[66]

As an Abaid chun an t-Sabhail
le Màiri NicAmhlaidh

Dhfhàg sinn as amhadainn Diluain aig naoi uairean á Colaisde Abaid aBhatail Nuadh an Dail Chè chàr le ceathrar agus bhan mhòr le còignearaon oileanach deug agus dithis de luchd teagaisg. Aig an t-sean togalach bhuidhe ghreadhnach seofar an robh manaich Siostairseanach san trìtheamh linn deugleig Mhgr. Conboy an Ceann Suidhe beannachd leinn. Ghabh sinn sìos eadar na craobhan mòra a tha air gach taobh den rathad agus a-mach gu na rathaidean mòra tranga a tha acuairteachadh prìomh bhaile Dhun Eidinn. Suas gu tuath leinn an sin, am baile mòr air ar làimh dheis, a-nall thar rathad Ghlaschu aig an Drochaid Ur, agus suas an A9 gu Sruighlea.

Mu thràth bha eachdraidh ar dùthcha tric timcheall oirnn, agus ainmean a bha na h-oileanaich ag aithneachadh san eachdraidh a bha iad asgrùdadh saCholaisd. Bha Caisteal Shruighlea eadar sinn is fàire, gu h-àrd is fad ás, agus an uair sin an rathad gu Allt nam Bannag. Suas leinn troimh Srath Aoidhre, Crian Làraich, is Taigh an Droma far an do stad sinn, àite stad fad iomadh linn, gus còig mionaidean eile a-mach ás na carbaidean. Shiubhail sinn gus an do ràinig sinn Gleann Comhainn agus an t-Aonach Eagach gu h-àrd os cionn taigh-òsda Clachaig far an do ghabh sinn biadh meadhon-latha. Shuidh sinn greiseag bheag a-muigh an seo, an àite cho làn cianalais is eachdraidh is a thagainne. Bha Caimbeulachnar cuideachd ach cha do thachair ach deagh ghean ruinn (ged a bha comharradh air an doras nach robh iad ag iarraidh luchd-reic neo Caimbeulaich.

A sin bha ar slighe gu Gearasdan Dubh Inbhir Lochaidh far an do stad sinn a cheannach an tuilleadh chonnaidh, do charbaidean is do dhaoine. An seo bha sinn gu h-ìosal fo Bheinn Nibheis fhèin, ged a bha i air cùlaibh bheanntan eile agus cho fad air falbh is nach robh i coimhead cho buileach mòr. na tha de dheachdraidh mu ar timcheall an seo? Eadar tachartasan an latha-an-diugh is an air na beanntan meallta a tha seo agus cogaidhean cian fadair faiche Inbhirlòchaidh.” Bha sinn air



[67]

èisdeachd ri guth fonmhor Fhionnlaigh Mhic Nèill aseinnPìobaireachd Dhòmhnaill Duibhair a t-seachdain a chaidh, shìos an Dail Chè agus bha sinn a-nise astiùireadh gu tuath seachad air ceann rathaid far an robh Inbhir Lòchaidh trì mìle air falbh. Bha seo ùr da-rìribh do chuid de ar buidheann nach robh riamh cho fada tuath roimhe seo.

Stad sinn dìreach son mionaid aig aon àite sònraichte eilean Gleann Fhianain ach cha do rinn sinn ach coimhead bhon rathad a chuir droch nàdur air fear atighinn nar dèidh a leig sgread de choncag chugainn san dol seachad. (Bha e ceart gu leòrtha an rathad a tha seo cunnartach agus cha bu chòir stad). Bha e cho math gun lean sinn air ar n-adhart oir bha sinn fad deich mìle air cùlaibh càr slaodach Eòrpach nach robh toirt feart air na rabhaidhean neo na comhairlean an taobh an rathaid is nach do leig seachad sinn. Co-dhiù bha tràighean Arasaig cho brèagha is gun robh Eilidh a bha adraibheadh cheart cho toilicht a bhith ag iomachd gu mall is i gan coimhead, agus mise leis achamara bhideo a-mach air mo dhòigh cuideachd. Ràinig sinn Mallaig an deagh thìde chan ann a-mhàin airson na h-aiseig ach airson ann an cafe nam Missionaraidhean Mara aig acheann thall. Chan eil turas sam bith gu na h-eileanan comhlionta gun na seo, anns an teaghlach agams co-dhiù.

