CLACH AIR AN CARN
le Niall M. Brownlie
B’ e bàs Mairead, Maighdeann Noiribhidh, nighean Rìgh Alasdair a’ Trì ann an 1290 a thug an cothrom do dh’Iomhar a h-Aon, Rìgh Shasainn, a dhol an sàs an cùisean na h-Alba. Bha dithis, Raibeart Brus, seanair an Rìgh Raibeirt, agus Iain Balliol a’ tagradh Crùn na h-Alba, is chaidh iarraidh air Iomhar nan Lurgannan Fada tighinn gu beachd a thaobh cò b’ e an t-oighre dligheach. Thagh e Balliol, aig an aon àm a’ cur cùmhnant teann air gum feumadh e gabhail ris fhèin mar àrd-uachdaran.
Ann an 1295, nuair a bhrist Balliol a ghealltanas, chaidh an ceòl air feadh na fìdhle. Ghluais Iomhar an aghaidh Alba gu a cur fo a chasan, ach thug Uilleam Ualas dùbhlan dha. B’ e seo toiseach Cogadh na Saorsa. B’ e ceann-feadhna cumhachdach a bha an Ualas, ach cha d’ fhuair e an taic air an robh e airidh bho mhòran dhe na ridirean is na h-uaislean, ’nam measg Raibeart Brus, gaisgeach Allt a’ Bhonnaich.
Thàinig na Sasannaich, fo làimh Shuraidh agus Chressingham, a chur srian air Ualas agus thàinig an dà arm beul ri beul aig Blàr Drochaid Shruighlea air an aona là deug dhen t-Sultain an 1297. Chaidh an latha le Ualas.
Ach, mo chreach, thàinig Iomhar gu tuath ann an 1298 le feachd mòr. Cha robh an t-arm Albannach ach beag, is rinn Ualas a dhìcheall air an fheachd Shasannach a sheachnadh. Ach chaidh a bhrath le dithis fhlath fhealltach a thug rabhadh do dh’Iomhair gun robh arm Albannach a’ falach dlùth air an Eaglais Bhric.
Ghluais Iomhar gu clis is cha robh ach dà nì fosgailte do Ualas, teicheadh no seasamh cruaidh. Ròghnaich e cath a chur, is rinn e gach ullachadh a b’ urrainn dha, a’ roinn an airm ’na cheithir roinnean cuairteach. Mun do thòisich an cath rinn e òraid, ag ràdh: “Thug mi sibh gu ’n chearcall, dannsaibh mar as fheàrr as urrainn dhuibh.” Is an uair a thug am marc-shluagh Sasannach ionnsaigh orra, sheas iad gu daingeann is chaidh an tilleadh aig barran nan sleagh.
An sin, bhuail na boghadairean aig Iomhar, a’ leigeil ma sgaoil sgaoth de shaighdean marbhtach. Thug Ualas òrdugh don mharc-shluagh gluasad ’nan aghaidh. Ach mo thruaighe, le comhairle
bho ridirean cealgach, suarach, dh’fhàg iad an raon gun lann a tharraing.
A dh’aindeoin sin sheas na fir-shleagh an làrach car tacain ged a chaidh an tanachadh gu mòr. Ach mu dheireadh thall, b’ fheudar dhaibh strìochdadh. Is chaidh an latha le Iomhar. Thàrr am beagan a bha beò dhen arm aig Ualas gu fasgadh Tòrr na Coille (Torwood) a bha ri làimh. Goirid an dèidh sin, b’ fheudar do Ualas dol fo choill: cha robh e ’na chomas cath a chur, oir thuit flùr an airm aig an Eaglais Bhric. A bhàrr air sin, bha a’ mhòr-chuid dhe na ridirean is dhe na h-uaislean dubh ’na aghaidh, is rinn aon an dèidh aon dhiubh rèite ri Iomhar.
An 1305, chaidh a bhrath is thugadh e do Lunnainn far an deach a dhìteadh mar reubalach is fear-brathaidh is dh’fhuiling e bàs uabhasach fo làmhan Iomhair. Chaidh a cheann a chrochadh air stop air Drochaid Lunnainn, a chorp a roinn ’na cheithir bloighean is an crochadh air stopan sa’ Chaisteal Nuadh, an Abaraig, an Sruighlea is am Peart mar rabhadh do na h-Albannaich. Ach ged a bhitheadh e air a ghearradh ’na mhìle crìonag, cha chuireadh e ann no às don chliù a choisinn e dha fhèin:
Ri tìm ged thig gach càrn gu làr
’S thig tùir na tìr a-nìos
Buan ’s neo-bhàsmhor bidh do chliù,
’S cha chaill e chaoidh a bhrìgh.
