Lasairean na Bliadhn’ Uir’ anns a’ Bhroch
le Ruairidh MacIlleathain
Anns a’ chuid as motha de choimhearsnachdan na h-Albann chan eil a’ Bhliadhn’ Ur mar a bha i idir. Do mo leithid fhèin, a tha measail air seann nòsan, tha i a-nis an ìre mhath mar a tha an Nollaig - rudeigin sgìtheil, a’ leantainn dòighean nàiseanta seach cleachdaidhean ionadail tradiseanta. Chan eil brìgh innte mar a b’àbhaist. Ach gu fortanach, tha àite neo dhà ann fhathast far a bheil an sluagh a’ cumail gu daingeann ri dòighean an sinnsirean. ’S e fear dhiubh am Broch(Burghead)air oirthir Siorrachd Mhoireibh.
Ged a chomharraicheas muinntir a’ Bhroch Bliadhna Ur a’ Mhìosachain, mar a tha daoine air feadh na dùthcha, aig deireadh an Dùbhlachd/toiseach an Fhaoillich, tha iad cuideachd a’ cur fàilte air a’ bhliadhna ùr, mar a b’àbhaist, air an aonamh latha deug dhen Fhaoilleach. Ach ’s e an dòigh a th’aca a tha ’na annas mòr; bidh iad a’ togail is a’ giùlan teine air an guailnean air feadh a’ bhaile, a’ dèanamh solas ann an dorchadas meadhon a’ gheamhraidh. ’S e sin oidhche a’ chlèibhidh agus bha mi fortanach ’s gun d’fhuair mi cothrom a dhol ann am bliadhna.
’S e a th’ann anns a’ chlèibhidh leth-bharaille a th’air a chur suas air pòla is a th’air a lìonadh le teàrr is maidean bho bharaille-sgadain. Tha sgioba de dh’fhireannaich ann a nì fear a h-uile bliadhna air an latha mus tèid a losgadh, fo stiùireadh fhir a th’air a chomharrachadh mar rìgh a’ chlèibhidh. A’ leantainn seann dòighean, tha an tarrag mhòr a chumas an cabar ris a’ bharaille air a bhualadh ann le cloich an àite òrd, is tha teine air a chur ris le fad-mònach. Tha na ceudan dhaoine an làthair, sean is òg, a’ lìonadh an t-sràid aig sia uairean feasgar, agus iad ag èigheachd is a’ dèanamh gàirdeachas nuair a leumas na lasairean ás a’ chlèibhidh airson a’ chiad turais.
Tha fàileadh an teine a’ sgapadh fad is farsaing, a’ lìonadh cuinneanan a tha ceud slat neo barrachd air falbh bhon
chlèibhidh. Agus ged nach tig cuid de sheann daoine a’ bhaile a-mach air oidhche fhuair, thig iad gu an dorsan is an uinneagan airson urram a thoirt do luchd a’ chlèibhidh fhad’s a tha iad a’ dèanamh slighe tro na sràidean. Tha sùilean nan gillean òga a tha càirdeach do bhuill an sgioba a’ deàrrsadh le tlachd is moit, agus iad a’ coimhead air adhart don latha a thig iad fhèin gu ìre, nuair a thogas iad fhèin an clèibhidh. Tha clann-nighean is boireannaich ann cuideachd; ’s iad as motha a bhios ag èigheachd, ged nach eil ach fireannaich anns an sgioba a tha a’ togail is a’ giùlan a’ chlèibhidh. Chan eil teagamh nach eil an oidhche seo uabhasach cudthromach do bheatha na coimhearsnachd. Dh’innis rìgh a’ chlèibhidh, Dan Ralph, dhomh gu bheil i a’ cur ’nan cuimhne gur eBrochersa th’ annta. (Tha am facal sin fhèin anns a’ Bheurla àraidh aca ’na chomharra gu robh Gàidhlig air a bruidhinn anns a’ bhaile o shean).
Chan eil fios aig duine dè cho sean mar chleachdadh ’s a tha losgadh bliadhnail a’ chlèibhidh. Tha cuid a’ cumail a-mach gu bheil ceangail aige ris na Lochlannaich a bha anns a’ Bhroch airson greis, ach tha e nas buailtiche a bhith ’na fhèis Cheiltich a chaidh a chur air chois ri linn nan Cruithneach pàganach. Tha fios againn gu robh na Cruithnich anns a’ Bhroch - bha fear dhe na dùin a bu mhotha is a bu chudthromaiche aca air an rubha far a bheil am baile an-diugh. Gu mì-fhortanach chaidh milleadh mòr a dhèanamh air na bh’air fhàgail dhen dùn aig toiseach an naoidheamh linn deug nuair a bhathar a’ togail baile a’ Bhroch ás ùr.