Null air aiseag thrang Mhic a Bhruthainn, gu ruige Armadail. Gheibh sinn tàmh na h-oidhche ann an seann taigh-òsda a tha nisena thaigh-aoigheachd aig òigridhneo aoisa tha ag iarraidh àite saor glan, – le ainm làn eachdraidhsaoil– – the “Hairy Coo”.

Cha robh sinn fada a-staigh air an fheasgair, gus an do thill sinn sìos an rathad gu Sabhal Mòr Ostaig far an robh feasgar air dhòigh le bàirdMeg Bateman agus Aonghas MacNeacail agus triùir de na h-oileanaich a tha san t-Sabhal, fear aca á Canada, fear á Glaschu agus fear á Steòrnabhagh.

Samhadainn Dimàirt shìos anns an t-Sabhal fhuair sinn fàilte bho Chairstìona Primrose agus ar ciad òraid bho Mghr Iain Tormod Macleòid, an Stiùiriche Foghluim, le cùnntas air eachdraidh na Colaisde agus an eilein. Bha sinn air coinneachadh ris mu thrath nuair a thadhail e an Dail Chè gus prògram a chur an òrdugh maille ri Chriosma. An dèidh sin thug Iòna NicDhòmhnaill òraid dhuinn mu cheòl Sgitheanach bho àm nam bàrd clasaigeach gu Blàr Dùbhghlas agus an-diugh fhèin. Sheinn i fhèin cuid de na h-òrain mar as math as aithne dhi. Thug i sinn an uair sin air chuairt timcheall asealltainn gach ionad anns a bheil obair ionmholta iomadh-fhillte an t-Sabhail adol air adhart. Thadhail



[68]

[Dealbh]
Oileanaich Dhail Chè aig Sabhal Mòr Ostaig

sinn air Lèirsinn (an ionad rannsachaidh), air Cànan a gheibh òrdugh neo dhà uainn, chunnaic sinn na h-innealan a bhitheas saoghal nam meadhonan acleachdadh, chunnaic sinn seòmar nan coimpiutairle cead a bhith sàs unntaagus an Leabharlann. Bha fàilte agus blàths romhainn anns gach ionad.

(Cha dubhairt mi mòran fhathasd mun bhuidheann againn. Tha iad a-mach ás an t-sreath àbhaisteachinbhich a dhfhàg sgoil o chionn fhada aig a bheil an Dail Chè cothrom ás ùr foghlam aig àrd ìre fhiachainn. Ma iad achùis anns an aon bhliadhna air Diploma Colaisde na h-Abaid gheibh iad a-steach don oilthigh an Glaschu neo an Dun Eideann. A-measg oileanaich a chaidh roimhe seo troimhn fhoghluim seo bha Seòras Macaoidh MacIlledhuinn, am bàrd agus sgrìobhaiche Arcach. Sgrìobh esan gur e seo bliadhna cho math is a bha aige riamh. Tha oileanaich 1997 air tighinn bho iomadh dreuchd is obairfear a bhana shaighdear, bhean-eiridinn, dithis fear togail dhealbhan (rinn sinn feum dhiubh mar a chì sibh), fear a bha ag obrachadh le làmhan air obair sam bith agus mar a thubhairt e fhèinan obair afàs na bu truime agus am pàigheadh asìor dol sìos. ’S e buidheann inntinneach -rìribh a thannta agus tha e tlachdmhor



[69]

a bhithnan cuideachd. Bha iad fhèin air iarraidh air aCholaisde gum biodh Gàidhlig is eòlas air aGhaidhealtachd mar phàirt den chùrs a leanadh iad.