Cur carragh-chliù air daoin’ nach fhiù,
Chan fheum thu càrn gu bràth;
Gu tuit gach beinn’ ’s an searg gach coill
Bidh d’ ainm air bilean chàich.
Bha Alba a-nis fo smachd Shasainn gus an do theann Raibeart Brus agus an Cuimeanach Ruadh air tagradh son Crùn na h-Alba. A chur rian air a’ chùis, thàinig an dithis an dàil a chèile ann an Eaglais nam Bràithrean Bochda, Liath, an Dùm-fris. Ach thàinig eatorra, is lot Brus an Cuimeanach gu searbh. Nuair a bhuail e air an gnìomh uabhasach a rinn e, leum e a-mach, ag ràdh ri chàirdean: “Tha eagal orm gun do chur mi ás don Chuimeanach.”
“Tha thu an teagamh, Nì mise cinnteach”’ dh’ èigh fear dam b’ ainm Cill-Phàraig is a’ leum a-steach dhan eaglais chuir e ás don Chuimeanach. Cha b’ e a-mhàin gun robh an gnìomh an aghaidh an duine, ach bha e an aghaidh na h-eaglaise: B’ e iomrall a bha ann a choisinn do Bhrus fuath luchd-dàimh a’ Chuimeanaich, fuath a dhèanadh mòran trioblaid dha rè iomadh bliadhna.
Co-dhiù, bha an dìsne caithte, is cha robh ach aon nì a-nis fa-near do Bhrus: saorsa a chosnadh do dh’Albainn is an crùn dha fhèin. Le seo san amharc, ghabh e a’ chiad cheum nuair a chaidh a chrùnadh air an t-seachdamh là fichead dhen Mhàrt, 1306, am fianais cuid mhath de mhaithean na h-eaglaise.
Trath as t-samhradh, chaidh gabhail air le Iarla Phembroke aig a’ Choille Mheadhanaich(Methven Wood)faisg air Peairt. B’ fheudar dha togail air siar gus an d’ ràinig e Dàil-rìgh (Dalry)faisg air Taigh an Droma, far a deach ionnsaigh a thoirt air le Clann Dhùghaill Latharna, càirdean a’ Chuimeanaich.
Chaidh gabhail air is cha d’ fhuair e ás ach air èiginn le bheatha. Chùm e air is b’ fheudar dha an geamhradh a chur seachad an Eilean Rathlain.
Ann an 1307, thill e air ais do dh’Albainn, is ged nach robh cùisean ach cugallach san toiseach, chaidh a’ chuibheall mun cuairt. Shiubhail Iomhar air an aon bhliadhna air an t-slighe do dh’Albainn is ’na àite bha a mhac, Iomhar a’ Dhà, duine gun chur-leis. San t-samhradh 1308, aig Cumhang Bhrannraidh(Pass of Brander), thug Brus buaidh air Clann Dhùghaill nuair a bhuaill iad air á feall-feitheamh. Bha a-nis a’ mhòr-chuid de thaobh siar na dùthcha, agus Tighearnas nan Eilean leis, is uidh air n-uidh ghabh na ridirean is an sluagh ris mar an rìgh dligheach is theann e ri smachd a chur air arm na fòirneirt.
Sa’ Mhàrt, 1309, ghairm e a’ chiad Phàrlamaid aige is chaidh litir a-mach bho na flaithean Albannach gu Rìgh Philip na Frainge gun robh iad leis. Air an ath-bhliadhna, choinnich easbaigean is urraidhean mòra na h-eaglais is bha iadsan air an aon ràmh. A bhàrr air sin leig iad seachad a’ choinneal-bhàth a chuireadh air leis a’ Phàp.
Thuit caisteal an dèidh caisteil an làmhan nan Albannach gus an robh iad uile saor ach Caisteal Shruighlea agus Caisteal Bhothwell air Abhainn Chluaidh. Bha Caisteal Shruighlea fo smachd Shir Philip Mowbray, is bha e fo chùmhnant gun strìochdadh e air a’ cheathramh là fichead den Og-mhìos mura tigeadh fuasgladh ron latha sin.
Cha robh seo gun fhios do dh’Iomhar is chuir e roimhe gun dèanamh e oidhirp air cobhair a dhèanamh air Mowbray. Le seo san amharc, bha e le feachd mòr air an t-slighe gu tuath. Chuir Brus roimhe nach tigeadh a leithid bu buil, is chruinnich e am feachd Albannach aig Tòrr na Coille.
Air an fheasgar ron bhatal thachair dà nì a thug togail dha na h-Albannaich. Rinn Sir Raibeart Clifford, le ochd ceud marcaiche fo làimh, oidhirp air fuasgladh a thoirt do Chaisteal Shruighlea. Ach
chaidh a ruagadh le Randolph, Iarla Mhoireibh, le còig cheud cois-shluagh fo a làimh.