[Dealbh]
1. A’ losgadh a’ chlèibhidh
Cho fad air ais ri 1666 tha leabhraichean na h-Eaglaise ag innse dhuinn gu robh triùir de sgiobairean-iasgaich a’ bhaile a’ faighinn peanas airson a bhith an sàs ann an losgadh a’ chlèibhidh. Ann an 1689, chaidh aithris a dhèanamh air dithis aig an robh clèibhidh is a bha a’ beannachadh am bàtaichean “a-rèir seann nòs pàganach”. Dh’fheuch muinntir na h-Eaglaise ri stad a chur air a leithid ach, anns a’ Bhroch co-dhiù, dh’fhàilnich orra. Ma dh’fhaodte gu robh iad na bu shoirbheachaile ann an àiteachan eile far an robhar a’ losgadh a’ chlèibhidh aig àm na Bliadhn’ Uire; tha a h-uile coltas ann gu robh an cleachdadh ann air feadh bailtean iasgaich Siorrachd Mhoireibh. Fiù’s air falbh bhon chladach, ann an 1704 bha an Eaglais a’ strì an aghaidh losgadh a’ chlèibhidh ann an sgìre Inbhir Athfhinn(Inveravon)far an robh na tuathanaich a’ beannachadh an cuid chruidh is arbhair le teine anns an aon dòigh ’s a bha na h-iasgairean a’ beannachadh an cuid bhàtaichean.
Tha aithris eile ann an 1869 ag innse dhuinn gu robh luchd a’ chlèibhidh anns a’ Bhroch air sgur a dhol a-measg nan eathraichean-iasgaich leis an teine, a’ tilgeil sìl anns gach tè aca mar a rinn iad grùnn bhliadhnaichean roimhe sin, air sgàth ’s gu robh e màirnealach. Bha iad a’ coiseachd air feadh sràidean a’ bhaile gun a bhith a’ dol don chala - dìreach mar a tha iad an-diugh. Chan ann slaodach a tha iad a’ coiseachd, ge-tà; gu h-àraidh ma tha gaoth làidir ann, feumaidh iad dèanamh cinnteach gum mair an clèibhidh ’s nach loisg e cus mus ruig iad an ceann-uidhe air ncoc ris an canarDoorie Hill, a bha mar phàirt de bhàbhainean an dùin. Leis cho trom ’s a tha e, bidh duine ga ghiùlan airson eadar mu cheud is dà cheud slat (le dithis eile ga chuideachadh) mus tog cuideigin eile e. Anns an t-seann aimsir, bhathar a’ dèanamh dheth nan leigeadh duine leis tuiteam gu làr, gun tigeadh droch-fhortan air a’ bhaile is, nas miosa na sin, nach ruigeadh an neach ceann na bliadhna beò!
Ach, a-rèir muinntir a’ Bhroch, tha sealbh an lùib a’ ghnothaich cuideachd, gu h-àraidh dhaibhsan a gheibh maide leth-loisgte a-mach ás a’ chlèibhidh. Is gu dearbh, chunnaic mi iomadh neach a’ tighinn chun a’ chlèibhidh le miotagan-dìon orra airson maide a thogail ás is a thoirt air falbh don taigh aca. Tha an sgioba a’ cur tuilleadh mhaidean ann fhad’s a tha iad a’ cuairteachadh a’ bhaile gus am faigh a h-uile duine a mhiannaicheas a leithid pìos dha fhèin. Dh’innis gille òg dhomh gu bheil iad gan cumail slàn fad na bliadhna gus nach tadhail droch-fhortan air an dachaighean.
Chan eil a’ chùis ás aonais cunnairt, le lasairean is teàrr teth a’ tighinn a-mach ás air an fheadhainn tha a’ giùlan a’ chlèibhidh.