Agus ciamar a chaidh cailleach air chluainidh mar mi fhèinnam measg? Uills e sin sgeulachd eile. Tha Chriosma Bould, abhean teagaisg aca, càirdeach dhomh. Bha mi fhèin is a seanmhair ás na h-oghaichean. Tha ise gan teagasg an eòlas comainn(sociology)agus an Gàidhlig. Tha mi nise ga cuideachdadh-se, gach Diardaoin. Mar sin chan eil mi nas fhaide cur na cait dhan teine. (A bheil an seanfhacal sin agaibh idir? FaicibhFacal Oirbh” – an nach bi aice ra dhèanamh.. . .)

Bha ise, Chriosma, air a bhith bruidhinn ri luchd an t-Sabhail gus a cuideachadh le stuthan teagaisg Gàidhlig. Bha i den bheachd gum bfheàirrde na h-oileanaich turas mar seo agus nuair a chuir i sinnan inntinn cha bu ruith ach leum leotha air fad. Bha an t-seachdain seo aca mar sheachdain-leughaidh agus sgrìobhaidh agus sin mar a thàinig iad le ultach de dhobairnan cois ach glè thoilichte air cothrom cho math.

Air oidhche Mhàirt thug sinn sgrìob suas a Phort Rìgh far a bheil pàirt den Fhèis Ghaidhealach adol agus ged nach cuala sinn am fear-cluiche ainmeil Alasdair Friseal ach anns an dol seachad chunnaic sinn am baile is na beanntan àrda, Donnie Rothach air taobh eile an rathaid, agus am bàtaFitzcarraldo” – bha feasgar math againn. Thainig Iòna NicDhòmhnaill còmhla ruinn gus ar stiùireadh agus gu draibheadh – ’s iomadh dreuchd a tha aig Iòna agus tha fiamh aghàire oirre leotha air fadfiùs gu meadhon oidhche.

Thòisich Diciadain dhòmhsa le beagan còmhraidh le Coinneach MacIomhair air Radio nan Gaidheal ag innse mun bhuidheann againn. Chan eil fhios ciamar a tha e fhèins an luchd-rannsachaidh aleantainn gach a tha dol air feadh an t-saoghail. Cha dean duine dad gun fhiosd dhaibh. An uair sin bha deagh uair a thìde gu leth againn maille ri Flòraidh NicDhòmhnaill, abhean-teagaisg Gàidhlig agus triùir a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig sabhuidheann againn. Bha seo math dhuinne mar luchd-teagaisgdìreach mar a bha le Iòna an latha roimhe. Tha e toirt misneachd agus taic riut nad obair fhèin nuair a chluinneas tu na dòighean a tha aig feadhainn eileagus cuideachd beachd neo dhà ás ùr a chuireas ris na tha thu adèanamh, ’s dòcha.

Feasgar, seach gun robh an latha cho blàth shuidh sinn a-muigh còmhla ri Christine Primrose is i agabhail òrain Ghàidhlig cuide ruinn is i gar n-ionnsachadh anns na sèisdean. Bha ise math air



[70]

[Dealbh]
Christine Primrose aseinn. Abair oidhche?

mìneachadh na bha i aseinn dhuinn. Bha an uair a thìde bha seo seachad an tiota.

An uair sin bha òraid multi-media againn bho Aonghas Pàdruig Caimbeul am bàrd agus fear sgrìobhaidh, agus Lyndsay Chaimbeul, dealbhadair agus snaidheadair, a bhean.