Goirid an dèidh sin thug Sir Iomhar De Bohun oidhirp air cur ás don Rìgh nuair a bha e a-muigh a’ coimhead air arm air muin gearrain. Seo am beagan fhacal mar a thachair:
Gu h-àrd sna stiorapan sheas an Rìgh,
Is thog e ’n tuagh os cionn a chinn,
Nuas air De Bohunn san dol seachad
Thuit a’ bhuille dheireann, chruaidh
Leis an spionnadh a bha air a cùl
Sgàin mar chnò a chlogaid chruaidh;
Spealg bho grèim na làmhainn gun ghlais
Phràisich cas na tuaith,
Chlisg is leum an t-each le fuaim na buille
A’ tilgeil air an fhaich’ an corp gun deò;
A’ chiad fhear thuit air raon an àir, nach luath,
Nach grad a thuit De Bohun garg sa’ bhàs.
Bha a-nis là na cùnntais aig làimh, is bha an dà arm beul ri beul aig Allt a’ Bhonnaich.
Chuireadh am blàr as ainmeile nar n-eachdraidh air a’ cheathramh latha fichead den Og-mhìos sa’ bhliadhna 1314. Bha an t-arm Sasannach air an àireamh mu cheud mìle, agus an t-arm Albannach, air an àireamh mu deich mìle fichead. A-rèir aithris bha a’ mharc-sluagh aig Iomhar air an àireamh na bu lìonmhoire na an t-arm Albannach gu lèir.
Ged a b’ ann le Iomhar a bha tairbhe an àireimh, b’ ann le Brus a bha taghadh agus tairbhe an ionaid-chatha, agus shuidhich e an t-arm gu stuama. Air a bheulaibh bha bruaichean casa, bog an uillt, is air an làimh dheis bha Sùil-chritheach Halbert. Cha robh ach aon phìos de ghrunnd cruaidh, socrach fosgailte dha na Sasannaich, ach bha seo làn de shluic agus postan biorach, falaichte, a chaidh a chladhach fo òrdugh an rìgh. Air an làimh chlì, bha Boglach Bhaile-mhuilinn(Milton Bog)agus clais-mhòr an uillt.
Do bhrìgh sin, cha robh ach aon shlighe air adhart don arm Shasannach eadar Halbert agus Boglach Bhaile-Mhuilinn is cha robh seo ach mu chairteal a’ mhìle an leud. Air chùl an airm Albannaich air Beinn nan Gillean, bha na treallaichean agus luchd-leanmhainn a’ champa.
Chaidh an t-arm Albannach a chur an òrdugh mar a leanas. Bha
an làmh chlì fo làimh Shir Seumais Dùbhghlais, an roinn mheadhain fo làimh Randolph, Iarla Mhoireibh, agus an làmh dheas fo làimh Iomhair, bràthair Bhruis. Bha an cùl-earalais, na Gàidheil agus am marc-shluagh gu lèir fo làimh an rìgh, is bha iadsan suidhichte air chùl na roinne mheadhain. Bha an t-arm Sasannach – trì roinnean – fo làimh Iomhair gu pearsanta, le cùl-taic bho Iarla Hereford agus Iarla Ghloucester.
Chaidh an dà arm am badaibh a chèile tràth air a’ mhadainn nuair a bhuail na Sasannaich eadar Muileann na Pàirce agus Tuathanas na Pàirce. Bha a’ chòmhrag cruaidh is rinn na boghadairean Sasannach mòran millidh air an fheachd aig Iomhar Bhrus.
Ach cha robh Raibeart eadar dà liunn a thaobh a’ mhillidh a rinn iad aig Blàr na h-Eaglaise Brice agus rinn e ullachadh gu casg a chur orra, a’ cur còig ceud marc-shluagh, fo làimh Sir Raibeart Ceì, a thoirt ionnsaigh orra. Ghabh na boghadairean an ruaig, ach thuit mòran dhiubh san iomairt. Bha e a-nis follaiseach cho pongail is a shuidhich Brus an t-arm nuair nach d’ fhàg e ach aon shlighe fosgailte do na Sasannaich, is thug seo an cothrom don Mhorair Randolph cobhair a dhèanamh air Iomhar Brus.