Chanainn gu bheil muinntir an latha-an-diugh nas faiceallaiche na bha iad anns an naoidheamh linn deug, nuair a bha teàrr goileach, a-rèir aithris ann am pàipear-naidheachd, a’ sruthadh sìos drium an fhir-ghiùlain! Ach a dh’ andeoin sin, chaidh fear a losgadh am bliadhna mu chluas agus b’fheudar do dhotair sùil a thoirt air. Tha sgioba na Crois-Deirg anns a’ bhaile airson na h-oidhche, ged a chumas iad a-mach á sealladh; anns an dearbh dhòigh tha an luchd-smàlaidh ri làimh cuideachd.
Tha deasbad air a bhith ann airson greis mhòir, ged nach eil fuasgladh anns an amharc idir, a thaobh an fhacail “clèibhidh” (clavieanns a’ Bheurla). Bha sgoilear ainmeil na Gàidhlig, Iain Og Ile, dhen bheachd gur ann á “cliabh” a thàinig e (agus am baraille rudeigin coltach ri cliabh), ach chanainn fhèin gur e as buailtich a bhith ceart gun dàinig e bhoclivvie, facal a bh’aig muinntir Siorrachd Bhanbh o shean agus a bha a’ ciallachadh maide a bh’air a sgoltadh airson leus-luachrach a ghiùlan. Ann an leabhraichean na h-Eaglaise anns an ochdamh linn deug, bhathar ag aithris air“lighted Clevies or torches”mar nach robh diofar cudthromach ann eadar clèibhidh agus leus.
[Dealbh]
2. Sgioba a’ chlèibhidh a’ dortadh teàrr anns a’ chlèibhidh aig toiseach gnothaich
An dèidh mu uair a thìde, tha an clèibhidh a’ ruigsinnDoorie Hill (a-rithist chan eil fios aig duine gu dè tha an t-ainm a’ ciallachadh) agus tha an sgioba ga chur ann an carraig anns a bheil toll a tha freagarrach airson a’ phòla. Tha canastaran làn theàrr air mullach a’ chnuic mar tha, agus cuiridh an sgioba ás don chlèibhidh aig a’ cheann thall le bhith a’ tilgeil teàrr air, le suas ri dà mhìle neach a’ coimhead is ag èigheachd. Abair thusa teas is solas brèagha! Tha e furasda tuigsinn carson nach robh a leithid ceadaichte aig àm a’ chogaidh nuair a bhathar a’ feuchainn ri bailtean Bhreatainn a chumail cho dorch ’s a b’urrainn.
Aig a’ cheann thall, tha an sgioba a’ briseadh a’ chlèibhidh, agus e fhathast a’ losgadh, agus a’ falbh gu taighean faisg air làimh airson “a’ chiad chas” a chur thairis air na stairsnich. (Tha daoine eile a’ falbh do na taighean-òsda airson biadh is deoch is dannsaidhean is cèilidhean) Bha boireannach ag innse dhomh gu robh an taigh as fhaisge airDoorie Hillair a’ mhargaidh o chionn ghoirid, ach gun deach cùmhnant a chur air an reic gun cuireadh an luchd-seilbh ùra failte chridheil (is drama ’na lùib) air sgioba a’ chlèibhidh ás dèidh an loisgidh. Tha sin ’na dhearbhadh air cho dealasach ’s a tha muinntir a’ Bhroch air an t-seann chleachdadh aca.
Chaidh a ràdh ann an 1892 gu robh losgadh a’ chlèibhidh anns a’ Bhroch a’ sìoladh ás, ach gu fortanach còrr is ceud bliadhna ás dèidh sin tha e cho làidir ’s a bha e a-riamh. Coma leam trì cheud mìle neach air Sràid a’ Phrionnsa ann an Dun Eideann Oidhche Challainn, agus iad a’ toirt a chreidsinn gu bheil iad a’ dèanamh rudeigin “Albannach”. Chunnaic mi mar bu chòir a’ Bhliadhna Ur a bhith anns a h-uile coimhearsnachd ann an Albainn nuair a bha mi anns a’ Bhroch air an aonamh latha deug dhen Fhaoilleach. Mo bheannachd air muinntir “bail’ a’ chlèibhidh” air fad!
title | Lasairean na Bliadhn’ Ur anns a’ Bhroch |
internal date | 1997.0 |
display date | 1997 |
publication date | 1997 |
level | |
reference template | Ruairidh MacIlleathain in Gairm 180 %p |
parent text | Gairm 180 |