Fhathasd bha feasgar fada blàth againn agus ghabh cuid againn comhairle nam bàrdsgrìob a ghabhail an iar seachad air Loch Dhubhghaill is Achadh na Cloich gu ruige Tarcabhaig far an robh daoine bho 1811 nuair a bha na h-uachdarain cur feum air an talamh na bu torraiche anns na bailtean a-staigh. Suas gu Tokavaig, le sùil a-null gu far an robh Caisteal Dhunsgàith lùchairt Dhòmhnallaich Shlèibhte gu toiseach na seachdamh linn deug. Roimhe sin bha Cuchulainn is Luath is a Bhan-Rìgh Sgàthach ann. Aig an Ob chunnaic sinn corra-ghritheach ag iasgach gu foighidneach agus chuala sinn plubadaich far an robh iasg aleum gu cuileagan ithe. Chan eil aithreachas orm ach nach be coiseachd a rinn sinn air an turas a bha seo. Bha sinn air ais roimh mheadhon-oidhche agus shuidh sinn anns an t-seòmar-cluiche ag èisdeachd ri Coinneach còir air an teip, ag eadar-theangachadh na bfheudar. Thug sinn uair a thìde a-rithisd acur



[71]

ceisdean eòlaiscoitcheann an sgiobaagus bha e follaiseach dhomh carson a bfhiach na h-inbhich a bha seo an dàrna cothrom.

Madainn Diardaoin dhfhàg sinn aig naoi uairean le Iòna NicDhòmhnaill astiùireadh (is adraibheadh) gu fad an latha a chur seachad san Taobh Tuath den eilean, le dùil cuideachd ri beagan de eachdraidh ionnsachadh agus cuideachd sùil a-mach airson eunlaith agus luibhean. Tha Gerry a tha còmhla ruinn dèidheil air obair nàduir agus chùm e fiosrachadh ruinn. Agus air cho trang is bha e fhèin rinn e sgrìobhadh dhomh. Bha mi fhèin air fiosrachadh fhaighinn bho mo bhana-charaid Nan NicLeòid á Garrabost a chuir gu coibhneil chugam cùnntas air na bha i fhèin air craobhsgaoileadh mu lusan is leigheasan. Chuir sin gu mòr ri luach ar turaisnam bheachd. Taing a-rithisd a Nan! Tha eòlas na h-àrainneachd aig na h-oileanaich mar chuspair cuideachd agus mar sin tha croitearachd cuideachd fon amharc. Eadar sin is geòlasleis na tha seo de chlachan annasachbha an t-uabhas aca ri chnuasachadh air an latha a bha againn a-muigh.

Stad sinn an toiseach aig an Ath Leathainn, ach ged is àlainn an sealladh timcheall leis aChuilthionn air fàires e airgead bhon Bhanca bu mhotha a bha dhìth oirnn an seo!

Gu tuath gu Creig an Fhèillidh leinn agus sealladh a-mach gu eileanan beag is mòrcho fada ri Leòdhas air latha soilleirach ged a bha e blàth an-diugh bha acheò a-nis eadarainn agus na h-eileanan a bfhaide air falbh.

Tha lianag aig Creig an Fhèillidh far a bheil mòran de luibhean afàs, agus gu h-àraidh air taobh a-muigh an fheans far nach fhaigh craosan nan caorach cothrom, tha leithid garbhan nan clach, lus an tàlaidh agus aon neo dhà eile nach do dhaithnich sinn, fiùs leis na leabhraichean agus am fiosrachadh aig Nan. Tha clàran brèagha air bùird aca le dealbhan de na h-eòin a tha timcheall an seo. Tha sgrùdadh son fad latha eile an seo fhèin ma gheibh sinn an cothrom.

Seachad gun do ghabh sinn an uair sin air aChuithearaing, Dun Tulm (nam bratach bànanach iongantach mar a leanas faclan òrain ruinn fad bhliadhnaichean?) gun tìde againn air tadhal airson lùchairt nan Dòmhnallach an seo fhaicinn, neo air iomadach àite eile. Mar a thubhairt Iòna chan e latha a bha a dhìth oirnn ach dha neo trì a sheachdainean.