Sheas na h-Albannaich gualann ri gualainn is thuit mòran air gach taobh. Bha an grunnd còmhdaichte fo chuirp is na bha ri uchd a’ bhàis. Bha na boghadairean Sasannach a-nis air an sgapadh, is bhuail na boghadairean Albannach, a’ dèanamh sgriosaidh searbh air colbh na nàmhad. Cha do shrìochd na h-Albannaich fiù is òirleach, is ann a theann iad ri gluasad air adhart. Sin mar a ghairm Brus air a’ chùl-earalais. Nuair a bha an talamh bho Mhuileann na Pairce gu Boglach Halbert agus sìos gu Allt a’ Bhonnaich dubh le fir an claigeann a chèile, nochd luchd-leanmhainn a’ champa air faobhar Beinn nan Gillean.
Le am brataichean an àird air stopan, is le mòran iolaich, bhrùchd iad a-nuas air an nàmhaid. Cruaidh sa’ bheachd gun robh arm eile air nochdadh, chuir na Sasannaich na buinn ris. Chaill mòran dhiubh am beatha, ach fhuair Iomhar ás gu sàbhailte is chuir e aghaidh air Lunnainn. Ach cha b’ e Allt a’ Bhonnaich deireadh na cùise, oir cha ghabhadh am Pàp no Iomhar ri Brus mar Rìgh na h-Alba.
Ann an 1320, chruinnich urraidhean mòra na h-Alba an Obar-bhrothaid is chaidh litir, cho cudthromach is a tha againn nar n-eachdraidh, a chur bho Bhernard de Linton, Aba Obar-bhrothaid, gu ’n Phàp Eoin XX11. B’ e seo am pàipear ainmeil dan ainm sa BheurlaThe Declaration of Arbroathis cha tèid na facail a tha ann a dhìth gus an tèid an cuan ’na thràigh. Seo beagan dhiubh: Cho
fad’ ’s a bhitheas ceud duine an làthair, cha shrìochd sinn gu bràth air chùmhnant sam bith fo chuing nan Sasannach. Oir chan ann airson cliù no beartais no urraim a tha sinn a’ còmhrag ach airson saorsa a-mhàin, nach leig duine math seachad ach le a bheatha.
Ach mo chreach, bhristeadh na bòidean teann a thug iad nuair an 1707 reic cealgairean, suarach, truaillidh, ar còir-bhreith airson airigid is òir. Ach tha dòchas air nochdadh a-rithist, oir air an aona là deug dhen t-Sultain 1997, seachd ceud bliadhna an dèidh Blàr Drochaid Shruighlea – bhòt Alba am barail-fhuasglaidh, airson Pàrlamaid dhaibh fhèin. Tha spiorad Ualais is Bhruis beò fhathast nar measg ged nach eil am barail-fhuasglaidh a’ dol a bhristeadh nan·cheanglaichean teann a tha fhathast aig Lunnainn oirnn. Mar eisimpleir, tha am BBC agus ITV ri an cumail fo smachd Lunnainn. Chan eil sna tiotail, BBC Alba agus Telebhisean na h-Alba ach culaidh-mhagaidh, oir ’s e glè bheag de phrògraman á Albainn a tha tighinn an àird. Chan eil sin, ’nam bheachd-sa, a’ dol a leasachadh ar cultuir, ar beul-athris no ar cànain.
Chaill Alba mòran bho 1707. Chaidh sinn a mhaslachadh gu tric, ar cànainean a chur an dì-mheas, ar daoine fhuadach thar chuain agus a’ Ghàidhealtachd a chur fàs.
Is cha d’ fhuair sinn ceartas san fhicheadamh linn, a dh’aindeoin cho dìleas is a sheas ar daoine còrachd na rìoghachd anns an dà chogadh mu dheireadh. Chuireadh ás do ghnìomhachas, cha fhaicear bàta air snàmh an Abhainn Chluaidh, abhainn a bha ainmeil air feadh an t-saoghail. Tha ar cultur fhathast an cunnart. Ach tha dùsgadh is dòchas a-nis againn. Bidh sinn uile a’ feitheamh is ag èisdeachd ri na thig an àird sna bliadhnachan a tha ti teachd:
Tha òran ’nam chridhe, tha saorsa ’nam cheann,
’S i saorsa dhar dùthaich thug dùsgadh dom pheann;
Tillidh gun dàil an nì chailleadh le foill -
Saorsa gu bràth bidh aig Gàidheil is Goill.
Thig àrd-làn ri reothart ’s cuiridh gealach a cuairt,
Ach a’ ghrian a chaidh fodha, cha fhan i sa’ chuan,
A’ chìs ge b’ e fada thèid thairis ’na h-uair,
’S thig saorsa gu ’n fhearann, las an t-sradag a’ bhuaic.
title | Clach air an càrn |
internal date | 1998.0 |
display date | 1998 |
publication date | 1998 |
level | |
reference template | Niall M. Brownlie in Gairm 184 %p |
parent text | Gairm 184 |