu gum bu mhath leatha a dhearbhadh nach robh i acur achoire airson a cor air duine beò. Bha an latha agiorrachadh. Mar a lughdaich an solus anns an speur, dhfhalbh an solus a sùilean Màiri beag is beag. Bha fhios aig Iseabail agus aig na coimhearsnaich nach maireadh i fada.

Bha Pàdruig amothachadh gu robh a mhàthair glé thinn. Ma thuig e a bha anns abhàs cha do ghabh e air e. Be rud a bhann a bha tachairt do fheadhainn eile.

Bha an Nollaig dlùth agus othail am measg nan sgoilearan fa chomhair achuiridh bhliadhnail a bha afeitheamh orra gu tigh na baintighearna aig ceann shuas an loch. Bha Pàdruig còrr is naoi bliadhna a nise agus air teachd gun inbhe a leigeadh leis a dhol gun chuirm airson na ciad uair. Neo-air-thaing sgeul dhà-san agus don fheadhainn òg eile bho na sgoilearan móra a bha thalls a chunnaic mun ghreadhnachas a bha rompa.

Cha chuireadh , eadhon tinneas a mhàthar, an cruinneachadh so a smaointean Phàdruig. Thainig an latha roimh Nollaig agus thuirt Màiri ri Iseabail tràth dhen latha, “Bi cinnteach a nise gun teid Pàdruig gun treut a nochd”. Cha duirt Màiri móran an déidh sud.

Bha cuirm na Nollaig cho maths a bha an t-ainm. Bha Pàdruig cho cinnteachs a burrainn aon de aois a bhith nach fhac e a leithid riamh agus nach robh e an comas duine na bfheàrr a shealltainn dha gu bràth tuilleadh. Thainig Bodach na Nollaig agus shìn e do Phàdruig poca shaoiteas agus neapaicinn pòcaid. Bha na h-uile riaraichte agus thàinig deireadh na cuirme. Chruinnich còmhlan beag na Glaic Uaine agus ghabh iad an ceum dhachaidh.

Sìos an rathad còmhla ri Pàdruig bha Calum Mac-an-aba agus dithis no triùir eile. Bha cagnadh gu leòir air rudan milis ach thug Calum an aire nach do bhlais Pàdruig air a chuid fhéin.

tha thu adol a dhèanamh leis na saoiteas?” arsa Calum ri Pàdruig. “Tha mi adolgan toirt dhachaidh gu mo mhàthair”, fhreagair Pàdruig. “ ’S nach eil”, arsa Calum, is càch astad a dhéisdeachd, “chan e do mhàthair a thinnte co-dhiùbh. Tha fhios againne glé mhath cia as a thàinig thu”. “Tha mi coma”, arsa Pàdruig, adeanamh greim na bu daingeann air na bhana dhòrn, “tha mi adol gan toirt dhachaidh co-dhiùbh”. Mhothaich am fear eile le -thlachd nach robh Pàdruig air a leòn cho mórs a bha dùil aige.

Thòisich Calum a rithisd. “Cha toir thu dhachaidh iad. Thoir aonan dhòmhsa”. Leis a sin spìon e am poca a làmhan Phàdruig agus sud na saoiteas sgapte air an làr mun timcheall. Dhfhàg Pàdruig Calum acruinneachadh nan saoiteas agus thug e ris na buinn. Bha an neapaicinn aige fhathasd.



[150]

Bha dithist dhe na coimhearsnaich astigh còmhla ri Iseabail. Bha e furasda gu leòir do Phàdruig coiseachd gu fiataich agus bruidheann air a shocair mar a bha iadsan adeanamh. Nach be sin an cleas a bhaige a nise bho chionn sheachdainean.

thagad an sin?” arsa Iseabail. Sheall Pàdruig dhi an neapaicinn-pòcaid agus thuirt e, “ ’S ann dha mo mhàthair a tha e”. Chaidh e fhéin is Iseabail asteach don t-seòmar gu socair. Bha Màirina sìneadhs a sùilean dùinte. Cha duirt aon seach aon guth. Chuir Pàdruig an neapaicinn fo na meòirean os cionn an aodaich agus chaidh iad amach air ais.

Bha Pàdruig air a chois tràth an -ar-na-mhàireach. Bha barrachd na bàbhaist air aiss air adhart, na h-uile gu stòlda, ged nach robh feum air stòldachd an diugh. Bha Màiri far nach cuireadh stroighlich an t-saoghail dragh oirre tuilleadh.

Thug Iseabail Pàdruig asteachga faicinn. Shaoil leis gum fac e fiamh air a h-aodann nach fhac e riamh roimhe, agus bha an neapaicinn paisgtena làimh dheis. Dhinnis Iseabail gun drinn Mairi seòrsa de dhùsgadh feadh na h-oidhche. Sheall Iseabail an neapaicinn dhi agus thuirt i, “So agad tiodhlaic Nollaig bho Phàdruig”. Thainig an aoidh sin air a h-aodann agus dhùin i a sùilean airson an uair mu dheireadh.

Bha Iseabail acaoineadh. “Chan eil so ach Nollaig thruagh dhutsa, a Phàdruig a luaidh”, arsa ise. Cha duirt Pàdruig guth ach be an sòlas, agus cha be am bròn, a fhuair làmh-an-uachdairna chridhe.

[Sanasan]

titleTiodhlaic Nollaig
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Dòmhnull Grannd in Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page