Bha ath stad againn an Cille Mhoire aig na Taighean Tasgaidh. Tha cròileagan beag de thaighean dubha grinne aca an seoaon taigh far an robh teaghlach afuireach gu 1957. Dealbhan agus innealan gu leòr. .. taigh còmhnaidh is bàthachagus fiùstaigh cèilidhfar a bheil dealbhan inntinneach aca do na ginealaichean



[72]

a chaidh seachd is a mheal am beatha còmhla anns achoimhearsnachd bhàidheil a bha an seo. Chuireadh duine seachad uair a thìde neo dhà gu math toilichteagus dhfhaodadh le beagan cianalais anns na taighean a tha seo. Cha mhòr nach cluinn mifaire, faireagam fhèin an seo, mar a chanadh na cailleachan a baithne dhomh uaireigin is iad asmaoineachadh air nithean a ghabh seachad. Aon dhan tug mi an aire gu sònraichte, ’s e na cùrtairean anairt timcheall na leap’ – air an snìomh is air am fighe an seo agus air an dath le crotal gu dath a tha fhathasd làidir dearg.

Cha robh e fada á seo gu ruige cladh Chille Mhoire far a bheil crois ùr cheilteach gu h-àrd os cionn an fheadhainn eilemar chuimhneachan air Fionnghal NicDhòmhnaill, bean-iùil aPhrionnsa. Bha sinn a toirt sùil gheur aig oir an rathaid nar coiseachd agus alorg lusan a tha pailt timcheall an seo. Bha fàile làidir timcheallan garbh raithneach, is an gairgean creagach mar neul anns an dìg, is fuath mhuc, nuallach agus brisgeinan lus ris an canadh iad an seachdamh aran, ri am faicinn air an t-slighe. ’S ann á baile Cille Mhoire a thàinig cuid air a bheil mi glè eòlach ann an saoghal eile gu deas agus tha e neònach coimhead thairis chun abhaile agus gun fhios an taigh a bhuineas dhaibh. ’S e thannam ach neach turaisna mo dhùthaich fhèin, cha mhòr! Tha e bualadh orm gum bu chòir dhomh aithne nas doimhne air meilean fhèin a shireadh a nistha e cinnteach nach dèanainn an drasd cho math ri Iòna ag innse mu dheidhinn.

Air ais air ar slighe sinn seachad air Uige gu Ceann Sail Eighre agus a-null gu Bhatarnais. Ainm òrain eile air a bheil sinn uile eòlach.

An ath stad aig Trumpan, far a robh cladh eile, le sgeulachdan duilich, mar a bhitheas an cladhan. Anns an dol a-steach tha àite adhlaigeadh truaghaig – Lady Grange – a chaidh a fògradh á Dun Eideann leis an duine aice. Tha ballaichean teampaill far an robh na Leòdaich aig aifreann nuair a chaidh iad gu lèir an losgadh leis na Dòmhnallaich. An cois seo bha Blàr Mhillidh aGhàrraidh far na chailleadh uimhir air gach taobhLeòdaich is Dòmhnallaichis gun deach iad gu lèir an tiodhlaigeadh fo chlachan gàrraidh.

S e àite brèagha sìobhalt a tha seo an-diugh an cois na mara. Chunnaic mi am fear beag ud afalbh air a bhaidhseagal sìos an rathad, cha robh e ach mu cheithir bliadhna a dhaois agus cha robh inbheach faisg. Ghabh e sìos am meadhon an rathaid, leis fhèin, na casan adol mar mhuileann gaoithe. Tha mi an dòchas gu faod e seo a dhèanamh gu sàbhailt troimh luchd tadhail an t-samhraidh. Is fhada bho dhfhàg an seòrsa saoirse a tha seo na bailtean againn. A sin gu Steinn, far a bheil seann taigh-òsda, a dhfhosgail a dhorsan an 1641 an toiseach air rèir Iòna. Thug sinn



[73]

[Dealbh]
Chrisma is Màiri is Eilidh aig Seann Chaisteal Mhic Dhòmhnaill Shèibhte



[74]

greis den fheasgair gar blianadh fhèin an cois na mara air beulaibh an taighe seo, le corra shùil a-steach, fiach an robh biadh neo leann air fhàgail. Phill sinn an ciaradh na h-oidhche seachad air Dunbheagain agus sìos an taobh siar.

Di h-aoinethòisich sinn an lathan-diugh sachlas, an cuideachd na Fèinne, fo stiùireadh Fhlòraidh Nic Dhòmhnuill agus chòrd a teagasg gu math ruinn air fad. Chuala sinn mu Chlann Lir, sgeulachdan Naoise is Deirdre is mar a thàinig na craobhan gu chèile bho na h-uaighean aca.

An dèidh seo bha greiseag againn a-muigh saghrèin agus choisich sinn sìos gu Taigh Tasgaidh Chloinn Dòmhnaill. Tha bhideo fo fichead mionaid a dhfhad ann ag innse eachdraidh nan Dòmhnallach mar Ard Tighearnan nan Eilean agus tha na seòmraichean timcheall làn fiosan mu na daoine a bha timcheall orrabàird is lighichean is luchd-lagha is britheamhan, gu lèir còmhla an tighearnas a bha gu ìre air choreigin math do na h-uile gus an tàinig amhòr-shruth de bheachdan is chleachdaidhean bho dheas a chuir ás dhaibh.

Feasgar Di h-aoine, tha sàmhchair an t-Sabhail air teicheadh is sùil ri deagh chèilidh aca le Shooglenifty anns an Tallaach tha sinne dol a-mach gu cuirm-tràghad dhuinn fhèin an toiseach. Shìos fon drochaid thog sinn teine air aghainmheach agus shlaod sinn craobhan mòra marbha agus geugan tioram gus a chumail adol. Bha Iòna chòir, a chaith mòran de tìde gar cuideachadh fad na seachdaineach, còmhla ruinn agus leis na seinneadaran a tha againn sachomhlan a tha seo, bha còisir ghrinn againn. Sheinn is dhith is dhol sinn, agus an uair sinn phill sinn gu othail an t-Sabhail, far na dhanns cuid a bha fhathasd èasgaidh na dannsaichean mu dheireadh. Bha ceòl Shooglenifty aruighinn null chugainn a bha a-nis a dol nar sìneadh, ach gu h-ìosal, dìreach gu ar tàladh gu cadal, ma bha feum tàlaidh oirnn.

Madainn Disathairne bha thìde ann falbh agus an t-aiseag a ghabhail, tìr mòr, Gleann Fhianain, Sruighlea agus na rathaidean mòra timcheall gu ruige Dail Chè a-rithisd.

Chòrd an turas ma -rìribh ris na h-oileanaich againntha sùil aig mòran ri tilleadh nuair as urrainn dhaibh. Tha sinne fada fada an comain luchd na Colaisde air fad airson an coibhneas ruinn. Agus dhfhàg sinn le tiodhlaic de leabhraichean a toiseach lìonaidh air sgeilp na Gàidhlige anns aCholaisd shìos. Tha na h-oileanaich air fad den bheachd gur math a bfhiach e dhaibhsan a thighinndhionnsaich iad mòran mu chaitheamh-beatha, litreachas agus eachdraidh nan Gaidheal mar a bha iad ag iarraidh agus tha mòran dhiubh an dòchas nach eil an seo ach toiseach tòiseachaidh dhaibh.

titleAs an Abaid chun an t-Sabhail
internal date1997.0
display date1997
publication date1997
level
reference template

Màiri NicAmhlaidh in Gairm 181 %p

parent textGairm 181
<< please select a word
<< please select a page